A A A A A
Bible in one year
April 17

Lùcas 13:23-35
23. Dh'fhaighnich cuideigin dha, “A Thighearna, an e beagan a bhios air an sàbhaladh?” Thuirt e riutha,
24. “Dèanaibh spàirn chruaidh airson a dhol a‑steach tron doras chumhang. Oir tha mi ag innse dhuibh gum feuch mòran ri dhol a‑steach agus cha bhi e an comas dhaibh.
25. Aon uair 's gu bheil maighstir an taighe air èirigh agus air an doras a dhùnadh, agus a thòisicheas sibhse air seasamh a‑muigh agus gnogadh air an doras, ag ràdh, ‘A thighearna, fosgail an doras dhuinn’, an uair sin freagraidh esan sibh, ‘Chan eil fios agam cò às a tha sibh.’
26. “An uair sin tòisichidh sibh air a ràdh, ‘Dh'ith sinn agus dh'òl sinn mud choinneamh, agus theagaisg thu nar sràidean.’
27. “Ach canaidh esan, ‘Tha mi ag ràdh ribh, chan eil fios agam cò às a tha sibh. Thallaibh uam, uile luchd‑dèanamh na h‑eucoir!’
28. “Anns an àite sin bidh caoineadh agus gìosgan fhiacail, nuair a chì sibh Abrahàm, Ìsaac agus Iàcob agus na fàidhean uile ann an rìoghachd Dhè, ach sib' fhèin air ur tilgeil a‑mach.
29. Agus thig iad on àird an ear agus an iar, agus on àird a tuath agus a deas, agus suidhidh iad ann an rìoghachd Dhè.
30. Agus seall, tha cuid air dheireadh a bhios air thoiseach, agus tha cuid air thoiseach a bhios air dheireadh.”
31. Aig a' cheart àm thàinig cuid dhe na Pharasaich thuige agus thuirt iad ris, “Thalla 's gabh a‑mach à seo, oir tha Herod ag iarraidh do mharbhadh.”
32. Fhreagair e, “Thallaibh agus innsibh dhan t‑sionnach sin, ‘Seall, tha mi a' tilgeil a‑mach dheamhan agus tha mi a' dèanamh leigheas an‑diugh is a‑màireach, agus air an treas latha crìochnaichidh mi m' obair.’
33. A dh'aindeoin sin feumaidh mi leantainn orm an‑diugh is a‑màireach agus an ath latha, oir chan urrainn do dh'fhàidh bàs fhaighinn air taobh a‑muigh Ierusaleim.
34. “A Ierusaleim, a Ierusaleim, a mharbhas na fàidhean, agus a chlachas an fheadhainn a chaidh a chur thugad! Dè cho tric 's a bu mhiann leam do chlann a chruinneachadh còmhla, mar a chruinnicheas cearc a h‑iseanan fo a sgiathan, ach cha robh sibh deònach.
35. Seall, chaidh ur taigh fhàgail agaibh trèigte. Ach tha mi ag innse dhuibh, chan fhaic sibh mise gus an tig an t‑àm anns an can sibh, ‘Is beannaichte Esan a tha a' tighinn ann an ainm an Tighearna.’ ”