A A A A A
Bible in one year
August 17

Iob 26:1-14
1. Ach fhreagair Iob, agus thubhairt e,
2. Cionnas a chuidich thu leis an tì a tha gun chumhachd? Cionnas a shaor thu an gàirdean a tha gun neart?
3. Cionnas a chomhairlich thu esan aig nach eil gliocas, agus a dh’fhoillsich thu gu pailt an nì mar a tha e?
4. Cò ris a labhair thu briathran? Agus cò leis an spiorad a thàinig uat?
5. Dealbhar nithean marbha fo na h‑uisgeachan, agus an luchd-àiteachaidh.
6. Lomnochd tha ifrinn na làthair, agus chan eil còmhdachadh air lèirsgrios.
7. Tha e a’ sìneadh na h‑àird a tuath os cionn an ionaid fhalaimh, a’ crochadh na talmhainn air neoni;
8. A’ ceangal suas nan uisgeachan na neòil, agus cha reubar an neul fodhpa;
9. A’ cumail a‑staigh aghaidh a rìgh-chathrach, a’ sgaoileadh a neòil oirre.
10. Chuartaich e na h‑uisgeachan le crìochan, gus an teirig an là maille ris an oidhche.
11. Criothnaichidh puist nan nèamh, agus bidh uamhas orra ra achmhasan.
12. Le a chumhachd roinnidh e an fhairge, agus le a thuigse buailidh e an t‑uaibhreach.
13. Le a spiorad sgeadaich e na nèamhan; dhealbh a làmh an nathair lùbach.
14. Feuch, is iad sin cuid de a shlighean; ach cia beag a’ chuibhreann a chuala sinn dheth? Agus cò a dh’fhaodas tàirneanach a chumhachd a thuigsinn?

Salm 96:11-13
11. Biodh na nèamhan aoibhneach, agus dèanadh an talamh gàirdeachas; beucadh an fhairge agus a làn.
12. Biodh a’ mhachair ait, agus gach nì a tha innte; an sin dèanadh uile chroinn na coille luathghaire
13. An làthair an Tighearna, oir tha e a’ teachd, oir tha e a’ teachd a thoirt breith air an talamh; bheir e breith air an t‑saoghal le ceartas, agus air na slòigh le a fhìrinn.

Gnàth-fhacal 23:10-12
10. Na atharraich an seann chomharradh-crìche; agus air achaidhean nan dìlleachdan na bris a‑steach:
11. Oir tha am fear-saoraidh cumhachdach; tagraidh e an cùis ad aghaidh.
12. Aom do chridhe ri fòghlam, agus do chluasan ri briathran eòlais.

Ròmanaich 15:25-33
25. Ach a‑nis tha mi a’ dol gu Ierusalem, a fhrithealadh do na naoimh.
26. Oir bu toil leòsan ann am Macedònia, agus ann an Achaia, co‑roinn àraidh a dhèanamh ris na naoimh bhochda a tha ann an Ierusalem.
27. Bu toil leo gu deimhinn, agus tha iad fo fhiachan dhaibh. Oir ma rinneadh na Cinnich nan luchd-compàirt den nithean spioradail-san, is còir dhaibh ministrealachd a dhèanamh dhaibhsan anns na nithean a bhuineas don cholainn.
28. Uime sin air dhomh seo a chrìochnachadh, agus nuair a sheulaicheas mi an toradh seo dhaibh, gabhaidh mi an rathad agaibhse don Spàin.
29. Agus tha fhios agam, air dhomh teachd dur n‑ionnsaigh, gun tig mi ann an lànachd beannachadh soisgeul Chrìosd.
30. A‑nis guidheam oirbh, a bhràithrean, air sgàth an Tighearna Iosa Crìosd, agus air sgàth gràdh an Spioraid, gun dèan sibh gleac maille riumsa ann an ùrnaighean air mo shon ri Dia;
31. A‑chum gun saorar mi uapasan nach eil a’ creidsinn ann an Iudèa; agus a‑chum gum bi mo sheirbhis airson Ierusaleim taitneach do na naoimh:
32. A‑chum gun tig mi dur n‑ionnsaigh-se le aoibhneas tre thoil Dhè, agus gum faigh mi suaimhneas maille ribh.
33. A‑nis gu robh Dia na sìthe maille ribh uile. Amen.