Instagram
English
A A A A A
Lùcas 11:1-28
1. A‑nis bha Ìosa ag ùrnaigh ann an àite sònraichte, agus nuair a sguir e, thuirt aon dhe a dheisciobail ris, “A Thighearna, teagaisg dhuinne ùrnaigh a dhèanamh mar a theagaisg Eòin dha a dheisciobail fhèin.”
2. Thuirt e riutha, “Nuair a nì sibh ùrnaigh, canaibh: ‘Athair, Gun naomhaichear d' ainm, Thigeadh do rìoghachd.
3. Thoir dhuinn gach latha ar n‑aran làitheil,
4. agus math dhuinn ar peacaidhean, oir tha sinne cuideachd a' mathadh dha gach neach a th' ann am fiachan rinne. Agus na leig ann am buaireadh sinn.’”
5. Agus thuirt e riutha, “Cò agaibhse aig a bheil caraid, is a thèid thuige aig meadhan‑oidhche, agus a chanas ris, ‘A charaid, thoir dhomh trì lofaichean air iasad,
6. oir tha caraid dhomh air tighinn thugam air turas, agus chan eil sìon agam a chuireas mi ma choinneamh.’
7. “Agus freagraidh esan on taobh a‑staigh, ‘Na cuir dragh orm; tha an doras a‑nis dùinte, agus tha mo leanabanan còmhla rium anns an leabaidh. Chan urrainn dhomh èirigh is rudeigin a thoirt dhut.’
8. Tha mi ag innse dhuibh, ged nach èirich e agus nach toir e rudeigin dha, a dh'aindeoin sin a chionn 's gur e a charaid a th' ann, air sgàth a leantalachd‑san èiridh e agus bheir e dha ge b' e dè a tha a dhìth air.
9. “Agus tha mise ag ràdh ribh: iarraibh agus thèid a thoirt dhuibh; siribh agus gheibh sibh; buailibh an doras agus thèid fhosgladh dhuibh.
10. Oir a h‑uile neach a dh'iarras, thèid a thoirt dha; agus an neach a shireas, gheibh e; agus dhan neach a bhuaileas, bidh e air fhosgladh.
11. “Cò an t‑athair nur measg‑se, ma dh'iarras a mhac iasg, an àite an èisg a bheir nathair dha?
12. No, ma dh'iarras e ugh, a bheir sgorpion dha?
13. Mar sin, mas aithne dhuibhse a tha olc ciamar a bheir sibh tiodhlacan matha dhur cloinn, nach mòr nas motha na sin a bheir an t‑Athair nèamhaidh an Spiorad Naomh dhaibhsan a dh'iarras airsan!”
14. A‑nis bha Ìosa a' tilgeil a‑mach deamhan a bha balbh. Agus nuair a bha an deamhan air a dhol a‑mach, bhruidhinn am balbhan, agus ghabh an sluagh iongnadh.
15. Ach thuirt cuid dhiubh, “Is ann tro chumhachd Bheelsebul, ceannard nan deamhan, a tha e a' tilgeil a‑mach dheamhan.”
16. Agus, airson a dhearbhadh, bha feadhainn eile ag iarraidh comharra o nèamh air.
17. Ach le fios a bhith aige air an smuaintean, thuirt e riutha, “Gach rìoghachd a th' air a roinn na h‑aghaidh fhèin, thèid a fàgail na fàsach, agus gach taigh a th' air a roinn na aghaidh fhèin, tuitidh e.
18. Ma tha Sàtan cuideachd air a roinn na aghaidh fhèin, ciamar a sheasas a rìoghachd? Oir tha sibhse ag ràdh gu bheil mise, tro Bheelsebul, a' tilgeil a‑mach dheamhan.
19. Agus mas ann tro Bheelsebul a tha mise a' tilgeil a‑mach dheamhan, cò e tro bheil ur clann‑se gan tilgeil a‑mach? Mar sin bidh iadsan nam britheamhan oirbh.
20. Ach mas ann le meur Dhè a tha mise a' tilgeil a‑mach dheamhan, mar sin tha rìoghachd Dhè air tighinn oirbhse.
21. “Nuair a gheàrdas duine làidir, a tha gu h‑iomlan fo airm, a dhachaigh fhèin, tha a chuid sàbhailte.
22. Ach nuair a thig neach nas treasa na e is a bheir e ionnsaigh air agus a gheibh e buaidh air, bheir e air falbh an armachd aige gu lèir anns an robh a dhòchas is roinnidh e a' chreach.
23. “Ge b' e nach eil leamsa, tha e nam aghaidh, agus ge b' e nach cruinnich còmhla rium, tha e a' sgaoileadh.
24. “Nuair a tha an spiorad neòghlan air a dhol a‑mach à duine, thèid e tro àiteachan gun uisge a' sireadh fois, agus chan fhaigh e i. Canaidh e, ‘Tillidh mi dham thaigh às an tàinig mi.’
25. Agus nuair a thig e, gheibh e air a sguabadh e, 's air a chur an òrdugh.
26. An uair sin falbhaidh e agus bheir e leis seachd spioradan eile nas uilce na e fhèin, is thèid iad a‑steach agus fanaidh iad an sin, agus bidh staid dheireannach an duine sin nas miosa na a chiad staid.”
27. Fhad 's a bha e ag ràdh na rudan seo, thog boireannach am measg an t‑sluaigh a guth agus thuirt i ris, “Is beannaichte a' bhroinn a rinn do ghiùlain, agus na cìochan aig an do dheothail thu.”
28. Ach fhreagair esan, “Air a chaochladh, is beannaichte iadsan a tha ag èisteachd ri facal Dhè agus a chumas e.”