A A A A A
Bible in one year
April 13

Lùcas 11:29-54
29. Nuair a bha an sluagh a' dol am meud, thòisich e air a ràdh, “Is e droch ghinealach a tha an seo. Tha iad a' sireadh comharra, agus cha tèid comharra a thoirt dhaibh ach comharra Iònah.
30. Oir mar a thàinig Iònah gu bhith na chomharra do mhuinntir Ninebheh, is ann mar sin cuideachd a bhios Mac an Duine dhan ghinealach seo.
31. Èiridh banrigh na h‑àird a deas anns a' bhreitheanas còmhla ri muinntir a' ghinealaich seo, agus dìtidh i iad, oir thàinig i o chrìochan na talmhainn a chluinntinn gliocas Sholaimh, agus, seall, tha nas motha na Solamh an seo.
32. Èiridh muinntir Ninebheh anns a' bhreitheanas còmhla ris a' ghinealach seo, agus dìtidh iadsan iad, oir rinn iadsan aithreachas aig searmon Iònah, agus, seall, tha nas motha na Iònah an seo.”
33. “Chan eil neach sam bith, às dèidh dha lampa a lasadh, ga cur ann an àite falaichte no fo chuinneig ach air an lampair, airson 's gum faic an fheadhainn a thig a‑steach an solas.
34. Is i do shùil solas do chuirp. Nuair a tha do shùil fallain, tha do chorp gu lèir làn solais. Ach nuair a tha i olc, tha do chorp cuideachd làn dorchadais.
35. Thoir an aire, mar sin, nach bi an solas a th' annad na dhorchadas.
36. Mar sin, ma tha do chorp gu lèir làn solais, gun phàirt sam bith dorcha, bidh e gu lèir soillseach, mar nuair a tha lampa a' toirt soillse dhut le a deàlradh.”
37. Nuair a bha Ìosa air bruidhinn, dh'iarr Pharasach airsan dìnnear a ghabhail còmhla ris; mar sin chaidh e a‑steach agus shuidh e aig a' bhòrd.
38. Ach ghabh am Pharasach iongnadh nuair a chunnaic e nach do nigh e e fhèin ron dinneir.
39. An uair sin thuirt an Tighearna ris, “A‑nis, sibhse, Pharasacha, glanaidh sibh taobh a‑muigh a' chupa agus na mèise, ach air an taobh a‑staigh tha sibh làn sannt is aingidheachd.
40. Amadana! Nach do rinn esan a rinn an taobh a‑muigh an taobh a‑staigh cuideachd?
41. Ach thugaibh mar dhèirce na rudan sin a tha air an taobh a‑staigh agus seall, bidh a h‑uile rud glan dhuibh.
42. “Is mairg dhuibhse, Pharasacha, a chionn 's gu bheil sibh a' toirt an deicheamh de mhionnt agus de rù agus dhe gach luibh agus a' dèanamh dearmad air ceartas agus gràdh Dhè. Ach bu chòir dhuibh a bhith air iad seo a dhèanamh, gun iad siud fhàgail gun an dèanamh.
43. “Is mairg dhuibhse, Pharasacha, a chionn 's gur gràdh leibh na prìomh shuidheachain sna sionagogan agus a bhith a' faighinn fàilte sna h‑ionadan‑margaidh.
44. “Is mairg dhuibhse, oir tha sibh mar uaighean nach eil air an comharrachadh, agus tha daoine a' coiseachd thairis orra gun fhiosta.”
45. Fhreagair aon dhen luchd‑lagha e, “Fhir‑Teagaisg, le bhith a' cantainn na rudan seo tha thu a' dèanamh tàir oirnne cuideachd.”
46. Agus thuirt e, “Is mairg dhuibhse cuideachd, a luchd‑lagha, a chionn 's gu bheil sibh a' cur eallaichean troma a tha doirbh an giùlain air daoine, agus cha bhean sib' fhèin ri na h‑eallaichean le aon dhe ur meuran.
47. “Is mairg dhuibhse, oir tha sibh a' togail thuaman nam fàidhean agus is iad ur n‑athraichean fhèin a mharbh iad.
48. Mar sin tha sibh a' toirt fianais gu bheil sibh ag aontachadh le gnìomhan ur n‑athraichean, oir mharbh iadsan iad, agus tha sibhse a' togail an tuaman.
49. Air sgàth sin thuirt gliocas Dhè, ‘Cuiridh mise fàidhean agus abstoil thuca, agus cuid dhiubh marbhaidh is geur‑leanaidh iad.’
50. Mar sin dh'fhaodadh fuil nam fàidhean a chaidh a dhòrtadh o thoiseach an t‑saoghail a bhith air a cur orra mar chasaid,
51. o fhuil Abeil gu fuil Shechariah, a chaidh a sgrios eadar an altair agus an t‑ionad‑naomh. Seadh, tha mi ag ràdh ribh gum bi i air a h‑iarraidh air a' ghinealach seo.
52. “Is mairg dhuibhse, a luchd‑lagha, oir tha sibh air iuchair an eòlais a thoirt air falbh. Cha deach sib' fhèin a‑steach agus bhac sibh an fheadhainn a bha a' dol a‑steach.”
53. Fhad 's a bha e a' fàgail an àite sin, thòisich na sgrìobhaichean agus na Pharasaich air ionnsaigh fhiadhaich a thoirt air agus air a phiobrachadh le ceistean mu mhòran rudan,
54. a' dèanamh innleachd airson a ghlacadh ann an rudeigin a dh'fhaodadh e a ràdh.