A A A A A
Bible in one year
February 27

Marcus 6:1-29
1. Chaidh e air falbh às a sin, agus thàinig e gu a bhaile fhèin, agus lean a dheisciobail e.
2. Agus nuair a thàinig an t‑Sàbaid, thòisich e air teagasg san t‑sionagog, agus ghabh mòran iongnadh nuair a chuala iad e, ag ràdh, “Cò às a fhuair am fear seo na rudan seo? Dè an gliocas seo a chaidh a thoirt dha, 's gu bheil a leithid seo de dh'obraichean cumhachdach air an dèanamh le a làmhan?
3. Nach e seo an saor, mac Moire agus bràthair Sheumais is Iòsais is Iùdais is Shìmoin? Agus nach eil a pheathraichean an seo còmhla rinn?” Agus ghabh iad oilbheum ma dheidhinn.
4. Thuirt Ìosa riutha, “Chan eil fàidh gun urram ach na dhùthaich fhèin agus am measg a chàirdean, 's na thaigh fhèin.”
5. Agus cha b' urrainn dha obair chumhachdach sam bith a dhèanamh an sin, a bharrachd air gun do chuir e a làmhan air beagan de mhuinntir a bha tinn agus gun do leighis e iad.
6. Agus ghabh e iongnadh mun eas‑creideamh. An uair sin chaidh e timcheall nam bailtean a' teagasg.
7. Agus ghairm e an dà fhear dheug thuige agus thòisich e air an cur a‑mach dithis is dithis, agus thug e cumhachd dhaibh thairis air spioradan neòghlan.
8. Dh'àithn e dhaibh gun rud sam bith a thoirt leotha airson na slighe, ach bata a‑mhàin — gun aran, gun bhaga, gun airgead nan sporain —
9. ach cuarain a cheangal orra agus gun dà lèine‑fhada a bhith aca airson an cur orra.
10. Agus thuirt e riutha, “Ge b' e cuin a thèid sibh a‑steach do thaigh, fanaibh an sin gus am falbh sibh às an àite sin.
11. Agus mura gabh àite sam bith ribh is nach èist iad ribh, nuair a dh'fhàgas sibh crathaibh an dust a tha for casan mar fhianais dhaibh.”
12. Chaidh iad a‑mach agus shearmonaich iad gum bu chòir do dhaoine aithreachas a dhèanamh.
13. Agus thilg iad a‑mach mòran dheamhan agus dh'ung iad le ola mòran a bha tinn agus leighis iad iad.
14. Chuala an rìgh Herod ma dheidhinn, oir bha ainm Ìosa air fàs iomraiteach. Bha cuid ag ràdh, “Chaidh Eòin Baistidh a thogail o na mairbh agus is ann air sgàth sin a tha na cumhachdan mìorbhaileach seo ag obrachadh ann.”
15. Ach thuirt cuid eile, “Is e Eliah a th' ann.” Agus thuirt cuid eile, “Is e fàidh a th' ann, mar aon dhe na fàidhean.”
16. Ach nuair a chuala Herod mu dheidhinn, thuirt e, “Chaidh Eòin, dhen tug mise an ceann, a thogail o na mairbh!”
17. Oir b' e Herod fhèin a chuir feadhainn a‑mach airson 's gum biodh Eòin air a chur an grèim, agus cheangail e ann am prìosan e, air sgàth Heròdiais, bean Philip a bhràthair fhèin, a chionn 's gun robh e air a pòsadh.
18. Oir bha Eòin air a bhith ag ràdh ri Herod, “Chan eil e laghail dhut bean do bhràthar a bhith agad.”
19. Mar sin bha Heròdias diombach ma dheidhinn agus bha i ag iarraidh a chur gu bàs. Ach cha b' urrainn dhi,
20. oir bha eagal air Herod o Eòin, a chionn 's gun robh fios aige gum b' e duine ionraic is naomh a bh' ann, agus chùm e sàbhailte e. Nuair a chuala Herod e, bha e fo imcheist mhòr, ach chòrd e ris èisteachd ris.
21. Ach thàinig cothrom nuair a rinn Herod, air a cho‑là‑breith, bangaid dha na h‑uaislean 's na ceannardan‑armailt aige agus do phrìomh dhaoine Ghalile.
22. Oir nuair a thàinig nighean Heròdiais a‑steach agus a rinn i dannsa, thoilich i Herod agus na h‑aoighean aige. Agus thuirt an rìgh ris a' chaileig, “Iarr nì sam bith as miann leat uamsa, agus bheir mi dhut e.”
23. Agus thug e mionnan dhi: “Ge b' e dè a dh'iarras tu orm, bheir mi dhut, suas gu leth mo rìoghachd.”
24. Chaidh i a‑mach agus thuirt i ri a màthair, “Dè a dh'iarras mi?” Agus thuirt ise, “Ceann Eòin Baistidh.”
25. Sa bhad thàinig i ann an cabhaig chun an rìgh agus dh'iarr i, ag ràdh, “Tha mi airson 's gun toir thu dhomh, gun dàil, ceann Eòin Baistidh air truinnsear mòr.”
26. Agus bha an rìgh ro dhuilich, ach a thaobh nam mionnan 's air sgàth nan aoighean aige cha robh e ag iarraidh am facal aige dhi a bhriseadh.
27. Sa bhad chuir an rìgh a‑mach bàsaire le òrdugh ceann Eòin a thoirt thuige. Dh'fhalbh e agus thug e dheth an ceann sa phrìosan,
28. agus thug e a cheann leis air truinnsear mòr is thug e dhan chaileig e is thug a' chaileag dha màthair e.
29. Nuair a chuala a dheisciobail mu dheidhinn, thàinig iad agus thug iad a chorp leotha is chuir iad ann an tuam e.