Iob 27:1-23 |
1. Agus bhuanaich Iob na chosamhlachd a labhairt a‑mach, agus thubhairt e, |
2. Mar as beò Dia a thug air falbh mo bhreitheanas, agus an t‑Uile-chumhachdach a chràidh m’anam, |
3. Cho fad is a bhios m’anail annam, agus spiorad Dhè ann am chuinneinean, |
4. Cha labhair mo bhilean aingidheachd, agus cha chan mo theanga cealg. |
5. Nar leigeadh Dia gun saorainn sibh: gus am bàsaich mi, chan atharraich mi m’ionracas uam. |
6. Ann am fhìreantachd fanaidh mi, agus cha leig mi uam i; cha mhaslaich mo chridhe mi rè mo làithean. |
7. Mar an t‑aingidh biodh mo nàmhaid; agus esan a dh’èireas suas am aghaidh mar an t‑eucorach. |
8. Oir ciod e dòchas a’ chealgair, ged a bhuanaich e, nuair a bheir Dia air falbh a anam? |
9. An èisd Dia ri a ghlaodh, nuair a thig àmhghar air? |
10. Anns an Uile-chumhachdach an gabh e tlachd? An gairm e air Dia gach àm? |
11. Teagaisgidh mi sibh le làimh Dhè; an nì a tha aig an Uile-chumhachdach, cha cheil mi. |
12. Feuch, chunnaic sibh fhèin uile e; carson, matà, a tha sibh cho ro‑fhaoin? |
13. Is i seo cuibhreann an duine aingidh aig Dia, agus oighreachd luchd-fòirneirt a gheibh iad on Uile-chumhachdach. |
14. Ma dh’fhàsas a mhic lìonmhor, is ann airson a’ chlaidheimh; agus cha sàsaichear a shliochd le aran. |
15. Adhlaicear iadsan a mhaireas na dhèidh anns a’ bhàs; agus cha ghuil a bhantraichean. |
16. Ged chàrn e suas airgead mar an duslach, agus ged dheasaich e aodach mar an làthach; |
17. Deasaichidh e e, ach cuiridh an t‑ionracan air e; agus roinnidh an neochiontach an t‑airgead. |
18. Togaidh e mar an leòmann a thaigh, agus mar bhothan a nì am fear-coimhead. |
19. Laighidh an saoibhir sìos, ach cha chruinnichear e: fosglaidh e a shùilean, agus chan eil e ann. |
20. Glacaidh uamhasan e mar uisgeachan: anns an oidhche goididh doineann air falbh e. |
21. Bheir a’ ghaoth an ear leatha e, agus siùbhlaidh e; agus le iomaghaoith grad-ghluaisidh i as a àit e. |
22. Oir caithidh Dia air, agus cha chaomhain e: bu mhiann leis teicheadh as a làimh. |
23. Buailidh daoine am basan ris, agus le sgeig fuadaichidh iad as a àit e. |
Iob 28:1-28 |
1. Gu cinnteach tha dol a‑mach aig an airgead, agus àit aig an òr anns an leagh iad e. |
2. Bheirear iarann as an talamh, agus leaghar a’ chlach na h‑umha. |
3. Chuir e crìoch air an dorchadas; agus rannsaichidh e a‑mach gach iomlaine, clachan duibhre agus sgàil a’ bhàis. |
4. Brisidh an sruth a‑mach on luchd-àiteachaidh; dearmadar iad leis a’ chois; tiormaichear suas iad; o dhaoine siùbhlaidh iad. |
5. A‑thaobh na talmhainn, aisde thig aran; agus foidhpe tionndaidhear suas amhail teine: |
6. Is iad a clachan àite na saphir; agus tha duslach òir aice: |
7. Ceum nach aithne don eunlaith, agus nach faca sùil na fainge. |
8. Cha do shaltair cuileanan an leòmhainn air, agus cha deachaidh an leòmhann garg seachad air. |
9. Air a’ charraig cuiridh e a‑mach a làmh: tilgidh e bun-os‑cionn na beanntan. |
10. Anns na creagan bheir e air aibhnichean briseadh a‑mach; agus chì a shùil gach nì luachmhor. |
11. Ceanglaidh e na h‑aibhnichean o dhol thairis; agus an nì a tha falaichte bheir e gu solas. |
12. Ach cia as a gheibhear gliocas? Agus càit a bheil ionad na tuigse? |
13. Chan aithne do dhuine a luach; agus chan fhaighear i ann an tìr nam beò. |
14. Their an doimhne, Chan eil i annamsa; agus their a’ mhuir, Chan eil i maille riumsa. |
15. Cha toirear òr air a son, agus cha tomhaisear airgead mar a luach. |
16. Cha mheasar i le òr na h‑Ophir, leis an onics luachmhoir, no leis an t‑saphir. |
17. Cha choimeasar òr no leug rithe; agus cha bhi a malairt le seudan den òr fhìorghlan. |
18. Air coireal no neamhnaidean cha luaidhear; oir tha luach gliocais os cionn nan clach as uaisle. |
19. Cha choimeasar topas na h‑Etiopia rithe: leis an òr fhìorghlan cha mheasar i. |
20. Cia as, matà, a thig gliocas? Agus càit a bheil ionad na tuigse? |
21. Oir tha i am falach o shùilean nan uile bheò; agus o eunlaith an adhair tha i an cleith. |
22. Thubhairt lèirsgrios agus am bàs, Le ar cluasan chuala sinn a cliù. |
23. Tuigidh Dia a slighe, agus is aithne dha a h‑àite: |
24. Oir gu crìochan na talmhainn amhaircidh esan; fo na nèamhan uile chì e: |
25. A‑chum gun dèan e cudthrom den ghaoith, agus gun tomhais e na h‑uisgeachan le tomhas. |
26. Nuair a rinn e reachd don uisge, agus slighe do dhealanach na tàirneanaich; |
27. An sin chunnaic e i, agus dh’fhoillsich e i; dheasaich e i, seadh, agus rannsaich e a‑mach i. |
28. Agus thubhairt e ris an duine, Feuch, eagal an Tighearna, is e sin gliocas; agus an t‑olc a thrèigsinn, tuigse. |
Salm 97:1-6 |
1. Tha an Tighearna a’ rìoghachadh; biodh aiteas air an talamh; dèanadh na h‑eileanan lìonmhor gàirdeachas. |
2. Tha neòil agus dorchadas ma thimcheall; is iad ceartas agus breitheanas àite-còmhnaidh a rìgh-chathrach. |
3. Thèid teine roimhe, agus loisgidh e suas a naimhdean air gach taobh. |
4. Shoillsich a dhealanaich an cruinne-cè; chunnaic agus chriothnaich an talamh. |
5. Leagh na beanntan as mar chèir o làthair an Tighearna, o làthair Tighearna na talmhainn uile. |
6. Cuiridh na nèamhan an cèill a cheartas, agus chì an sluagh a ghlòir. |
Gnàth-fhacal 23:13-14 |
13. Na cùm smachdachadh o leanabh; oir ma bhuaileas tu e le slait, chan fhaigh e bàs. |
14. Buailidh tu e le slait, agus saoraidh tu a anam o ifrinn. |
Ròmanaich 16:1-27 |
1. Tha mi ag earbsa ribh Phebe ar piuthar, a tha na searbhanta don eaglais a tha ann an Cenchrèa: |
2. A‑chum gun gabh sibh rithe anns an Tighearna, mar as cubhaidh do naoimh, agus gun dèan sibh còmhnadh rithe anns gach gnothach anns am bi feum aice oirbh: oir rinn i fhèin còmhnadh ri mòran, agus riumsa mar an ceudna. |
3. Cuiribh fàilte air Priscila agus Acuila, mo cho-obraichean ann an Iosa Crìosd: |
4. (Muinntir a leig sìos am muineal fhèin airson m’anama-sa: dom bheil a’ toirt buidheachais chan e a‑mhàin mise, ach mar an ceudna eaglaisean nan Cinneach uile.) |
5. Mar an ceudna cuiribh fàilte air an eaglais a tha nan taigh. Cuiribh fàilte air Epenetas as ionmhainn leamsa, neach as e ciad-thoradh Achaia do Chrìosd. |
6. Cuiribh fàilte air Muire, a rinn saothair mhòr air ar son-ne. |
7. Cuiribh fàilte air Andronicus agus Iunias, mo luchd-dàimh agus mo cho-phrìosanaich, a tha cliùiteach am measg nan abstol, agus a bha ann an Crìosd romhamsa. |
8. Cuiribh fàilte air Amplias as ionmhainn leamsa anns an Tighearna. |
9. Cuiribh fàilte air Urbanus ar co‑obraiche ann an Crìosd, agus air Stachis, fear mo ghràidh-sa. |
10. Cuiribh fàilte air Apelles a tha dearbhte ann an Crìosd. Cuiribh fàilte orrasan a tha de theaghlach Aristobuluis. |
11. Cuiribh fàilte air Herodion mo charaid. Cuiribh fàilte orrasan de theaghlach Narcisuis, a tha anns an Tighearna. |
12. Cuiribh fàilte air Triphena agus Triphòsa, mnathan a tha a’ saothrachadh anns an Tighearna. Cuiribh fàilte air Persis as ionmhainn leam, bean a shaothraich gu mòr anns an Tighearna. |
13. Cuiribh fàilte air Rufus a tha taghte anns an Tighearna, agus air a mhàthair agus mo mhàthair-sa. |
14. Cuiribh fàilte air Asincritus, Phlegon, Hermas, Patrobas, Hermes, agus air na bràithrean a tha maille riu. |
15. Cuiribh fàilte air Philologus, agus Iulia, air Nereus, agus a phiuthar, agus Olimpas, agus na naoimh uile a tha maille riu. |
16. Cuiribh fàilte air a chèile le pòig naoimh. Tha eaglaisean Chrìosd a’ cur fàilte oirbh. |
17. A‑nis guidheam oirbh, a bhràithrean, comharraichibh iadsan a tha a’ togail roinnean agus a’ toirt oilbheim, an aghaidh an teagaisg a dh’fhòghlaim sibh; agus seachnaibh iad. |
18. Oir chan eil an leithidean seo a’ dèanamh seirbhis dur Tighearna Iosa Crìosd, ach dam broinn fhèin; agus tha iad le briathran milis agus le miodal a’ mealladh cridheachan na muinntir sin a tha neo-lochdach. |
19. Oir tha ur n‑ùmhlachd-se air teachd a‑chum nan uile dhaoine. Uime sin tha mise a’ dèanamh gàirdeachais dur taobh-se: gidheadh b’àill leam sibhse a bhith glic a‑chum a’ mhaith, ach aon-fhillte a‑thaobh an uilc. |
20. Agus bruthaidh Dia na sìthe Sàtan fo ur casan gu h‑aithghearr. Gràs ar Tighearna Iosa Crìosd gu robh maille ribh. Amen. |
21. Tha Timòteus mo cho-obraiche a’ cur fàilte oirbh, agus Lucius agus Iàson agus Sosipater, mo luchd-dàimhe. |
22. Tha mise Tertius, a sgrìobh an litir seo, a’ cur fàilte oirbh anns an Tighearna. |
23. Tha Gaius, a tha a’ toirt aoidheachd dhòmhsa agus don eaglais uile, a’ cur fàilte oirbh. Tha Erastus, stiùbhard a’ bhaile, a’ cur fàilte oirbh, agus Cuartus, bràthair. |
24. Gràs ar Tighearna Iosa Crìosd gu robh maille ribh uile. Amen. |
25. A‑nis dhàsan a tha comasach air sibhse a dhaingneachadh a rèir mo shoisgeil-sa agus searmonachadh Iosa Crìosd (a rèir foillseachadh a rùin-diamhair, a bha am falach o thoiseach an domhain, |
26. Ach a dh’fhoillsicheadh a‑nis, agus tre sgriobtairean nam fàidhean, a rèir àithne an Dè bhithbhuain, a tha air a dhèanamh aithnichte do na h‑uile chinnich a‑chum ùmhlachd a’ chreidimh); |
27. Do Dhia a tha a‑mhàin glic, gu robh glòir tre Iosa Crìosd gu sìorraidh. Amen. |