A A A A A
Bible in one year
August 11

Iob 13:1-28
1. Feuch, chunnaic mo shùil seo uile; chuala mo chluas, agus mhothaich i e.
2. Mar as aithne dhuibhse, is aithne dhòmhsa mar an ceudna: chan ìsle mise na sibhse.
3. Ach labhrainn-sa ris an Uile-chumhachdach, agus b’àill leam tagradh ri Dia.
4. Oir is luchd-cumaidh bhreug sibhse, lèighean nach fiù sibh uile.
5. O nach robh sibh gu tur nur tosd! agus b’e sin ur gliocas.
6. Cluinnibh a‑nis mo thagradh, agus èisdibh ri deasbaireachd mo bhilean.
7. An labhair sibh gu h‑aingidh airson Dhè? Agus air a shon-san an labhair sibh gu cealgach?
8. An gabh sibh ra ghnùis? Airson Dhè an dèan sibh còmhstri?
9. A bheil e math gun rannsaicheadh e a‑mach sibh? Mar a nìthear fanaid air duine, an dèan sibh fanaid airsan?
10. Gu cinnteach cronaichidh e sibh, ma ghabhas sibh ann an uaigneas ri pearsachan.
11. Nach cuir a òirdhearcas-san eagal oirbh? Agus nach tuit a uamhann-san oirbh?
12. Tha ur cuimhne cosmhail ri luaithre, mar chuirp creadha ur cuirp.
13. Bithibh nur tosd am thaobh-sa, agus labhraidh mi, agus thigeadh orm na dh’fhaodas.
14. Carson a tha mi a’ gabhail m’fheòla am fhiaclan, agus a’ cur mo bheatha ann am làimh?
15. Ged mharbh e mi, gidheadh earbaidh mi as: ach tagraidh mi mo shlighean na fhianais.
16. Mar an ceudna bidh e dhòmhsa a‑chum slàinte; oir cha tig cealgair na làthair.
17. Eisdibh gu furachair rim chainnt, agus rim sgeul le ur cluasan.
18. Feuch a‑nis, chuir mi mo chùis ann an òrdagh: tha fhios agam gun saorar mi.
19. Cò esan a thagras rium? Oir a‑nis, ma bhios mi am thosd, bheir mi suas an deò.
20. A‑mhàin dà nì na dèan rium; an sin od ghnùis chan fhalaich mi mi fhèin.
21. Tarraing do làmh fada uam agus na cuireadh d’uamhann eagal orm.
22. An sin gairm thusa, agus freagraidh mise: no labhraidh mise, agus freagair thusa mi.
23. Cia lìonmhor m’euceartan agus mo pheacaidhean? Air m’easaontas agus mo pheacadh thoir fios dhomh.
24. Carson a tha thu a’ falach do ghnùise, agus gam mheas mar nàmhaid dhut?
25. Am bris thu an duilleag a thilgear a‑null agus a‑nall? Agus an ruaig thu an asbhuain thioram?
26. Oir tha thu a’ sgrìobhadh nithean searbha am aghaidh, agus a’ toirt orm euceartan m’òige a shealbhachadh.
27. Agus tha thu a’ cur mo chas anns a’ cheap, agus a’ geur-amharc air mo shlighean gu lèir, agus a’ cur chomharraidhean air bonnan mo chas.
28. Agus mar nì breun cuirear as dha, mar thrusgan a dh’itheas an leòmann.

Iob 14:1-22
1. Tha an duine a rugadh o mhnaoi geàrr-shaoghalach, agus làn àmhghair.
2. Mar bhlàth thig e a‑mach, agus gearrar sìos e: agus teichidh e mar sgàil, agus chan fhan e.
3. Gidheadh air a leithid sin dh’fhosgail thu do shùilean; agus mise tha thu a’ tabhairt gu breitheanas maille riut.
4. Cò a bheir glan à neòghlan? Cha tabhair a h‑aon.
5. Gu deimhinn tha a làithean suidhichte, tha àireamh a mhìos agadsa, dh’òrdaich thu a chrìochan, agus cha tèid e thairis orra.
6. Tionndaidh uaithe a‑chum gum bi fois aige, gus an coilean e mar fhear-tuarasdail a là.
7. Oir tha dòchas à craoibh, ma ghearrar sìos i, gum fàs i a‑rìs, agus nach fàilnich a faillean òg.
8. Ged fhàs a freumh sean anns an talamh, agus anns an ùir ged bhàsaich a stoc;
9. Trìd fhàile an uisge ùr‑fhàsaidh i, agus bheir i a‑mach geugan mar òg‑chraoibh.
10. Ach bàsaichidh fear, agus thèid gu tur as dha; agus bheir duine suas an deò, agus càit a bheil e?
11. Fàilnichidh na h‑uisgeachan on mhuir, agus caithear an abhainn, agus tiormaichidh i suas:
12. Mar sin laighidh an duine sìos, agus chan èirich e, gus nach bi na nèamhan ann, cha mhosgail iad, agus cha dùisgear as an cadal iad.
13. Och, nach falaicheadh tu mi anns an uaigh, nach gleidheadh tu mi ann an uaigneas, gus am biodh d’fhearg thairis! Nach suidhicheadh tu dhomh àm àraidh, agus gun cuimhnicheadh tu mi!
14. Ma bhàsaicheas duine, an tig e beò? Uile làithean m’aimsire suidhichte feithidh mi, gus an tig mo chaochladh.
15. Gairmidh tusa, agus freagraidh mise thu: air obair do làmh bidh dèidh agad.
16. Oir a‑nis tha thu ag àireamh mo cheum: agus nach eil thu ri faire air mo pheacadh?
17. Seulaichte ann an ceanglachan tha m’easaontas, agus fuaighidh tu suas m’euceart.
18. Agus gu deimhinn tuitidh a’ bheinn, agus thèid as dhi; agus atharraichear a’ charraig as a h‑àite.
19. Caithidh na h‑uisgeachan na clachan: bheir thu tuil air na nithean a dh’fhàsas à ùir na talmhainn, agus sgriosaidh tu dòchas an duine.
20. Buadhaichidh tu gu bràth na aghaidh, agus siùbhlaidh e: caochlaidh tu a ghnùis, agus cuiridh tu air falbh e.
21. Urramach fàsaidh a mhic, agus cha bhi fhios aige air; agus ìslichear iad, ach cha toir e fa‑near iad.
22. Ach bidh a fheòil an taobh a‑staigh dheth cràiteach, agus nì a anam an taobh a‑staigh dheth bròn.

Salm 94:12-19
12. Is beannaichte an duine a smachdaicheas tusa, a Thighearna, agus a theagaisgeas tu as do lagh;
13. A‑chum fois a thabhairt dha o làithean an uilc, gus an cladhaichear sloc don aingidh.
14. Oir cha tilg Dia dheth a shluagh, agus cha trèig e a oighreachd fhèin;
15. Ach tillidh breitheanas ri ceartas, agus leanaidh iadsan uile a tha ionraic nan cridhe e.
16. Cò a dh’èireas leam an aghaidh luchd-dèanamh an uilc? Cò a sheasas air mo shon an aghaidh luchd-dèanamh na h‑aingidheachd?
17. Mura biodh an Tighearna gam chuideachadh, is beag nach robh m’anam na thàmh gu tosdach.
18. Nuair a thubhairt mi, Tha mo chas air sleamhnachadh uam, chùm do thròcair, a Thighearna, suas mi.
19. Ann an lìonmhorachd mo smuaintean an taobh a‑staigh dhìom, thug do chomhfhurtachd sòlas dom anam.

Gnàth-fhacal 22:26-27
26. Na bi dhiubhsan a bhuaileas an làmhan, no dhiubhsan a thèid an urras airson fhiach.
27. Mura eil nì agad gu dìoladh, carson a bheireadh uat do leabaidh a tha fodhad?

Ròmanaich 11:1-18
1. Tha mi ag ràdh mas eadh, An do thilg Dia a phoball uaithe? Nar leigeadh Dia. Oir is Israeleach mise fhèin mar an ceudna, de shliochd Abrahàim, de threubh Bheniàmin.
2. Cha do thilg Dia uaithe a phoball a ro‑aithnich e. Nach eil fhios agaibh ciod a tha an sgriobtar ag ràdh mu Elias, cionnas a tha e a’ casaid ri Dia an aghaidh Israeil, ag ràdh,
3. A Thighearna, mharbh iad d’fhàidhean, agus leag iad sìos d’altairean; agus dh’fhàgadh mise am aonar, agus tha iad ag iarraidh m’anama?
4. Ach ciod a tha freagradh Dhè ag ràdh ris? Dh’fhàg mi dhomh fhèin seachd mìle fear, nach do lùb an glùn do dhealbh Bhàail.
5. Agus mar sin mar an ceudna tha anns an àm seo an làthair fuidheall a rèir taghadh a’ ghràis.
6. Agus mas ann tre ghràs, chan ann o obraichean nas mò; no cha ghràs gràs nas mò. Ach mas ann o obraichean, chan ann o ghràs à sin suas: no chan obair à sin suas obair.
7. Ciod mas eadh? An nì sin a tha Israel ag iarraidh, cha do ràinig e air; ach ràinig an taghadh air, agus chaidh a’ chuid eile a dhalladh:
8. Mar a tha e sgrìobhte, Thug Dia dhaibh spiorad suaine, sùilean a‑chum nach faiceadh iad, agus cluasan a‑chum nach cluinneadh iad, gus an là‑an‑diugh.
9. Agus tha Daibhidh, ag ràdh, Biodh am bòrd mar ribe, agus mar inneal-glacaidh, agus mar cheap-tuislidh, agus mar dhìol-thuarasdail dhaibh:
10. Biodh an sùilean air an dorchachadh, a‑chum nach faic iad; agus crom-sa an druim an còmhnaidh.
11. Tha mi ag ràdh uime sin, An do thuislich iad ionnas gun tuiteadh iad? Nar leigeadh Dia: ach tre an tuiteam-san tha slàinte air teachd a‑chum nan Cinneach, a‑chum iadsan a bhrosnachadh gu eud.
12. Mas e an tuiteam-san saoibhreas an domhain, agus an lùghdachadh saoibhreas nan Cinneach, cia as mò na sin a bhios an lànachd?
13. Oir is ann ribhse a tha mi a’ labhairt, a Chinneacha; do bhrìgh gur mi abstol nan Cinneach, tha mi a’ toirt urraim dom dhreuchd:
14. Ma dh’fhaodas mi air chor sam bith mo cho-fheòil a bhrosnachadh gu eud, agus gun tèarainn mi dream àraidh dhiubh.
15. Oir mas e an tilgeadh-san air falbh rèiteachadh an domhain, ciod e an ath-ghabhail ach beatha o na mairbh?
16. Oir ma tha an ciad-thoradh naomh, tha am meall naomh mar an ceudna: agus ma tha an fhreumh naomh, tha na geugan mar sin mar an ceudna.
17. Agus ma tha cuid de na geugan air am briseadh dheth, agus gu bheil thusa, a bha ad chrann-ola fiadhaich, air do shuidheachadh nam measg, agus maille riu a’ faotainn compàirt de fhreumh agus de reamhrachd a’ chroinn-ola;
18. Na dèan uaill an aghaidh nan geug: ach ma nì thu uaill nan aghaidh, cha tusa a dh’iomchaireas an fhreumh, ach an fhreumh thusa.