A A A A A
Bible in one year
September 9

Isaiah 9:1-21
1. Gidheadh cha bhi an doilleireachd mar a bha ri linn a h‑àmhghair, nuair a bhuail e gu h‑aotrom an toiseach talamh Shebuloin agus talamh Naphtali, agus na dhèidh sin bhuail e na bu truime e, air slighe na fairge, taobh thall Iòrdain, Galile nan cinneach.
2. An sluagh a bha a’ siubhal ann an dorchadas, chunnaic iad solas mòr; iadsan a bha nan còmhnaidh ann an tìr sgàil a’ bhàis, dh’èirich solas orra.
3. Rinn thu an cinneach lìonmhor; nach do mheudaich thu an aoibhneas? Rinn iad gàirdeachas ad làthair, mar ghàirdeachas anns an fhogharadh; mar a nì daoine gàirdeachas nuair a roinneas iad a’ chreach.
4. Oir bhris thu cuing a eallaich, agus bata a ghuailne, slat an fhir a shàraich e, mar ann an là Mhidiain.
5. Oir tha gach uile chath an fhir-chogaidh le cruaidh iomairt, agus aodach air a thumadh ann am fuil; ach bidh seo le losgadh, agus connadh airson an teine.
6. Oir rugadh dhuinne duine-cloinne, thugadh dhuinne mac; agus bidh an uachdaranachd air a ghualainn; agus goirear mar ainm dheth, Iongantach, Comhairliche, an Dia cumhachdach, an t‑Athair sìorraidh, Prionnsa na sìthe.
7. Air fàs a uachdaranachd, agus air a shìth, cha tig crìoch, air cathair rìoghail Dhaibhidh, agus air a rìoghachd; a‑chum a daingneachadh agus a socrachadh le breitheanas agus le ceartas, o seo a‑mach agus gu sìorraidh: bheir eud Tighearna nan sluagh seo gu crìch.
8. Chuir an Tighearna facal a dh’ionnsaigh Iàcoib, agus thuit e air Israel.
9. Agus bidh fios aig an t‑sluagh uile, aig Ephraim agus fear-àiteachaidh Shamaria, a tha ag ràdh, ann an uaill agus àrdan cridhe,
10. Tha na clachan creadha air tuiteam, ach togaidh sinn le clachan snaidhte; tha na craobhan sicamoir air an gearradh sìos, ach cuiridh sinn craobhan seudair nan àite.
11. Uime sin àrdaichidh an Tighearna luchd-mìoruin Resin na aghaidh, agus togaidh e suas a naimhdean le chèile;
12. Na Sirianaich on taobh bheòil, agus na Philistich on taobh chùil; agus ithidh iad suas Israel le beul farsaing. Airson seo uile chan eil a chorraich air a tilleadh air falbh; ach tha a làmh fhathast sìnte a‑mach.
13. Ach chan eil an sluagh seo air tilleadh ris an tì a bhuail iad; cha mhò a dh’iarr iad Tighearna nan sluagh:
14. Uime sin gearraidh an Tighearna as o Israel an ceann agus an t‑earball, a’ gheug agus an luachair, ann an aon là.
15. An duine aosmhor agus urramach, is esan an ceann; agus am fàidh a tha a’ teagasg brèige, is esan an t‑earball.
16. Oir tha luchd-stiùraidh an t‑sluaigh seo gan cur air seachran; agus bidh iadsan a stiùrar leo air an slugadh suas.
17. Air an adhbhar sin cha dèan an Tighearna gàirdeachas os cionn an òganach, cha mhò a nì e iochd rin dìlleachdain agus am bantraichean; oir tha gach aon dhiubh na chealgair agus na fhear dòbheairt, agus tha gach beul a’ labhairt amaideachd. Airson seo uile chan eil a chorraich air a tilleadh air falbh, ach tha a làmh fhathast sìnte a‑mach.
18. Oir loisgidh aingidheachd mar theine; ithidh i suas an dris agus an droigheann; agus cuiridh i ri theine badan na frìthe; agus èiridh iad an àird nan smùid a’ dol suas.
19. Trìd corraich Tighearna nan sluagh dhorchaicheadh an tìr; agus bidh an sluagh mar chonnadh airson an teine: cha dèan duine iochd air a bhràthair fhèin.
20. Agus bheir e teum air an làimh dheis, agus gidheadh bidh e acrach; agus ithidh e suas air an làimh chlì, agus cha bhi iad sàsaichte; ithidh gach duine feòil a ghàirdein fhèin.
21. Ithidh Manaseh Ephraim, agus Ephraim Manaseh; agus bidh iad le chèile an aghaidh Iùdah. Airson seo uile chan eil a chorraich air a tilleadh air falbh, ach tha a làmh fhathast sìnte a‑mach.

Isaiah 10:1-34
1. Is truagh dhaibhsan a tha ag òrdachadh reachdan eucorach, na sgrìobhaichean a tha ag àithneadh fòirneirt;
2. A thionndadh an fheumaich o bhreitheanas, agus a thabhairt an còrach le ainneart o bhochdan mo shluaigh; air chor is gum bi bantraichean nan cobhartach dhaibh, agus gun creach iad na dìlleachdain.
3. Agus ciod a nì sibh ann an là an smachdachaidh, agus anns an lèirsgrios a thig o chèin? Cò a dh’ionnsaigh a theicheas sibh a‑chum cobhair? Agus càit am fàg sibh ur glòir?
4. As m’eughmhais-sa aomaidh iad sìos fo na prìosanaich, agus tuitidh iad fo na mairbh. Airson seo uile chan eil a chorraich air a tilleadh air falbh, ach tha a làmh fhathast sìnte a‑mach.
5. Ho, Asirianaich, slat mo chorraich; agus am bata nan làimh is e sin m’fhearg.
6. An aghaidh cinnich chealgaich cuiridh mi e; agus an aghaidh sluaigh ris a bheil mo chorraich bheir mi dha àithne a thogail creiche, agus a thoirt leo cobhartaich; agus gan saltairt sìos mar chlàbar nan sràidean.
7. Gidheadh chan e sin a bhios na aire-san, agus chan e rùn a chridhe e; ach is e milleadh a tha na chridhe, agus cinnich nach gann a ghearradh as.
8. Oir their e, Nach eil mo cheannardan uile nan rìghrean?
9. Nach eil Calno mar Charchemis? Nach eil Hamat mar Arphad? Nach eil Samaria mar Dhamascas?
10. Mar a ghlac mo làmh rìoghachdan nan iodhalan, aig an robh dealbhan snaidhte na b’fheàrr na iad sin a tha ann an Ierusalem agus ann an Samaria;
11. Mar a rinn mi ri Samaria agus ra h‑iodhalan, nach dèan mi mar an ceudna ri Ierusalem, agus ra dealbhan-sa?
12. Ach tàrlaidh, nuair a choileanas an Tighearna a obair gu h‑iomlan air sliabh Shioin agus air Ierusalem, gun dèan mi dìoghaltas air toradh cridhe uaibhreach rìgh Asiria, agus air sealladh àrd a shùl.
13. Oir their e, Le neart mo làimhe rinn mi e, agus lem ghliocas; oir tha deagh thuigse agam; agus dh’atharraich mi crìochan nam fineachan, agus chreach mi an ionmhasan, agus leag mi sìos an sluagh mar dhuine treun:
14. Agus fhuair mo làmh, mar nead, maoin nan slògh; agus mar a chruinnicheas neach uibhean a thrèigeadh, mar sin chruinnich mise an talamh uile; agus cha robh aon a ghluais an sgiath, a dh’fhosgail an gob, no a rinn bìog.
15. An dèan an tuagh uaill an aghaidh an fhir a tha a’ gearradh leatha? An àrdaich an tuireasg e fhèin an aghaidh an fhir a tha ga iomairt? Mar gun sìneadh an t‑slat i fhèin an aghaidh an neach a tha ga togail; no mar gun togadh an lorg suas e fhèin mar nach b’fhiodh a bha ann.
16. Air an adhbhar sin cuiridh an Tighearna, Tighearna nan sluagh, caoile air a’ mhuinntir reamhair; agus fo a òirdheirceas fadaidh e losgadh, mar losgadh teine.
17. Agus bidh solas Israeil na theine, agus a Thì naomh na lasair; agus loisgidh agus caithidh e a dhroigheann agus a dhris ann an aon là:
18. Agus caithidh e glòir a fhrìthe, agus a achaidh thairbhich, eadar anam agus fheòil; agus bidh iad mar fhear-iomchair brataich a’ call a threòir.
19. Agus bidh fuidheall craobhan a choille tearc, ionnas gun sgrìobh leanabh an àireamh.
20. Agus tàrlaidh anns an là sin nach leig iarmad Israeil, agus iadsan a thèid as de thaigh Iàcoib, an taic nas mò air an fhear a bhuail iad; ach leigidh iad an taic air an Tighearna, Tì naomh Israeil, ann am fìrinn.
21. Tillidh fuidheall, eadhon fuidheall de Iàcob, a dh’ionnsaigh Dhè uile-chumhachdaich.
22. Oir ged bhiodh do shluagh, O Israeil, mar ghaineamh na fairge, cha till ach fuidheall dhiubh. An lèirsgrios a dh’òrdaicheadh, ruithidh e thairis le ceartas.
23. Oir sgrios, eadhon sgrios sònraichte nì Iehòbhah, Tighearna nan sluagh, ann am meadhon na tìre uile.
24. Air an adhbhar sin, mar seo deir Iehòbhah, Tighearna nan sluagh, Na biodh eagal ort, O mo shluagh, a tha a chòmhnaidh ann an Sion, ron Asirianach; le slait buailidh e thu, agus a bhata togaidh e suas ad aghaidh, a rèir gnàth na h‑Eiphit.
25. Ach fhathast ùine ro‑gheàrr, agus coileanar m’fhearg, agus mo chorraich nan lèirsgrios.
26. Agus togaidh Tighearna nan sluagh slat-sgiùrsaidh na aghaidh, cosmhail ri àr Mhidiain aig carraig Oreib: agus mar a bha a shlat air an fhairge, mar sin togaidh e suas i, a rèir gnàth na h‑Eiphit.
27. Agus tàrlaidh anns an là sin gun atharraichear a eallach bhàrr do ghuailne, agus a chuing bhàrr do mhuineil; agus caithear a’ chuing do bhrìgh na h‑ola-ungaidh.
28. Thàinig e gu Aiat, chaidh e thairis gu Migron; aig Michmas taisgidh e a àirneis.
29. Chaidh iad a‑null air an aiseag; ann an Gebah ghabh iad tàmh: tha Ramah air chrith; tha Gibeah Shauil a’ teicheadh.
30. Tog suas do ghuth, O nighean Ghallim; cluinnear e gu ruig Lais, O Anatot thruagh.
31. Theich Madmenah; tha luchd-àiteachaidh Ghebim air gabhail na ruaige.
32. Fanaidh e fhathast an là sin ann an Nob; crathaidh e a làmh an aghaidh cnoc nighean Shioin, an aghaidh sliabh Ierusaleim.
33. Feuch, sgathaidh Iehòbhah, Tighearna nan sluagh, a’ gheug le luasgadh mòr; agus bidh iadsan as àirde fàs air an gearradh sìos, agus na h‑uaibhrich air an ìsleachadh.
34. Agus gearraidh e dosan na frìthe le iarann; agus tuitidh Lebanon le làimh chumhachdaich.

Salm 106:1-5
1. Molaibh an Tighearna. O thugaibh buidheachas don Tighearna, oir tha e math, oir gu bràth mairidh a thròcair.
2. Cò as urrainn gnìomharan treuna an Tighearna a chur an cèill? Cò as urrainn a chliù uile fhoillseachadh?
3. Is beannaichte iadsan a choimheadas breitheanas, a nì ceartas anns gach àm.
4. Cuimhnich oirnn, a Thighearna, leis an deagh-ghean a tha thu a’ nochdadh dod shluagh fhèin; O fiosraich sinn led shlàinte;
5. A‑chum gum faic sinn math do dhaoine taghte, a‑chum gun dèan sinn aoibhneas ann an aoibhneas do chinnich, a‑chum gun dèan sinn uaill led oighreachd-sa.

Gnàth-fhacal 25:1-2
1. Is iad seo mar an ceudna gnàth-fhacail Sholaimh, a dh’ath-sgrìobh daoine Heseciah rìgh Iùdah.
2. Is i glòir Dhè nì a cheiltinn; ach is e urram rìghrean nì a rannsachadh.

2 Corintianach 1:1-24
1. Pòl, abstol Iosa Crìosd tre thoil Dhè, agus Timòteus, ar bràthair, a‑chum eaglais Dhè a tha ann an Corintus, maille ris na h‑uile naoimh a tha ann an Achaia uile:
2. Gràs dhuibh, agus sìth o Dhia ar n‑Athair, agus on Tighearna Iosa Crìosd.
3. Beannaichte gu robh Dia, eadhon Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, Athair nan tròcair, agus Dia na h‑uile chomhfhurtachd;
4. A tha a’ toirt comhfhurtachd dhuinne nar n‑uile àmhghar, a‑chum sinn a bhith comasach air comhfhurtachd a thoirt dhaibhsan a tha ann an àmhghar sam bith, leis a’ chomhfhurtachd leis a bheil sinn fhèin a’ faotainn comhfhurtachd o Dhia.
5. Oir mar a tha fulangasan Chrìosd pailt annainn, is amhail sin a tha ar comhfhurtachd mar an ceudna pailt tre Chrìosd.
6. Agus ma tha sinn fo àmhghar, is ann airson ur comhfhurtachd agus ur slàinte-se, a tha air a h‑obrachadh le sibh a dh’fhulang nam fulangas ceudna, a tha sinne a’ fulang: no mas comhfhurtachd dhuinn is ann a‑chum ur comhfhurtachd agus ur slàinte-se.
7. Agus tha ar dòchas daingeann dur taobh-se, do bhrìgh gu bheil fhios againn, mar a tha sibh nur luchd-compàirt de na fulangasan, gum bi sibh mar an ceudna den chomhfhurtachd.
8. Oir cha b’àill leinn, a bhràithrean, sibhse a bhith an‑fhiosrach mu thimcheall ar n‑àmhghair a thachair dhuinn anns an Asia, gun do bhruthadh sinn gu ro‑mhòr thar ar neart ionnas gu robh sinn fo amharas eadhon mu ar beatha:
9. Ach bha againn binn ar bàis annainn fhèin a‑chum nach biodh againn dòigh annainn fhèin, ach ann an Dia a dhùisgeas na mairbh:
10. Neach a shaor sinn o bhàs cho mòr, agus a tha gar saoradh: anns a bheil ar dòchas gun saor e sinn fhathast;
11. Air dhuibhse a bhith a’ co‑obrachadh le chèile ann an ùrnaigh air ar son, a‑chum gun tugar buidheachas le mòran air ar son, as leth an tìodhlaic a thugadh dhuinn, tre mhòran.
12. Oir is e seo ar gàirdeachas, fianais ar cogais, gur ann an aon-fhillteachd agus an treibhdhireas diadhaidh, agus chan ann an gliocas feòlmhor, ach ann an gràs Dhè, a chaith sinn ar beatha anns an t‑saoghal, agus gu h‑àraidh dur taobh-se.
13. Oir chan eil sinn a’ sgrìobhadh nithean sam bith eile dur n‑ionnsaigh-se, ach nan nithean a tha sibh a’ leughadh, no a tha sibh ag aideachadh, agus a tha dùil agam a dh’aidicheas sibh gus a’ chrìoch;
14. Amhail a dh’aidich sibh an càil, gur sinne ur gàirdeachas, mar as sibhse mar an ceudna ar gàirdeachas-ne ann an là an Tighearna Iosa.
15. Agus anns a’ mhuinghinn seo b’àill leamsa teachd dur n‑ionnsaigh air tùs, ionnas gum faigheadh sibhse ath-ghràs;
16. Agus gabhail uaibhse gu Macedònia, agus teachd o Mhacedònia a‑rìs dur n‑ionnsaigh-se, agus a bhith air mo thoirt air m’aghaidh leibh anns an t‑slighe gu Iudèa.
17. Uime sin, nuair a chuir mi seo romham, an do ghnàthaich mi aotromachd? No an ann a rèir na feòla a tha mi a’ cur romham nan nithean a tha mi a’ cur romham, ionnas gum biodh agam seadh, seadh, agus chan eadh, chan eadh?
18. Ach mar a tha Dia fìrinneach, cha b’e ar còmhradh ribhse seadh agus chan eadh.
19. Oir Mac Dhè, Iosa Crìosd, a shearmonaicheadh nur measg-se leinne, eadhon leamsa, agus le Siluanus, agus le Timòteus, cha robh e na sheadh agus na chan eadh, ach annsan bha seadh.
20. Oir geallaidhean Dhè uile annsan is seadh iad, agus annsan is Amen iad, a‑chum glòir Dhè dar taobh-ne.
21. A‑nis an tì a dhaingnicheas sinne maille ribhse ann an Crìosd, agus a dh’ung sinn, is e Dia:
22. Neach mar an ceudna a chuir seula oirnn, agus a thug dhuinn geall-daingnich an Spioraid nar cridheachan.
23. Ach tha mi a’ gairm Dhè mar fhianais air m’anam, gur ann a‑chum sibhse a chaomhnadh nach tàinig mi fhathast gu Corintus.
24. Chan e gu bheil againne tighearnas air ur creideamh-se, ach is luchd-cuideachaidh sinn dur n‑aoibhneas: oir is ann tre chreideamh a sheas sibh.