A A A A A
Bible in one year
August 8

Iob 7:1-21
1. Nach eil àm suidhichte aig an duine air thalamh, agus mar làithean fhir-tuarasdail a làithean?
2. Mar a mhiannaicheas an seirbhiseach an sgàil, agus mar a bhios sùil aig an fhear-tuarasdail ri duais a obrach;
3. Mar sin fhuair mise mar sheilbh dhomh fhèin mìosan dìomhanais, agus àirmhear dhomh oidhcheannan cràidh.
4. Ma laigheas mi sìos, their mi, Cuin a dh’èireas mi, agus a thèid an oidhche thairis? Agus tha mi a’ làn-luasgaidh a‑null agus a‑nall gu briseadh na fàire.
5. Tha m’fheòil air a còmhdachadh le cnuimhean agus spairtean ùire; bhris mo chraiceann, agus tha e breun.
6. Tha mo làithean nas luaithe na spàl figheadair, agus tha iad air an caitheamh gun dòchas.
7. Cuimhnich gur gaoth mo bheatha: cha till mo shùil a dh’fhaicinn maith.
8. Sùil an tì a chunnaic mi, chan fhaic i mi: bidh do shùilean orm, agus cha bhi mi ann.
9. Caithear an neul, is thèid e as; mar sin esan a thèid sìos don uaigh, cha tig e a‑nìos.
10. Cha till e nas mò a dh’ionnsaigh a thaighe; agus chan aithnich a àit e nas mò.
11. Uime sin cha chùm mi mo bheul; labhraidh mi ann an teanntachd mo spioraid; gearainidh mi ann an seirbhe m’anama.
12. Am muir mi, no muc-mhara, gun cuireadh tu faire orm?
13. Ma their mi, Bheir mo leabaidh furtachd dhomh; aotromaichidh m’uirigh mo ghearan;
14. An sin cuiridh tu fuathas orm le aislingean, agus uamhas le seallaidhean:
15. Agus is fheàrr lem anam tachdadh, bàs na beatha.
16. Tha mi a’ gabhail gràin dheth; cha b’àill leam a bhith beò gu bràth: leig leam, oir is dìomhanas mo làithean.
17. Ciod e an duine, gun àrdaicheadh tu e? Agus gun suidhicheadh tu do chridhe air?
18. Agus gum fiosraicheadh tu e gach madainn? Gach mionaid gun dearbhadh tu e?
19. Cia fhad a bhios tu gun dealachadh rium? Agus nach leig thu leam gus an sluig mi sìos mo shile?
20. Pheacaich mi; ciod a nì mi dhut, O fhir-coimhead dhaoine? Carson a chuir thu mi ad aghaidh, agus a tha mi am èire orm fhèin?
21. Agus carson nach maith thu m’easaontas, agus nach cuir thu air falbh m’euceart? Oir a‑nis anns an duslach caidlidh mi; agus iarraidh tu mi anns a’ mhadainn, ach cha bhi mi ann.

Iob 8:1-22
1. An sin fhreagair Bildad an Suhach, agus thubhairt e,
2. Cia fhad a labhras tu mar sin, agus a bhios briathran do bheòil mar ghaoith làidir?
3. Am fiar Dia breitheanas, agus am fiar an t‑Uile-chumhachdach ceartas?
4. Ma pheacaich do chlann na aghaidh, agus gun tug e thairis iad dan easaontas;
5. Nan iarradh tu gu moch a dh’ionnsaigh Dhè, agus air an Uile-chumhachdach nan aslaicheadh tu;
6. Nam biodh tu glan agus ionraic, gu cinnteach a‑nis mhosgaileadh e air do shon, agus dhèanadh e àite-còmhnaidh d’fhìreantachd sìochail.
7. Ged bhiodh do thùs beag, dh’fhàsadh do chrìoch gu mòr.
8. Oir fiosraich, guidheam ort, den linn roimhe, agus deasaich thu fhèin a‑chum rannsachadh an athraichean:
9. (Oir on dè tha sinne, agus chan aithne dhuinn, a chionn gur sgàil ar làithean air thalamh:)
10. Nach teagaisg iad thu, nach innis iad dhut, agus on cridhe nach labhair iad briathran?
11. Am fàs an luachair gun làthaich? Am fàs am mìn-fheur gun uisge?
12. Nuair a bhios e fhathast na ghlaise, cha ghearrar sìos e; gidheadh, ro gach luibh seargaidh e.
13. Mar sin ceuman nan uile a dhìochuimhnicheas Dia; agus bàsaichidh dòchas a’ chealgair:
14. Aig an gearrar a dhòchas as, oir is e lìon an damhain-allaidh a earbsa.
15. Leigidh e a thaic ra thaigh, ach cha seas e: cumaidh e gu daingeann e, ach cha mhair e.
16. Uaine tha e fa chomhair na grèine; agus na lios fàsaidh a mheanglan suas.
17. Air a’ chàrn bidh a fhreumhan air am fighe air feadh a chèile, agus fiosraichidh e àite nan clach.
18. Ma ghearras e as o a àit e, an sin àichidh e e, ag ràdh, Chan fhaca mi thu.
19. Feuch, is e seo aoibhneas a shlighe-san; ach as an ùir fàsaidh aon eile.
20. Feuch, cha tilg Dia air falbh an duine foirfe, agus cha ghabh e greim de làimh nan daoine aingidh:
21. Gus an lìon e do bheul le gàire, agus do bhilean le gàirdeachas.
22. Iadsan a dh’fhuathaicheas thu, còmhdaichear iad le nàire; agus cha bhi pàillean nan aingidh ann.

Salm 92:8-15
8. Ach tha thusa ro‑àrd gu sìorraidh, a Thighearna;
9. Oir feuch do naimhdean, a Thighearna, oir feuch do naimhdean, sgriosar iad; sgapar uile luchd-dèanamh na h‑euceirt.
10. Ach mar adharc buabhaill àrdaichidh tu m’adharc-sa; ungar mi le ola ùir;
11. Agus amhaircidh mo shùil air m’eascairdean; mu na droch dhaoine a dh’èireas suas am aghaidh cluinnidh mo chluasan.
12. Mar chrann-pailme thig am fìrean fo bhlàth; mar sheudair air Lebanon fàsaidh e suas.
13. Iadsan a shuidhichear ann an taigh an Tighearna, ann an cùirtean ar Dè‑ne thig iad fo bhlàth;
14. Fhathast nan seann aois bheir iad a‑mach toradh; sultmhor agus ùr bidh iad,
15. A‑chum gun nochd iad gu bheil an Tighearna, mo charraig, cothromach, agus nach eil euceart ann.

Gnàth-fhacal 22:17-21
17. Aom do chluas, agus èisd ri briathran dhaoine glice, agus socraich do chridhe air m’eòlas-sa:
18. Oir is taitneach an nì e, ma ghleidheas tu iad ann ad chom, ma bhios iad araon deas air do bhilean.
19. A‑chum gum biodh d’earbsa as an Tighearna, nochd mi dhut an‑diugh, eadhon dhutsa.
20. Nach do sgrìobh mi dhut nithean òirdheirc, ann an comhairlean, agus ann an eòlas?
21. A‑chum gun nochdainn dhut cinnte briathran na fìrinn; a‑chum gum freagradh tu briathran na fìrinn dhaibhsan a chuireas fios ad ionnsaigh?

Ròmanaich 9:1-15
1. Tha mi a’ labhairt na fìrinn ann an Crìosd, chan eil mi a’ dèanamh brèige (air a bhith dom chogais a’ dèanamh fianais dhomh anns an Spiorad Naomh),
2. Gu bheil doilgheas mòr orm, agus cràdh air mo chridhe an còmhnaidh.
3. Oir ghuidhinn mi fhèin a bhith dealaichte o Chrìosd, airson mo bhràithrean, mo luchd-dàimh a‑thaobh na feòla:
4. A tha nan Israelich; dom buin an uchd-mhacachd, agus a’ ghlòir, agus na coicheangail, agus tabhairt an lagha, agus seirbhis Dhè, agus na geallaidhean;
5. Dom buin na h‑athraichean, agus o a bheil Crìosd a‑thaobh na feòla, neach as e Dia os cionn nan uile, beannaichte gu sìorraidh. Amen.
6. Chan e gu bheil facal Dhè gun èifeachd. Oir chan Israelich iadsan uile a tha o Israel:
7. Agus cha mhò do bhrìgh gur sliochd do Abrahàm iad, a tha iad uile nan cloinn: ach, Ann an Isaac ainmichear do shìol.
8. Is e sin ri ràdh, Chan iad clann na feòla clann Dhè: ach is iad clann a’ gheallaidh a mheasar mar shìol.
9. Oir is e seo facal a’ gheallaidh, A rèir an àma seo thig mi, agus bidh mac aig Sàra.
10. Agus chan e a‑mhàin seo, ach Rebeca mar an ceudna nuair a rinneadh torrach i o aon, eadhon Isaac ar n‑athair-ne;
11. (Oir mun do rugadh na naoidheanan, agus mun do rinn iad math no olc, a‑chum gum biodh rùn Dhè a rèir an taghaidh seasmhach, chan ann o obraichean, ach on tì a ghairmeas;)
12. Thubhairteadh rithe, Nì an neach as sine seirbhis don neach as òige.
13. A rèir mar a tha e sgrìobhte, Ghràdhaich mi Iàcob, ach dh’fhuathaich mi Esau.
14. Ciod a their sinn, matà? A bheil eucoir maille ri Dia? Nar leigeadh Dia.
15. Oir tha e ag ràdh ri Maois, Nì mi tròcair air an neach air an dèan mi tròcair, agus gabhaidh mi truas den neach den gabh mi truas.