A A A A A
Bible in one year
September 29

Isaiah 49:1-26
1. Eisdibh, O eileanan, riumsa; agus thugaibh aire, a shlòigh, o chèin; on bhroinn ghairm an Tighearna mi; o chom mo mhàthar thug e luaidh air m’ainm.
2. Agus rinn e mo bheul mar chlaidheamh geur; ann an sgàil a làimhe dh’fhalaich e mi; seadh, rinn e mi am ghath lìomhte; thaisg e mi na dhòrlach.
3. Agus thubhairt e rium, Is tu m’òglach, O Israeil, anns am bi mi air mo ghlòrachadh.
4. Agus thubhairt mise, Shaothraich mi gu dìomhain; airson neoni, agus airson dìomhanais, chaith mi mo neart; ach gu cinnteach tha mo bhreith maille ris an Tighearna, agus m’obair maille rim Dhia.
5. Agus a‑nis mar seo deir an Tighearna, a dhealbh mi on bhroinn gu bhith am òglach dha, a thabhairt Iàcoib air ais da ionnsaigh, agus a‑chum gum bi Israel air a chruinneachadh thuige; uime sin bidh mi glòrmhor ann an sùilean an Tighearna, agus bidh mo Dhia na neart dhomh:
6. Mar seo deir e, Is nì suarach dhut gum biodh tu ad òglach dhòmhsa a thogail suas geugan Iàcoib, agus a dh’aiseag meanganan Israeil; bheir mi thu fòs mar sholas do na cinnich, gu bhith ad shlàinte uamsa gu iomall na talmhainn.
7. Mar seo deir an Tighearna, fear-saoraidh Israeil, a Thì naomh; ris-san a tha air a dhìmeas le daoine, ris-san don do ghabh an cinneach gràin; ri seirbhiseach an luchd-riaghlaidh. Chì rìghrean, agus èiridh iad suas; uachdarain, agus nì iad adhradh; airson an Tighearna a tha dìleas, agus tì naomh Israeil a roghnaich thu.
8. Mar seo deir an Tighearna, Ann an àm taitneach chuala mi thu, agus ann an là na slàinte chuidich mi thu; agus gleidhidh mi thu, agus bheir mi thu mar choicheangal don t‑sluagh; a dhaingneachadh na tìre, agus a thabhairt air na h‑oighreachdan fàsail a bhith air an sealbhachadh;
9. A ràdh ris a’ mhuinntir a tha ceangailte, Rachaibh a‑mach; agus riùsan a tha ann an dorchadas, Thigibh am follais. Beathaichear iad air na slighean, agus anns na h‑uile ionadan àrda nì iad ionaltradh.
10. Cha bhi acras no tart orra, cha mhò a bhuaileas an teas no a’ ghrian iad; oir nì esan aig a bheil iochd orra an stiùradh, agus treòraichidh e iad a‑chum nan sruthan uisge.
11. Agus nì mi mo shlèibhtean uile nan slighe chòmhnaird, agus togar suas mo ròidean mòra.
12. Feuch, thig iad seo o chèin; agus, feuch, iad seo o thuath agus on iar; agus iad seo o thìr Shinim.
13. Seinnibh gu h‑àrd, O nèamhan, agus dèan gàirdeachas, O thalamh; agus togaibh iolach, O shlèibhtean; oir thug an Tighearna comhfhurtachd da shluagh, agus gabhaidh e truas da mhuinntir a tha fo àmhghar.
14. Ach thubhairt Sion, Thrèig an Tighearna mi, agus rinn mo Thighearna mo dhìochuimhneachadh.
15. An dìochuimhnich màthair a leanabh-cìche, gun iochd a dhèanamh air mac a cuim? Faodaidh eadhon iadsan dìochuimhneachadh, ach cha dìochuimhnich mise thusa.
16. Feuch air deàrnan mo làmh gheàrr mi thu; tha do bhallachan am fhianais an còmhnaidh.
17. Nì do chlann deifir; siùbhlaidh iadsan a‑mach asad, a bha gad sgrios agus gad chur fàs.
18. Tog suas do shùilean, agus faic; tha iad seo uile air an cruinneachadh ri chèile, tha iad a’ teachd ad ionnsaigh. Mar as beò mise, deir an Tighearna, sgeadaichidh tu thu fhèin leo uile, mar le culaidh rìomhaich; agus ceanglaidh tu iad umad, mar a nì bean-bainnse a seudan.
19. Oir d’ionadan fàsail agus faondrach, agus fearann do lèirsgrios, eadhon a‑nis bidh e air a dhòmhlachadh le luchd-àiteachaidh; agus siùbhlaidh iadsan fad air falbh a bha gad shlugadh suas.
20. Their a’ chlann, a sgaradh uat, fhathast ann ad chluasan, Tha an t‑ionad seo ro chumhang air mo shon; thoir àite dhomh a‑chum gun gabh mi còmhnaidh.
21. An sin their thu ann ad chridhe, Cò a ghin dhomh iad seo? Oir dh’fhàgadh mi gun chloinn agus am aonar, am fhògarrach agus air m’fhuadachadh; agus cò a dh’àraich iad seo? Feuch, dh’fhàgadh mi am aonar; iad seo, càit an robh iad?
22. Mar seo deir an Tighearna Iehòbhah, Feuch, togaidh mise mo làmh ris na cinnich, agus ris na slòigh cuiridh mi suas mo bhratach; agus bheir iad do mhic nan uchd, agus giùlainear do nigheanan air an guaillean.
23. Agus bidh rìghrean nan oideachan-altraim dhut, agus am bànrighinnean nam màthraichean-altraim dhut; sleuchdaidh iad sìos dhut, len aghaidh ris an làr, agus imlichidh iad duslach do chas; agus aithnichidh tu gur mise an Tighearna, agus cha nàraichear iadsan a chuireas an dòchas annamsa.
24. An toirear a’ chreach on fhear làidir, no an leigear a’ chobhartach dhligheach as?
25. Ach mar seo deir an Tighearna, Bheirear eadhon cobhartach an fhir làidir uaithe, agus thèid creach an fhir uamhasaich as; oir gleacaidh mi ris-san a ghleacas riut, agus do chlann tèarnaidh mi.
26. Agus bheir mi air do luchd-sàrachaidh am feòil fhèin ithe; agus cuiridh mi air mhisg iad lem fuil fhèin, mar le fìon nuadh; agus bidh fhios aig gach uile fheòil gur mise an Tighearna do Shlànaighear, agus gur e d’fhear-saoraidh Tì cumhachdach Iàcoib.

Isaiah 50:1-11
1. Mar seo deir an Tighearna, Càit a bheil litir-dhealachaidh ur màthar a chuir mise uam? No cò e am measg mo luchd-fiacha ris an do reic mi sibh? Feuch, airson ur dò‑bheairtean tha sibh air ur reic; agus airson ur n‑euceartan chuireadh air falbh ur màthair.
2. Carson, nuair a thàinig mi, nach robh aon neach ann? Nuair a ghairm mi, nach tug aon neach freagradh? A bheil mo làmh air fàs cho ro‑ghoirid is nach urrainn mi saoradh? Agus a bheil mi gun chumhachd agam gu tèarnadh? Feuch, lem achmhasan tiormaichidh mi an fhairge, nì mi na h‑aibhnichean nam fàsach; tha an iasg a’ lobhadh a dh’easbhaidh uisge, agus a’ bàsachadh le tart.
3. Eididh mi na nèamhan le dubh-dhorchadas, agus cuiridh mi aodach-saic orra mar chòmhdach.
4. Thug an Tighearna Iehòbhah dhòmhsa teanga nan daoine fòghlaimte, a‑chum gum b’aithne dhomh facal a labhairt ann an deagh àm ris an neach a tha airtnealach; tha e a’ dùsgadh, madainn an dèidh maidne; tha e a’ dùsgadh mo chluaise gu èisdeachd mar a nì fòghlamach.
5. Dh’fhosgail an Tighearna Iehòbhah mo chluas, agus cha robh mi ceannairceach; cha mhò a thionndaidh mi air m’ais.
6. Thug mi mo dhruim don luchd-bualaidh, agus mo ghiallan dhaibhsan a spìon am fìonna; cha d’fhalaich mi mo ghnùis o nàire agus o shile.
7. Oir is e an Tighearna Iehòbhah m’fhear-cuideachaidh, air an adhbhar sin cha chuirear mi gu amhluadh; uime sin shuidhich mi mo ghnùis mar chloich-theine, agus tha fhios agam nach nàraichear mi.
8. Tha esan am fagas a dh’fhìreanaicheas mi; cò esan a nì strì rium? Seasamaid a‑mach le chèile; cò e m’eascaraid? Thigeadh e dlùth am chòdhail.
9. Feuch, is e an Tighearna Iehòbhah m’fhear-cuideachaidh; cò a dhìteas mi? Feuch, fàsaidh iad uile sean mar thrusgan; ithidh an leòmann suas iad.
10. Cò nur measg air a bheil eagal an Tighearna, a tha ag èisdeachd ri guth a sheirbhisich, a tha a’ siubhal ann an dorchadas agus aig nach eil solas? Earbadh e as ainm an Tighearna, agus leigeadh e a thaice ra Dhia.
11. Feuch, sibhse uile a tha a’ fadadh teine, a tha gur cuartachadh fhèin le sradan; siùbhlaibh ann an solas ur teine, agus nan sradan a las sibh; seo gheibh sibh om làimh-sa, laighidh sibh sìos ann an doilgheas.

Salm 112:1-4
1. Molaibh-se an Tighearna. Is beannaichte an duine air am bi eagal an Tighearna, a ghabhas tlachd mòr da àitheantan.
2. Làidir anns an tìr bidh a shliochd; beannaichear ginealach nam fìrean.
3. Bidh maoin agus saoibhreas na thaigh, agus mairidh a fhìreantachd gu bràth.
4. Ann an dorchadas èiridh solas do na fìreanan; gràsmhor agus làn truacantais, agus cothromach tha an Tighearna.

Gnàth-fhacal 26:13-15
13. Their an leisgean, Tha leòmhann anns an t‑slighe, leòmhann anns na sràidean.
14. Mar a thionndaidheas an doras air a lùdnain, mar sin an leisgean air a leabaidh.
15. Falaichidh an leisgean a làmh na bhroilleach; is duilich leis a toirt a‑chum a bheòil.

Ephèsianach 1:1-23
1. Pòl, abstol Iosa Crìosd tre thoil Dhè, a‑chum nan naomh a tha ann an Ephesus, agus nan creidmheach ann an Iosa Crìosd:
2. Gràs dhuibh, agus sìth o Dhia ar n‑Athair agus on Tighearna Iosa Crìosd.
3. Beannaichte gu robh Dia, eadhon Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, a bheannaich sinne leis gach uile bheannachadh spioradail ann an ionadan nèamhaidh ann an Crìosd;
4. A rèir mar a thagh e sinn annsan, mun do leagadh bunait an domhain, a‑chum gum bitheamaid naomh, agus neo-choireach, na làthair-san ann an gràdh:
5. A ro‑òrdaich sinn a‑chum uchd-mhacachd na cloinne tre Iosa Crìosd dha fhèin, a rèir deagh-ghean a thoile,
6. A‑chum cliù glòir a ghràis, tre an do rinn e sinn taitneach na Mhac gràdhach:
7. Anns a bheil againn saorsa tre a fhuil-san, maitheanas nam peacadh, a rèir saoibhreas a ghràis;
8. Anns an robh e ro‑phailt dhuinn anns an uile ghliocas, agus thuigse;
9. A dh’fhoillsich dhuinn rùn-diamhair a thoile, a rèir a dheagh-ghean fhèin a rùnaich e ann fhèin:
10. A‑chum ann am frithealadh coileanadh nan aimsir, gun cruinnicheadh e ann an aon na h‑uile nithean ann an Crìosd, araon na nithean a tha air nèamh agus na nithean a tha air talamh, eadhon annsan;
11. Anns an d’fhuair sinne mar an ceudna oighreachd, air dhuinn a bhith air ar ro‑òrdachadh a rèir rùn an tì a tha ag obrachadh nan uile nithean a rèir comhairle a thoile fhèin;
12. Ionnas gum bitheamaid-ne, a chuir air tùs dòchas ann an Crìosd, a‑chum cliù a ghlòire-san.
13. Anns an do chuir sibhse mar an ceudna dòchas, air dhuibh facal na fìrinn a chluinntinn, eadhon soisgeul ur slàinte: neach an dèidh dhuibh creidsinn ann, chuireadh seula oirbh le Spiorad Naomh sin a’ gheallaidh:
14. Neach as e geall-daingnich ar n‑oighreachd-ne, gu teachd saorsa na seilbhe a cheannaicheadh a‑chum cliù a ghlòire.
15. Uime sin air cluinntinn dhòmhsa mar an ceudna ur creideamh-se anns an Tighearna Iosa, agus ur gràdh do na naoimh uile,
16. Chan eil mi a’ sgur de bhith a’ toirt buidheachais air ur son, a’ luaidh oirbh ann am ùrnaighean;
17. Gun tugadh Dia ar Tighearna Iosa Crìosd, Athair na glòire, spiorad gliocais agus foillseachaidh dhuibh, ann an eòlas airsan;
18. Sùilean ur n‑inntinn a bhith air an soillseachadh, a‑chum fios a bhith agaibh ciod e dòchas a ghairme-san, agus ciod e saoibhreas glòir a oighreachd-san anns na naoimh;
19. Agus ciod e ro‑mheud a chumhachd dar taobh-ne a tha a’ creidsinn, a rèir obrachadh a threun-neirt;
20. A dh’obraich e ann an Crìosd, nuair a thog e o na mairbh e, agus a chuir e na shuidhe air a dheaslàimh fhèin e anns na h‑ionadan nèamhaidh,
21. Gu ro‑àrd os cionn gach uile uachdaranachd, agus cumhachd, agus neirt, agus tighearnais, agus gach ainme a dh’ainmichear, chan e a‑mhàin anns an t‑saoghal seo, ach anns an t‑saoghal ri teachd mar an ceudna:
22. Agus chuir e na h‑uile nithean fo a chasan, agus thug e e gu bhith na cheann os cionn nan uile nithean don eaglais,
23. A tha na corp aige, lànachd an tì a tha a’ lìonadh nan uile nithean anns na h‑uile.