Instagram
English
A A A A A
Bible in one year
April 22

Lùcas 16:1-31
1. Thuirt Ìosa cuideachd ri a dheisciobail, “Bha duine beairteach ann aig an robh stiùbhard, agus chaidh casaidean a thoirt na aghaidh gun robh e a' dèanamh ana‑caitheamh air a chuid.
2. Agus ghairm e e is thuirt e ris, ‘Dè tha seo a tha mi a' cluinntinn mud dheidhinn? Thoir cunntas air do stiùbhardachd, oir chan fhaod thu a bhith nad stiùbhard nas fhaide.’
3. “Thuirt an stiùbhard ris fhèin, ‘Dè a nì mi? Oir tha mo mhaighstir a' toirt na stiùbhardachd uam, chan eil mi làidir gu leòr airson cladhach agus tha nàire orm dèirc iarraidh.
4. Tha fios agam dè a nì mi airson 's nuair a chuirear às an stiùbhardachd mi, gun cuir iad fàilte orm a‑steach dhan taighean.’
5. “Agus ghairm e thuige gach aon dhiubhsan a bha ann am fiachan ri a mhaighstir. Ris a' chiad fhear thuirt e, ‘Dè na h‑uimhir 's a th' aig mo mhaighstir ortsa?’
6. “Thuirt esan, ‘Ceud tomhas ola.’ “Thuirt e ris, ‘Gabh do bhileag‑cunntais, agus suidh sìos gu luath is sgrìobh caogad.’
7. “An uair sin thuirt e ri fear eile, ‘Agus dè na h‑uimhir 's a th' aige ortsa?’ “Agus thuirt esan, ‘Ceud tomhas cruithneachd.’ “Thuirt e ris, ‘Gabh do bhileag‑cunntais agus sgrìobh ochdad.’
8. “Mhol am maighstir an stiùbhard eucorach a chionn 's gun do rinn e gu glic. Oir tha clann an t‑saoghail seo nas glice a thaobh an ginealaich fhèin na clann an t‑solais.
9. Tha mise ag ràdh ribh, dèanaibh caraidean dhuib' fhèin le beairteas na h‑eucoir, airson 's, nuair a theirigeas e, gun tèid fàilte a chur oirbh a dh'àiteachan‑fuirich sìorraidh.
10. “An neach a tha dìleas anns an rud as lugha, tha e cuideachd dìleas ann am mòran, agus an neach a tha eucorach anns an rud as lugha, tha e cuideachd eucorach ann am mòran.
11. Mar sin, mura robh sibh dìleas anns an t‑saidhbhreas eucorach, cò a dh'earbas ribh am fìor shaidhbhreas?
12. Agus mura robh sibh dìleas le cuid neach eile, cò a bheir dhuibh an rud a tha leib' fhèin?
13. “Chan urrainn do sheirbheiseach seirbheis a dhèanamh do dhà mhaighstir. Oir an dara cuid fuathaichidh e aon dhiubh agus bheir e gràdh dhan fhear eile, no bidh e dìleas do dh'aon dhiubh agus nì e tàir air an fhear eile. Chan eil sibh comasach air seirbheis a dhèanamh do Dhia agus do bheairteas.”
14. Chuala na Pharasaich, aig an robh gràdh air airgead, na rudan sin uile, agus rinn iad magadh air.
15. Agus thuirt e riutha, “Is sibhse an fheadhainn a tha gur fìreanachadh fhèin mu choinneamh dhaoine; ach is aithne do Dhia ur cridheachan. Oir an rud a th' air àrdachadh gu mòr am measg dhaoine, tha e na ghràinealachd mu choinneamh Dhè.
16. “Bha an Lagh agus na Fàidhean ann gu àm Eòin. On àm sin tha Deagh Sgeul rìoghachd Dhè air a shearmonachadh agus tha gach neach a' dol a‑steach innte le dian‑strì.
17. Ach tha e nas fhasa do nèamh agus dhan talamh a dhol thairis na do dh'aon lide dhen lagh tuiteam a‑mach às.
18. “Gach neach a chuireas uaithe a bhean agus a phòsas bean eile, tha e a' dèanamh adhaltranas, agus ge b' e neach a phòsas a' bhean a chaidh a chur air falbh o a fear, tha e a' dèanamh adhaltranas.
19. “Bha duine beairteach àraidh ann a bha air èideadh ann am purpaidh agus anart grinn a bha a' fèisteadh gu sòghail gach latha.
20. Agus bha duine bochd àraidh air an robh an t‑ainm Làsaras na laighe aig a gheata‑san, làn chreuchdan.
21. Is bu mhiann leis a bhith air a shàsachadh le na thuit o bhòrd an duine shaidhbhir, ach thàinig fiù 's na coin agus dh'imlich iad a chreuchdan.
22. “Bhàsaich an duine bochd agus chaidh a ghiùlain leis na h‑ainglean gu taobh Abrahàim. Fhuair an duine beairteach cuideachd bàs agus chaidh adhlacadh,
23. agus ann an Ifrinn, far an robh e ann an àmhghar, sheall e suas agus chunnaic e Abrahàm fada uaithe, agus Làsaras aig a thaobh.
24. Agus dh'èigh e, ‘Athair Abrahàim, dèan tròcair orm, agus cuir Làsaras airson 's gum bog e bàrr a chorraig ann an uisge agus gum fuaraich e mo theanga, oir tha mi air mo phianadh gu mòr anns an lasair seo.’
25. “Ach thuirt Abrahàm, ‘A mhic, cuimhnich gun d' fhuair thusa do rudan matha fhad 's a bha thu beò, agus Làsaras san aon dòigh droch rudan; ach a‑nis tha esan a' faighinn cofhurtachd an seo agus tha thusa air do phianadh.
26. Agus a bharrachd air a seo uile, tha mòr‑bheàrn air a suidheachadh eadar sinne agus thusa, airson 's nach biodh e an comas dhaibhsan lem bu toigh l’ a dhol à seo thugaibhse, agus nach motha a bhiodh e comasach tighinn às a sin thugainne.’
27. “Agus thuirt e, ‘Mar sin, tha mi a' guidhe ort, athair, cuir gu taigh m' athar‑sa e,
28. oir tha còignear bhràithrean agam, airson 's gum faod e rabhadh a thoirt dhaibh, air eagal 's gun tig iadsan cuideachd dhan àite ro phiantail seo.’
29. “Ach thuirt Abrahàm, ‘Tha Maois agus na fàidhean aca; èisteadh iad riuthasan.’
30. “Thuirt esan, ‘Chan èist, athair Abrahàim, ach ma thèid neach thuca o na mairbh, nì iad aithreachas.’
31. “Thuirt e ris, ‘Mura h‑èist iad ri Maois agus na fàidhean, cha mhotha a bhios iad dearbhte às nan èireadh neach o na mairbh.’”