Isaiah 23:1-18 |
1. Trom-eallach Thìruis. Dèanaibh caoineadh, a longan Tharsis; oir sgriosadh i gu tur, ionnas nach eil taigh no fàrdach innte: o thalamh Chitim dh’fhoillsicheadh dhaibh e. |
2. Bithibh tosdach, a luchd-àiteachaidh an eilein: lìonadh thu le ceannaichean Shìdoin, a tha a’ siubhal thar cuan. |
3. Agus sìol Shioir o uisgeachan mòra, fàs na h‑aibhne, b’e sin a teachd-a‑steach: agus bha i na margadh do na cinnich. |
4. Biodh nàire ort, O Shìdoin, oir labhair an fhairge, eadhon neart na fairge, ag ràdh, Cha robh mi ri saothair, agus cha do rug mi clann; cha d’àraich mi òganaich, cha mhò a thog mi suas òighean. |
5. Mar a bha nuair a chualas sgeul mun Eiphit, mar sin bidh iad fo àmhghar ri cluinntinn sgeòil mu Thìrus. |
6. Rachaibh a‑null gu Tarsis: dèanaibh caoineadh, a luchd-àiteachaidh nan eilean. |
7. An i seo ur cathair aoibhinn, aig a bheil a h‑aois o aimsir chèin? Giùlainidh a casan fhèin i fad as gu fantainn air chuairt. |
8. Cò a ghabh a’ chomhairle seo an aghaidh Thìruis, a thug seachad coroin rìoghail, aig a bheil a ceannaichean nam prionnsachan; agus a luchd-malairt nan daoine urramach na tìre? |
9. Is e Tighearna nan sluagh a dh’òrdaich e, a chur smala air uabhar gach uile ghlòire, agus a thabhairt uile uaislean na tìre fo dhìmeas. |
10. Ruith thairis air d’fhearann mar abhainn, O nighean Tharsis; chan eil neart ann nas mò. |
11. Shìn e a làmh thar an fhairge; chrath e na rìoghachdan; thug an Tighearna àithne an aghaidh na cathrach a tha na ceannaiche, a‑chum a daingnichean làidir a sgrios. |
12. Agus thubhairt e, Cha dèan thu caithreim nas mò, O òigh shàraichte, a nighean Shìdoin; èirich, rach thairis gu Citim; an sin fòs chan fhaigh thu suaimhneas. |
13. Feuch tìr nan Caldèanach; cha robh an sluagh seo ann gus an do shuidhich an t‑Asirianach i airson luchd-àiteachaidh an fhàsaich; thog iad a baidealan, chuir iad suas a lùchairtean; agus rinn e a sgrios. |
14. Guilibh gu h‑àrd, a longan Tharsis; oir sgriosadh ur neart. |
15. Agus tàrlaidh anns an là sin gun leigear air dearmad Tìrus deich agus trì-fichead bliadhna, a rèir làithean aon rìgh; an ceann deich agus trì-fichead bliadhna, seinnidh Tìrus mar strìopaich. |
16. Glac do chlàrsach, cuartaich am baile, a strìopach a bha air do dhearmad; dèan ceòl gu binn; seinn iomadh òran, a‑chum gun cuimhnichear a‑rìs thu. |
17. Agus an ceann deich agus trì-fichead bliadhna, thig an Tighearna a dh’amharc Thìruis; agus tillidh i a‑chum a cosnaidh; agus nì i strìopachas le uile rìoghachdan an domhain, a tha air aghaidh na talmhainn. |
18. Agus bidh a malairt agus a buannachd naomh don Tighearna; cha taisgear suas e, agus cha ghleidhear gu tèarainte; oir bidh a malairt airson na muinntir a tha a chòmhnaidh am fianais an Tighearna, airson lòin a shàsaicheas, agus airson aodaich a mhaireas. |
Isaiah 24:1-23 |
1. Feuch, tha an Tighearna a’ dèanamh an fhearainn falamh, agus ga chur fàs; tha e ga thionndadh bun-os‑cionn, agus a’ sgapadh a luchd-àiteachaidh. |
2. Agus tàrlaidh, mar a bhios an sluagh, mar sin bidh an sagart; mar a bhios an t‑òglach, mar sin bidh a mhaighistir; mar a bhios a’ bhanoglach, mar sin bidh a bana-mhaighistir; mar a bhios an ceannaiche, mar sin bidh am fear-reic; mar a bhios esan a bheir iasad, mar sin bidh esan a ghabhas iasad; mar a bhios am fear a ghabhas riadh, mar sin bidh am fear a bheir riadh uaithe. |
3. Nìthear an tìr gu tur falamh, agus creachar i gu buileach; oir labhair an Tighearna am briathar seo. |
4. Tha an tìr ri caoidh agus a’ seargadh; tha an saoghal air lagachadh agus a’ seargadh; tha uaislean na tìre air lagachadh. |
5. Tha an tìr eadhon air a truailleadh fo a luchd-àiteachaidh; oir bhris iad an reachd, dh’atharraich iad an t‑òrdagh; sgaoil iad an coicheangal sìorraidh. |
6. Air an adhbhar sin dh’ith mallachd suas an tìr, agus tha a luchd-àiteachaidh air am fàsachadh; uime sin tha luchd-àiteachaidh na tìre air an losgadh suas, agus is tearc an dream a dh’fhàgadh. |
7. Tha am fìon nuadh ri caoidh, tha an fhìonain lag, tha luchd a’ chridhe aoibhinn uile ag osnaich. |
8. Sguir fuaim aighearach nan tiompan; theirig luathghaire na muinntir a bha ri gàirdeachas; sguir aighear na clàrsaich. |
9. Chan òl iad fìon le ceòl; bidh deoch làidir searbh dhaibhsan a dh’òlas i. |
10. Tha cathair na mì‑riaghailt air a briseadh sìos; tha gach taigh air a dhruideadh suas, air chor is nach faod aon neach dol a‑steach. |
11. Tha gaoir anns gach sràid airson fìona; dhorchaicheadh gach aighear; shiubhail gàirdeachas an fhearainn air falbh. |
12. Dh’fhàgadh lèir-chreach anns a’ bhaile, agus le buaireas bhriseadh sìos an geata. |
13. Nuair a bhios e mar seo ann am meadhon na tìre, am measg an t‑sluaigh, bidh amhail crathadh a’ chroinn-ola, agus mar an dìoghlam nuair a chrìochnaichear am fìon-fhogharaidh. |
14. Togaidh iadsan an guth, cliùthaichidh iad gu h‑àrd mòrachd an Tighearna; nì iad iolach on fhairge. |
15. Uime sin anns an teine glòraichibh an Tighearna; eadhon ainm an Tighearna, Dia Israeil, ann an eileanan a’ chuain. |
16. O iomall na talmhainn chuala sinn òrain, eadhon glòir don fhìrean; ach thubhairt mise, Mo chaoile, mo chaoile, mo thruaighe mi! Tha na mealltairean a’ mealladh, seadh le foill tha na mealltairean a’ mealladh. |
17. Tha an t‑uamhas, agus an sloc, agus an ribe ort, O fhir-àiteachaidh na tìre. |
18. Agus tàrlaidh, esan a theicheas o ghuth an uamhais, gun tuit e anns an t‑sloc; agus esan a thig a‑nìos o mheadhon an t‑sluic, gun glacar anns an ribe e; oir tha na tuil-dhorsan on àird air am fosgladh; agus tha bunaitean na talmhainn air an luasgadh. |
19. Tha an tìr gu tur air a briseadh sìos; tha an tìr air a sgaoileadh gu buileach as a chèile; tha an tìr air a luasgadh gu garbh. |
20. Bidh an tìr a’ gluasad thuige agus uaithe mar mhisgear; agus atharraichear i mar bhothan-tàimh: oir laighidh a h‑aingidheachd gu trom oirre; agus tuitidh i, agus chan èirich i nas mò. |
21. Agus tàrlaidh anns an là sin gun smachdaich an Tighearna na daoine àrda a tha shuas, agus rìghrean na talmhainn air an talamh. |
22. Agus cruinnichear iad ri chèile, mar a chruinnichear prìosanaich ann an sloc; agus druidear suas iad mar ann am prìosan; agus an dèidh mòran làithean fiosraichear iad. |
23. An sin bidh a’ ghealach air a maslachadh, agus a’ ghrian air a nàrachadh; oir rìoghaichidh Tighearna nan sluagh air beinn Shioin, agus ann an Ierusalem; agus ann am fianais a sheanairean bidh a ghlòir. |
Salm 107:10-22 |
10. Iadsan a shuidh ann an dorchadas agus ann an sgàil a’ bhàis, ceangailte ann an truaighe agus ann an iarann, |
11. A chionn gun do rinn iad ceannairc an aghaidh briathran Dhè, agus gun do rinn iad tàir air comhairle an Tì as àirde, |
12. Aig an do leagadh sìos an cridhe le anshocair; thuit iad, agus cha robh fear-cuideachaidh ann. |
13. An sin ghlaodh iad ris an Tighearna nan airc, agus as an teanntachdan shaor e iad. |
14. Thug e iad à dorchadas, agus à sgàil a’ bhàis, agus bhris e o chèile an cuibhreach. |
15. O gum moladh daoine an Tighearna airson a mhaitheis, agus airson a bheartan iongantach do chloinn nan daoine! |
16. Oir bhris e na geatachan umha, agus gheàrr e sìos na croinn iarainn. |
17. Bha amadain, airson an easaontais agus airson an euceartan, fo àmhghar. |
18. De gach biadh ghabh an anam gràin, agus thàinig iad dlùth do gheatachan bàis. |
19. An sin ghlaodh iad ris an Tighearna nan airc, agus as an teanntachdan shaor e iad. |
20. Chuir e a fhacal uaithe, agus shlànaich e iad; agus shaor e iad o sgrios. |
21. O gum moladh daoine an Tighearna airson a mhaitheis, agus airson a bheartan iongantach do chloinn nan daoine! |
22. Agus gun ìobradh iad ìobairtean buidheachais, agus gun cuireadh iad an cèill a ghnìomharan le luathghaire! |
Gnàth-fhacal 25:17-17 |
17. Tarraing do chas à taigh do choimhearsnaich, air eagal gum bi e sgìth dhìot, agus gum fuathaich e thu. |
2 Corintianach 1:8-24 |
8. Oir cha b’àill leinn, a bhràithrean, sibhse a bhith an‑fhiosrach mu thimcheall ar n‑àmhghair a thachair dhuinn anns an Asia, gun do bhruthadh sinn gu ro‑mhòr thar ar neart ionnas gu robh sinn fo amharas eadhon mu ar beatha: |
9. Ach bha againn binn ar bàis annainn fhèin a‑chum nach biodh againn dòigh annainn fhèin, ach ann an Dia a dhùisgeas na mairbh: |
10. Neach a shaor sinn o bhàs cho mòr, agus a tha gar saoradh: anns a bheil ar dòchas gun saor e sinn fhathast; |
11. Air dhuibhse a bhith a’ co‑obrachadh le chèile ann an ùrnaigh air ar son, a‑chum gun tugar buidheachas le mòran air ar son, as leth an tìodhlaic a thugadh dhuinn, tre mhòran. |
12. Oir is e seo ar gàirdeachas, fianais ar cogais, gur ann an aon-fhillteachd agus an treibhdhireas diadhaidh, agus chan ann an gliocas feòlmhor, ach ann an gràs Dhè, a chaith sinn ar beatha anns an t‑saoghal, agus gu h‑àraidh dur taobh-se. |
13. Oir chan eil sinn a’ sgrìobhadh nithean sam bith eile dur n‑ionnsaigh-se, ach nan nithean a tha sibh a’ leughadh, no a tha sibh ag aideachadh, agus a tha dùil agam a dh’aidicheas sibh gus a’ chrìoch; |
14. Amhail a dh’aidich sibh an càil, gur sinne ur gàirdeachas, mar as sibhse mar an ceudna ar gàirdeachas-ne ann an là an Tighearna Iosa. |
15. Agus anns a’ mhuinghinn seo b’àill leamsa teachd dur n‑ionnsaigh air tùs, ionnas gum faigheadh sibhse ath-ghràs; |
16. Agus gabhail uaibhse gu Macedònia, agus teachd o Mhacedònia a‑rìs dur n‑ionnsaigh-se, agus a bhith air mo thoirt air m’aghaidh leibh anns an t‑slighe gu Iudèa. |
17. Uime sin, nuair a chuir mi seo romham, an do ghnàthaich mi aotromachd? No an ann a rèir na feòla a tha mi a’ cur romham nan nithean a tha mi a’ cur romham, ionnas gum biodh agam seadh, seadh, agus chan eadh, chan eadh? |
18. Ach mar a tha Dia fìrinneach, cha b’e ar còmhradh ribhse seadh agus chan eadh. |
19. Oir Mac Dhè, Iosa Crìosd, a shearmonaicheadh nur measg-se leinne, eadhon leamsa, agus le Siluanus, agus le Timòteus, cha robh e na sheadh agus na chan eadh, ach annsan bha seadh. |
20. Oir geallaidhean Dhè uile annsan is seadh iad, agus annsan is Amen iad, a‑chum glòir Dhè dar taobh-ne. |
21. A‑nis an tì a dhaingnicheas sinne maille ribhse ann an Crìosd, agus a dh’ung sinn, is e Dia: |
22. Neach mar an ceudna a chuir seula oirnn, agus a thug dhuinn geall-daingnich an Spioraid nar cridheachan. |
23. Ach tha mi a’ gairm Dhè mar fhianais air m’anam, gur ann a‑chum sibhse a chaomhnadh nach tàinig mi fhathast gu Corintus. |
24. Chan e gu bheil againne tighearnas air ur creideamh-se, ach is luchd-cuideachaidh sinn dur n‑aoibhneas: oir is ann tre chreideamh a sheas sibh. |