A A A A A
Bible in one year
February 25

Marcus 5:1-20
1. Thàinig iad gu taobh eile na mara, gu dùthaich nan Gerasèanach.
2. Nuair a chaidh e a‑mach às an eathar, sa bhad, o na tuaman, thachair duine ris anns an robh spiorad neòghlan,
3. aig an robh a dhachaigh anns na tuaman, agus cha b' urrainn neach sam bith a cheangal tuilleadh, fiù 's le sèinichean.
4. Oir chaidh a cheangal gu tric le slabhraidhean agus le sèinichean, ach tharraing e na sèinichean‑coise às a chèile, agus bhris e na slabhraidhean nam pìosan beaga. Cha robh an neart aig neach sam bith airson a cheannsachadh.
5. A latha 's a dh'oidhche, am measg nan tuam 's air na beanntan, bha e an‑còmhnaidh ag èigheach 's ga ghearradh fhèin le clachan.
6. Nuair a chunnaic e Ìosa o fhad' às, ruith e agus thilg e e fhèin sìos ma choinneamh.
7. Agus dh'èigh e le guth àrd, is thuirt e, “Dè mo ghnothach riutsa, Ìosa, a Mhic an Dè as ro àirde? Tha mi a' guidhe ort, tro Dhia, gun mo chur fo àmhghar.”
8. Oir bha e ag ràdh ris, “Thig a‑mach às an duine, a spioraid neòghlain!”
9. Agus bha Ìosa a' faighneachd dha, “Dè an t‑ainm a th' ort?” Fhreagair esan, “Is e Lègion an t‑ainm a th' orm, oir tha mòran againn ann.”
10. Agus ghuidh e air gu dùrachdach gun an cur a‑mach às an dùthaich.
11. A‑nis bha treud mòr mhuc an sin ag ionaltradh faisg air làimh air cliathaich na beinne.
12. Ghuidh na deamhain air Ìosa, “Cuir sinne dha na mucan; leig leinn a dhol a‑steach annta.”
13. Mar sin thug e cead dhaibh, agus thàinig na spioradan neòghlan a‑mach, agus chaidh iad a‑steach dha na mucan; agus ruith an treud, timcheall air dà mhìle dhiubh, sìos gu luath air leathad cas dhan mhuir; agus chaidh am bàthadh sa mhuir.
14. Agus theich iadsan a bha gam biathadh agus dh'aithris iad e sa bhaile agus san dùthaich. Agus thàinig daoine airson faicinn dè an rud a bh' air tachairt.
15. Thàinig iad gu Ìosa agus chunnaic iad an duine anns an robh na deamhain, am fear aig an robh an Lègion, na shuidhe an sin, air èideadh agus ceart sa cheann; agus bha an t‑eagal orra.
16. Agus iadsan a chunnaic e, dh'aithris iad dhaibh mar a thachair dhan duine san robh na deamhain, agus mu na mucan.
17. Agus thòisich iad a' guidhe air Ìosa a dhol a‑mach às a' cheàrnaidh aca.
18. Fhad 's a bha e a' dol a‑steach dhan eathar, ghuidh an duine anns an robh na deamhain air Ìosa am faodadh e a bhith còmhla ris.
19. Ach cha do leig e leis, is thuirt e ris, “Thalla dhachaigh gu do chuideachd, agus innis dhaibh na rinn an Tighearna dhut, agus mar a rinn e tròcair ort.”
20. Agus dh'fhalbh esan, agus thòisich e air aithris san Decapolis na rinn Ìosa dha. Agus ghabh iad uile iongnadh.