A A A A A
Bible in one year
August 15

Iob 21:1-34
1. Ach fhreagair Iob, agus thubhairt e,
2. Eisdibh gu furachair rim chainnt, agus biodh seo mar ur comhfhurtachd.
3. Fuilingibh dhomh, agus labhraidh mi; agus an dèidh dhomh labhairt, cuiribh ri ur fanaid.
4. Am thaobh-sa, an ann ri duine a tha mo ghearan? Agus nam b’ann, carson nach biodh mo spiorad fo bhuaireas?
5. Amhaircibh orm, agus biodh ioghnadh oirbh, agus cuiribh ur làmh air ur beul.
6. Oir nuair a chuimhnicheas mi, tha eagal orm; agus glacaidh geilt-chrith m’fheòil.
7. Carson a tha na h‑aingidh beò, a dh’fhàsas iad sean, agus a bhios iad àrd ann an cumhachd?
8. Tha an sliochd air a dhaingneachadh nam fianais maille riu, agus an gineal fa chomhair an sùl.
9. Tha an taighean saor o eagal; agus chan eil slat Dhè orra.
10. Ginidh an tarbh, agus chan fhàilnich e; beiridh am bò laogh, agus cha tilg i e.
11. Cuiridh iad a‑mach an clann bheag mar threud; agus dannsaidh an gineal.
12. Togaidh iad an tiompan agus a’ chlàrsach; agus nì iad gàirdeachas ri fuaim an orgain.
13. Caithidh iad an làithean ann an saoibhreas, agus ann an tiota thèid iad sìos don uaigh.
14. Agus their iad ri Dia, Imich uainn; oir chan àill leinn eòlas do shlighean.
15. Cò e an t‑Uile-chumhachdach, gun dèanamaid seirbhis dha? Agus ciod an tairbhe a bhios ann dhuinn, ma nì sinn ùrnaigh ris?
16. Feuch, chan eil am math nan làimh: tha comhairle nan aingidh fada uamsa.
17. Cia minig a chuirear coinneal nan aingidh as? Agus a thig an sgrios orra? Roinnidh Dia doilgheasan na fheirg.
18. Bidh iad mar asbhuain ron ghaoith, agus mar mholl a bheir an iomaghaoth leatha.
19. Taisgidh Dia suas a euceart-san da chloinn: dìolaidh e dha, agus bidh fhios aig air.
20. Chì a shùilean a sgrios, agus de fheirg an Uile-chumhachdaich òlaidh e.
21. Oir ciod an tlachd a bhios aige na thaigh na dhèidh, nuair a ghearrar as àireamh a mhìos nam meadhon?
22. Do Dhia an teagaisg neach air bith eòlas, agus gur e fhèin a bheir breith orrasan a tha àrd?
23. Bàsaichidh e seo na làn neart, agus e uile aig fois agus an sìth.
24. Tha a innidh làn saill, agus a chnàmhan air an taiseachadh le smior.
25. Agus bàsaichidh e sin ann an seirbhe a anama, agus chan ith e idir le toil-inntinn.
26. Cuideachd anns an duslach laighidh iad, agus còmhdaichidh cnuimhean iad.
27. Feuch, is aithne dhomh ur smuaintean, agus na h‑innleachdan a tha sibh a’ dealbhadh gu h‑eucorach am aghaidh:
28. Oir their sibh, Càit a bheil taigh an duine mhòir, agus càit a bheil ionadan-còmhnaidh nan aingidh?
29. Nach d’fheòraich sibh dhiubhsan a ghabhas seachad air an t‑slighe? Agus nach aithne dhuibh an comharraidhean?
30. Gun gleidhear an t‑aingidh a‑chum là an sgrios; a‑chum là na feirge gun toirear a‑mach iad.
31. Cò a chuireas an cèill a shlighe as an aodann: agus cò a dh’ìocas dha na rinn e?
32. Ach a‑chum na h‑uaighe bheirear e, agus anns an àit-adhlacaidh fanaidh e.
33. Bidh fòidean a’ ghlinne milis dha, agus tàirngidh gach duine na dhèidh, mar a tha iad do‑àireamh roimhe.
34. Cionnas, matà, a tha sibh a’ tabhairt comhfhurtachd dhomh gu dìomhain, nuair a tha cealg nur freagradh?

Iob 22:1-30
1. An sin fhreagair Eliphas an Temanach, agus thubhairt e,
2. Do Dhia am faod duine a bhith tairbheach, mar a dh’fhaodas esan a tha glic a bhith tairbheach dha fhèin?
3. An toil-inntinn don Uile-chumhachdach gun saor thusa thu fhèin? Agus am buannachd e dhàsan, gun dèan thu do shlighean iomlan?
4. Air eagal romhad an cronaich e thu? An tèid e a‑chum breitheanais leat?
5. Nach eil d’aingidheachd mòr, agus d’euceartan gun chrìch?
6. Oir ghabh thu geall od bhràithrean gun adhbhar, agus aodach nan lomnochd bhuin thu dhiubh.
7. Cha tug thu uisge don sgìth ri òl, agus on acrach chùm thu aran.
8. Ach aig fear a’ ghàirdein làidir bha an talamh; agus ghabh an duine urramach còmhnaidh ann.
9. Chuir thu bantraichean uat falamh, agus bhriseadh gàirdeanan nan dìlleachdan.
10. Air an adhbhar sin mun cuairt ort bha ribeachan, agus ghlac geilt obann thu;
11. No dorchadas air chor is nach faiceadh tu; agus chòmhdaich pailteas uisgeachan thu.
12. Nach eil Dia ann an àirde nan nèamh? Agus faic mullach nan rionnag, cia àrd a tha iad.
13. Agus their thusa, Cionnas a tha fhios aig Dia? Tron dorchadas am breithnich e?
14. Tha neòil nan còmhdachadh dha, agus chan fhaic e; agus ann an cùirt nan nèamh siùbhlaidh e.
15. An tug thu fa‑near an t‑slighe o shean, air an d’imich daoine aingidh;
16. A ghearradh sìos ron àm, agus thaom tuil thar am bunait;
17. A thubhairt ri Dia, Imich uainn; agus ciod as urrainn an t‑Uile-chumhachdach a dhèanamh air ar son?
18. Gidheadh lìon e an taighean le nithean matha: ach guma fada a bhios comhairle nan aingidh uamsa.
19. Chì na h‑ionraic, agus bidh aoibhneas orra; agus nì an neo-chiontach gàire-fanaid riu.
20. An àite, nach do ghearradh ar maoin-ne sìos; ach loisgidh teine am fuidheall-san.
21. Gabh-sa a‑nis eòlas airsan, agus bi an sìth: mar sin thig math ad ionnsaigh.
22. Gabh, guidheam ort, an lagh o a bheul, agus cuir suas a bhriathran ann ad chridhe.
23. Ma thilleas tu a dh’ionnsaigh an Uile-chumhachdaich, togar suas thu; cuiridh tu euceart am fad od phàilleanan.
24. Agus cuiridh tu suas òr mar dhuslach, agus òr Ophir mar chlachan nan sruth.
25. Agus bidh an t‑Uile-chumhachdach na dhìdean agad, agus bidh pailteas airgid agad.
26. Oir an sin bidh do thlachd anns an Uile-chumhachdach, agus togaidh tu suas do ghnùis a dh’ionnsaigh Dhè.
27. Nì thu ùrnaigh ris, agus èisdidh e riut, agus dìolaidh tu do bhòidean.
28. Agus cuiridh tu nì romhad, agus daingnichear dhut e; agus air do shlighean dealraichidh solas.
29. Nuair a dh’ìslichear daoine, an sin their thu, Bidh àrdachadh ann; agus saoraidh e an t‑iriosal.
30. Saoraidh e esan nach eil neo-chiontach, agus saorar e le glaine do làmh-sa.

Salm 96:1-6
1. Canaibh don Tighearna laoidh nuadh; canaibh don Tighearna, a thìrean uile.
2. Canaibh don Tighearna, beannaichibh a ainm; foillsichibh o là gu là a shlàinte.
3. Cuiribh an cèill am measg nan cinneach a ghlòir, am measg gach sluaigh a iongantasan-san.
4. Oir is mòr an Tighearna, agus is ro‑airidh e air cliù; is adhbhar eagail esan os cionn nan uile dhiathan.
5. Oir is iodhalan uile dhiathan nan cinneach, ach is e an Tighearna a rinn na nèamhan.
6. Tha urram agus mòralachd na fhianais, neart agus maise na ionad naomh.

Gnàth-fhacal 23:6-8
6. Na ith aran an tì aig a bheil droch shùil, agus na miannaich a nithean milis.
7. Oir mar a smaoinicheas e na anam, mar sin bidh e: Ith agus òl, their e riut, ach cha bhi a chridhe leat.
8. An greim a dh’ith thu, sgeithidh tu a‑nìos, agus caillidh tu do bhriathran milis.

Ròmanaich 14:1-23
1. Gabhaibh ris an neach a tha anfhann anns a’ chreideamh, ach chan ann a‑chum deasbaireachd amharasaich.
2. Oir tha aon a’ creidsinn gum faod e na h‑uile nithean ithe: ach tha esan a tha anfhann ag ithe luibhean.
3. Na dèanadh esan a tha ag ithe tàir airsan nach eil ag ithe; agus na tugadh esan nach eil ag ithe, breith air an tì a dh’itheas: oir ghabh Dia ris.
4. Cò thusa a tha a’ toirt breith air seirbhiseach duine eile? Da mhaighistir fhèin seasaidh, no tuitidh e: seadh, cumar suas e; oir is comasach Dia air a chumail na sheasamh.
5. Tha meas aig neach air là thar là: agus tha meas aig neach eile air gach là mar a chèile. Biodh làn-dearbhadh aig gach duine na inntinn fhèin.
6. An tì aig a bheil suim den là, is ann don Tighearna a tha suim aige dheth; agus an tì aig nach eil suim den là, is ann don Tighearna nach eil suim aige dheth. An tì a tha ag ithe, is ann don Tighearna a tha e ag ithe, oir tha e a’ toirt buidheachais do Dhia; agus an tì nach eil ag ithe, is ann don Tighearna nach ith e, agus bheir e buidheachas do Dhia.
7. Oir chan eil a h‑aon againn beò dha fhèin, agus chan eil a h‑aon againn a’ bàsachadh dha fhèin.
8. Oir mas beò dhuinn, is ann don Tighearna a tha sinn beò: agus mas bàs dhuinn, is ann don Tighearna a tha sinn a’ bàsachadh: uime sin mas beatha no bàs dhuinn, is leis an Tighearna sinn.
9. Oir is ann a‑chum seo a fhuair Crìosd bàs, agus a dh’èirich e, agus a tha e beò a‑rìs, a‑chum gum biodh e na Thighearna air a’ bheò agus air a’ mharbh.
10. Ach carson a tha thusa a’ toirt breith air do bhràthair? No carson a tha thusa a’ dèanamh tarcais air do bhràthair? Oir seasaidh sinn gu lèir am fianais cathair-bhreitheanais Chrìosd.
11. Oir tha e sgrìobhte, Mar as beò mise, tha an Tighearna ag ràdh, lùbaidh gach glùn dhòmhsa, agus aidichidh gach teanga do Dhia.
12. Air an adhbhar sin bheir gach aon againn cunntas uime fhèin do Dhia.
13. Uime sin na tugamaid breith air a chèile nas mò: ach gum b’fheàrr leibh a’ bhreith seo a thoirt, gun adhbhar tuiteim no oilbheim a thoirt do bhràthair.
14. Oir tha fhios agam, agus is dearbh leam anns an Tighearna Iosa, nach eil nì sam bith neòghlan dheth fhèin: ach don tì a mheasas nì sam bith neòghlan, dhàsan tha e neòghlan.
15. Ach ma bhios doilgheas air do bhràthair airson bìdh, a‑nis chan eil thu a’ gluasad a rèir a’ ghràidh. Na sgrios led bhiadh esan airson an d’fhuiling Crìosd bàs.
16. Air an adhbhar sin na labhrar olc mu ur math.
17. Oir cha bhiadh agus deoch rìoghachd Dhè, ach fìreantachd, agus sìth, agus aoibhneas anns an Spiorad Naomh.
18. Oir ge bè nì seirbhis do Chrìosd anns na nithean seo, tha e taitneach do Dhia, agus tha e dearbhte do dhaoine.
19. Uime sin leanamaid na nithean a bhios a‑chum sìthe agus na nithean a bhios a‑chum togail suas a chèile.
20. Na sgrios obair Dhè airson bìdh. Gu deimhinn tha na h‑uile nithean glan; ach is olc don duine sin a dh’itheas le oilbheum.
21. Is math an nì gun fheòil ithe, no fìon òl, no nì air bith a dhèanamh leis am faigh do bhràthair tuisleadh no oilbheum, no leis an dèanar lag e.
22. A bheil creideamh agad? Biodh e agad dhut fhèin am fianais Dhè. Is beannaichte an duine sin nach dìt e fhèin anns an nì sin a mheasas e ceadaichte.
23. Ach esan a nì eadar-dhealachadh tha e air a dhìteadh ma dh’itheas e, a chionn nach ann o chreideamh a tha e ag ithe: oir gach nì nach eil o chreideamh, is peacadh e.