Iob 35:1-16 |
1. Fhreagair Elihu a‑rìs, agus thubhairt e, |
2. An saoil thusa seo a bhith ceart, gun dubhairt thu, Tha m’fhìreantachd-sa os cionn fìreantachd Dhè; |
3. Oir thubhairt thu, Ciod an tairbhe a bhios ann dhutsa? Agus, ciod a’ bhuannachd a bhios ann dhòmhsa, ma shaorar mi om pheacadh? |
4. Freagraidh mise thu, agus do chompanaich maille riut. |
5. Amhairc air na nèamhan, agus, feuch; agus faic na neòil as àirde na thu. |
6. Ma pheacaicheas tu, ciod a nì thu na aghaidh-san? Agus ma dh’fhàsas d’easaontais lìonmhor, ciod a nì thu airsan? |
7. Ma bhios tu ionraic, ciod a bheir thu dhàsan? No ciod a gheibh e od làimh? |
8. Faodaidh d’aingidheachd cron a dhèanamh do dhuine mar a tha thusa, agus d’fhìreantachd a bhith tairbheach do mhac an duine. |
9. Glaodhaidh iadsan a tha air an sàrachadh le mòran, èighidh iad airson gàirdean na mòr-chuideachd. |
10. Ach chan abair aon neach, Càit a bheil Dia mo Chruithear, a tha a’ tabhairt dhàn seachad anns an oidhche, |
11. A tha gar teagasg nas mò na ainmhidhean na talmhainn, agus gar dèanamh nas glice na eunlaith nan speur? |
12. An sin èighidh iad, ach cha fhreagair neach air bith iad, airson uabhar dhroch dhaoine. |
13. Gu cinnteach chan èisd Dia ri dìomhanas, agus cha bhi meas aig an Uile-chumhachdach air. |
14. Ged their thu nach faic thu e, tha breitheanas na làthair; uime sin earb thusa as. |
15. Ach a‑nis a chionn nach eil e mar sin, dh’fhiosraich e na chorraich; gidheadh chan aithne dha sin ann an deuchainn mhòir. |
16. Uime sin fosglaidh Iob a bheul gu dìomhain: nì e briathran lìonmhor gun eòlas. |
Iob 36:1-33 |
1. Agus chaidh Elihu air aghaidh, agus thubhairt e, |
2. Leig dhomh beagan, agus nochdaidh mi dhut gu bheil fhathast nì agam ri labhairt airson Dhè. |
3. Tàirngidh mi m’eòlas o chèin, agus dom Chruithear bheir mi ceartas. |
4. Oir gu cinnteach cha bhi mo bhriathran breugach: tha esan a tha iomlan ann an eòlas maille riut. |
5. Feuch, tha Dia cumhachdach, agus cha dèan e tàir; cumhachdach ann an neart le gliocas. |
6. Cha ghlèidh e beò an t‑aingidh; ach bheir e ceartas do na bochdan. |
7. Cha tarraing e a shùilean on ionracan; ach tha iad le rìghrean air an rìgh-chathair, agus daingnichidh e iad gu bràth, agus àrdaichear iad. |
8. Agus ma bhios iad ceangailte an geimhlean ma ghlacar iad ann an cùird àmhghair; |
9. An sin nochdaidh e dhaibh an obair agus an easaontais, gu robh iad anabarrach. |
10. Agus fosglaidh e an cluas a‑chum fòghlaim, agus àithnidh e dhaibh tilleadh o euceart. |
11. Ma dh’èisdeas iad ris agus ma nì iad seirbhis dha, caithidh iad an làithean ann an saoibhreas, agus am bliadhnachan ann an subhachas. |
12. Ach mura èisd iad, cuirear as dhaibh leis a’ chlaidheamh, agus gheibh iad bàs gun eòlas. |
13. Ach càrnaidh na cealgairean anns a’ chridhe suas fearg; chan èigh iad nuair a cheanglas e iad. |
14. Gheibh iad bàs nan òige, agus tha am beatha am measg nan neòghlan. |
15. Saoraidh e am bochd na àmhghar; agus fosglaidh e an cluasan nan sàrachadh. |
16. Eadhon mar sin dh’atharraicheadh e thusa à meadhon teanntachd gu àite farsaing, far nach eil teanntachd air bith; agus bhiodh na chuirte air do bhòrd làn de shaill. |
17. Ach choilean thu breitheanas an aingidh: gabhaidh breitheanas agus ceartas greim dhìot. |
18. A chionn gu bheil fearg riut, thoir an aire nach toir e air falbh thu le a bhuille: an sin cha saor èirig mhòr thu. |
19. Am meas e do shaoibhreas? Cha mheas, no òr, no uile neart cumhachd. |
20. Na miannaich an oidhche nuair a ghearrar as sluagh nan àite. |
21. Tabhair an aire nach claon thu gu euceart; oir seo roghnaich thu thar àmhghar. |
22. Feuch, àrdaichidh Dia le a chumhachd; cò a theagaisgeas cosmhail ris-san? |
23. Cò a dh’fhiosraich a shlighe? Agus cò a dh’fhaodas a ràdh, Rinn thu euceart? |
24. Cuimhnich gun àrdaich thu a obair-san, a chì daoine. |
25. Chì na h‑uile dhaoine i: chì duine i o chèin. |
26. Feuch, tha Dia mòr, agus chan aithne dhuinne e; agus cha rannsaichear a‑mach àireamh a bhliadhnachan. |
27. Oir nì e meanbh na braoin uisge: taomaidh iad a‑nuas uisge a rèir a cheò, |
28. A shileas na neòil; frasaidh iad air an duine gu pailt. |
29. A bhàrr air seo, an urrainn neach air bith sgaoileadh nan neul a thuigsinn, no fuaim a phàillein? |
30. Feuch, sgaoilidh e a sholas air, agus còmhdaichidh e ìochdar na fairge. |
31. Oir leo sin bheir e breith air an t‑sluagh; bheir e biadh seachad ann am pailteas. |
32. Le a làmhan còmhdaichidh e an solas, agus àithnidh e dha teachd a‑rìs. |
33. Nochdaidh an fhuaim aige a‑thaobh sin, an sprèidh mar an ceudna a‑thaobh na thèid suas. |
Salm 99:1-9 |
1. Tha an Tighearna a’ rìoghachadh; criothnaicheadh na slòigh; tha e na shuidhe eadar ceruban; biodh crith air an talamh. |
2. Tha an Tighearna mòr ann an Sion, agus tha e àrd os cionn gach sluaigh. |
3. Moladh iad d’ainm mòr agus uamhasach; is naomh e. |
4. Agus is toigh leis an Rìgh chumhachdach breitheanas; is tu a shocraicheas a’ chòir; nì thusa breitheanas agus ceartas ann an Iàcob. |
5. Ardaichibh an Tighearna ar Dia, agus sleuchdaibh aig stòl a chas; is naomh esan. |
6. Bha Maois agus Aaron am measg a shagart, agus Samuel nam measg-san a ghairm air a ainm; ghairm iadsan air an Tighearna, agus fhreagair esan iad. |
7. Ann am baideal neòil labhair e riu; ghlèidh iad a theisteis agus an reachd a thug e dhaibh. |
8. A Thighearna ar Dia, fhreagair thusa iad; is tu an Dia a thug maitheanas dhaibh, ged rinn thu dìoghaltas airson an gnìomharan. |
9. Ardaichibh an Tighearna ar Dia, agus sleuchdaibh aig a shliabh naomh, oir is naomh an Tighearna ar Dia. |
Gnàth-fhacal 23:22-25 |
22. Eisd rid athair a ghin thu, agus na dèan tàir air do mhàthair nuair a bhios i aosda. |
23. Ceannaich an fhìrinn, agus na reic i; mar an ceudna gliocas, agus fòghlam, agus tuigse. |
24. Nì athair an fhìrein mòr-ghàirdeachas; agus nì esan a ghineas mac glic aoibhneas ann. |
25. Nì d’athair agus do mhàthair aoibhneas, agus nì ise a rug thu gàirdeachas. |
1 Corintianach 4:1-21 |
1. Biodh a shamhail seo de mheas aig duine oirnne, mar mhinistearan Chrìosd, agus mar stiùbhardan rùintean-diamhair Dhè. |
2. Os bàrr iarrar ann an stiùbhardan gum faighear neach dìleas. |
3. Ach agamsa is ro‑bheag an nì gun tugte breith orm leibhse, no le breitheanas duine: seadh, chan eil mi a’ toirt breith orm fhèin. |
4. Oir chan fhios dhomh nì sam bith am aghaidh fhèin; gidheadh chan eil mi le seo air m’fhìreanachadh: ach is e an Tighearna an tì a bheir breith orm. |
5. Uime sin na tugaibh breith air nì sam bith ron àm, gus an tig an Tighearna, neach araon a bheir gu soilleireachd nithean falaichte an dorchadais, agus a dh’fhoillsicheas comhairlean nan cridheachan: agus an sin gheibh gach neach cliù o Dhia. |
6. Agus, a bhràithrean, ghabh mi na nithean seo am ionnsaigh fhèin, agus a dh’ionnsaigh Apollois ann an samhladh, air ur son-se; a‑chum gum fòghlamadh sibh uainne gun bharail a bhith agaibh air daoine os cionn na bheil sgrìobhte, a‑chum nach biodh a h‑aon agaibh air a shèideadh suas airson aon duine an aghaidh duine eile. |
7. Oir cò a tha a’ dèanamh eadar-dhealachaidh ortsa o neach eile? Agus ciod a tha agad nach d’fhuair thu? A‑nis ma fhuair thu e, carson a tha thu a’ dèanamh uaill mar nach faigheadh tu e? |
8. A‑nis tha sibh sàthach, a‑nis rinneadh saoibhir sibh, rìoghaich sibh as ar n‑eugmhais-ne. Agus bu mhiann leam gum bu rìghrean sibh, a‑chum gum bitheamaid-ne nar rìghrean maille ribh. |
9. Oir is i mo bharail gun do chuir Dia sinne, na h‑abstoil, a‑mach mu dheireadh, mar dhream a tha air an òrdachadh a‑chum bàis. Oir rinneadh sinn nar ball-amhairc don t‑saoghal, agus do ainglean, agus do dhaoine. |
10. Is amadain sinne airson Chrìosd, ach tha sibhse glic ann an Crìosd: tha sinne lag, ach tha sibhse làidir: tha sibhse ann an urram, ach sinne ann an eas-urram. |
11. Gus an uair seo fhèin, tha sinn araon acrach, agus ìotmhor, agus lomnochd, agus air ar bualadh le dùirn, agus gun aon àite-còmhnaidh seasmhach againn: |
12. Agus ri saothair, ag obrachadh le ar làmhan fhèin: air fulang ana-cainnt dhuinn, tha sinn a’ beannachadh: nuair a gheur-leanar sinn tha sinn ga fhulang: |
13. Air faghail toibheim dhuinn, tha sinn a’ guidhe: rinneadh sinn mar shalchar an t‑saoghail, mar anabas nan uile nithean gus an là‑an‑diugh. |
14. Chan eil mi a’ sgrìobhadh nan nithean seo a chur nàire oirbh, ach mar mo chloinn ghràdhaich tha mi gur comhairleachadh. |
15. Oir ged bhiodh deich mìle luchd-teagaisg agaibh ann an Crìosd, gidheadh chan eil agaibh mòran athraichean: oir ann an Iosa Crìosd, ghin mise sibh tron t‑soisgeul. |
16. Uime sin guidheam oirbh, bithibh nur luchd-leanmhainn ormsa. |
17. A‑chum na crìche seo chuir mi Timòteus dur n‑ionnsaigh, neach a tha na mhac gràdhach dhomh, agus dìleas anns an Tighearna, neach a chuireas an cuimhne dhuibh mo shlighean-sa a tha ann an Crìosd, a rèir mar a tha mi a’ teagasg anns gach àit anns gach eaglais. |
18. A‑nis tha cuid air an sèideadh suas, mar nach tiginn dur n‑ionnsaigh. |
19. Gidheadh thig mi dur n‑ionnsaigh gu h‑aithghearr, mas toil leis an Tighearna, agus bidh fhios agam, chan ann air cainnt na muinntir a tha air an sèideadh suas, ach air an cumhachd. |
20. Oir chan ann am facal a tha rìoghachd Dhè, ach ann an cumhachd. |
21. Ciod as àill leibh? An tig mi dur n‑ionnsaigh le slait, no ann an gràdh, agus ann an spiorad na macantachd? |