A A A A A
Bible in one year
September 30

Isaiah 51:1-23
1. Eisdibh rium, sibhse a tha a’ leantainn fìreantachd, sibhse a tha ag iarraidh an Tighearna; seallaibh ris a’ charraig on do ghearradh a‑mach sibh, agus ri sloc na h‑uamha on do chladhaicheadh sibh.
2. Seallaibh air Abrahàm ur n‑athair, agus air Sàrah a rug sibh; oir ghairm mise e na aonar, agus bheannaich mi e, agus rinn mi lìonmhor e.
3. Oir bheir an Tighearna comhfhurtachd do Shion; bheir e comhfhurtachd da ionadan fàsail uile; agus nì e a fàsach mar Eden, agus a dìthreabh mar ghàrradh an Tighearna; gheibhear aoibhneas agus subhachas innte, breith-buidheachais agus fonn ciùil.
4. Eisdibh rium, O mo shluagh; agus thugaibh aire dhomh, O mo chinneach; oir thig reachd a‑mach uam, agus foillsichidh mi mo bhreitheanais a‑chum solais do na slòigh.
5. Tha m’fhìreantachd am fagas, tha mo shlàinte air dol a mach, agus nì mo ghàirdean breitheanas air na fineachan; feithidh na h‑eileanan rium, agus ann am ghàirdean cuiridh iad an dòchas.
6. Togaibh ur sùilean suas ris na nèamhan, agus amhaircibh air an talamh shìos; oir sgaoilear o chèile na nèamhan mar dheataich, agus fàsaidh an talamh sean mar thrusgan; agus bàsaichidh a luchd-àiteachaidh air a’ mhodh cheudna; ach mairidh mo shlàinte-sa gu sìorraidh, agus cha tèid m’fhìreantachd air chùl.
7. Eisdibh rium, sibhse a tha eòlach air fìreantachd, a shluagh aig a bheil mo lagh nur cridhe; na biodh eagal oirbh ro mhasladh dhaoine, agus na gabhaibh geilt ron càineadh.
8. Oir ithidh an leòmann iad mar thrusgan agus ithidh a’ chnuimh iad mar olainn; ach mairidh m’fhìreantachd-sa gu sìorraidh, agus mo shlàinte gu linn nan linntean.
9. Dùisg, dùisg, cuir umad neart, O ghàirdein an Tighearna; dùisg, mar anns na làithean o shean, anns na h‑aimsirean o chian. Nach tusa a gheàrr Rahab, a lot an dràgon?
10. Nach tusa a thiormaich an fhairge, uisgeachan na doimhne mòire, a rinn doimhneachdan na fairge nan slighe don mhuinntir shaorte gu dol thairis?
11. Mar seo tillidh muinntir shaorte an Tighearna, agus thig iad gu Sion le iolaich; agus bidh aoibhneas bith-bhuan air an ceann; gheibh iad aoibhneas agus subhachas, agus teichidh mulad agus caoidh air falbh.
12. Is mise, eadhon mise, an tì a bheir dhuibh comhfhurtachd; cò thusa gum biodh eagal ort ro dhuine a gheibh bàs, agus ro mhac an duine a nìthear mar am feur?
13. Agus gun dìochuimhnicheadh tu an Tighearna do Chruithear a shìn a‑mach na nèamhan, agus a leag stèidh na talmhainn; agus gum biodh sìor-eagal ort gach là, airson corraich an fhir-shàrachaidh, mar gum biodh e ullamh gu sgrios? Agus càit a bheil corraich an fhir-shàrachaidh?
14. Tha an ciomach a’ dèanamh deifir gu bhith air fhuasgladh, a‑chum nach faigh e bàs anns an t‑sloc, agus nach fàilnich aran.
15. Oir is mise an Tighearna do Dhia, a chiùinicheas an fhairge, nuair a bheucas a tonnan: is e Tighearna nan sluagh as ainm dha.
16. Agus chuir mise mo bhriathran ann ad bheul, agus le sgàil mo làimhe dh’fhalaich mi thu; a shuidheachadh nan nèamhan, agus a leagadh bunaitean na talmhainn; agus a ràdh ri Sion, Is tu mo shluagh.
17. Dùisg, dùisg, èirich suas o Ierusalem, a dh’òl, o làimh an Tighearna, cuach a chorraich; dh’òl thu, dh’fhàisg thu as, deisgeanan cuach na ball-chrith.
18. Chan eil fear-stiùraidh aice, am measg nan uile mhac a rug i; chan eil aon a ghlacas air làimh i, am measg nan uile mhac a dh’altraim i.
19. Thachair an dà nì seo dhut; cò a nì caoidh air do shon? Creachadh agus milleadh, a’ ghort, agus an claidheamh; cò a bheir dhut comhfhurtachd?
20. Tha do mhic air fannachadh, tha iad air tuiteam sìos aig ceann gach sràide, mar tharbh fiadhaich ann an lìon; lìonadh iad làn de chorraich an Tighearna, de achmhasan do Dhè.
21. Air an adhbhar sin, cluinn seo a‑nis, O thusa a tha fo àmhghar, agus air mhisg, ach chan ann le fìon:
22. Mar seo deir do Thighearna Iehòbhah, agus do Dhia a thagras cùis a shluaigh: Feuch, thug mi as do làimh cuach na ball-chrith; deisgeanan cuach mo chorraich; chan òl thu dhith nas mò:
23. Ach cuiridh mi i ann an làimh do luchd-sàrachaidh, a tha ag ràdh rid anam, Crom sìos, a‑chum gun tèid sinn thairis: agus leag thu do chorp sìos mar an làr, agus mar an t‑sràid, dhaibhsan a tha a’ gabhail seachad.

Isaiah 52:1-15
1. Dùisg, dùisg, cuir umad do neart, O Shion; cuir umad do chulaidh sgiamhach, O Ierusaleim, a chathair naomh; oir cha tèid an neo-thimcheall-gheàrrte agus an neòghlan a‑steach annad nas mò.
2. Crath thu fhèin on duslach; rach suas, dèan suidhe, O Ierusaleim; fuasgail thu fhèin o cheanglaichean do mhuineil, O nighean Shioin a tha fo dhaorsa.
3. Oir mar seo deir an Tighearna, Air neoni reiceadh sibh, agus chan ann le airgead a dh’fhuasglar sibh.
4. Oir mar seo deir an Tighearna Iehòbhah, Chaidh mo shluagh sìos don Eiphit an toiseach, gu bhith air chuairt an sin; agus rinn an t‑Asirianach, mu dheireadh, an sàrachadh.
5. Agus a‑nis, ciod a tha agamsa an seo, deir an Tighearna, o thugadh air falbh mo shluagh air neoni? Tha an luchd-riaghlaidh a’ toirt orra caoineadh, deir an Tighearna; agus tha m’ainm-sa an còmhnaidh, gach aon là, a’ faghail toibheim.
6. Air an adhbhar sin, bidh eòlas aig mo shluagh air m’ainm; air an adhbhar sin bidh fhios aca air an là sin gur mise an tì a tha a’ labhairt; feuch, is mise a tha ann.
7. Cia maiseach air na slèibhtean casan an teachdaire aoibhinn a tha ag èigheach sìthe; teachdaire an deagh sgeòil, a tha ag èigheach slàinte, a tha ag ràdh ri Sion, Is e do Dhia as rìgh ann!
8. Togaidh do luchd-faire an guth; len guth nì iad iolach le chèile; oir chì iad aghaidh ri aghaidh, nuair a bheir an Tighearna Sion air a h‑ais.
9. Brisibh a‑mach le gàirdeachas, dèanaibh ceòl le chèile, O fhàsaichean Ierusaleim; oir thug an Tighearna comhfhurtachd da shluagh, shaor e Ierusalem.
10. Leig an Tighearna ris a ghàirdean naomh ann an sùilean nan uile chinneach; agus chì uile iomallan na talmhainn slàinte ar Dè‑ne.
11. Imichibh, imichibh; rachaibh a‑mach as a sin; na beanaibh ri nì neòghlan; rachaibh a‑mach as a meadhon; bithibh-se glan, a tha a’ giùlan soithichean an Tighearna.
12. Oir chan ann le cabhaig a thèid sibh a‑mach, agus chan ann le teicheadh a shiùbhlas sibh; oir gluaisidh an Tighearna romhaibh, agus cuartaichidh Dia Israeil sibh on taobh chùil.
13. Feuch, nì m’òglach gu glic; bidh e air a thogail suas, agus air àrdachadh, agus bidh e ro‑àrd.
14. Mar a ghabh mòran iongantas riut (is cho mòr a’ mhì-mhaise a rinneadh air a aghaidh, seach aon duine; agus air a dhreach, seach clann dhaoine);
15. Mar sin crathaidh e uisge air mòran chinneach; na fhianais druididh rìghrean am beòil; oir an nì nach do chuireadh an cèill dhaibh, chì iad; agus an nì nach cuala iad, bheir iad fa‑near.

Salm 112:5-10
5. Is math don duine a bhios truacanta agus coingheallach, a riaghlas a ghnothaichean gu ceart,
6. Oir gu bràth cha ghluaisear e; air chuimhne gu bràth bidh am fìrean.
7. Ro dhroch sgeul cha bhi eagal air; tha a chridhe suidhichte, ag earbsa as an Tighearna.
8. Tha a chridhe air a shocrachadh; cha bhi eagal air, gus am faic e crìoch a naimhdean.
9. Sgaoil e, thug e do na bochdan; mairidh a fhìreantachd gu bràth; mairidh a adharc le urram.
10. Chì an droch dhuine, agus bidh fearg air; casaidh e a fhiaclan, agus seargaidh e as; sgriosar miann nan aingidh.

Gnàth-fhacal 26:16-16
16. Is glice an leisgean na bharail fhèin na seachdnar a bheir freagradh gu ceart.

Ephèsianach 2:1-22
1. Agus sibhse bheothaich e, a bha marbh ann an euceartan agus ann am peacaidhean:
2. Anns an do ghluais sibh anns na h‑àmannan a chaidh seachad, a rèir gnàth an t‑saoghail seo, a rèir uachdaran cumhachd an adhair, an spiorad a tha a‑nis ag obrachadh ann an cloinn na h‑eas-ùmhlachd:
3. Am measg an robh againn uile mar an ceudna ar caitheamh-beatha roimhe seo, ann an ana-miannan ar feòla, a’ dèanamh toil na feòla, agus nan smuaintean; agus bha sinn a‑thaobh nàdair nar cloinn na feirge, eadhon mar chàch.
4. Ach Dia, a tha saoibhir ann an tròcair, airson a mhòr-ghràidh leis an do ghràdhaich e sinn,
5. Eadhon air dhuinn a bhith marbh ann am peacaidhean, cho-bheothaich e sinn maille ri Crìosd; (le gràs tha sibh air ur tèarnadh;)
6. Agus cho-thog, agus cho-shuidhich e sinn ann an ionadan nèamhaidh ann an Iosa Crìosd:
7. A‑chum gum foillsicheadh e anns na linntean ri teachd saoibhreas ro‑phailt a ghràis, ann an coibhneas dar taobh-ne, tre Iosa Crìosd.
8. Oir is ann le gràs a tha sibh air ur tèarnadh, tre chreideamh: agus sin chan ann uaibh fhèin; is e tìodhlac Dhè e:
9. Chan ann o obraichean, a‑chum nach dèanadh neach air bith uaill:
10. Oir is sinne a obair-san, air ar cruthachadh ann an Iosa Crìosd a‑chum dheagh obraichean, airson an d’ullaich Dia ro‑làimh sinn, a‑chum gun gluaiseamaid annta.
11. Uime sin cuimhnichibh, air dhuibh a bhith anns an aimsir a chaidh thairis nur Cinnich anns an fheòil, ris an abrar an neo-thimcheall-ghearradh leòsan den goirear an timcheall-ghearradh làmh-dhèante anns an fheòil;
12. Gu robh sibh anns an àm sin as eugmhais Chrìosd, nur coimhich do cho-fhlaitheachd Israeil, agus nur coigrich do choicheangail a gheallaidh, as eugmhais dòchais, agus gun Dia anns an t‑saoghal:
13. Ach a‑nis ann an Iosa Crìosd, tha sibhse a bha roimhe seo fad o làimh, air ur toirt am fagas tre fhuil Chrìosd.
14. Oir is esan ar sìth-ne, a rinn aon dhinn araon, agus a bhris sìos balla meadhonach an eadar-dhealachaidh:
15. Air dha an naimhdeas a chur air cùl tre a fheòil fhèin, eadhon lagh nan àitheantan, a chuireadh sìos ann an òrdaighean, a‑chum gun dèanadh e ann fhèin de dhithis aon duine nuadh, mar sin a’ dèanamh sìthe;
16. Agus gun dèanadh e rèidh araon iad ri Dia ann an aon chorp tre a chrann-cheusaidh, air dha an naimhdeas a mharbhadh le sin;
17. Agus thàinig e agus shearmonaich e sìth dhuibhse a bha am fad, agus dhaibhsan a bha am fagas.
18. Oir trìdsan tha araon slighe againn gu dol a‑steach tre aon Spiorad a‑chum an Athar.
19. A‑nis uime sin, chan eil sibh nas mò nur coigrich agus nur coimhich, ach nur luchd aon bhaile ris na naoimh, agus nur muinntir-teaghlaich Dhè;
20. Agus tha sibh air ur togail suas air bunait nan abstol agus nam fàidhean, air a bhith do Iosa Crìosd fhèin na chloich-chinn na h‑oisinn;
21. Anns a bheil an aitreabh uile, ceangailte gu ceart ri chèile, a’ fàs suas a‑chum a bhith na teampall naomh anns an Tighearna:
22. Anns a bheil sibhse mar an ceudna air ur co‑thogail suas a‑chum a bhith nur taigh-còmhnaidh do Dhia tre an Spiorad.