A A A A A
Bible in one year
January 16

Mata 11:1-30
1. Nuair a chrìochnaich Ìosa air àithntean a thoirt dhan dà dheisciobal dheug aige, chaidh e air adhart às a sin a theagasg is a shearmonachadh anns na bailtean aca.
2. A‑nis nuair a chuala Eòin sa phrìosan mu ghnìomhan Chrìosd, chuir e dithis dhe na deisciobail aige thuige,
3. a dh'fhaighneachd dha, “An tusa am fear a bha ri thighinn, no an coimhead sinn airson neach eile?”
4. Agus fhreagair Ìosa iad, “Thallaibh agus innsibh do dh'Eòin na tha sibh a' cluinntinn agus a' faicinn:
5. tha na doill a' faighinn fradhairc, agus na bacaich a' coiseachd, na lobhair air an glanadh, na bodhair a' cluinntinn, na mairbh air an togail suas, agus an soisgeul air a shearmonachadh dha na bochdan.”
6. Agus is beannaichte an neach nach gabh oilbheum air mo sgàth‑sa.
7. Fhad 's a bha iadsan a' falbh, thòisich Ìosa air bruidhinn ris an t‑sluagh mu dheidhinn Eòin, ag ràdh, “Dè a chaidh sibh a‑mach dhan fhàsach a dh'fhaicinn? Cuilc air a crathadh leis a' ghaoith?
8. Dè ma‑thà a chaidh sibh a‑mach a dh'fhaicinn? Duine air èideadh ann an aodach mìn? Seall, tha iadsan air a bheil aodach mìn ann an lùchairtean rìghrean.
9. Dè ma‑thà a chaidh sibh a‑mach a dh'fhaicinn? Fàidh? Seadh, tha mi ag ràdh ribh, agus barrachd air fàidh.
10. Is e seo esan mu bheil e sgrìobhte: “‘Seall, cuiridh mise mo theachdaire rod aghaidh, a dh'ullaicheas do shlighe romhad.’
11. “Gu deimhinn, tha mi ag ràdh ribh, nam measg‑san a rugadh o mhnathan, chan eil neach sam bith nas motha na Eòin Baistidh air èirigh suas; ach a dh'aindeoin sin tha an neach as lugha ann an rìoghachd Dhè nas motha na esan.
12. O làithean Eòin Baistidh gus a‑nis, tha rìoghachd nèimh air fòirneart fhulang, agus tha luchd an fhòirneirt ga ghlacadh le cumhachd.
13. Oir rinn na fàidhean air fad agus an Lagh fàidheadaireachd gu àm Eòin,
14. agus ma tha sibh deònach gabhail ris, is esan Eliah a bha ri thighinn.
15. An neach aig a bheil cluasan, èisteadh e.
16. “Ach cò ris a shamhlaicheas mise an ginealach seo? Tha e coltach ri cloinn a tha nan suidhe sna h‑ionadan‑margaidh, agus ag èigheach ri chèile, ag ràdh:
17. “‘Chluich sinn an duiseal dhuibhse, agus cha do rinn sibhse dannsa; sheinn sinn tuireadh dhuibhse, agus cha do rinn sibhse caoidh.’
18. “Oir thàinig Eòin, chan ann ag ithe no ag òl, agus canaidh iad, ‘Tha deamhan ann.’
19. Thàinig Mac an Duine ag ithe 's ag òl, agus thuirt iad, ‘Seall, craosaire agus drungaire, caraid chìs‑mhaor is pheacach.’ Ach tha gliocas air a fìreanachadh le a gnìomhan.”
20. An uair sin thòisich e air na bailtean far an deach a mhòr‑chuid dhe na h‑obraichean cumhachdach aige a dhèanamh a chronachadh, a chionn 's nach do rinn iad aithreachas.
21. “Is mairg dhut, a Chorasin! Is mairg dhut, a Bhetsaida! Oir nan robh na h‑obraichean cumhachdach a chaidh a dhèanamh annaibhse air an dèanamh ann an Tìrus is ann an Sìdon, is fhada on a bhiodh iad air aithreachas a dhèanamh ann an sac‑aodach 's ann an luaithre.
22. Ach tha mi ag ràdh ribh, bidh e nas fhasa do Thìrus is do Shìdon fulang air latha a' bhreitheanais na bhios e dhuibhse.
23. Agus thusa, a Chapernàum, am bi thu air do thogail suas a nèamh? Thèid do thoirt sìos a dh'Ifrinn. Oir nan robh na h‑obraichean cumhachdach a chaidh a dhèanamh annadsa air an dèanamh ann an Sodom, nach maireadh e gus an‑diugh?
24. Ach tha mi ag innse dhuibh gum bi e nas fhasa do thìr Shodoim fulang air latha a' bhreitheanais na dhutsa.”
25. Aig an àm sin thuirt Ìosa, “Tha mi a' toirt taing dhut, O Athair, a Thighearna nèimh is na talmhainn, gun do dh'fhalaich thu na rudan seo o dhaoine glic is tuigseach agus gun do dh'fhoillsich thu iad do leanabanan.
26. Seadh, Athair, oir bha seo tlachdmhor nad shealladh.
27. Chaidh a h‑uile rud a thoirt dhòmhsa lem Athair, agus chan aithne do neach sam bith am Mac ach an t‑Athair; cha mhotha as aithne do neach sam bith an t‑Athair ach am Mac agus neach sam bith dhan toigh leis a' Mhac fhoillseachadh.
28. Thigibh thugamsa, sibhse uile a tha ri saothair agus fo throm‑eallaich, agus bheir mise fois dhuibh.
29. Gabhaibh mo chuing oirbh, agus ionnsaichibh uam, oir tha mise macanta is iriosal ann an cridhe, agus gheibh sibh fois dhur n‑anman.
30. Oir tha mo chuing‑sa furasta agus tha m' eallach aotrom.”