A A A A A
Bible in one year
September 8

Isaiah 7:1-25
1. Ann an làithean Ahais mhic Iotaim, mhic Usiah, rìgh Iùdah, chaidh Resin rìgh Shiria, agus Pecah mac Remaliah rìgh Israeil, suas do Ierusalem, a chogadh na h‑aghaidh, ach cha b’urrainn iad buadhachadh oirre.
2. Agus dh’innseadh do thaigh Dhaibhidh, ag ràdh, Tha Siria ann an co‑bhainn ri Ephraim; agus bha a chridhe air a ghluasad, agus cridhe a shluaigh, mar a ghluaisear craobhan na coille ron ghaoith.
3. Agus thubhairt an Tighearna ri Isaiah, Rach a‑mach a‑nis an còmhdhail Ahais, thu fhèin, agus Seariasub do mhac, aig ceann sruth-chlais na linne uachdaraich, air slighe achadh an luadhadair.
4. Agus abair ris, Thoir an aire, agus bi ad thosd; na gabh eagal, agus na bi lag-chridheach, airson dà eàrr nan aithinnean smùidreach seo, airson corraich Resin agus Shiria, agus mac Remaliah.
5. Airson gun do dhealbh Siria, Ephraim, agus mac Remaliah, olc ad aghaidh, ag ràdh,
6. Rachamaid suas an aghaidh Iùdah, agus teannaicheamaid e, agus briseamaid a‑steach, agus cuireamaid rìgh suas gu rìoghachadh na mheadhon, eadhon mac Thabeail:
7. Mar seo deir an Tighearna Iehòbhah, Cha seas e, cha mhò a thig e gu crìch.
8. Ged as e ceann Shiria Damascas, agus ceann Dhamascais Resin; gidheadh an taobh a‑staigh de chòig agus trì-fichead bliadhna, bidh Ephraim air a bhriseadh, ionnas nach bi e na chinneach:
9. Ged as e ceann Ephraim Samaria, agus ceann Shamaria mac Remaliah. Mura creid sibh, gu cinnteach cha bhi sibh seasmhach.
10. Agus labhair an Tighearna fhathast ri Ahas, ag ràdh,
11. Iarr dhut fhèin comharradh on Tighearna do Dhia; iarr anns an doimhne, no anns an àirde shuas.
12. Ach thubhairt Ahas, Chan iarr mi, cha mhò a bhuaireas mi an Tighearna.
13. Agus thubhairt esan, Eisdibh a‑nis, a thaigh Dhaibhidh; am beag leibh daoine a sgìtheachadh, ach an sgìthich sibh fòs mo Dhia?
14. Air an adhbhar sin, bheir an Tighearna fhèin comharradh dhuibh; Feuch, bidh òigh torrach, agus beiridh i mac; agus bheir i Imanuel mar ainm air.
15. Im agus mil ithidh e, gus an tuig e an t‑olc a dhiùltadh, agus am math a roghnachadh.
16. Oir mun aithne don leanabh an t‑olc a dhiùltadh, agus am math a roghnachadh, fàsaichear fearann an dà rìgh leis a bheil thu air do chlaoidh.
17. Bheir an Tighearna ortsa, agus air do shluagh, agus air taigh d’athar, làithean nach robh an leithidean ann on là anns an do dhealaich Ephraim ri Iùdah; eadhon rìgh Asiria.
18. Agus tàrlaidh anns an là sin, gun gairm an Tighearna a’ chuileag a tha ann an iomall aibhnichean na h‑Eiphit, agus an seillean a tha ann an talamh Asiria:
19. Agus thig iad, agus laighidh an t‑iomlan dhiubh anns na glinn fhàsail, agus ann an còsan nan creag, agus air gach uile dhroighnich agus air gach uile phreas.
20. Anns an là sin lomaidh an Tighearna le ealtainn thuarasdail, leis an t‑sluagh air taobh thall na h‑aibhne, le rìgh Asiria, an ceann agus fionnadh nan casan; agus bearraidh i eadhon an fheusag.
21. Agus tàrlaidh anns an là sin gun àraich duine bò òg agus dà chaora:
22. Agus o phailteas a’ bhainne a bheir iad uapa, ithidh e ìm; oir ìm agus mil ithidh gach neach a dh’fhàgar anns an tìr.
23. Agus tàrlaidh anns an là sin, gach àit anns an robh mìle fìonain, air am meas air mhìle bonn airgid, gum bi e na sgitheach agus na dhroighnich.
24. Le saighdean agus leis a’ bhogha thig iad an sin; oir bidh an talamh uile na sgitheach agus na dhroighnich.
25. Agus air na h‑uile chnocan a bhios air an ruamhradh leis a’ chaibe, cha tig eagal sgithich no droighnich; ach bidh e na àirigh dhamh, agus na ionaltradh meanbh-chruidh.

Isaiah 8:1-22
1. Agus thubhairt an Tighearna rium, Gabh clàr mòr, agus sgrìobh air le inneal-sgrìobhaidh duine mu Mhaler-salal-has-bas.
2. Agus thug mi leam, a‑chum dearbhaidh, fianaisean fìrinneach Uriah an sagart, agus Sechariah mac Ieberechiah.
3. Agus dhlùthaich mi ris a’ bhan-fhàidh; agus dh’fhàs i torrach, agus rug i mac: agus thubhairt an Tighearna rium, Thoir mar ainm air Maher-salal-has-bas:
4. Oir mun aithne don leanabh M’athair agus Mo mhàthair a ràdh, togar air falbh saoibhreas Dhamascais agus creach Shamaria ro rìgh Asiria.
5. Agus labhair an Tighearna fhathast rium, ag ràdh,
6. A chionn gun do chuir an sluagh seo cùl ri uisgeachan Shilòah, a ruitheas gu sèimh; agus gu bheil iad a’ gabhail tlachd ann an Resin agus ann am mac Remaliah:
7. Uime sin, feuch, bheir an Tighearna a‑nìos orra uisgeachan na h‑aibhne, làidir agus lìonmhor, eadhon rìgh Asiria agus a uile ghreadhnachas; agus èiridh e os cionn a chlaisean uile, agus thèid e thar a uile bhruachan.
8. Agus gabhaidh e roimhe air feadh Iùdah, a’ ruith thairis agus a’ sgaoileadh; eadhon gus am muineal ruigidh e; agus lìonaidh sgaoileadh a sgiathan leud do thìre-sa, O Imanueil.
9. Cruinnichibh ri chèile, a chinneacha, agus brisear sibh nur bloighdean: èisdibh, sibhse uile a tha anns na dùthchannan fad as; crioslaichibh sibh fhèin, agus brisear sibh nur bloighdean; crioslaichibh sibh fhèin, agus brisear sibh nur bloighdean.
10. Cuiribh ur comhairle ri chèile, agus thig i gu neo-bhrìgh; labhraibh am facal, agus cha seas e; oir tha Dia leinne.
11. Oir thubhairt an Tighearna rium, le làimh làidir, agus theagasg e mi, a‑chum nach siùbhlainn ann an slighe an t‑sluaigh seo, ag ràdh,
12. Na abraibh-sa co‑bhainn ris gach nì ris an abair an sluagh seo co‑bhainn; agus na gabhaibh eagal ron uamhas-san, agus na biodh geilt oirbh.
13. Tighearna nan sluagh, naomhaichibh esan fhèin; agus biodh esan dhuibh na chùis-eagail, agus biodh esan dhuibh na adhbhar ball-chrith.
14. Agus bidh e na ionad naomh; ach na chloich-thuislidh, agus na charraig-oilbheim do dhà thaigh Israeil, na lìon agus na ribe do luchd-àiteachaidh Ierusaleim.
15. Agus gheibh mòran nam measg tuisleadh, agus tuitidh iad, agus brisear iad, agus ribear agus glacar iad.
16. Ceangail suas an fhianais, seulaich an lagh am measg mo dheisciobal-sa.
17. Ach feithidh mise ris an Tighearna a tha a’ falach a ghnùise o thaigh Iàcoib, agus bidh sùil agam ris.
18. Feuch, tha mise agus a’ chlann a thug an Tighearna dhomh nar comharraidhean agus nar n‑iongantasan ann an Israel, o Thighearna nan sluagh a tha na chòmhnaidh ann an sliabh Shioin.
19. Agus nuair a their iad ribh, Iarraibh a‑chum nam ban-fhiosaichean, agus a‑chum nan draoidhean, muinntir a nì bìdeil agus borbhanaich; nach bu chòir do shluagh iarraidh a‑chum an Dè? An ann a dh’iarradh iad a‑chum nam marbh, an àite nam beò?
20. Iarradh iad a‑chum an lagha agus a‑chum na fianais: mura labhair iad a rèir an fhacail seo, is ann a chionn nach eil solas annta.
21. Agus siùbhlaidh gach aon da thrìd, ann an teinn agus ann an gorta; agus tàrlaidh, nuair a bhios e ann an gorta, gum bi corraich air ris fhèin, agus mallaichidh e a rìgh agus a Dhia, agus e a’ sealltainn suas.
22. Agus seallaidh e air an talamh, agus feuch teanntachd agus doilleireachd; dubhar an àmhghair, agus tiugh-dhorchadas.

Salm 105:37-45
37. Agus thug e a‑mach iad le airgead agus le òr, agus nan treubhan uile cha robh aon neach lag.
38. Bha aoibhneas air an Eiphit nuair a chaidh iad a‑mach, oir thuit an eagal-san orra.
39. Sgaoil e neul mar chòmhdach, agus teine gu solas a thoirt anns an oidhche.
40. Dh’iarr iad, agus thug e dhaibh gearra-goirt, agus le aran nèimh shàsaich e iad.
41. Dh’fhosgail e a’ chreag, agus bhrùchd uisgeachan a‑mach; ruith iad air na h‑ionadan tioram mar abhainn.
42. Oir chuimhnich e a ghealladh naomh do Abrahàm, a sheirbhiseach.
43. Agus thug e a‑mach a shluagh le aoibhneas, a dhaoine taghte le gàirdeachas.
44. Agus thug e dhaibh fearann nan cinneach, agus shealbhaich iad saothair nan sluagh;
45. A‑chum gun tugadh iad fa‑near a reachdan, agus gun gleidheadh iad a laghan. Molaibh an Tighearna.

Gnàth-fhacal 24:30-34
30. Ghabh mi seachad air fearann an duine leisg, agus air fìonlios an duine gun tuigse;
31. Agus, feuch, bha e uile air fàs suas le cluarain, chòmhdaich an fheanntagach a aghaidh, agus bhriseadh sìos a bhalla cloiche.
32. An sin chunnaic mi, thug mi an aire gu math; dh’amhairc mi, fhuair mi fòghlam.
33. Fhathast beagan cadail, beagan clò-chadail, beagan pasgadh nan làmh gu cadal:
34. An sin thig do bhochdainn mar fhear-siubhail, agus d’uireasbhaidh mar dhuine fo airm.

1 Corintianach 16:1-24
1. A‑nis a‑thaobh an tionail airson nan naomh, mar a dh’òrdaich mi do eaglaisean Ghalàtia, mar sin dèanaibh-se mar an ceudna.
2. Air ciad là gach seachdain, cuireadh gach aon agaibh nì air leth anns an ionmhas a‑chum nach bi tional ri dhèanamh nuair a thig mise.
3. Agus nuair a thig mi, cò air bith iad a mholas sibh le ur litrichean, cuiridh mi iadsan a ghiùlan ur tabhartasan gu Ierusalem.
4. Agus mas iomchaidh mise a dhol mar an ceudna, thèid iadsan am chuideachd.
5. Agus thig mi dur n‑ionnsaigh-se, nuair a thèid mi tro Mhacedònia (oir tha mi a’ dol tro Mhacedònia:)
6. Agus faodaidh e a bhith gum fan mi, no eadhon gun caith mi an geamhradh maille ribh, a‑chum gun toir sibh air m’aghaidh mi, ge bè àite don tèid mi.
7. Oir chan àill leam ur faicinn a‑nis anns an dol seachad; ach tha dùil agam fantainn rè tamaill maille ribh, ma leigeas an Tighearna dhomh.
8. Ach fanaidh mi ann an Ephesus gu Caingis.
9. Oir dh’fhosgladh doras mòr agus èifeachdach dhomh, agus tha mòran eascairdean ann.
10. A‑nis ma thig Timòteus, feuchaibh gum bi e gun eagal maille ribh: oir tha e a’ saothrachadh ann an obair an Tighearna, mar a tha mise.
11. Uime sin na dèanadh neach sam bith tàir air: ach thugaibh air aghaidh e ann an sìth, a‑chum gun tig e am ionnsaigh-sa: oir tha sùil agam ris maille ris na bràithrean.
12. Mu thimcheall ar bràthar Apollos, ghuidh mi gu dùrachdach air teachd dur n‑ionnsaigh-se maille ris na bràithrean: ach cha b’i a thoil air chor sam bith teachd aig an àm seo; ach thig e nuair a gheibh e àm iomchaidh.
13. Dèanaibh faire, seasaibh gu daingeann anns a’ chreideamh, bithibh fearail, bithibh làidir.
14. Biodh ur n‑uile nithean air an dèanamh le gràdh.
15. Agus guidheam oirbh, a bhràithrean (o is aithne dhuibh teaghlach Stephanuis, gur iad ciad-thoradh Achaia, agus gun tug iad iad fhèin a‑chum frithealaidh do na naoimh),
16. Gum bi sibh umhail dan leithidean sin, agus do gach aon a nì obair agus saothair maille rinne.
17. Tha mi subhach ri teachd Stephanuis, agus Fhortunatuis, agus Achaicuis: oir rinn iad suas an nì sin a bha a dh’uireasbhaidh dur taobh-se.
18. Oir thug iad suaimhneas dom spiorad-sa, agus dur spiorad-se: uime sin biodh meas agaibh air an leithidean sin.
19. Tha eaglaisean na h‑Asia a’ cur fàilte oirbh. Tha Acuila agus Priscila, maille ris an eaglais a tha nan taigh, a’ cur mòr-fhàilte oirbh anns an Tighearna.
20. Tha na bràithrean uile a’ cur fàilte oirbh. Cuiribh-se fàilte air a chèile le pòig naoimh.
21. Fàilte uamsa Pòl lem làimh fhèin.
22. Ma tha neach sam bith nach gràdhaich an Tighearna Iosa Crìosd, biodh e na Anatèma, Maranàta.
23. Gu robh gràs an Tighearna Iosa Crìosd maille ribh.
24. Mo ghràdh-sa maille ribh uile ann an Iosa Crìosd. Amen.