Dàn Sholaimh 1:1-17 |
1. Dàn nan dàn, dàn Sholaimh. |
2. Pògadh e mi le pògan a bheòil; oir is math do ghràdh seach fìon. |
3. Airson fàile cùbhraidh is math d’ola-ungaidh-sa: is ola-ungaidh air a dòrtadh d’ainm; uime sin ghràdhaich na h‑òighean thu. |
4. Tarraing mi. Ad dhèidh ruithidh sinn. Da sheòmraichean threòraich an Rìgh mi. Nì sinn luathghaire agus bidh aoibhneas oirnn annadsa: cuiridh sinn an cuimhne do ghràdh nas mò na fìon: ghràdhaich na fìreanan thu. |
5. Dubh tha mi, ach sgiamhach, O a nigheanan Ierusaleim, mar bhùthan Chedair, mar chùirteanan rìomhach Sholaimh. |
6. Na biodh umhail agaibh ged tha mi dorcha, a chionn gun d’amhairc a’ ghrian orm: bha mic mo mhàthar am feirg rium; rinn iad coimheadaiche nam fìonlios dhìom: am fìonlios a bu leam fhèin cha do choimhead mi. |
7. Innis dhomh, O thusa da bheil gràdh aig m’anam, càit an ionaltair thu do threudan, càit an toir thu orra laighe sìos mu mheadhon-là; oir carson a bhithinn mar aon air faondradh am measg treudan do chompanach? |
8. Mura bheil fhios agad, O thusa as àillidh am measg bhan, imich a‑mach air luirg an treud, agus ionaltair do mhinn làimh ri bùthan nan aodhairean. |
9. Ri eich ann an carbadan Phàraoh samhlaicheam thu, a bhean mo ghaoil. |
10. Is àillidh do ghruaidhean le sreathan sheud, do mhuineal le slabhraidhean. |
11. Sreathan òir nì sinn dhut, le ballachan airgid. |
12. Am feadh a tha an Rìgh aig a fhleadh tha mo spiocnard a’ sgaoileadh a fhàile cùbhraidh. |
13. Is ceanglachan mirr mo ghràdh dhòmhsa; eadar mo chìochan laighidh e rè na h‑oidhche. |
14. Tha mo ghràdh dhòmhsa mar bhasgaid den chrann-champhir ann am fìonliosan En‑gedi. |
15. Feuch, tha thu àillidh, a bhean mo ghaoil; feuch, tha thu àillidh; tha sùilean chalaman agad. |
16. Feuch, tha thu àillidh, fhir mo ghràidh, agus taitneach, agus tha ar n‑uirigh uaine. |
17. Is croinn sheudair sailthean ar taighe, croinn-ghiuthais ar ceann-fhiodh. |
Dàn Sholaimh 2:1-17 |
1. Is ròs o Shàron mise, lilidh nan gleann. |
2. Mar lilidh am measg droighnich is amhail mo ghràdh-sa am measg nan nighean. |
3. Mar chrann-ubhall am measg croinn na coille, is amhail mo rùn-sa am measg nan òganach; fo a sgàile mhiannaich mi, agus shuidh mi sìos, agus bha a thoradh milis dom bhlas. |
4. Threòraich e mi do thaigh an fhìona, agus b’i a bhratach tharam an gràdh. |
5. Cumaibh suas mi le cùirn, sgapaibh ùbhlan mum thimcheall, oir tha mi tinn le gràdh. |
6. Tha a làmh chlì fom cheann, agus a làmh dheas timcheall orm. |
7. Cuiream mar fhiachaibh oirbh, a nigheanan Ierusaleim, air earban agus air èildean na machrach, nach cuir sibh dragh air, agus nach dùisg sibh mo ghràdh, gus an àill leis fhèin. |
8. Guth mo ghràidh! Feuch, tha e a’ teachd, a’ leumnaich air na beanntan, a’ toirt sithidh air na tulaichean. |
9. Is cosmhail mo ghràdh ri earba no ri laogh fèidh: feuch, tha e na sheasamh air cùl ar balla, a’ sealltainn a‑mach air na h‑uinneagan, ga nochdadh fhèin tron chlèith. |
10. Fhreagair mo ghràdh, agus thubhairt e rium, Eirich, a bhean mo ghaoil, m’aon sgiamhach, thig leam: |
11. Oir feuch, tha an geamhradh seachad, tha an t‑uisge thairis, dh’imich e roimhe. |
12. Chìthear na blàthan air an talamh, tha àm seinn nan eun air teachd, agus cluinnear guth an turtair nar tìr. |
13. Tha an crann-fìge a’ cur a‑mach a fhìgean glasa, agus tha dearcan maotha a’ chroinn-fhìona a’ toirt fàile cùbhraidh uapa: èirich, a bhean mo ghaoil, m’aon sgiamhach, agus thig leam. |
14. Mo chalaman, a tha ann an sgoltaidhean na creige, ann an ionad-diamhair a’ bhruthaich, leig dhomh amharc ort, leig leam do ghuth a chluinntinn, oir tha do ghuth binn, agus d’aogas maiseach. |
15. Glacaibh dhuinn na sionnaich, na sionnaich bheaga, a mhilleas na croinn-fhìona, agus dearcan òga ar crann-fìona. |
16. Is leamsa mo ghràdh, agus is leis-san mise: tha e ag ionaltradh am measg nan lilidh. |
17. Gus am bris an là, agus an teich na sgàilean, till; bi cosmhail ri earb, a ghràidh, no ri laogh fèidh air beanntan Bheteir. |
Salm 104:1-9 |
1. Beannaich an Tighearna, O m’anam! A Thighearna mo Dhia, tha thusa ro‑mhòr; le urram agus mòralachd tha thusa air do sgeadachadh. |
2. Tha thu a’ cur solais umad mar thrusgan, a’ sìneadh a‑mach nan nèamh mar chùirtean. |
3. Tha e a’ leagadh sailthean a sheòmraichean anns na h‑uisgeachan, a’ dèanamh nan neul nan carbad dha fhèin, a’ siubhal air sgiathan na gaoithe; |
4. A’ dèanamh a ainglean nan spioradan, a luchd-frithealaidh nan teine lasrach. |
5. Shuidhich e an talamh air a bhunaitean, a‑chum nach gluaiste e gu bràth. |
6. Leis an doimhneachd, mar le trusgan, chòmhdaich thu e; sheas na h‑uisgeachan os cionn nam beann. |
7. Od achmhasan-sa theich iad, o ghuth do thàirneanaich ghreas iad romhpa. |
8. Chaidh iad suas ri taobh nam beann; chaidh iad sìos air feadh nan gleann don àite a dh’òrdaich thusa dhaibh. |
9. Shuidhich thu crìoch air nach tèid iad thairis, a‑chum nach till iad a‑rìs a chòmhdachadh na talmhainn. |
Gnàth-fhacal 24:15-16 |
15. Na dèan feall-fhalach, a dhroch dhuine, an aghaidh àite-còmhnaidh an fhìrein; na creach a ionad-tàimh. |
16. Oir seachd uairean tuitidh am fìrean, agus èiridh e a‑rìs; ach tuitidh na h‑aingidh ann an olc. |
1 Corintianach 11:17-34 |
17. A‑nis anns an nì seo a tha mi a’ cur an cèill dhuibh, cha mhol mi sibh, do bhrìgh gu bheil sibh a’ teachd an ceann a chèile, chan ann a‑chum an nì as fheàrr, ach a‑chum an nì as miosa. |
18. Oir air tùs, nuair tha sibh a’ cruinneachadh an ceann a chèile anns an eaglais, tha mi a’ cluinntinn gu bheil roinnean nur measg; agus tha mi an cuid ga chreidsinn. |
19. Oir is èiginn saobh-chreideamh a bhith nur measg, a‑chum gun dèanar follaiseach an dream a tha dearbhte nur measg. |
20. Uime sin nuair a thig sibh an ceann a chèile do aon àite, chan e sin suipear an Tighearna ithe. |
21. Oir ithidh gach aon air tùs a shuipear fhèin, agus tha neach acrach, agus neach eile air mhisg. |
22. An e nach eil taighean agaibh a‑chum ithe agus òl annta? No a bheil sibh a’ dèanamh tàire air eaglais Dhè, agus a’ nàrachadh na muinntir aig nach eil? Ciod a their mi ribh? Am mol mi sibh anns a’ chùis seo? Cha mhol. |
23. Oir fhuair mise on Tighearna an nì mar an ceudna a thug mi dhuibhse, gun do ghlac an Tighearna Iosa aran, anns an oidhche anns an do bhrathadh e: |
24. Agus air tabhairt buidheachais, bhris e e, agus thubhairt e, Gabhaibh, ithibh; is e seo mo chorp-sa a tha air a bhriseadh air ur son-se: dèanaibh seo mar chuimhneachan ormsa. |
25. Agus air a’ mhodh cheudna an cupan, an dèidh na suipeir, ag ràdh, Is e an cupan seo an coicheangal nuadh ann am fhuil-sa: dèanaibh-se seo, cia minig is a dh’òlas sibh e, mar chuimhneachan ormsa. |
26. Oir cia minig is a dh’itheas sibh an t‑aran seo, agus a dh’òlas sibh an cupan seo, tha sibh a’ foillseachadh bàs an Tighearna gus an tig e. |
27. Uime sin, ge bè neach a dh’itheas an t‑aran seo, agus a dh’òlas cupan seo an Tighearna gu neo-iomchaidh, bidh e ciontach de chorp agus de fhuil an Tighearna. |
28. Ach ceasnaicheadh duine e fhèin, agus mar sin itheadh e den aran seo, agus òladh e den chupan seo: |
29. Oir ge bè a dh’itheas agus a dh’òlas gu neo-iomchaidh, tha e ag ithe agus ag òl breitheanais dha fhèin, do bhrìgh nach eil e a’ dèanamh aithne air corp an Tighearna. |
30. Air a shon seo tha mòran nur measg lag agus tinn, agus tha mòran nan cadal. |
31. Oir nan tugamaid breith oirnn fhèin, cha tugadh breith oirnn. |
32. Ach nuair a bheirear breith oirnn, tha sinn air ar smachdachadh leis an Tighearna, a‑chum nach bitheamaid air ar dìteadh maille ris an t‑saoghal. |
33. Uime sin, mo bhràithrean, nuair a thig sibh an ceann a chèile a‑chum ithe, fanaibh ri chèile. |
34. Agus ma bhios acras air aon neach, itheadh e aig an taigh; a‑chum nach tig sibh an ceann a chèile gu breitheanas. Agus cuiridh mise gach nì eile ann an òrdagh nuair a thig mi. |