Iob 37:1-24 |
1. Mar an ceudna uime seo chriothnaich mo chridhe, agus charaicheadh as a àit e. |
2. Eisdibh gu furachair ri fuaim a ghutha, agus an torman a thèid a‑mach as a bheul. |
3. Fo na nèamhan uile stiùraidh e e, agus a dhealanach gu crìochan na talmhainn. |
4. Na dhèidh sin beucaidh guth: nì e tàirneanach le guth a mhòralachd; agus cha chùm e air an ais iad nuair a chluinnear a ghuth. |
5. Nì Dia tàirneanach le a ghuth gu h‑iongantach; nì e nithean mòra do‑thuigsinn. |
6. Oir ris an t‑sneachd their e, Bi‑sa air an talamh; mar an ceudna ris an uisge mheanbh, agus ri uisge mòr a neirt. |
7. Air làimh gach duine cuiridh e seula, a‑chum gun aithnich na h‑uile dhaoine a obair-san. |
8. Agus thèid na fiadh-bheathaichean a‑steach dan garaidhean, agus nan àitean-tàimh laighidh iad. |
9. As an àird a deas thig an ioma-ghaoth, agus fuachd as an àird a tuath. |
10. Le anail Dhè bheirear reodhadh; cumhangaichear leud nan uisgeachan. |
11. Mar an ceudna le uisgeachadh sgìthichidh e an neul tiugh: sgaoilidh e a neul soillseach. |
12. Agus tionndaidhear mun cuairt e le a chomhairle; a‑chum gun dèan iad ge bè nì a dh’àithneas e dhaibh air aghaidh a’ chruinne-chè. |
13. Bheir e air teachd, mas ann a‑chum smachdachaidh, no airson a fhearainn, no airson tròcair. |
14. Eisd ri seo, a Iob; seas, agus tabhair fa‑near obraichean iongantach Dhè. |
15. A bheil fhios agad cuin a dh’òrdaich Dia iad, agus a thug e air solas a neòil dealrachadh? |
16. A bheil fhios agad air cothromachadh nan neul, air obraichean iongantach an tì a tha iomlan ann an eòlas? |
17. Cionnas a tha d’aodach blàth, nuair a chiùinichear an talamh leis a’ ghaoith a deas? |
18. An do sgaoil thu a‑mach maille ris-san na speuran, a tha làidir, mar sgàthan leaghte? |
19. Nochd dhuinn ciod a their sinn ris: chan urrainn sinn ar cainnt a chur an òrdagh a‑thaobh dorchadais. |
20. An innsear dha nuair a labhras mi? Ma labhras duine, gu cinnteach sluigear suas e. |
21. Agus a‑nis chan fhaic daoine an solas dealrach a tha anns na neòil: ach siùbhlaidh a’ ghaoth, agus glanaidh i iad. |
22. As an àird a tuath thig soineann: aig Dia tha mòrachd uamhasach. |
23. An t‑Uile-chumhachdach, chan urrainn sinn fhaghail a‑mach: tha e òirdheirc ann an cumhachd, agus ann am breitheanas, agus ann an làn cheartas: cha sàraich e. |
24. Uime sin bidh eagal air daoine roimhe: cha bhi meas aige air duine sam bith a bhios glic an cridhe. |
Iob 38:1-41 |
1. An sin fhreagair an Tighearna Iob as a’ chuairt-ghaoith, agus thubhairt e, |
2. Cò e seo a tha a’ dorchachadh comhairle le briathran gun eòlas? |
3. Crioslaich a‑nis mar fhear do leasraidh, agus feòraichidh mi dhìot, agus freagair thusa mi. |
4. Càit an robh thu nuair a leag mise bunaitean na talmhainn? Innis, ma tha tuigse agad. |
5. Cò a shuidhich a thomhaisean, mas aithne dhut, no cò a shìn an t‑sreang-thomhais air? |
6. Ciod air a bheil a bhunaitean air an daingneachadh, no cò a leag a chlach-oisinn, |
7. Nuair a sheinn reultan na maidne cuideachd, agus a rinn uile mhic Dhè gàirdeachas? |
8. No cò a dhruid a‑staigh an fhairge le dorsan nuair a bhris i a‑mach mar gun tigeadh i as a’ bhroinn; |
9. Nuair a rinn mi neul na thrusgan dhi, agus tiugh dhorchadas na chrios-pasgaidh dhi; |
10. Agus a bhris mi suas dhi m’àite suidhichte, agus a rinn mi dhi crannan agus dorsan; |
11. Agus a thubhairt mi, Gu ruig seo thig thu, ach cha tig nas fhaide, agus an seo caisgear do thonnan uaibhreach? |
12. O thoiseach do làithean an tug thu àithne don mhadainn? An tug thu fios a h‑àite don sgarthanaich? |
13. A‑chum greim a ghabhail de chrìochan na talmhainn, agus gun crathte na h‑aingidh as. |
14. Tionndaidhear e mar chriadh ris an t‑seula; agus seasaidh iadsan mar aodach. |
15. Agus cumar an solas o na h‑aingidh, agus brisear an gàirdean àrd. |
16. An deachaidh tu a‑steach gu tobraichean na fairge? No ann an rannsachadh an dubh-aigein an d’imich thu? |
17. An d’fhosgladh geatachan a’ bhàis dhut? No am faca tu dorsan sgàil a’ bhàis? |
18. An tug thu fa‑near leud na talmhainn? Innis, mas aithne dhut e uile. |
19. Càit a bheil an t‑slighe anns an còmhnaich an solas? Agus an dorchadas, càit a bheil a ionad-san? |
20. Gun gabhadh tu e ga chrìch, agus gum b’aithne dhut na ceuman a dh’ionnsaigh a thaighe? |
21. An aithne dhut e, a chionn gun do rugadh tu an sin, no gu bheil àireamh do bhliadhnachan mòr? |
22. An deachaidh tu a‑steach gu ionmhasan an t‑sneachda? No am faca tu ionmhasan na cloiche-meallain, |
23. A thaisg mise fa chomhair aimsir na teanntachd, fa chomhair là a’ chatha agus a’ chogaidh? |
24. Cia an rathad a dhealaichear an solas, a sgaoileas a’ ghaoth an ear air an talamh? |
25. Cò a roinn sruth-chlais airson na tuile, agus slighe airson dealanach na tàirneanaich; |
26. A thoirt air frasadh air an talamh far nach eil duine; air an fhàsach gun duine ann; |
27. A shàsachadh an fhàsaich agus an dìthreibh, agus a thoirt air cinneas an luis mhaoith fàs suas? |
28. A bheil athair aig an uisge? No cò a ghin braoin an drùchda? |
29. A broinn cò an tàinig an eigh? Agus liath-reodhadh nan speur, cò a ghin e? |
30. Mar chloich tha na h‑uisgeachan air an cruadhachadh, agus aghaidh na doimhne air reodhadh. |
31. Am faod thusa cumhachdan milis Phleiades a cheangal, no ceanglaichean Orioin fhuasgladh? |
32. An toir thu a‑mach Madsarot na àm? No an stiùir thu Arcturus maille ra mhic? |
33. An aithne dhut reachdan nan nèamh? An suidhich thu an uachdaranachd air an talamh? |
34. An tog thu suas a dh’ionnsaigh nan neul do ghuth, air chor is gun còmhdaich pailteas uisgeachan thu? |
35. An cuir thu uat dealanaich, agus an tèid iad, agus an abair iad riut, Tha sinn an seo? |
36. Cò a chuir gliocas anns an taobh a‑staigh? No cò a thug tuigse don chridhe? |
37. Cò a dh’àireamhas na neòil an gliocas? No cò a chaisgeas searragan nan nèamh; |
38. Nuair a dh’fhàsas an duslach na mheall cruaidh, agus a dhlùth-leanas na fòidean ri chèile? |
39. An sealg thusa cobhartach don leòmhann bhoireann, agus an sàsaich thu cìocras nan leòmhann òga; |
40. Nuair a chrùbas iad nan garaidhean, a dh’fhanas iad ann an sgàil a‑chum feall-fheitheimh? |
41. Cò a sholaras don fhitheach a lòn? An uair a dh’èigheas an t‑àl òg aige ri Dia, thèid iad air iomrall a chion bìdh. |
Salm 100:1-5 |
1. Salm molaidh. Togaibh iolach ait don Tighearna, a thìrean uile. |
2. Dèanaibh seirbhis don Tighearna le aoibhneas, thigibh na fhianais le luathghaire. |
3. Biodh fhios agaibh gur e an Tighearna as Dia ann; is e a rinn sinn, agus cha sinn fhèin; is sinn a shluagh, agus caoraich a ionaltraidh-san. |
4. Thigibh a‑steach na gheatachan le buidheachas, na chùirtean le moladh; thugaibh buidheachas dha, beannaichibh a ainm; |
5. Oir tha an Tighearna math; mairidh a thròcair gu bràth, agus a fhìrinn o linn gu linn. |
Gnàth-fhacal 23:26-28 |
26. A mhic, thoir dhòmhsa do chridhe, agus coimheadadh do shùilean mo shlighean. |
27. Oir is staing dhomhain strìopach; agus is sloc cumhang ban-choigreach. |
28. Tha i mar an ceudna ri feall-fheitheamh mar chreachadair, agus cuiridh i luchd-dòbheairt an lìonmhorachd am measg dhaoine. |
1 Corintianach 5:1-13 |
1. Tha e air aithris gu coitcheann gu bheil neòghlaine nur measg, agus a leithid sin de neòghlaine, nach eil uiread is air ainmeachadh am measg nan Cinneach, gum biodh aig neach bean a athar. |
2. Agus tha sibh air ur sèideadh suas, agus cha do rinn sibh bròn mar a bu chòir, a‑chum gun tugte air falbh uaibh am fear a rinn an gnìomh seo. |
3. Oir gu deimhinn air dhòmhsa a bhith uaibh anns a’ cholainn, ach an làthair agaibh ann an spiorad, thug mi breith cheana, mar gum bithinn an làthair, air an neach a rinn seo mar seo; |
4. Ann an ainm ar Tighearna Iosa Crìosd, air dhuibhse agus dom spiorad-sa a bhith cruinn an ceann a chèile, maille ri cumhachd ar Tighearna Iosa Crìosd; |
5. A shamhail seo de dhuine a thoirt thairis do Shàtan a‑chum sgrios na feòla, a‑chum gum bi an spiorad air a shaoradh ann an là an Tighearna Iosa. |
6. Chan eil ur n‑uaill math: nach eil fhios agaibh gun gortaich beagan de thaois ghoirt am meall uile? |
7. Glanaibh a‑mach uime sin an t‑seann taois ghoirt, a‑chum gum bi sibh nur meall nuadh, mar a tha sibh neo-ghortaichte. Oir tha eadhon Crìosd ar n‑uan-càisge air ìobradh air ar son. |
8. Uime sin cumamaid an fhèill, chan ann le seann taois ghoirt, no le taois ghoirt a’ mhìoruin agus an uilc; ach le aran neo-ghortaichte an treibhdhireis agus na fìrinn. |
9. Sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh ann an litir, gun choluadar a bhith agaibh ri luchd-neòghlaine: |
10. Gidheadh chan ann gu h‑uile ri luchd-neòghlaine an t‑saoghail seo, no ri luchd-sannt, no luchd-fòirneirt, no luchd-iodhal-adhraidh; oir an sin b’èiginn dhuibh dol a‑mach as an t‑saoghal. |
11. Ach a‑nis sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh gun choluadar a ghleidheadh, ma tha neach air bith ris an abrar bràthair na fhear-neòghlaine, no sanntach, no na fhear-iodhal-adhraidh, no na fhear-ana-cainnt, no na mhisgeir, no na fhear-fòirneirt, maille ra leithid seo de dhuine gun uiread is biadh ithe. |
12. Oir ciod e mo ghnothach-sa breith a thoirt orrasan a tha a‑muigh? Nach eil sibhse a’ toirt breith air an dream a tha a‑staigh? |
13. Ach tha Dia a’ toirt breith orra-san a tha an leth a‑muigh. Uime sin cuiribh air falbh an droch dhuine sin as ur meadhon fhèin. |