A A A A A
Bible in one year
August 18

Iob 27:1-23
1. Agus bhuanaich Iob na chosamhlachd a labhairt a‑mach, agus thubhairt e,
2. Mar as beò Dia a thug air falbh mo bhreitheanas, agus an t‑Uile-chumhachdach a chràidh m’anam,
3. Cho fad is a bhios m’anail annam, agus spiorad Dhè ann am chuinneinean,
4. Cha labhair mo bhilean aingidheachd, agus cha chan mo theanga cealg.
5. Nar leigeadh Dia gun saorainn sibh: gus am bàsaich mi, chan atharraich mi m’ionracas uam.
6. Ann am fhìreantachd fanaidh mi, agus cha leig mi uam i; cha mhaslaich mo chridhe mi rè mo làithean.
7. Mar an t‑aingidh biodh mo nàmhaid; agus esan a dh’èireas suas am aghaidh mar an t‑eucorach.
8. Oir ciod e dòchas a’ chealgair, ged a bhuanaich e, nuair a bheir Dia air falbh a anam?
9. An èisd Dia ri a ghlaodh, nuair a thig àmhghar air?
10. Anns an Uile-chumhachdach an gabh e tlachd? An gairm e air Dia gach àm?
11. Teagaisgidh mi sibh le làimh Dhè; an nì a tha aig an Uile-chumhachdach, cha cheil mi.
12. Feuch, chunnaic sibh fhèin uile e; carson, matà, a tha sibh cho ro‑fhaoin?
13. Is i seo cuibhreann an duine aingidh aig Dia, agus oighreachd luchd-fòirneirt a gheibh iad on Uile-chumhachdach.
14. Ma dh’fhàsas a mhic lìonmhor, is ann airson a’ chlaidheimh; agus cha sàsaichear a shliochd le aran.
15. Adhlaicear iadsan a mhaireas na dhèidh anns a’ bhàs; agus cha ghuil a bhantraichean.
16. Ged chàrn e suas airgead mar an duslach, agus ged dheasaich e aodach mar an làthach;
17. Deasaichidh e e, ach cuiridh an t‑ionracan air e; agus roinnidh an neochiontach an t‑airgead.
18. Togaidh e mar an leòmann a thaigh, agus mar bhothan a nì am fear-coimhead.
19. Laighidh an saoibhir sìos, ach cha chruinnichear e: fosglaidh e a shùilean, agus chan eil e ann.
20. Glacaidh uamhasan e mar uisgeachan: anns an oidhche goididh doineann air falbh e.
21. Bheir a’ ghaoth an ear leatha e, agus siùbhlaidh e; agus le iomaghaoith grad-ghluaisidh i as a àit e.
22. Oir caithidh Dia air, agus cha chaomhain e: bu mhiann leis teicheadh as a làimh.
23. Buailidh daoine am basan ris, agus le sgeig fuadaichidh iad as a àit e.

Iob 28:1-28
1. Gu cinnteach tha dol a‑mach aig an airgead, agus àit aig an òr anns an leagh iad e.
2. Bheirear iarann as an talamh, agus leaghar a’ chlach na h‑umha.
3. Chuir e crìoch air an dorchadas; agus rannsaichidh e a‑mach gach iomlaine, clachan duibhre agus sgàil a’ bhàis.
4. Brisidh an sruth a‑mach on luchd-àiteachaidh; dearmadar iad leis a’ chois; tiormaichear suas iad; o dhaoine siùbhlaidh iad.
5. A‑thaobh na talmhainn, aisde thig aran; agus foidhpe tionndaidhear suas amhail teine:
6. Is iad a clachan àite na saphir; agus tha duslach òir aice:
7. Ceum nach aithne don eunlaith, agus nach faca sùil na fainge.
8. Cha do shaltair cuileanan an leòmhainn air, agus cha deachaidh an leòmhann garg seachad air.
9. Air a’ charraig cuiridh e a‑mach a làmh: tilgidh e bun-os‑cionn na beanntan.
10. Anns na creagan bheir e air aibhnichean briseadh a‑mach; agus chì a shùil gach nì luachmhor.
11. Ceanglaidh e na h‑aibhnichean o dhol thairis; agus an nì a tha falaichte bheir e gu solas.
12. Ach cia as a gheibhear gliocas? Agus càit a bheil ionad na tuigse?
13. Chan aithne do dhuine a luach; agus chan fhaighear i ann an tìr nam beò.
14. Their an doimhne, Chan eil i annamsa; agus their a’ mhuir, Chan eil i maille riumsa.
15. Cha toirear òr air a son, agus cha tomhaisear airgead mar a luach.
16. Cha mheasar i le òr na h‑Ophir, leis an onics luachmhoir, no leis an t‑saphir.
17. Cha choimeasar òr no leug rithe; agus cha bhi a malairt le seudan den òr fhìorghlan.
18. Air coireal no neamhnaidean cha luaidhear; oir tha luach gliocais os cionn nan clach as uaisle.
19. Cha choimeasar topas na h‑Etiopia rithe: leis an òr fhìorghlan cha mheasar i.
20. Cia as, matà, a thig gliocas? Agus càit a bheil ionad na tuigse?
21. Oir tha i am falach o shùilean nan uile bheò; agus o eunlaith an adhair tha i an cleith.
22. Thubhairt lèirsgrios agus am bàs, Le ar cluasan chuala sinn a cliù.
23. Tuigidh Dia a slighe, agus is aithne dha a h‑àite:
24. Oir gu crìochan na talmhainn amhaircidh esan; fo na nèamhan uile chì e:
25. A‑chum gun dèan e cudthrom den ghaoith, agus gun tomhais e na h‑uisgeachan le tomhas.
26. Nuair a rinn e reachd don uisge, agus slighe do dhealanach na tàirneanaich;
27. An sin chunnaic e i, agus dh’fhoillsich e i; dheasaich e i, seadh, agus rannsaich e a‑mach i.
28. Agus thubhairt e ris an duine, Feuch, eagal an Tighearna, is e sin gliocas; agus an t‑olc a thrèigsinn, tuigse.

Salm 97:1-6
1. Tha an Tighearna a’ rìoghachadh; biodh aiteas air an talamh; dèanadh na h‑eileanan lìonmhor gàirdeachas.
2. Tha neòil agus dorchadas ma thimcheall; is iad ceartas agus breitheanas àite-còmhnaidh a rìgh-chathrach.
3. Thèid teine roimhe, agus loisgidh e suas a naimhdean air gach taobh.
4. Shoillsich a dhealanaich an cruinne-cè; chunnaic agus chriothnaich an talamh.
5. Leagh na beanntan as mar chèir o làthair an Tighearna, o làthair Tighearna na talmhainn uile.
6. Cuiridh na nèamhan an cèill a cheartas, agus chì an sluagh a ghlòir.

Gnàth-fhacal 23:13-14
13. Na cùm smachdachadh o leanabh; oir ma bhuaileas tu e le slait, chan fhaigh e bàs.
14. Buailidh tu e le slait, agus saoraidh tu a anam o ifrinn.

Ròmanaich 16:1-27
1. Tha mi ag earbsa ribh Phebe ar piuthar, a tha na searbhanta don eaglais a tha ann an Cenchrèa:
2. A‑chum gun gabh sibh rithe anns an Tighearna, mar as cubhaidh do naoimh, agus gun dèan sibh còmhnadh rithe anns gach gnothach anns am bi feum aice oirbh: oir rinn i fhèin còmhnadh ri mòran, agus riumsa mar an ceudna.
3. Cuiribh fàilte air Priscila agus Acuila, mo cho-obraichean ann an Iosa Crìosd:
4. (Muinntir a leig sìos am muineal fhèin airson m’anama-sa: dom bheil a’ toirt buidheachais chan e a‑mhàin mise, ach mar an ceudna eaglaisean nan Cinneach uile.)
5. Mar an ceudna cuiribh fàilte air an eaglais a tha nan taigh. Cuiribh fàilte air Epenetas as ionmhainn leamsa, neach as e ciad-thoradh Achaia do Chrìosd.
6. Cuiribh fàilte air Muire, a rinn saothair mhòr air ar son-ne.
7. Cuiribh fàilte air Andronicus agus Iunias, mo luchd-dàimh agus mo cho-phrìosanaich, a tha cliùiteach am measg nan abstol, agus a bha ann an Crìosd romhamsa.
8. Cuiribh fàilte air Amplias as ionmhainn leamsa anns an Tighearna.
9. Cuiribh fàilte air Urbanus ar co‑obraiche ann an Crìosd, agus air Stachis, fear mo ghràidh-sa.
10. Cuiribh fàilte air Apelles a tha dearbhte ann an Crìosd. Cuiribh fàilte orrasan a tha de theaghlach Aristobuluis.
11. Cuiribh fàilte air Herodion mo charaid. Cuiribh fàilte orrasan de theaghlach Narcisuis, a tha anns an Tighearna.
12. Cuiribh fàilte air Triphena agus Triphòsa, mnathan a tha a’ saothrachadh anns an Tighearna. Cuiribh fàilte air Persis as ionmhainn leam, bean a shaothraich gu mòr anns an Tighearna.
13. Cuiribh fàilte air Rufus a tha taghte anns an Tighearna, agus air a mhàthair agus mo mhàthair-sa.
14. Cuiribh fàilte air Asincritus, Phlegon, Hermas, Patrobas, Hermes, agus air na bràithrean a tha maille riu.
15. Cuiribh fàilte air Philologus, agus Iulia, air Nereus, agus a phiuthar, agus Olimpas, agus na naoimh uile a tha maille riu.
16. Cuiribh fàilte air a chèile le pòig naoimh. Tha eaglaisean Chrìosd a’ cur fàilte oirbh.
17. A‑nis guidheam oirbh, a bhràithrean, comharraichibh iadsan a tha a’ togail roinnean agus a’ toirt oilbheim, an aghaidh an teagaisg a dh’fhòghlaim sibh; agus seachnaibh iad.
18. Oir chan eil an leithidean seo a’ dèanamh seirbhis dur Tighearna Iosa Crìosd, ach dam broinn fhèin; agus tha iad le briathran milis agus le miodal a’ mealladh cridheachan na muinntir sin a tha neo-lochdach.
19. Oir tha ur n‑ùmhlachd-se air teachd a‑chum nan uile dhaoine. Uime sin tha mise a’ dèanamh gàirdeachais dur taobh-se: gidheadh b’àill leam sibhse a bhith glic a‑chum a’ mhaith, ach aon-fhillte a‑thaobh an uilc.
20. Agus bruthaidh Dia na sìthe Sàtan fo ur casan gu h‑aithghearr. Gràs ar Tighearna Iosa Crìosd gu robh maille ribh. Amen.
21. Tha Timòteus mo cho-obraiche a’ cur fàilte oirbh, agus Lucius agus Iàson agus Sosipater, mo luchd-dàimhe.
22. Tha mise Tertius, a sgrìobh an litir seo, a’ cur fàilte oirbh anns an Tighearna.
23. Tha Gaius, a tha a’ toirt aoidheachd dhòmhsa agus don eaglais uile, a’ cur fàilte oirbh. Tha Erastus, stiùbhard a’ bhaile, a’ cur fàilte oirbh, agus Cuartus, bràthair.
24. Gràs ar Tighearna Iosa Crìosd gu robh maille ribh uile. Amen.
25. A‑nis dhàsan a tha comasach air sibhse a dhaingneachadh a rèir mo shoisgeil-sa agus searmonachadh Iosa Crìosd (a rèir foillseachadh a rùin-diamhair, a bha am falach o thoiseach an domhain,
26. Ach a dh’fhoillsicheadh a‑nis, agus tre sgriobtairean nam fàidhean, a rèir àithne an Dè bhithbhuain, a tha air a dhèanamh aithnichte do na h‑uile chinnich a‑chum ùmhlachd a’ chreidimh);
27. Do Dhia a tha a‑mhàin glic, gu robh glòir tre Iosa Crìosd gu sìorraidh. Amen.