A A A A A
Bible in one year
August 30

Eclesiastes 8:1-17
1. Cò a tha mar an duine glic? Agus cò don aithne eadar-mhìneachadh nì? Bheir gliocas duine air a ghnùis dealrachadh, agus atharraichear dànachd a ghnùise.
2. Comhairlicheam dhut àithne an rìgh a choimhead, agus sin airson mionnan Dhè.
3. Na biodh cabhag ort gu dol as a shealladh: na buanaich ann an droch nì, oir nì esan gach nì as àill leis.
4. Far a bheil facal rìgh, tha cumhachd; agus cò a dh’fhaodas a ràdh ris, Ciod e sin a tha thu a’ dèanamh?
5. Ge bè ghleidheas an àithne, cha mhothaich e droch nì sam bith; agus is aithne do chridhe duine glic àm agus breitheanas.
6. A chionn aig gach nì gu bheil àm agus breitheanas; uime sin tha truaighe an duine trom.
7. Oir chan eil fhios aige air an nì a bhios ann: oir cò a dh’innseas dha cionnas a bhitheas e.
8. Chan eil duine sam bith aig a bheil cumhachd os cionn an spioraid, a chumail an spioraid, no cumhachd ann an là a’ bhàis; agus chan eil dol as anns a’ chath sin; cha mhò a theasairgeas aingidheachd iadsan a ghnàthaicheas i.
9. Seo uile chunnaic mi, agus shuidhich mi mo chridhe air gach obair a nìthear fon ghrèin: tha àm anns an riaghlaich duine os cionn duine eile, ga aimhleas fhèin.
10. Agus mar sin chunnaic mi na h‑aingidh adhlaicte, a thàinig agus a dh’imich o àit an naoimh, agus dhìochuimhnicheadh iad anns a’ chathair anns an do rinn iad mar sin: is dìomhanas seo mar an ceudna.
11. A chionn nach eil binn an aghaidh droch obrach ga cur an gnìomh gu luath, uime sin tha cridhe clann nan daoine làn-shuidhichte air olc a dhèanamh.
12. Ged nì peacach olc ceud uair, agus gun sìnear a làithean, gidheadh tha fios cinnteach agam gun èirich gu math dhaibhsan air am bi eagal Dhè, air am bi eagal na làthair.
13. Ach chan èirich gu math don aingidh, cha mhò a shìneas e a làithean; mar sgàil bidh esan air nach bi eagal an làthair Dhè.
14. Tha dìomhanas ann a nìthear air an talamh, gu bheil fìreanan ann don tachair a rèir obair nan aingidh; agus gu bheil daoine aingidh ann don tachair a rèir obair nam fìrean: thubhairt mi gur dìomhanas seo mar an ceudna.
15. An sin mhol mi subhachas, do bhrìgh nach eil nì as fheàrr aig duine fon ghrèin na ithe agus òl, agus a bhith subhach; oir fanaidh sin aige de a shaothair, rè làithean a bheatha, a bheir Dia dha fon ghrèin.
16. Nuair a leag mi mo chridhe air eòlas a’ ghliocais fhaotainn, agus air na gnothaichean a nìthear air an talamh fhaicinn (oir mar an ceudna tha neach ann nach faic cadal a là no a dh’oidhche le a shùilean);
17. An sin chunnaic mi uile obair Dhè, nach urrainn duine an obair a nìthear fon ghrèin fhaotainn a‑mach; a chionn ged nì duine a dhìcheall air a faotainn a‑mach, gidheadh nach faigh e i; seadh fhathast, ged shaoil duine glic gum faigh e eòlas oirre, nach urrainn e a faotainn a‑mach.

Eclesiastes 9:1-18
1. Oir chuir mi romham ann am chridhe seo uile a chur an cèill, Gu bheil na fìreanan agus na daoine glice, agus an obraichean, ann an làimh Dhè: chan aithne do dhuine sam bith aon chuid gràdh no fuath, leis na h‑uile nithean a tha fan comhair.
2. Thig na h‑uile nithean air aon seòl do na h‑uile dhaoine: tachraidh an aon nì don fhìrean agus don aingidh; don mhath, agus don ghlan, agus don neòghlan; dhàsan a dh’ìobras, agus dhàsan nach ìobair: mar a tha an duine math, is ann mar sin a tha am peacach; agus esan a mhionnaicheas, mar an tì air a bheil eagal mhionn.
3. Is olc seo am measg nan uile nithean a nìthear fon ghrèin, gun tachair an t‑aon nì dhaibh uile; agus mar an ceudna gu bheil cridhe clann nan daoine làn uilc, agus gu bheil cuthach nan cridhe am fad agus as beò iad, agus na dhèidh sin gun tèid iad a‑chum nam marbh.
4. Oir aig gach neach a tha ceangailte ris na h‑uile bheòthan, tha dòchas: oir is fheàrr madadh beò na leòmhann marbh.
5. Oir tha fhios aig na beòthan gum faigh iad bàs: ach chan eil fhios nì air bith aig na mairbh, cha mhò tha luigheachd aca nas mò; oir thèid an cuimhne air dhìochuimhn.
6. Chaidh as mar an ceudna a‑nis dan gràdh, agus dam fuath, agus dam farmad; agus cha bhi cuibhreann aca tuilleadh gu bràth ann an aon nì a nìthear fon ghrèin.
7. Imich romhad, ith d’aran le gàirdeachas, agus òl d’fhìon le cridhe subhach; oir tha Dia a‑nis toilichte led obraichean.
8. Biodh d’earradh anns gach àm geal; agus na biodh dìth ola-ungaidh air do cheann.
9. Caith do bheatha gu subhach leis a’ mhnaoi as ionmhainn leat rè uile làithean beatha do dhìomhanais, a thug e dhut fon ghrèin: oir is e seo do chuibhreann anns a’ bheatha seo, agus ann ad shaothair a ghabhas tu fon ghrèin.
10. Ge bè nì a gheibh do làmh ra dhèanamh, dèan e led dhìcheall; oir chan eil obair, no innealachd, no eòlas, no gliocas anns an uaigh, da bheil thu a’ dol.
11. Thionndaidh mi, agus chunnaic mi fon ghrèin nach ann do na daoine luatha a tha an rèis, no do na daoine treuna an cath, no do na daoine glice aran, no do dhaoine tuigseach saoibhreas, no do dhaoine eòlach deagh-ghean, ach gun tachair àm agus tuiteamas dhaibh uile:
12. Oir gu deimhinn chan eil fhios aig duine air a àm fhèin: mar iasg a ghlacar ann an droch lìon, agus mar eòin a ghlacar ann an ribe, is ann mar sin a ribear clann nan daoine ann an droch àm, nuair a thuiteas e orra gu h‑obann.
13. An gliocas seo mar an ceudna chunnaic mi fon ghrèin, agus bu mhòr agam e.
14. Bha cathair bheag ann, agus beagan dhaoine innte; agus thàinig rìgh mòr na h‑aghaidh, agus shuidh e mun cuairt oirre, agus chuir e daingnichean mòra suas na h‑aghaidh.
15. Agus fhuaireadh innte duine bochd glic, agus theasairg e a’ chathair le a ghliocas; ach cha do chuimhnich neach air bith air an duine bhochd sin.
16. An sin thubhairt mise, Is fheàrr gliocas na neart: gidheadh, nìthear tàir air gliocas an duine bhochd, agus chan èisdear ra bhriathran.
17. Eisdear ri briathran dhaoine glice ann an ciùineas, nas mò na ri glaodh an tì a riaghlas am measg amadan.
18. Is fheàrr gliocas na innealan-cogaidh: ach millidh aon pheacach mòran maith.

Eclesiastes 10:1-20
1. Bheir cuileagan marbha air ola-ungaidh an lèigh boladh breun a chur uaipe: is amhail a nì beagan amaideachd airsan a tha cliùiteach airson gliocais agus urraim.
2. Tha cridhe duine glic air a làimh dheis; ach cridhe amadain air a làimh chlì.
3. Anns an t‑slighe fhèin, nuair a shiùbhlas an t‑amadan, trèigidh a ghliocas e, agus their e ris gach duine gur amadan e.
4. Ma dh’èireas spiorad an uachdarain ad aghaidh, na fàg d’àite; oir ciùinichidh gèilleadh lochdan mòra.
5. Tha olc a chunnaic mi fon ghrèin, mar sheachran a thig o làthair an uachdarain;
6. Cuirear amaideachd an inbhe mhòir, agus suidhidh na saoibhir ann an ionad ìosal.
7. Chunnaic mi òglaich air eich agus uachdarain a’ siubhal mar sheirbhisich air an talamh.
8. An tì a chladhaicheas sloc, tuitidh e fhèin ann; agus an tì a bhriseas callaid, teumaidh nathair e.
9. An tì a dh’atharraicheas clachan, gortaichear e leo; agus an tì a sgoilteas fiodh, bidh e an cunnart uaithe.
10. Ma bhios an t‑iarann maol, agus nach geuraich e am faobhar, feumaidh e an tuilleadh spionnaidh a chur leis; ach tha gliocas tairbheach a sheòladh.
11. Gu deimhinn teumaidh an nathair gun srann, agus chan fheàrr am bith-bhriathrach.
12. Tha briathran beul duine glic gràsail; ach sluigidh bilean amadain e fhèin suas.
13. Is amaideachd toiseach briathran a bheòil; agus is cuthach millteach deireadh a chainnte.
14. Agus tha amadan làn de bhriathran: chan eil fhios aig duine ciod a bhios ann: agus ciod a bhios ann na dhèidh, cò as urrainn innse dha?
15. Sgìthichidh saothair nan amadan gach aon dhiubh, do bhrìgh nach aithne dha cionnas a thèid e don chathair.
16. Mo thruaighe thu, a thìr, nuair as leanabh as rìgh dhut, agus a dh’itheas d’uachdarain biadh anns a’ mhadainn!
17. Is sona thu, a thìr, nuair as e do rìgh mac nan uasal, agus a dh’itheas d’uachdarain ann an àm iomchaidh, a‑chum neirt, agus chan ann a‑chum misge!
18. Le mòran leisge thèid an aitreabh sìos; agus le dìomhanas nan làmh snidhidh an taigh troimhe.
19. Nìthear cuirm a‑chum aiteis, agus nì fìon duine subhach: ach freagraidh an t‑airgead na h‑uile nithean.
20. Eadhon ann ad smuaintean na mallaich an rìgh, agus an taobh a‑staigh ded sheòmar na mallaich an saoibhir; oir giùlainidh eun an adhair an guth, agus innsidh an nì air a bheil sgiathan a’ chùis.

Salm 103:6-14
6. Nì an Tighearna ceartas agus breitheanas dhaibhsan uile a tha air an sàrachadh.
7. Dh’fhoillsich e a shlighean do Mhaois, a ghnìomharan do chloinn Israeil.
8. Is tròcaireach agus is gràsmhor an Tighearna, mall a‑chum feirge, agus pailt ann an coibhneas gràidh.
9. Cha bhi e a’ cronachadh gu sìorraidh, agus cha ghlèidh e a fhearg gu bràth.
10. A rèir ar peacaidhean cha do rinn e oirnn, agus a rèir ar n‑euceartan cha tug e luigheachd dhuinn.
11. Oir mar a tha na nèamhan àrd os cionn na talmhainn, mar sin tha a thròcair mòr don taobh-san don eagal e.
12. Cho fad is a tha an àird an ear on àird an iar, cho fad is sin chuir e uainn ar n‑easaontais.
13. Mar a ghabhas athair truas da chloinn, gabhaidh an Tighearna truas dhiubhsan don eagal e;
14. Oir is aithne dha ar dealbh; is cuimhne leis gur duslach sinn.

Gnàth-fhacal 24:10-12
10. Ma dh’fhannaicheas tu ann an là an àmhghair, is beag do neart.
11. Ma dhearmadas tu iadsan a thèarnadh a thàirngear a‑chum bàis, agus iadsan a tha ullamh gu bhith air am marbhadh;
12. Ma their thu, Feuch, cha robh fhios againn air seo; nach toir esan a chothromaicheas an cridhe fa‑near? Agus nach bi fhios aigesan a choimheadas d’anam? Agus nach ìoc e do gach duine a rèir a ghnìomharan?

1 Corintianach 10:19-33
19. Ciod a their mi uime sin? Gu bheil brìgh air bith anns an iodhal, no gu bheil brìgh air bith anns an nì a dh’ìobradh do iodhalan?
20. Ach tha mi ag ràdh, na nithean a tha na Cinnich ag ìobradh, gur ann do dheamhain a tha iad gan ìobradh, agus nach ann do Dhia: agus cha b’àill leam comann a bhith agaibhse ri deamhain.
21. Chan eil e an comas dhuibh cupan an Tighearna òl, agus cupan dheamhan. Chan eil e an comas dhuibh co‑roinn a bhith agaibh de bhòrd an Tighearna, agus de bhòrd dheamhan.
22. Am brosnaich sinn an Tighearna gu eud? An treasa sinn na esan?
23. Tha na h‑uile nithean ceadaichte dhòmhsa, ach chan eil na h‑uile nithean iomchaidh: tha na h‑uile nithean ceadaichte dhòmhsa, ach cha toir na h‑uile nithean fòghlam.
24. Na iarradh neach air bith an nì sin a bhuineas dha fhèin; ach iarradh gach aon an nì sin a thig ri math neach eile.
25. Ithibh gach nì a reicear ann am margadh na feòla, gun cheist air bith fheòraich air sgàth cogais.
26. Oir is leis an Tighearna an talamh, agus a làn.
27. Ma bheir aon neach dhiubhsan nach eil nan creidmhich cuireadh dhuibh, agus gur toil leibh dol maille ris, ithibh gach nì a chuirear romhaibh, gun nì sam bith fheòraich air sgàth cogais.
28. Ach ma their duine sam bith ribh, Dh’ìobradh an nì seo do iodhalan, na ithibh, air a sgàth-san a nochd dhuibh e, agus air sgàth cogais. Oir is leis an Tighearna an talamh, agus a làn.
29. Air sgàth cogais, tha mi ag ràdh, chan i do chogais fhèin, ach cogais an neach ud eile: oir carson a bheirear breith air mo shaorsa-sa le cogais duine eile?
30. Oir, ma tha compàirt bìdh agamsa tre ghràs, carson a labhrar olc umam a‑thaobh an nì sin airson a bheil mi a’ toirt buidheachais?
31. Uime sin co‑dhiù dh’itheas no dh’òlas sibh, no ge bè nì a nì sibh, dèanaibh na h‑uile nithean a‑chum glòir Dhè.
32. Na tugaibh adhbhar oilbheim do na h‑Iùdhaich, no do na Greugaich, no do eaglais Dhè:
33. A rèir mar a tha mise a’ dèanamh toil nan uile dhaoine anns na h‑uile nithean, gun a bhith ag iarraidh mo bhuannachd fhèin, ach buannachd mhòran, a‑chum gun tèarnar iad.