A A A A A
Bible in one year
March 2

Marcus 7:14-37
14. Ghairm e an sluagh gu lèir thuige a‑rithist is thuirt e riutha, “Èistibh riumsa, sibhse uile, agus tuigibh:
15. chan eil rud sam bith air taobh a‑muigh an duine, tro a bhith a' dol a‑steach ann, a tha an comas air a dhèanamh neòghlan, ach na rudan a tha a' tighinn a‑mach às an duine, is iad sin a tha ga dhèanamh neòghlan.
16. An neach aig a bheil cluasan, èisteadh e. ”
17. Agus nuair a chaidh e a‑steach do thaigh air falbh on t‑sluagh, dh'fhaighnich a dheisciobail dha mun abairt aige.
18. Agus thuirt e riutha, “Mar sin, a bheil sibhse fhathast gun tuigse?” Nach eil sibh a' faicinn nach urrainn do rud sam bith a thèid a‑steach do neach on taobh a‑muigh a dhèanamh neòghlan,
19. air sgàth 's gu bheil e a' dol a‑steach, chan ann dhan chridhe ach dhan stamaig aige, agus air a chur a‑mach dhan t‑sitig (mar sin chuir e an cèill gun robh a h‑uile biadh “glan”).
20. Agus thuirt e, “Is e an nì a thig a‑mach às an duine a dh'fhàgas e ‘neòghlan.’
21. Oir on taobh a‑staigh, a‑mach à cridheachan dhaoine, thig smuaintean olca, strìopachas, goid, murt,
22. adhaltranas, sannt, aingidheachd, mealltaireachd, feòlmhorachd, farmad, cùl‑chàineadh, pròis, amaideachd.
23. Tha a h‑uile h‑olc seo a' tighinn a‑mach on taobh a‑staigh, agus a' dèanamh an duine ‘neòghlan.’”
24. Agus o sin dh'èirich e is chaidh e air falbh gu ceàrnaidh Thìruis agus Shìdoin. Agus chaidh e a‑steach do thaigh agus cha robh e ag iarraidh gum biodh fios aig neach sam bith air, ach a dh'aindeoin sin cha b' urrainn dha a bhith air fhalach.
25. Ach sa bhad chuala boireannach aig an robh nighean bheag anns an robh spiorad neòghlan ma dheidhinn agus thàinig i is thuit i aig a chasan.
26. A‑nis b' e bana‑Ghreugach a bh' anns a' bhoireannach, Sirophenìseach a‑thaobh a breith. Agus ghuidh i air gun tilgeadh e an deamhan a‑mach às a nighinn.
27. Agus thuirt e rithe, “Leig leis a' chloinn a bhith air am biathadh an toiseach, oir chan eil e ceart aran na cloinne a ghabhail 's a thilgeil chun nan con.”
28. Ach fhreagair i e, “Seadh, a Thighearna, ach ithidh fiù 's na coin fon bhòrd sprùilleach na cloinne.”
29. Agus thuirt e rithe, “Airson na freagairt seo, faodaidh tu falbh; tha an deamhan air a dhol a‑mach às do nighinn.”
30. Agus chaidh i dhachaigh is fhuair i an leanabh na laighe air an leabaidh agus an deamhan air tighinn a‑mach.
31. A‑rithist chaidh Ìosa a‑mach à ceàrnaidh Thìruis agus chaidh e tro Shìdon gu Muir Ghalile, ann an ceàrnaidh Dhecapolis.
32. Agus thug iad thuige duine a bha bodhar agus aig an robh stad na bhruidhinn, agus ghuidh iad air gun cuireadh e a làmh air.
33. Ga thoirt gu aon taobh leis fhèin on t‑sluagh, chuir e a chorragan na chluasan, agus às dèidh smugaid a thilgeil, bhean e ri a theangaidh.
34. Agus a' coimhead suas gu nèamh rinn e osna agus thuirt e ris, “Ephphata!” (a tha a' ciallachadh, “Bi air d' fhosgladh!”).
35. Agus chaidh a chluasan fhosgladh is chaidh ceangal a theangaidh fhuasgladh, agus bhruidhinn e gu soilleir.
36. Agus dh'àithn Ìosa dhaibh gun innse do neach sam bith. Ach mar bu mhotha a dh'àithn esan dhaibh, 's ann a bu mhotha gu h‑eudmhor a rinn iadsan aithris air.
37. Agus bha iad fo iongnadh thar tomhais, ag ràdh, “Rinn e a h‑uile rud gu math. Tha e fiù 's a' toirt air na bodhair cluinntinn agus air na balbhain bruidhinn.”