Isaiah 1:1-31 |
1. Taisbeanadh Isaiah mhic Amois, a chunnaic e mu thimcheall Iùdah, agus Ierusaleim, ann an làithean Usiah, Iotaim, Ahais, agus Heseciah, rìghrean Iùdah. |
2. Cluinnibh, O nèamhan, agus tabhair èisdeachd, O thalaimh, oir tha an Tighearna a’ labhairt: Dh’altraim mise, agus thog mi suas clann; agus rinn iadsan ceannairc am aghaidh. |
3. Is aithne don damh a shealbhadair, agus don asail prasach a maighistir; ach chan aithne do Israel; chan eil mo shluagh-sa a’ toirt fa‑near. |
4. Ah, cinneach peacach! Sluagh luchdaichte le aingidheachd! Sìol nan daoi! Clann a tha nam milltearan! Thrèig iad an Tighearna, bhrosnaich iad Tì naomh Israeil gu feirg, dh’fhalbh iad air an ais. |
5. Carson a bhuailear sibh nas mò? Thèid sibh nas fhaide agus nas fhaide air seachran. Tha an ceann uile tinn, agus an cridhe uile fann. |
6. O bhonn na coise gu ruig an ceann, chan eil fallaineachd ann; ach lot, agus bruthadh, agus creuchd lobhte; cha do theannaicheadh ri chèile iad, cha do cheangladh suas iad, cha do thaisicheadh le ola iad. |
7. Tha ur tìr fàs, tha ur bailtean air an losgadh le teine; ur fearann, tha coigrich ga ithe suas nur làthair; agus dh’fhàsaicheadh e, mar gum biodh e air a sgrios le sluagh coimheach. |
8. Agus tha nighean Shioin air a fàgail mar bhothan ann am fìonlios, mar thaigh-fasgaidh ann an gàrradh chularan, mar bhaile air a theannachadh le naimhdean. |
9. Mura biodh gun d’fhàg Tighearna nan sluagh iarmad ro‑bheag againn, is ann a bhitheamaid mar Shòdom, bhitheamaid cosmhail ri Gomorrah. |
10. Cluinnibh facal an Tighearna, O uachdarana Shòdoim; èisdibh ri lagh ar Dè‑ne, a mhuinntir Ghomorrah: |
11. Ciod e lìonmhorachd ur n‑ìobairtean dhòmhsa? deir an Tighearna: tha mi làn de thabhartasan-loisgte reitheachan, agus de shaill bheathaichean biadhte; ach ann am fuil tharbh, agus uan, agus bhoc ghoibhre, chan eil mo thlachd. |
12. Nuair a thig sibh gu ur taisbeanadh fhèin ann am làthair-sa, cò a dh’iarr seo air ur làimh, mo chùirtean-sa a shaltairt? |
13. Na tugaibh tabhartas dìomhain uaibh nas mò: tha tùis na gràinealachd dhomh; a’ ghealach ùr, agus an t‑sàbaid, gairm a’ cho-chruinneachaidh, chan fhaodar leam fhulang; is euceart eadhon an co‑ghairm naomh. |
14. Ur gealaichean ùra, agus ur fèillean suidhichte, is fuath lem anam; tha iad nan eallaich orm; tha mi sgìth den giùlan. |
15. Agus nuair a shìneas sibh a‑mach ur làmhan, falaichidh mise mo shùilean uaibh; seadh nuair a nì sibh iomadh ùrnaigh, chan èisd mi: tha ur làmhan làn fala. |
16. Nighibh, glanaibh; cuiribh air falbh olc ur dèanadais as mo shealladh; sguiribh den olc. |
17. Fòghlamaibh math a dhèanamh; iarraibh breitheanas; dèanaibh fuasgladh air an fhear a tha sàraichte; cumaibh còir ris an dìlleachdan; tagraibh cùis na bantraich. |
18. Thigibh a‑nis, agus tagramaid ri chèile, deir an Tighearna; ged robh ur peacaidhean mar an sgàrlaid, bidh iad geal mar an sneachd; ged robh iad dearg mar chorcar, bidh iad mar olainn. |
19. Ma bhios sibh toileach agus umhail, ithidh sibh toradh math an fhearainn: |
20. Ach ma bhios sibh eas-umhail agus ceannairceach, ithear suas sibh leis a’ chlaidheamh; oir labhair beul an Tighearna e. |
21. Cionnas a dh’fhàs a’ chathair dhìleas na strìopaich! Bha i làn de bhreitheanas, bha ionracas a’ gabhail còmhnaidh innte, ach a‑nis mortairean. |
22. Tha d’airgead air fàs na shalchar; tha d’fhìon air a mheasgadh le uisge: |
23. Tha d’uachdarain ceannairceach, agus nan companaich mhèirleach; tha gach aon dhiubh an geall air tìodhlac, agus a’ leantainn dhuaisean; ris an dìlleachdan chan eil iad a’ cumail cothroim, agus cìs na bantraich chan eil a’ teachd nan làthair. |
24. Uime sin deir an Tighearna, Tighearna nan sluagh, Tì cumhachdach Israeil, Aha! bheir mi fois dhomh fhèin a‑thaobh m’eascairdean; dìolaidh mi mi fhèin air mo naimhdean. |
25. Agus tillidh mi mo làmh ort, agus glanaidh mi uat do shalchar gu ro‑ghlan, agus bheir mi air falbh d’uile staoin. |
26. Agus aisigidh mi do bhritheamhan mar air tùs, agus do chomhairlichean mar a bha iad an toiseach; na dhèidh sin goirear dhìot baile na fìreantachd, a’ chathair dhìleas. |
27. Saorar Sion ann am breitheanas, agus a muinntir iompaichte ann am fìreantachd. |
28. Agus claoidhear luchd-easaontais agus peacaich maraon; agus bidh iadsan a thrèigeas an Tighearna air an caitheamh as. |
29. Oir gabhaidh iad nàire de na daragan a mhiannaich sibh; agus bidh rudhadh gruaidh oirbh airson nan liosan a roghnaich sibh: |
30. Oir bidh sibh mar dharaig aig a bheil a duilleach air seargadh, agus mar lios anns nach eil uisge. |
31. Agus bidh an duine làidir mar asgart, agus a obraiche mar shrad: agus loisgidh iad le chèile cuideachd, agus cha bhi neach ann a mhùchas iad. |
Isaiah 2:1-22 |
1. Am facal a chunnaic Isaiah mac Amois mu thimcheall Iùdah agus Ierusaleim. |
2. Tàrlaidh anns na làithean deireannach gum bi sliabh taigh an Tighearna air a dhaingneachadh air mullach nan slèibhtean; agus àrdaichear e os cionn nam beann; agus sruthaidh na h‑uile chinnich da ionnsaigh. |
3. Agus thèid mòran shlògh, agus their iad, Thigibh, agus rachamaid suas gu sliabh an Tighearna, gu taigh Dhè Iàcoib; agus teagaisgidh e sinn ma shlighean, agus imichidh sinn na cheuman; oir o Shion thèid an lagh a‑mach, agus facal an Tighearna o Ierusalem. |
4. Agus bheir e breith am measg nan cinneach, agus bheir e achmhasan do mhòran shlògh; agus buailidh iad an claidheamhan gu coltairean, agus an sleaghan gu corrain-sgathaidh; cha tog cinneach claidheamh an aghaidh cinnich, agus chan fhòghlaim iad cogadh nas mò. |
5. O thaigh Iàcoib, thigibh agus imicheamaid ann an solas an Tighearna. |
6. Air an adhbhar sin thrèig thu do shluagh, taigh Iàcoib, a chionn gu bheil iad air an lìonadh on àird an ear, agus nan luchd-fiosachd mar na Philistich; agus tha an tlachd ann an cloinn choigreach. |
7. Agus tha an tìr air a lìonadh le airgead agus òr, agus chan eil crìoch air an ionmhasan; tha an tìr air a lìonadh le eich, agus chan eil crìoch air an carbadan. |
8. Tha an tìr fòs air a lìonadh le iodhalan; tha iad a’ sleuchdadh do obair an làmh fhèin, don nì sin a rinn am meòir fhèin. |
9. Agus tha an duine suarach a’ cromadh sìos, agus tha an duine àrd ga ìsleachadh fhèin; agus cha tabhair thusa maitheanas dhaibh. |
10. Imich a‑steach don charraig, agus falaich thu fhèin anns an ùir, ro uamhas an Tighearna, agus o ghlòir a mhòrachd. |
11. Islichear sealladh uaibhreach an duine mhòir, agus leagar sìos àrdan nan daoine suarach; agus bidh an Tighearna na aonar air a àrdachadh anns an là sin. |
12. Oir thig là Tighearna nan sluagh air gach neach a tha uaibhreach agus àrd, agus air gach neach a tha air a thogail suas, agus leagar sìos e; |
13. Agus air uile sheudairean Lebanoin, a tha àrd agus togte suas; agus air uile dharagan Bhasain; |
14. Agus air na h‑uile bheanntan àrda, agus air na h‑uile chnocan a tha togte suas; |
15. Agus air gach tùr àrd, agus air gach balla daingnichte; |
16. Agus air uile longan Tharsis, agus air na h‑uile dhealbhan sgiamhach. |
17. Agus ìslichear uabhar an duine mhòir, agus leagar sìos àrdan nan daoine suarach; agus bidh an Tighearna na aonar air àrdachadh anns an là sin. |
18. Agus cuiridh e na h‑iodhalan gu buileach air cùl. |
19. Agus thèid iad a‑steach ann an còsan nan creag, agus ann an tuill na talmhainn, ro uamhas an Tighearna, agus o ghlòir a mhòrachd, nuair a dh’èireas e a chrathadh na talmhainn gu h‑uamhasach. |
20. Anns an là sin tilgidh duine iodhalan airgid agus iodhalan òir, a rinn iad, gach aon dha fhèin, gu sleuchdadh dhaibh, a‑chum nam famh agus a‑chum nan ialtag; |
21. Gu dol a‑steach ann an còsan nan creag, agus ann am mullaichean nan sgeir, ro uamhas an Tighearna, agus o ghlòir a mhòrachd, nuair a dh’èireas e a chrathadh na talmhainn gu h‑uamhasach. |
22. Leigibh dhibh ur dùil ri duine, aig a bheil a anail na chuinneanan; oir ciod am fàth mun gabhar meas dheth? |
Salm 105:1-6 |
1. O thugaibh buidheachas don Tighearna; gairmibh air a ainm; foillsichibh am measg nan sluagh a ghnìomharan. |
2. Seinnibh dha; seinnibh sailm dha; labhraibh air a obraichean iongantach-san gu lèir. |
3. Dèanaibh uaill as a ainm naomh-san; biodh gàirdeachas air cridhe na dream a dh’iarras an Tighearna. |
4. Iarraibh an Tighearna agus a neart; iarraibh a ghnùis a‑ghnàth. |
5. Cuimhnichibh a obraichean iongantach a rinn e, a chomharraidhean agus breitheanais a bheòil, |
6. O sibhse a shliochd Abrahàim a òglach-san, sibhse a chlann Iàcoib, a dhaoine taghte-san. |
Gnàth-fhacal 24:23-25 |
23. Buinidh na nithean seo mar an ceudna do dhaoine glice. Cha mhath an nì gnùis aithneachadh ann am breitheanas. |
24. Esan a their ris an aingidh, Tha thu cothromach, mallaichidh an sluagh e; gabhaidh na fineachan gràin dheth. |
25. Ach bidh toil-inntinn acasan a chronaicheas e, agus thig beannachadh math orra. |
1 Corintianach 14:21-40 |
21. Tha e sgrìobhte anns an lagh, Labhraidh mi ris a’ phoball seo ann an teangaidhean eile, agus le bilean eile: gidheadh an dèidh sin uile chan èisd iad rium, tha an Tighearna ag ràdh. |
22. Uime sin tha teangaidhean coimheach nan comharradh, chan ann don dream a tha a’ creidsinn, ach dhaibhsan a tha mì‑chreidmheach: ach tha fàidheadaireachd chan ann air an son-san nach eil a’ creidsinn, ach air an son-san a tha a’ creidsinn. |
23. Uime sin ma chruinnicheas an eaglais uile anns an aon àit, agus ma labhras iad uile le teangaidhean coimheach, agus gun tig dream a tha gun fhòghlam a‑steach, no daoine mì‑chreidmheach, nach abair iad gu bheil sibh air a’ chuthach? |
24. Ach ma nì iad uile fàidheadaireachd, agus gun tig duine gun chreideamh a‑steach, no neach a tha gun fhòghlam, cronaichear e leis na h‑uile, agus bheirear breith air leis na h‑uile: |
25. Agus mar sin tha nithean falaichte a chridhe air am foillseachadh; agus mar sin, air dha tuiteam air a aghaidh, nì e adhradh do Dhia, ag aithris gu bheil Dia gu fìrinneach annaibhse. |
26. Ciod e sin, matà, a bhràithrean? Nuair a tha sibh a’ teachd an ceann a chèile, tha salm, tha teagasg, tha teanga, tha foillseachadh, tha eadar-theangachadh, aig gach aon agaibh. Dèanar na h‑uile nithean a‑chum fòghlaim. |
27. Ma labhras aon neach ann an teangaidh choimhich, labhradh dithis, no air a’ chuid as mò triùir, agus sin an dèidh a chèile; agus dèanadh a h‑aon eadar-theangachadh. |
28. Ach mura bi eadar-theangair ann, fanadh e na thosd anns an eaglais; no labhradh e ris fhèin, agus ri Dia. |
29. Labhradh dithis no triùir de na fàidhean, agus thugadh a’ chuid eile breith. |
30. Ach ma dh’fhoillsichear nì do neach eile a tha na shuidhe, biodh an ciad dhuine na thosd. |
31. Oir faodaidh sibh uile fàidheadaireachd a dhèanamh, gach aon an dèidh a chèile, a‑chum gum faigh na h‑uile fòghlam, agus na h‑uile comhfhurtachd. |
32. Agus tha spioradan nam fàidhean umhail do na fàidhean. |
33. Oir chan e Dia ùghdar na mì‑riaghailt, ach na sìthe, mar ann an eaglaisean nan naomh uile. |
34. Biodh ur mnathan nan tosd anns na h‑eaglaisean; oir chan eil e ceadaichte dhaibh labhairt; ach is còir dhaibh a bhith umhail, mar tha an lagh mar an ceudna ag ràdh. |
35. Agus mas miann leo nì sam bith fhòghlam, feòraicheadh iad dem fir fhèin aig an taigh e: oir is mì‑chiatach do mhnathan labhairt anns an eaglais. |
36. An ann uaibhse a thàinig facal Dhè a‑mach? No an ann dur n‑ionnsaigh-se a‑mhàin a thàinig e? |
37. Ma shaoileas duine sam bith gur fàidh, no gur duine spioradail e fhèin, aidicheadh e na nithean a tha mise a’ sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh, gur iad àitheantan an Tighearna. |
38. Ach ma tha neach sam bith aineolach, biodh e aineolach. |
39. Uime sin, a bhràithrean, biodh ro‑thogradh agaibh air fàidheadaireachd a dhèanamh, agus na bacaibh labhairt le teangaidhean. |
40. Dèanar na h‑uile nithean gu deagh-mhaiseach, agus a rèir òrdaigh. |