A A A A A
Bible in one year
September 7

Isaiah 5:1-30
1. Seinnidh mi a‑nis do fhear mo ghràidh, òran le fear mò ghràidh mu thimcheall a lios-fìona. Bha aig mo ghràdh-sa fìonlios air cnoc àrd tairbheach.
2. Agus chuir e callaid ma thimcheall agus ghlan e na clachan as, agus shuidhich e rogha fìonain ann, agus thog e tùr na mheadhon, agus cuideachd chladhaich e amar-fìona agus dh’amhairc e a dh’fheuchainn an tugadh e a‑mach dearcan fìona, agus thug e a‑mach dearcan fiadhain.
3. Agus a‑nis, O luchd-àiteachaidh Ierusaleim, agus fheara Iùdah, thugaibh breith, guidheam oirbh, eadar mise agus m’fhìonlios.
4. Ciod tuilleadh a ghabhadh dèanamh rim fhìonlios nach do rinn mi ris? Carson, nuair a dh’amhairc mi an tugadh e a‑mach dearcan fìona, a thug e a‑mach dearcan fiadhain?
5. Agus a‑nis thigibh, nochdaidh mise dhuibh ciod a nì mi rim fhìonlios; bheir mi air falbh a challaid, agus ithear suas e; brisidh mi a bhalla, agus bidh e air a shaltairt sìos.
6. Agus cuiridh mi fàs e; cha sgathar e, agus cha ruamhairear e; ach fàsaidh an dris agus an droigheann ann; agus bheir mi àithne do na neòil nach fras iad uisge air.
7. Oir is e fìonlios Tighearna nan sluagh taigh Israeil, agus daoine Iùdah luibh a mhòr thlachd; agus bha sùil aige ri breitheanas, agus feuch aintighearnas; ri ceartas, agus feuch gaoir ghoirt.
8. Is an‑aoibhinn dhuibhse a tha a’ cur taighe ri taigh, agus a’ cur achaidh ri achadh, gus nach bi àit ann, agus gun gabh sibh còmhnaidh air leth ann am meadhon na tìre!
9. Ann am chluasan thubhairt Tighearna nan sluagh, Gu deimhinn bidh iomadh taigh fàs, taighean mòra agus maiseach, gun neach a’ gabhail còmhnaidh annta.
10. Bheir deich acraichean de fhìonlios aon bhat fìona, agus bheir homer de shìol uaithe ephah.
11. Is an‑aoibhinn dhaibhsan a dh’èireas gu moch anns a’ mhadainn, a dhol an dèidh dibhe làidir; a bhuanaicheas gu feasgar, ionnas gun cuir am fìon teas orra!
12. Agus tha a’ chlàrsach, agus a’ chruit-chiùil, agus an tabor, agus a’ phìob, agus fìon nan cuirmean: ach obair an Tighearna chan eil iad a’ cur an suim, agus gnìomh a làmh chan eil iad a’ toirt fa‑near.
13. Uime sin tha mo shluagh air dol ann am braighdeanas, a chionn gu bheil iad gun eòlas; agus tha an uaislean air bàsachadh le gort, agus an ìslean air tiormachadh le tart.
14. Air an adhbhar sin mheudaich an uaigh a cìocras, agus dh’fhosgail i a beul thar tomhas; agus thèid an glòir, agus am mòr-shluagh, agus an greadhnachas, agus esan a tha ri aighear, sìos da h‑ionnsaigh.
15. Agus leagar sìos an duine suarach, agus ìslichear an duine cumhachdach, agus ìslichear sùilean nan uaibhreach.
16. Ach bidh Tighearna nan sluagh air àrdachadh ann am breitheanas; agus bidh an Dia naomh air a naomhachadh ann an ceartas.
17. An sin ionaltraidh na h‑uain mar as àbhaist dhaibh; agus ithidh coigrich machraichean fàsail na muinntir reamhair.
18. Is an‑aoibhinn dhaibhsan a tha a’ tarraing aingidheachd le cùird dìomhanais, agus peacaidh mar le taodan feuna:
19. A their, Dèanadh e deifir, luathaicheadh e a obair, a‑chum gum faic sinn; agus dlùthaicheadh comhairle Tì naomh Israeil, agus thigeadh i gu crìch, a‑chum gum bi fhios againn.
20. Is truagh dhaibhsan a their math ri olc, agus olc ri math; a tha a’ cur dorchadais an àite solais, agus solais an àite dorchadais; a tha a’ cur an t‑seirbh an àit a’ mhilis, agus a’ mhilis an àit an t‑seirbh.
21. Is truagh dhaibhsan a tha glic nam barail fhèin, agus nam beachd fhèin tuigseach.
22. Is truagh dhaibhsan a tha làidir a dh’òl fìona, agus nan daoine neartmhor a mheasgadh dibhe làidir:
23. A tha a’ saoradh a’ chiontaich airson duaise; agus a’ toirt ionracais an fhìrein air falbh uaithe.
24. Uime sin mar a dh’imlicheas teanga an teine suas an asbhuain, agus a chnàmhas an lasair am moll, mar sin bidh am freumh-san mar fhiodh grod, agus thèid am blàth suas mar dhuslach; a chionn gun do dhiùlt iad le tàir lagh Tighearna nan sluagh, agus gun do chuir iad cùl ri facal Tì naomh Israeil.
25. Air an adhbhar sin tha corraich an Tighearna air lasadh an aghaidh a shluaigh; agus shìn e a‑mach a làmh nan aghaidh, agus bhuail e iad; agus chriothnaich na slèibhtean, agus bha an colainnean mar aolach air meadhon nan sràidean. Airson seo uile, chan eil a chorraich air tilleadh air falbh; ach tha a làmh fhathast sìnte a‑mach.
26. Agus togaidh e suas bratach do na cinnich am fad as, agus nì e fead air an son o iomall na talmhainn; agus, feuch, le deifir thig iad gu luath.
27. Cha bhi aon neach fann, agus cha bhi aon neach tuisleach nam measg; cha tig clò, cha tig cadal air aon dhiubh; chan fhuasglar crios an leasraidh, agus cha bhrisear barr-iall am bròg.
28. Aig a bheil an saighdean geuraichte, agus am boghachan uile air ghleus; bidh iongannan an each air am meas mar ailbhinn, agus an rothan mar chuairt-ghaoith.
29. Bidh am beucaich mar leòmhann boireann; beucaidh iad mar leòmhainn òga; agus nì iad nuallan, agus glacaidh iad a’ chreach, agus togaidh iad leo i, agus cha bhi neach ann a theasairgeas.
30. Agus anns an là sin beucaidh iad nan aghaidh, mar bheucaich na fairge; agus seallaidh iad air an talamh, agus, feuch, dorchadas agus teanntachd; agus bidh an solas air a dhorchachadh anns na speuran.

Isaiah 6:1-13
1. Anns a’ bhliadhna anns an d’fhuair rìgh Usiah bàs, chunnaic mi an Tighearna na shuidhe air cathair rìoghail, àrd agus togte suas; agus lìon iomall a thrusgain an teampall.
2. Os a chionn sheas seraphim: aig gach aon bha sia sgiathan; le dithis chòmhdaich e a aghaidh, agus le dithis chòmhdaich e a chasan, agus le dithis rinn e itealaich.
3. Agus ghlaodh iad, gach aon ri a chèile, agus thubhairt iad, Is naomh, naomh, naomh Tighearna nan sluagh; tha an talamh uile làn de a ghlòir.
4. Agus ghluais ursainnean an dorais le guth an tì a ghlaodh, agus lìonadh an taigh le deataich.
5. Agus thubhairt mi, Mo thruaighe mise! Oir chaidh as dhomh; oir is duine mi aig a bheil bilean neòghlan, agus am measg sluaigh aig a bheil bilean neòghlan tha mi am chòmhnaidh; oir chunnaic mo shùilean an Rìgh, Tighearna nan sluagh.
6. An sin thàinig aon de na seraphim ag itealaich am ionnsaigh, agus na làimh èibhleag bheò, a thug e leis a’ chlobha bhàrr na h‑altarach;
7. Agus bhean e rim bheul, agus thubhairt e, Feuch, bhean seo rid bhilean; agus tha d’aingidheachd air a toirt air falbh, agus do lochd air a ghlanadh.
8. Agus chuala mi guth an Tighearna ag ràdh, Cò leis a chuireas mi fios? Agus cò a thèid air ar son? Agus thubhairt mi, Feuch, tha mise an seo; cuir fios leamsa.
9. Agus thubhairt e, Rach, agus abair ris an t‑sluagh seo, Cluinnibh da‑rìribh ach na tuigibh; agus seallaibh da‑rìribh, ach na tugaibh fa‑near.
10. Dèan cridhe an t‑sluaigh seo reamhar, agus dèan an cluasan trom, agus druid an sùilean; mum faic iad len sùilean, agus mun cluinn iad len cluasan, agus mun tuig iad len cridheachan, agus gun iompaichear iad, agus gum bi iad air an slànachadh.
11. An sin thubhairt mise, Cia fhad, a Thighearna? Agus thubhairt esan, Gus an cuirear bailtean fàs, gun neach gan àiteachadh; agus taighean, gun duine a’ gabhail còmhnaidh annta; agus gum bi am fearann gu tur air a fhàsachadh;
12. Agus gum fògair an Tighearna daoine am fad as; agus gum bi fàsalachd mhòr ann am meadhon na tìre.
13. Ach fhathast bidh deicheamh innte; agus tillidh e, agus caithear e; mar an cuileann agus an darach, aig a bheil brìgh annta, ged thilg iad an duilleach; mar sin bidh sìol naomh na bhrìgh inntese.

Salm 105:23-26
23. Agus thàinig Israel don Eiphit, agus bha Iàcob air chuairt ann an tìr Cham.
24. Agus thug e air a shluagh fàs ro‑lìonmhor, agus rinn e na bu treasa iad na an naimhdean.
25. Dh’iompaich e an cridhe gu fuath a thoirt da shluagh, agus gu buntainn gu cealgach ra sheirbhisich.
26. Chuir e dan ionnsaigh Maois, a òglach fhèin, Aaron a thagh e.

Gnàth-fhacal 24:28-29
28. Na bi ann ad fhianais gun adhbhar an aghaidh do choimhearsnaich; agus na meall led bhilean.
29. Na abair, Mar a rinn e orm, mar sin nì mi air: ìocaidh mi don duine a rèir a obrach.

1 Corintianach 15:29-58
29. No ciod a nì iadsan a bhaistear airson nam marbh, mura èirich na mairbh air aon dòigh? Carson mas eadh a bhaistear iad airson nam marbh?
30. Agus carson a tha sinne an gàbhadh gach uair?
31. Air ur gàirdeachas-se a tha agam ann an Iosa Crìosd ar Tighearna, tha mi a’ faghail a’ bhàis gach là.
32. Ma chòmhraig mi mar dhuine ri fiadh-bheathaichean ann an Ephesus, ciod i mo thairbhe, mura èirich na mairbh? Itheamaid agus òlamaid, oir a‑màireach gheibh sinn bàs.
33. Na meallar sibh: truaillidh droch choluadar deagh bheusan.
34. Dùisgibh a‑chum fìreantachd, agus na dèanaibh peacadh; oir chan eil eòlas Dhè aig cuid; a‑chum ur nàire tha mi a’ labhairt seo.
35. Ach their neach-eigin, Cionnas a dh’èireas na mairbh? Agus ciod a’ ghnè cuirp leis an tig iad?
36. Amadain, an nì sin a chuireas tu, cha bheothaichear e, mura bàsaich e air tùs:
37. Agus an nì a chuireas tu, chan e an corp a bhios a tha thu a’ cur, ach gràinne lom, faodaidh e a bhith de chruithneachd, no de sheòrsa-eigin eile:
38. Ach tha Dia a’ toirt cuirp dha mar a bu toil leis, agus do gach uile shìol a chorp fhèin.
39. Chan aon fheòil gach uile fheòil: ach tha feòil air leth aig daoine, agus feòil eile aig ainmhidhean, feòil eile aig iasg, agus feòil eile aig eunlaith.
40. Agus tha cuirp nèamhaidh ann, agus cuirp thalmhaidh: gidheadh tha glòir air leth aig na cuirp nèamhaidh, agus glòir eile aig na cuirp thalmhaidh.
41. Tha aon ghlòir aig a’ ghrèin, agus glòir eile aig a’ ghealaich, agus glòir eile aig na reultan; oir tha eadar-dhealachadh eadar reul agus reul a‑thaobh glòire.
42. Agus is ann mar sin a bhios aiseirigh nam marbh. Cuirear ann an truaillidheachd e; togar ann an neo-thruaillidheachd e:
43. Cuirear e ann an eas-urram; togar ann an glòir e: cuirear ann an anfhainneachd e; èiridh e ann an cumhachd:
44. Cuirear e na chorp nàdarra; èiridh e na chorp spioradail. Tha corp nàdarra ann, agus corp spioradail.
45. Agus mar seo tha e sgrìobhte, Rinneadh an ciad dhuine Adhamh na anam beò, an t‑Adhamh deireannach na Spiorad a bheothaicheas.
46. Gidheadh chan e an nì spioradail a bha ann air tùs, ach an nì nàdarra; agus na dhèidh sin an nì spioradail.
47. An ciad duine on talamh, talmhaidh: an dara duine, an Tighearna o nèamh.
48. Mar an duine talmhaidh, is amhail sin iadsan a tha talmhaidh: agus mar a tha an duine nèamhaidh, is ann mar sin iadsan a tha nèamhaidh.
49. Agus mar a ghiùlain sinn ìomhaigh an duine thalmhaidh, giùlanaidh sinn mar an ceudna ìomhaigh an duine nèamhaidh.
50. A‑nis seo tha mi ag ràdh, a bhràithrean, nach faodar le feòil agus fuil rìoghachd Dhè a shealbhachadh; cha mhò a shealbhaicheas truaillidheachd neo-thruaillidheachd.
51. Feuch, tha mi a’ labhairt nì diamhair ribh; cha chaidil sinn uile, ach caochlaidhear sinn uile,
52. Ann an tiota, ann am priobadh na sùla, ri guth na trompaid deireannaich (oir sèididh an trompaid), agus èiridh na mairbh neo-thruaillidh, agus caochlaidhear sinne.
53. Oir is èiginn don chorp thruaillidh seo neo-thruaillidheachd a chur uime, agus don chorp bhàsmhor seo neo-bhàsmhorachd a chur uime.
54. Agus nuair a chuireas an corp truaillidh seo neo-thruaillidheachd uime, agus a chuireas an corp bàsmhor seo neo-bhàsmhorachd uime, an sin coileanar am facal a tha sgrìobhte, Shluigeadh suas am bàs le buaidh.
55. O bhàis, càit a bheil do ghath? O uaigh, càit a bheil do bhuaidh?
56. Is e am peacadh gath a’ bhàis; agus is e neart a’ pheacaidh an lagh:
57. Ach buidheachas do Dhia, a tha a’ toirt dhuinne na buadha, tre ar Tighearna Iosa Crìosd.
58. Uime sin, mo bhràithrean gràdhach, bithibh-se daingeann, neo-ghluasadach, a’ sìor mheudachadh ann an obair an Tighearna, air dhuibh fios a bhith agaibh nach eil ur saothair dìomhain anns an Tighearna.