A A A A A
Bible in one year
September 17

Isaiah 25:1-12
1. O Thighearna is tu mo Dhia; àrdaichidh mi thu, molaidh mi d’ainm; oir rinn thu nithean iongantach; is tairisneachd agus fìrinn do chomhairlean o shean.
2. Oir rinn thu a’ chathair na tòrr, am baile daingnichte na chàrn sgrios; chuir thu àros nan coigreach o bhith na bhaile; gu bràth cha togar e.
3. Air an adhbhar sin bheir an sluagh borb dhut glòir; gabhaidh cathair nan cinneach uamhasach eagal romhad.
4. Oir bha thu ad neart don bhochd, ad neart don fheumach na airc; ad dhìdean on doininn, ad sgàil on teas; nuair a bha gaoth nan uamhasach mar dhoininn a’ sèideadh ris a’ bhalla.
5. Mar an teas ann am fearann seargte, bheir thusa a‑nuas faram nan uaibhreach; mar an teas le sgàil neòil, ìslichear geug nan uamhasach.
6. Agus anns a’ bheinn seo nì an Tighearna do na h‑uile chinnich cuirm de nithean blasda, cuirm de fhìon aosda, de nithean blasda làn de smior, de fhìon aosda air a dheagh tharraing.
7. Agus sgriosaidh e air a’ bheinn seo an còmhdach a chòmhdaich aghaidh nan uile shluagh, agus an sgàil a bha air a sgaoileadh thar na h‑uile chinnich.
8. Sluigidh e suas am bàs le buaidh, agus siabaidh an Tighearna Iehòbhah an deur o gach aghaidh, agus masladh a shluaigh bheir e air falbh on talamh uile; oir labhair an Tighearna e.
9. Agus anns an là sin theirear, Feuch, is e seo ar Dia-ne; dh’fheith sinn ris, agus thèarainn e sinn; is e seo an Tighearna, dh’fheith sinn ris, nì sinn gàirdeachas agus uaill na shlàinte.
10. Oir gabhaidh làmh an Tighearna fois air an t‑sliabh seo; agus bidh Mòab air a shaltairt fodha, mar a shaltairear connlach air an òtrach.
11. Agus sìnidh e a‑mach a làmhan na mheadhon, mar a shìneas am fear a shnàmhas a‑mach a làmhan gu snàmh; agus bheir e a‑nuas a uabhar, maille ri creich a làmh.
12. Agus daingneach àrd do bhallachan leagaidh e sìos, ìslichidh e, bheir e a‑chum an làir, eadhon a‑chum an duslaich.

Isaiah 26:1-21
1. Anns an là sin seinnear an dàn seo ann an tìr Iùdah: Tha againne cathair làidir; slàinte cuiridh e suas mar bhallachan agus mar dhaingneach.
2. Fosglaibh-se na geatachan, a‑chum gun tèid an cinneach fìrinneach a‑steach, a choimheadas an fhìrinn.
3. Gleidhidh tu esan ann an sìth iomlain, aig a bheil a inntinn suidhichte ort, a chionn gun do chuir e a dhòchas annad.
4. Cuiribh-se ur dòchas anns an Tighearna a‑ghnàth, oir anns an Tighearna Iehòbhah tha neart sìorraidh.
5. Oir dh’ìslich e iadsan a bha a chòmhnaidh gu h‑àrd; a’ chathair àrd, thug e a‑nuas i; thug e a‑nuas i a‑chum an làir; thug e i eadhon a‑chum an duslaich.
6. Saltraidh a’ chas oirre, casan an fheumaich, ceuman nam bochdan.
7. Tha slighe an fhìrein ro‑dhìreach; nì thusa ceum an fhìrein fìor-chòmhnard.
8. Seadh, ann an slighe do bhreitheanas dh’fheith sinn ort; tha miann ar n‑anama air d’ainm, agus air do chuimhne.
9. Lem anam mhiannaich mi thu anns an oidhche; seadh, lem spiorad an taobh a‑staigh dh’iarr mi thu anns a’ mhadainn; oir nuair a bhios do bhreitheanais air an talamh, fòghlamaidh luchd-àiteachaidh an t‑saoghail fìreantachd.
10. Nochd tròcair don aingidh, gidheadh chan fhòghlaim e fìreantachd; ann an tìr an ionracais buinidh e gu fealltach; agus cha toir e fa‑near mòralachd an Tighearna.
11. A Thighearna, tha do làmh togte suas, gidheadh chan fhaic iad; ach chì iad, agus bidh iad fo amhluadh airson eud an t‑sluaigh; seadh, loisgidh teine do naimhdean suas iad.
12. A Thighearna, òrdaichidh tu sìth dhuinne; oir eadhon ar n‑uile bheartan cumhachdach dh’obraich thusa annainn.
13. O Thighearna ar Dia, bha ceannas oirnn aig tighearnan eile a bharrachd ortsa; ach annadsa a‑mhàin nì sinn luaidh air d’ainm.
14. Tha iad marbh, cha tig iad beò; dh’eug iad, chan èirich iad; uime sin dh’fhiosraich agus mhill thu iad, agus sgrios thu as an cuimhne gu tur.
15. Mheudaich thu an cinneach, O Thighearna; mheudaich thu an cinneach; tha thu air do ghlòrachadh; sgaoil thu e a‑mach eadhon gu uile iomallan na talmhainn.
16. A Thighearna, ann an àmhghar dh’iarr iad thu: dhòirt iad a‑mach an athchuinge nuair a bha do smachdachadh orra.
17. Mar a bhios bean thorrach, nuair a bhios àm a h‑aisead am fagas, ann an teanntachd, ag èigheach gu h‑àrd na saothair; mar seo bha sinn ann ad fhianais, O Thighearna.
18. Dh’fhàs sinn torrach, bha sinn ann an teanntachd, rug sinn mar gum b’e gaoth; cha d’obraich sinn slàinte anns an talamh, cha mhò a tha luchd-àiteachaidh an t‑saoghail air tuiteam.
19. Thig do mhairbh beò; maille rim chorp marbh-sa èiridh iad. Dùisgibh agus seinnibh, sibhse tha a chòmhnaidh anns an duslach; oir tha do dhrùchd mar dhrùchd luibhean; agus tilgidh an talamh a‑mach na mairbh.
20. Thig, O mo shluagh, imich a‑steach dod sheòmraichean, agus druid do dhorsan mun cuairt dhut; falaich thu fhèin car tamaill bhig, car tiota, gus an gabh a’ chorraich thairis.
21. Oir, feuch, tha an Tighearna a’ teachd a‑mach as àit, a smachdachadh luchd-àiteachaidh na talmhainn airson an aingidheachd; agus leigidh an talamh ris an fhuil a tha air, agus cha chòmhdaich e nas mò a mhairbh.

Salm 107:23-32
23. Iadsan a thèid sìos don fhairge air longan, a nì obair air uisgeachan mòra,
24. Chì iadsan gnìomharan an Tighearna, agus a bheartan iongantach anns an doimhne;
25. Oir labhraidh e, agus dùisgidh e a’ ghaoth dhoineannach, agus togaidh i a tonnan.
26. Thèid iad suas do na nèamhan, thèid iad sìos do na doimhneachdan; le àmhghar leaghaidh an anam.
27. Thèid iad thuige agus uaithe, agus tuislichidh iad mar dhuine air mhisg; agus thèid as dan cèill uile.
28. An sin glaodhaidh iad ris an Tighearna nan airc, agus as an teanntachdan bheir e iad.
29. Cuiridh e an doineann gu fèith, agus bidh a tonnan nan tàmh.
30. An sin bidh iad ait, a chionn gum bi iad sàmhach; agus bheir e iad don chaladh as miannach leo.
31. O gum moladh daoine an Tighearna airson a mhaitheis, agus airson a bheartan iongantach do chloinn nan daoine!
32. Agus gun àrdaicheadh iad e ann an coitheanal an t‑sluaigh, agus ann a àite-suidhe nan seanairean gum moladh iad e!

Gnàth-fhacal 25:18-19
18. Is òrd, agus claidheamh, agus saighead gheur, am fear a bheir fianais bhrèige an aghaidh a choimhearsnaich.
19. Mar fhiacail bhriste, agus mar chois as an alt, tha earbsa à duine neo-dhìleas ann an là airce.

2 Corintianach 1:9-15
9. Ach bha againn binn ar bàis annainn fhèin a‑chum nach biodh againn dòigh annainn fhèin, ach ann an Dia a dhùisgeas na mairbh:
10. Neach a shaor sinn o bhàs cho mòr, agus a tha gar saoradh: anns a bheil ar dòchas gun saor e sinn fhathast;
11. Air dhuibhse a bhith a’ co‑obrachadh le chèile ann an ùrnaigh air ar son, a‑chum gun tugar buidheachas le mòran air ar son, as leth an tìodhlaic a thugadh dhuinn, tre mhòran.
12. Oir is e seo ar gàirdeachas, fianais ar cogais, gur ann an aon-fhillteachd agus an treibhdhireas diadhaidh, agus chan ann an gliocas feòlmhor, ach ann an gràs Dhè, a chaith sinn ar beatha anns an t‑saoghal, agus gu h‑àraidh dur taobh-se.
13. Oir chan eil sinn a’ sgrìobhadh nithean sam bith eile dur n‑ionnsaigh-se, ach nan nithean a tha sibh a’ leughadh, no a tha sibh ag aideachadh, agus a tha dùil agam a dh’aidicheas sibh gus a’ chrìoch;
14. Amhail a dh’aidich sibh an càil, gur sinne ur gàirdeachas, mar as sibhse mar an ceudna ar gàirdeachas-ne ann an là an Tighearna Iosa.
15. Agus anns a’ mhuinghinn seo b’àill leamsa teachd dur n‑ionnsaigh air tùs, ionnas gum faigheadh sibhse ath-ghràs;