Iob 15:1-35 |
1. An sin fhreagair Eliphas an Temanach, agus thubhairt e, |
2. An luaidh duine glic air eòlas gaoithe, agus an lìon e a chliabh leis a’ ghaoith an ear? |
3. An tagair e le briathran gun tairbhe, agus le cainnt leis nach dèan e math? |
4. Seadh, tha thu a’ tilgeadh dhìot eagail, agus a’ leigeadh ùrnaigh dhìot an làthair Dhè. |
5. Oir teagaisgidh aingidheachd do bheul, agus roghnaichidh tu teanga nan cuilbheartach. |
6. Dìtidh do bheul fhèin thu, agus cha mhise; agus bheir do bhilean fhèin fianais ad aghaidh. |
7. An tusa an ciad duine a rugadh? No ro na cnocan an do rinneadh thu? |
8. An cuala tu a’ bheag ann an comhairle dhiamhair Dhè? Agus ad ionnsaigh fhèin a‑mhàin an do tharraing thu gliocas? |
9. Ciod as aithne dhutsa, nach aithne dhuinne? A thuigeas tusa, nach tuig sinne? |
10. Tha araon an ceann-liath agus an t‑aosmhor nar measg-ne nas sine gu mòr na d’athair. |
11. Am beag leat sòlasan Dhè? Agus a bheil nì diamhair agad? |
12. Carson a tha do chridhe gad thoirt air falbh, agus carson a tha do shùilean a’ caogadh, |
13. Gu bheil thu a’ tionndadh do spioraid an aghaidh Dhè, agus a’ leigeadh an leithidean sin de bhriathran a‑mach as do bheul? |
14. Cò e an duine, gum biodh e glan? Agus gun saoradh esan e fhèin, a rugadh o mhnaoi? |
15. Feuch, as a naoimh chan earb e; agus chan eil na nèamhan glan na shùilean. |
16. Nach gràineile agus nach salaiche gu mòr an duine, a dh’òlas euceart mar uisge? |
17. Innsidh mi dhut, èisd rium; agus na chunnaic mi, cuiridh mi an cèill; |
18. A dh’aithris daoine glice, agus nach do cheil an athraichean orra: |
19. Don tugadh nan aonar an talamh, agus cha d’imich coigreach nam measg. |
20. Rè a làithean uile cràidhear an t‑aingidh; agus falaichear àireamh a bhliadhnachan air an fhear-shàrachaidh. |
21. Tha fuaim eagalach na chluasan: na shoirbheachadh thig am fear-millidh air. |
22. Cha chreid e gun till e as an dorchadas; agus feithear air leis a’ chlaidheamh. |
23. Tha e ag imeachd mun cuairt airson arain, ag ràdh, Càit a bheil e? Tha fhios aige gu bheil là an dorchadais deas aig a làimh. |
24. Cuiridh teanntachd agus àmhghar uamhas air: buadhaichidh iad air, mar rìgh deas a‑chum catha. |
25. Oir sìnidh e a‑mach a làmh an aghaidh Dhè, agus an aghaidh an Uile-chumhachdaich neartaichidh e e fhèin. |
26. Ruithidh e air, air a mhuineal, air cupan tiugh a sgiath; |
27. A chionn gun do chòmhdaich e a ghnùis le a shult, agus gun do rinn e fillidhean saille air a leasraidh. |
28. Agus còmhnaichidh e ann am bailtean fàsaichte, ann an taighean nach eil air an àiteachadh, a tha ullamh gu bhith nan càrnan. |
29. Cha bhi e beartach, agus cha mhair a mhaoin; agus cha sìn e a‑mach a fhreumh anns an talamh. |
30. Cha triall e à dorchadas; tiormaichidh lasair a mheanglan; agus siùbhlaidh e le anail a bheòil. |
31. Na earbadh esan a mheallar à dìomhanas; oir dìomhanas bidh aige mar luigheachd. |
32. Ro a là coileanar e; agus cha bhi a gheug uaine. |
33. Crathaidh e dheth mar an fhìonain a fhìondhearcan anabaich, agus tilgidh e dheth mar an crann-ola a bhlàth. |
34. Oir bidh coitheanal nan cealgair aonaranach, agus caithidh teine pàilleanan na duais-bhratha. |
35. Ginidh iad donas, agus beiridh iad droch-bheart, agus ullaichidh an com cealg. |
Iob 16:1-22 |
1. Ach fhreagair Iob, agus thubhairt e, |
2. Chuala mi mòran den leithidean sin: is luchd-comhfhurtachd truagh sibh uile. |
3. Am bi crìoch air briathran gaoithe? No ciod a tha a’ toirt an dànadais dhut gu bheil thu a’ freagairt? |
4. Dh’fhaodainn-sa mar an ceudna labhairt cosmhail ribhse: nam biodh ur n‑anam an àite m’anama-sa, dh’fhaodainn briathran a chur cuideachd nur n‑aghaidh, agus mo cheann a chrathadh ribh: |
5. Ach neartaichinn sibh lem bheul, agus lùghdaicheadh gluasad mo bhilean ur doilgheas. |
6. Ged labhair mise, cha lùghdaichear mo dhoilgheas; agus ma bhios mi am thosd, ciod am fuasgladh a gheibh mi? |
7. Ach a‑nis sgìthich e mi: sgap thu mo chuideachd uile. |
8. Agus rinn thu mi làn phreasag-aodainn; mar fhianais tha sin: agus dh’èirich mo chaoile am aghaidh; rim aodann freagraidh i. |
9. Reub a chorraich mi, agus tha fuath aige dhomh: chas e a fhiaclan rium; tha mo nàmhaid a’ geurachadh a shùl orm. |
10. Chas iad am beul rium; le masladh bhuail iad mo ghiallan; cuideachd chruinnich iad am aghaidh. |
11. Thug Dia mi thairis don an‑diadhaidh, agus an làimh nan aingidh thilg e mi. |
12. Ann an sìth bha mi, ach phronn e mi: agus rug e air mo mhuineal, agus chrath e as a chèile mi, agus chuir e suas mi dha fhèin mar chuspair. |
13. Tha a luchd-shaighead gam chuartachadh air gach taobh: sgoiltidh e m’àirnean o chèile, agus cha chaomhain e; taomaidh e a‑mach mo dhomblas air an talamh. |
14. Brisidh e mi le briseadh air bhriseadh; ruithidh e orm mar churaidh. |
15. Dh’fhuaigh mi sac-aodach air mo chraiceann, agus shalaich mi m’adharc anns an duslach. |
16. Tha m’aodann air at le gal, agus air mo rosgan tha sgàil a’ bhàis; |
17. Chan ann airson euceirt am làmhan: mar an ceudna tha m’ùrnaigh glan. |
18. A thalaimh, na còmhdaich thusa m’fhuil, agus na biodh àit aig mo ghlaodh. |
19. Mar an ceudna a‑nis, feuch, anns na nèamhan tha m’ fhianais, agus esan a bheir teisteas orm anns na h‑àrdan. |
20. A’ fanaid orm tha mo chàirdean; a‑chum Dhè tha mo shùil a’ taomadh dheur. |
21. O nach faodadh duine tagradh ri Dia, mar a thagras mac an duine ra choimhearsnach! |
22. Nuair a thig beagan de bhliadhnachan, an sin anns an t‑slighe air nach till mi siùbhlaidh mi. |
Salm 94:20-23 |
20. Am bi comann riutsa aig rìgh-chathair na h‑euceirt, a dhealbhas aimhleas le reachd? |
21. Cruinnichidh iad le chèile an aghaidh anam an fhìrein, agus dìtidh iad fuil neochiontach. |
22. Ach is e an Tighearna mo dhaingneach, agus is e mo Dhia carraig mo dhòchais. |
23. Agus dìolaidh e orra fhèin an euceart, agus nan aingidheachd fhèin gearraidh e as iad; gearraidh an Tighearna ar Dia as iad. |
Gnàth-fhacal 22:28-29 |
28. Na atharraich an seann chomharradh-crìche, a shuidhich d’athraichean. |
29. Ma chì thu fear a bhios ealamh na ghnothaichean, seasaidh e an làthair rìghrean; cha seas e an làthair dhaoine ìosal. |
Ròmanaich 11:19-36 |
19. Their thu uime sin, Bhriseadh dheth na geugan, a‑chum gun suidhichte mise nan àite. |
20. Ro‑mhath; airson am mì‑chreidimh bhriseadh iadsan dheth, agus tha thusa a’ seasamh tre chreideamh. Na bi àrd-inntinneach, ach fo eagal. |
21. Oir mura do chaomhain Dia na geugan nàdarra, biodh eagal ort nach caomhain e thusa nas mò. |
22. Feuch uime sin maitheas agus geur-cheartas Dhè: geur-cheartas dan taobh-san a thuit; ach dod thaobh-sa, maitheas, ma bhuanaicheas tu na mhaitheas; agus mura buanaich, gearrar dheth thusa mar an ceudna. |
23. Agus suidhichear iadsan mar an ceudna, mura buanaich iad nam mì‑chreideamh: oir tha Dia comasach air an suidheachadh a‑rìs. |
24. Oir ma ghearradh thusa as a’ chrann-ola a bha fiadhaich a‑thaobh nàdair, agus gun do shuidhicheadh ann an deagh chrann-ola thu an aghaidh nàdair, cia mòr as mò na sin a shuidhichear na geugan nàdarra nan crann-ola fhèin? |
25. Oir cha b’àill leam, a bhràithrean, sibhse a bhith aineolach air an rùn-diamhair seo (a‑chum nach biodh sibh glic nur barail fhèin), gun do thàrladh doille ann an cuid do Israel, gus an tig iomlanachd nan Cinneach a‑steach. |
26. Agus mar sin bidh Israel uile air an tèarnadh: mar a tha e sgrìobhte, Thig am Fear-saoraidh o Shion, agus tionndaidhidh e mì‑dhiadhachd o Iàcob: |
27. Oir is e seo mo choicheangal riu, nuair a bheir mi air falbh am peacaidhean. |
28. A‑thaobh an t‑soisgeil, is naimhdean iad air ur son-se: ach a‑thaobh an taghaidh, tha iad gràdhaichte air sgàth nan athraichean. |
29. Oir tha tìodhlacan agus gairm Dhè gun aithreachas. |
30. Oir mar a bha sibhse roimhe seo eas-umhail do Dhia, ach a‑nis a fhuair sibh tròcair tre am mì‑chreideamh-san: |
31. Amhail sin tha iadsan anns an àm seo eas-umhail, a‑chum tre ur tròcair-se gum faigh iadsan tròcair mar an ceudna. |
32. Oir dhruid Dia iad uile ann am mì‑chreideamh, a‑chum tròcair a dhèanamh air na h‑uile. |
33. O, doimhne saoibhreas araon gliocas agus eòlas Dhè! Cia do‑rannsachaidh a bhreitheanais, agus do‑lorgachaidh a shlighean! |
34. Oir cò aig an robh fios inntinn an Tighearna, no cò a bu chomhairleach dha? |
35. No cò a thug dha air tùs, agus a làn-dìolar a‑rìs dha e? |
36. Oir is ann uaithesan, agus trìd-san, agus air a shon-san a tha na h‑uile nithean: dhàsan gu robh glòir gu sìorraidh. Amen. |