A A A A A
Bible in one year
September 27

Isaiah 45:1-25
1. Mar seo deir an Tighearna ra aon ungte, ri Cìrus air a bheil greim agam air a làimh dheis, a cheannsachadh chinneach roimhe, agus fuasglaidh mi leasraidh rìghrean; a dh’fhosgladh nan còmhlach roimhe, agus cha bhi na geatachan air an druideadh;
2. Thèid mise romhad, agus nì mi na slighean fiara dìreach; na còmhlaichean umha spealgaidh mi, agus na croinn iarainn brisidh mi nam bloighdean.
3. Agus bheir mi dhut ionmhasan an dorchadais, agus taisgeachan nan ionadan diamhair; a‑chum gum bi fhios agad gur mise an Tighearna, a ghairm thu air d’ainm, Dia Israeil.
4. Air sgàth Iàcoib m’òglach, agus Israeil a roghnaich mi, ghairm mi eadhon air d’ainm thu; thug mi sloinneadh ort, agus thu aineolach orm.
5. Is mi an Tighearna, agus chan eil ann ach mi; a‑mach uamsa chan eil Dia ann: crioslaichidh mi thu, agus thu aineolach orm.
6. A-chum gum bi fhios aca o èirigh na grèine agus on iar, nach eil ann ach mi. Is mise an Tighearna, agus chan eil atharrachadh ann.
7. Tha mi a’ dealbhadh an t‑solais, agus a’ cruthachadh an dorchadais; a’ dèanamh sìthe, agus a’ cruthachadh dòlais; tha mise an Tighearna a’ dèanamh nan nithean seo uile.
8. Silibh, O nèamhan, on àird, agus frasadh na neòil a‑nuas fìreantachd; fosgladh an talamh, agus gineadh iad slàinte, agus fàsadh fìreantachd a‑nìos maraon; is mise an Tighearna a chruthaich e.
9. Is an‑aoibhinn dhàsan a nì strì ris an fhear a rinn e; an t‑slige-chreadha ri fear-deilbh na creadha: an abair a’ chriadh ris-san a chumas i, Ciod a tha thu a’ dèanamh? No an abair an nì a rinn thu, Chan eil làmhan aigesan a rinn mi?
10. Is an‑aoibhinn dhàsan a their ra athair, Ciod a tha thu a’ gintinn? No ra mhàthair, Ciod tha thu a’ breith?
11. Mar seo deir an Tighearna, Tì naomh Israeil, agus esan a dhealbh e, Feòraichibh dhìom nithean ri teachd, mu thimcheall mo chloinne; agus iarraibh orm a‑thaobh obraichean mo làmh.
12. Is mise a rinn an talamh, agus chruthaich mi an duine air; is iad mo làmhan a shìn a‑mach na nèamhan; agus dom feachd uile thug mi àithne.
13. Thog mi esan suas ann am fìreantachd, agus nì mi dìreach a uile shlighean; togaidh e mo chathair, agus fuasglaidh e mo bhraighdean; chan ann airson luach, no airson duaise, deir Tighearna nan sluagh.
14. Mar seo deir an Tighearna, Saothair na h‑Eiphit, agus ceannachd Etiopia, agus na Sabeich, daoine àrda ann an cruth; thig iad thairis ad ionnsaigh, agus bidh iad leat; leanaidh iad thu; ann an cuibhrichean thig iad thairis; agus cromaidh iad sìos dhut, agus cuiridh iad suas athchuinge riut; ag ràdh, Gu deimhinn annadsa tha Dia; agus chan eil Dia eile ann.
15. Gu deimhinn is Dia thusa a tha gad fhalach fhèin, O Dhè Israeil, an Slànaighear.
16. Tha iad air an nàrachadh, tha iad eadhon air am maslachadh, an t‑iomlan dhiubh; cuirear iad maraon gu amhluadh, a tha nan luchd-dèanamh iodhalan.
17. Ach saorar Israel anns an Tighearna le saorsa shìorraidh; cha nàraichear sibh, cha mhò a mhaslaichear sibh, feadh linn na sìorraidheachd.
18. Oir mar seo deir an Tighearna, a chruthaich na nèamhan; esan, eadhon Dia, a dhealbh an talamh agus a rinn e, esan a dhaingnich e (cha do chruthaich e gu dìomhain e, dhealbh e e gu bhith air àiteachadh): Is mise an Tighearna, agus chan eil atharrachadh ann.
19. Cha do labhair mi ann an uaigneas, ann an ionad dorcha den talamh; cha dubhairt mi ri sliochd Iàcoib gu dìomhain, Iarraibh mi; is mise an Tighearna a labhras ann am fìreantachd, a dh’fhoillsicheas nithean cearta.
20. Cruinnichibh sibh fhèin, agus thigibh; dlùthaichibh ri chèile, sibhse a tha air dol as o mheasg nan cinneach; chan eil eòlas acasan a tha a’ cur suas fiodh an deilbh shnaidhte, agus a’ dèanamh ùrnaigh ri dia nach urrainn tèarnadh.
21. Cuiribh an cèill, agus thugaibh am fagas; seadh, cuireadh iad an comhairle ri chèile; cò a dh’aithris seo o chian? A dh’innis e on àm ud? Nach mise, an Tighearna? Agus chan eil dia tuilleadh ann ach mi; Dia ceart agus Slànaighear; chan eil ann ach mi.
22. Seallaibh riumsa, agus bithibh air ur tèarnadh, uile iomallan na talmhainn; oir is mise Dia, agus chan eil atharrachadh ann.
23. Orm fhèin mhionnaich mi; chaidh fìrinn a‑mach as mo bheul; briathar, agus cha till e air ais; gu cinnteach dhòmhsa lùbaidh gach glùn, mionnaichidh gach teanga.
24. Gu cinnteach, their neach, anns an Tighearna tha agam fìreantachd agus neart; da ionnsaigh-san thig iad; bidh iadsan uile air an nàrachadh air a bheil corraich na aghaidh.
25. Anns an Tighearna fìreanaichear uile shliochd Israeil, agus nì iad uaill.

Isaiah 46:1-13
1. Tha Bel a’ cromadh sìos, Nebo a’ crùbadh; bha an iodhalan air na beathaichean agus air na h‑ainmhidhean; tha ur n‑eallaichean trom, nan cudthrom don ainmhidh airtnealach.
2. Chrùb iad, chrom iad sìos le chèile; cha b’urrainn iad an eallach a thèarnadh; ach chaidh iad fhèin ann am braighdeanas.
3. Eisdibh rium, a thaigh Iàcoib, agus uile iarmad taigh Israeil; a ghiùlaineadh leam on bhroinn, a dh’iomchaireadh on bholg:
4. Eadhon gu ur seann aois, agus gu ur falt liath, is mise fhèin an tì a ghiùlaineas sibh; is mi a rinn, agus giùlainidh mi; iomchairidh mi, agus tèarnaidh mi.
5. Cò e ris an samhlaich sibh mi, agus ris an dèan sibh comhad mi? Agus cò e ris an coimeas sibh mi, a‑chum gum bi sinn cosmhail?
6. Taomaidh iad òr as a’ mhàla, agus tomhaisidh iad airgead anns a’ mheidh; tuarasdalaichidh iad òr‑cheard, agus nì esan dia dheth; cromaidh iad sìos, seadh nì iad adhradh.
7. Giùlainidh iad e air an guaillean, iomchairidh iad e, agus cuiridh iad e na àit, agus seasaidh e; as a ionad cha ghluais e: seadh, glaodhaidh neach ris, ach cha fhreagair e, agus cha teasairg e e o a theinn.
8. Cuimhnichibh seo, agus bithibh fearail; thugaibh fa‑near e a‑rìs, a luchd-brisidh an lagha.
9. Cuimhnichibh na ciad nithean, a bha ann o shean; oir is mise Dia, agus chan eil atharrachadh ann; is mise Dia agus chan eil mo shamhail ann;
10. A’ foillseachadh na crìche on tùs, agus on aimsir chèin; nan nithean nach eil fhathast dèante; ag ràdh, Seasaidh mo chomhairle, agus gach nì as àill leam nì mi:
11. A’ gairm na h‑iolaire on ear, agus fear mo chomhairle o thìr chèin; seadh, labhair mi, agus bheir mi gu crìch e, rùnaich mi, agus coileanaidh mi e.
12. Eisdibh rium, sibhse aig a bheil an cridhe rag, a tha fad as o fhìreantachd:
13. Bheir mise am fagas m’fhìreantachd-sa, cha bhi i fad as; agus cha dèan mo shlàinte moille, agus bheir mi slàinte ann an Sion, do Israel mo ghlòir.

Salm 111:1-6
1. Molaibh-se an Tighearna. Bheir mise cliù don Tighearna lem uile chridhe, ann an coinneamh nam fìrean agus anns a’ choitheanal.
2. Tha gnìomharan an Tighearna mòr; rannsaichear iad leòsan uile aig a bheil tlachd annta.
3. Urramach agus glòrmhor tha a obair-san; mairidh a fhìreantachd gu bràth.
4. Chuir e a ghnìomharan iongantach air chuimhne; gràsmhor agus truacanta tha an Tighearna.
5. Thug e lòn dhaibhsan don eagal e; cuimhnichidh e gu bràth a choicheangal.
6. Chuir e neart a obrach an cèill da shluagh, le oighreachd nan cinneach a thabhairt dhaibh.

Gnàth-fhacal 26:10-10
10. Bheir an Dia mòr, a dhealbh gach nì, duais don amadan, agus bheir e duais do luchd-easaontais.

Galàtianach 5:1-26
1. Uime sin seasaibh gu daingeann anns an t‑saorsa leis an do rinn Crìosd saor sinn, agus na bithibh a‑rìs air ur cuibhreachadh le cuing na daorsa.
2. Feuch, tha mise Pòl ag ràdh ribh, ma thimcheall-ghearrar sibh, nach bi tairbhe air bith dhuibh ann an Crìosd.
3. Oir tha mi a‑rìs a’ dèanamh fianais do gach uile dhuine a thimcheall-ghearrar, gu bheil e mar fhiachan air an lagh gu h‑iomlan a choileanadh.
4. Chan eil tairbhe sam bith ann an Crìosd dhuibhse a tha air ur fìreanachadh tre an lagh; thuit sibh o ghràs.
5. Oir tha sinne tre an Spiorad a’ feitheamh ri dòchas fìreantachd o chreideamh.
6. Oir ann an Iosa Crìosd, chan eil èifeachd sam bith ann an timcheall-ghearradh, no ann an neo-thimcheall-ghearradh, ach ann an creideamh a dh’obraicheas tre ghràdh.
7. Is math a ruith sibh; cò a bhac sibh o bhith umhail don fhìrinn?
8. Cha tàinig an impidh seo on tì a ghairm sibh.
9. Gortaichidh beagan de thaois ghoirt am meall uile.
10. Tha muinghinn agam asaibh anns an Tighearna, nach bi sibh a dh’aon dòigh air atharrachadh inntinn: ach an tì a tha a’ cur dragha oirbh, giùlainidh e a bhreitheanas, cò air bith e.
11. Agus mise, a bhràithrean, ma shearmonaicheas mi fhathast an timcheall-ghearradh, carson a nìthear fhathast geur-leanmhainn orm? An sin bhiodh oilbheum a’ chroinn-cheusaidh air a chur air cùl.
12. B’fheàrr leam gum biodh iadsan a tha a’ cur mì‑shuaimhneis oirbh eadhon air an gearradh as uaibh.
13. Oir, a bhràithrean, ghairmeadh a‑chum saorsa sibh; a‑mhàin na dèanaibh an t‑saorsa na cion-fàth don fheòil, ach le gràdh dèanaibh seirbhis da chèile.
14. Oir tha an lagh uile air a choileanadh ann an aon fhacal, eadhon ann an seo, Gràdhaichidh tu do choimhearsnach mar thu fhèin.
15. Ach ma bhios sibh a’ teumadh agus ag ithe a chèile, thugaibh aire nach claoidhear le a chèile sibh.
16. Tha mi ag ràdh mas eadh, Gluaisibh anns an Spiorad, agus cha choilean sibh ana-miann na feòla.
17. Oir tha an fheòil a’ miannachadh an aghaidh an Spioraid, agus an Spiorad an aghaidh na feòla: agus tha iad sin an aghaidh a chèile; ionnas nach faigh sibh na nithean a bu mhiann leibh a dhèanamh.
18. Ach ma threòraichear leis an Spiorad sibh, chan eil sibh fon lagh.
19. A‑nis tha obraichean na feòla follaiseach, as iad seo, adhaltranas, strìopachas, neòghlaine, macnas.
20. Iodhal-adhradh, draoidheachd, naimhdeas, connsachadh, co‑fharpais, fearg, còmhstri, aimhreit, saobh-chreideamh.
21. Farmad, mortan, misg, raoidhteireachd, agus an leithidean sin: mum bheil mi ag innse dhuibh ro‑làimh, mar a dh’innis mi dhuibh cheana mar an ceudna, nach sealbhaich iadsan a nì an leithidean sin rìoghachd Dhè.
22. Ach is e toradh an Spioraid gràdh, aoibhneas, sìth, fad-fhulangas, caomhalachd, maitheas, creideamh,
23. Macantas, stuaim: an aghaidh an samhail sin chan eil lagh.
24. Agus iadsan as le Crìosd, cheus iad an fheòil, maille ri a h‑an‑tograidhean agus a h‑ana-miannan.
25. Mas beò dhuinn anns an Spiorad, gluaiseamaid anns an Spiorad mar an ceudna.
26. Na bitheamaid dèidheil air glòir dhìomhain, a’ brosnachadh a chèile, a’ gabhail farmaid ri chèile.