A A A A A
Bible in one year
February 26

Marcus 5:21-43
21. Nuair a bha Ìosa air a dhol thairis a‑rithist san eathar chun an taoibh eile, chruinnich sluagh mòr timcheall air, agus bha e ri taobh na mara.
22. An uair sin thàinig aon de riaghladairean an t‑sionagoig, dham b' ainm Iàirus, agus nuair a chunnaic e esan, thuit e aig a chasan.
23. Agus ghuidh e gu dùrachdach air, ag ràdh, “Tha mo nighean bheag ri uchd bàis. Thig, tha mi a' guidhe ort, agus cuir do làmhan oirre airson 's gun tèid a slànachadh, agus gum bi i beò.”
24. Agus chaidh Ìosa còmhla ris. Lean sluagh mòr e agus bhrùth iad a‑steach air.
25. Agus bha boireannach ann air an robh sruth fala dà bhliadhna dheug.
26. Bha i air mòran fhulang fo iomadh lighiche, agus bha i air na bh' aice a chosg, agus cha robh i dad na b' fheàrr, ach dh'fhàs i na bu mhiosa.
27. Bha i air cluinntinn mu Ìosa agus thàinig i suas air a chùlaibh am measg an t‑sluaigh, agus bhean i ris an aodach aige.
28. Oir smaoinich i, “Ma bheanas mi fiù 's ris an aodach aige thèid mo shlànachadh”.
29. Agus sa bhad chaidh a sruth fala a thiormachadh, agus dh'aithnich i na corp fhèin gun deach a leigheas on tinneas aice.
30. Sa bhad dh'aithnich Ìosa ann fhèin gun robh cumhachd air a dhol a‑mach às, agus thionndaidh e mun cuairt am measg an t‑sluaigh, agus thuirt e, “Cò a bhean rim aodach?”
31. Agus thuirt a dheisciobail ris, “Tha thu a' faicinn an t‑sluaigh a' bruthadh a‑steach ort, agus tha thu ag ràdh, ‘Cò a bhean rium?’”
32. Ach choimhead e mun cuairt airson a faicinn‑se a rinn seo.
33. An uair sin, agus fios aice dè a thachair dhi, thàinig am boireannach, fo eagal 's air chrith, is thuit i sìos ma choinneamh agus dh'innis i an fhìrinn air fad dha.
34. Agus thuirt esan rithe, “A nighean, shlànaich do chreideamh thu. Thalla ann an sìth, agus bi slàn od thinneas.”
35. Fhad 's a bha e fhathast a' bruidhinn, thàinig feadhainn o thaigh riaghladair an t‑sionagoig a thuirt, “Tha do nighean air bàsachadh; carson a chuireadh tu dragh air an Fhear‑Teagaisg tuilleadh?”
36. Ach a' cluinntinn na thubhairt iad, thuirt Ìosa ri riaghladair an t‑sionagoig, “Na bi fo eagal; dìreach creid.”
37. Agus cha do leig e le neach sam bith a leantainn ach Peadar, Seumas is Eòin bràthair Sheumais.
38. Thàinig iad gu taigh riaghladair an t‑sionagoig, agus chunnaic Ìosa an ùpraid, feadhainn a' caoineadh 's a' burralaich.
39. Agus nuair a chaidh e a‑steach, thuirt e riutha, “Carson a tha sibh a' dèanamh ùpraid 's a' caoineadh? Cha do bhàsaich an leanabh, ach tha i na cadal.”
40. Agus rinn iadsan gàire magaidh air. Ach às dèidh dha iadsan uile a chur a‑mach, thug e leis athair is màthair an leanaibh 's iadsan a bha còmhla ris, agus chaidh e a‑steach far an robh an leanabh.
41. A' gabhail grèim air an leanabh air làimh, thuirt e rithe, “Talitha cùm,” a tha a' ciallachadh, “A chaileag, tha mise ag ràdh riut, èirich.”
42. Sa bhad dh'èirich a' chaileag agus choisich i (bha i dà bhliadhna dheug a dh'aois). Agus sa bhad ghabh iad uile iongnadh anabarrach mòr.
43. Agus thug e òrdugh teann dhaibh nach bu chòir fios a bhith aig neach sam bith air a seo, agus thuirt e riutha rudeigin a thoirt dhi ri ithe.