A A A A A
Bible in one year
April 23

Lùcas 17:1-19
1. Thuirt Ìosa ri a dheisciobail, “Chan urrainn nach tig buairidhean gus a bhith a' peacachadh, ach is mairg dhàsan tron tig iad.
2. B' fheàrr dha gum biodh clach‑mhuilinn air a crochadh ma amhaich agus gum biodh e air a thilgeil dhan fhairge na gun adhbhraicheadh e gum peacaicheadh aon dhen fheadhainn bheaga seo.
3. Thugaibh an aire dhuib' fhèin. “Ma pheacaicheas do bhràthair, cronaich e, agus ma nì e aithreachas, thoir mathanas dha.
4. Agus ma pheacaicheas e nad aghaidh seachd uairean anns an latha, ma thilleas e thugad seachd uairean ag ràdh, ‘Tha aithreachas orm,’ thoir mathanas dha.”
5. Thuirt na h‑abstoil ris an Tighearna, “Meudaich ar creideamh!”
6. Fhreagair an Tighearna, “Nam biodh creideamh agaibh mar ghràinne de shìol mustaird, chanadh sibh ris a' chraoibh shiceamain seo, ‘Bi air do spìonadh às do bhun, agus bi air do shuidheachadh san fhairge.’ Agus bhiodh i umhail dhuibh.
7. “Ach cò nur measg aig a bheil seirbheiseach a bha dìreach air tilleadh o bhith a' treabhadh no a' buachailleachd a chanadh ris, ‘Thig anns a' bhad, agus suidh sìos gu biadh’?
8. Nach dòcha an àite sin gun canadh e ris, ‘Ullaich suipear dhomh agus, a' cur aodach ceart ort, fritheil dhomh fhad 's a dh'itheas is a dh'òlas mi; agus às dèidh sin ithidh is òlaidh tusa’?
9. An toir e taing dhan t‑seirbheiseach sin a chionn 's gun do rinn e na chaidh òrdachadh dha?
10. Mar sin sibhse cuideachd: nuair a tha sibh air a h‑uile rud a chaidh àithne dhuibh a dhèanamh, canaibh, ‘Is seirbheisich neo‑airidh sinn; oir cha do rinn sinn ach ar dleastanas.’”
11. A‑nis, air a shlighe gu Ierusalem, bha Ìosa a' dol eadar Samaria is Galile.
12. Agus fhad 's a bha e a' dol a‑steach do bhaile, thachair deichnear dhaoine ris a bha nan lobhair. Sheas iad fada uaithe,
13. agus thog iad suas an guthan, ag ràdh, “Ìosa, a Mhaighstir, dèan tròcair oirnn.”
14. Nuair a chunnaic e iad, thuirt e riutha, “Thallaibh agus seallaibh sib' fhèin dha na sagartan.” Agus fhad 's a bha iad a' falbh, chaidh an dèanamh glan.
15. An uair sin, nuair a chunnaic aon dhiubh gun deach a leigheas, thill e air ais, a' toirt glòir do Dhia le guth àrd,
16. agus thuit e air aghaidh aig casan Ìosa, a' toirt taing dha — agus b' e Samaritanach a bh' ann.
17. An uair sin fhreagair Ìosa, “Nach deach deichnear a ghlanadh? Càit a bheil an naoinear eile?
18. Nach deach neach sam bith a lorg a thill agus a thug moladh do Dhia ach an coigreach seo?”
19. Agus thuirt e ris, “Èirich is thalla, shlànaich do chreideamh thu.”