A A A A A
Bible in one year
January 18

Mata 12:22-50
22. An uair sin chaidh duine a thoirt thuige anns an robh deamhan, dall agus balbh, agus shlànaich Ìosa e, leis a' bhuil gun do bhruidhinn an duine balbh is gum faca e.
23. Agus ghabh an sluagh uile iongnadh, agus bha iad ag ràdh, “An urrainn gur e seo Mac Dhaibhidh?”
24. Ach nuair a chuala na Pharasaich seo, thuirt iad, “Chan eil am fear seo a' tilgeil a‑mach dheamhan ach tro Bheelsebul, uachdaran nan deamhan.”
25. Eòlach air an smuaintean, thuirt Ìosa riutha, “Gach uile rìoghachd a tha roinnte na h‑aghaidh fhèin, thèid a dèanamh na fàsach, agus a h‑uile baile no taigh a tha roinnte na aghaidh fhèin, cha sheas e.
26. Agus ma thilgeas an Sàtan a‑mach an Sàtan, tha e roinnte na aghaidh fhèin. Ciamar, mar sin, a sheasas a rìoghachd?
27. Mas ann tro Bheelsebul a tha mise a' tilgeil a‑mach dheamhan, cò troimhe a tha ur clann‑se gan tilgeil a‑mach? Mar sin bidh iadsan nam britheamhan oirbh.
28. Ach mas ann le Spiorad Dhè a tha mise a' tilgeil a‑mach dheamhan, mar sin tha rìoghachd Dhè air tighinn oirbhse.
29. “No ciamar as urrainn do chuideigin a dhol a‑steach do thaigh dhuine làidir agus a chuid a chreachadh, mura ceangail e an toiseach an duine làidir? Agus an uair sin is urrainn dha a thaigh a chreachadh.
30. “Ge b' e nach eil leam, tha e nam aghaidh, agus ge b' e nach cruinnich leam, tha e a' sgapadh.
31. Mar sin, tha mi ag ràdh ribh gum bi a h‑uile peacadh agus toibheum air am mathadh do dhaoine, ach cha bhi toibheum an aghaidh an Spioraid air a mhathadh.
32. Ge b' e cò a bhruidhneas facal an aghaidh Mac an Duine, thèid a mhathadh dha, ach ge b' e cò a bhruidhneas an aghaidh an Spioraid Naoimh, cha tèid a mhathadh dha, an dara cuid anns an t‑saoghal seo no anns an t‑saoghal a tha ri thighinn.
33. “An dara cuid dèanaibh a' chraobh math agus a toradh math, no dèanaibh a' chraobh truaillidh agus a toradh truaillidh, oir is ann air a toradh a dh'aithnichear a' chraobh.
34. A shìol nan nathraichean‑nimhe! Ciamar as urrainn dhuibh rudan matha a ràdh, agus sib' fhèin olc? Oir a‑mach à pailteas a' chridhe bruidhinnidh am beul.
35. Bheir duine math rudan matha a‑mach às a dheagh ionmhas, agus bheir an duine olc rudan olc a‑mach às a dhroch ionmhas.
36. Ach tha mi ag ràdh ribh gun toir daoine cunntas airson gach facal mhì‑chùramaich a chanas iad, air latha a' bhreitheanais.
37. Oir led fhacail thèid d' fhìreanachadh, agus led fhacail thèid do dhìteadh.”
38. An uair sin fhreagair cuid dhe na sgrìobhaichean agus dhe na Pharasaich e, ag ràdh, “Fhir‑Teagaisg, tha sinn ag iarraidh comharra fhaicinn uat.”
39. Ach fhreagair esan, ag ràdh, “Tha ginealach olc is adhaltranach a' sireadh comharraidh, ach cha tèid comharra sam bith a thoirt dhaibh ach comharra an fhàidh Iònah.
40. Oir dìreach mar a bha Iònah trì latha is trì oidhcheannan ann am broinn a' chreutair‑mara mhòir, 's ann mar sin a bhios Mac an Duine trì latha is trì oidhcheannan ann an cridhe na talmhainn.
41. Èiridh muinntir Ninebheh anns a' bhreitheanas còmhla ris a ghinealach seo, agus dìtidh iad e, oir rinn iadsan aithreachas aig searmon Iònah agus, seall, tha nas motha na Iònah an seo.
42. Èiridh banrigh na h‑àird a deas anns a' bhreitheanas còmhla ris a ghinealach seo, agus dìtidh i e, oir thàinig i o chrìochan na talmhainn a chluinntinn gliocas Sholaimh, agus, seall, tha nas motha na Solamh an seo.
43. “Nuair a tha an spiorad neòghlan air a dhol a‑mach à duine, thèid e tro àiteachan gun uisge a' sireadh fois, agus chan fhaigh e i.
44. An uair sin canaidh e, ‘Tillidh mi dham thaigh às an tàinig mi.’ Agus nuair a thig e, gheibh e falamh e, air a sguabadh 's air a chur an òrdugh.
45. An uair sin falbhaidh e agus bheir e leis seachd spioradan eile nas uilce na e fhèin, is thèid iad a‑steach agus fanaidh iad an sin, is bidh staid dheireannach an duine sin nas miosa na a chiad staid. Is ann mar sin cuideachd a bhitheas leis a' ghinealach olc seo.”
46. Fhad 's a bha e fhathast a' bruidhinn ris an t‑sluagh, seall, sheas a mhàthair agus a bhràithrean a‑muigh, ag iarraidh bruidhinn ris.
47. Thuirt cuideigin ris, “Seall, tha do mhàthair agus do bhràithrean nan seasamh a‑muigh ag iarraidh bruidhinn riut.”
48. Ach fhreagair esan an duine a dh'innis seo dha, “Cò i mo mhàthair, agus cò iad mo bhràithrean?”
49. Agus a' sìneadh a‑mach a làimh gu a dheisciobail, thuirt e, “Seall, mo mhàthair agus mo bhràithrean!
50. Oir ge b' e cò a nì toil m' Athar‑sa a th' air nèamh, 's e sin fhèin mo bhràthair agus mo phiuthar agus mo mhàthair.”