A A A A A
Bible in one year
July 6

2 Eachdraidh 7:1-22
1. Agus nuair a chuir Solamh crìoch air ùrnaigh a dhèanamh, thàinig an teine a‑nuas o nèamh, agus loisg e suas an tabhartas-loisgte agus na h‑ìobairtean; agus lìon glòir an Tighearna an taigh.
2. Agus cha b’urrainn na sagartan dol a‑steach do thaigh an Tighearna, a chionn gun do lìon glòir an Tighearna taigh an Tighearna.
3. Agus nuair a chunnaic clann Israeil uile mar a thàinig an teine a‑nuas, agus glòir an Tighearna, air an taigh, chrom iad iad fhèin len aghaidhean a‑chum na talmhainn air an ùrlar, agus rinn iad adhradh, agus mhol iad an Tighearna, a chionn gu bheil e math, gum mair a thròcair gu bràth.
4. An sin dh’ìobair an rìgh agus an sluagh uile ìobairtean am fianais an Tighearna.
5. Agus dh’ìobair rìgh Solamh mar ìobairt dà‑mhìle-fichead damh, agus ceud agus fichead mìle caora: agus choisrig an rìgh agus an sluagh uile taigh Dhè.
6. Agus dh’fheith na sagartan air an dreuchd; na Lèbhithich mar an ceudna le innealan-ciùil an Tighearna, a rinn Daibhidh an rìgh a mholadh an Tighearna, a chionn gum mair a thròcair gu bràth, nuair a bha Daibhidh a’ cliùthachadh len làimh-san: agus shèid na sagartan trompaidean romhpa, agus sheas Israel uile.
7. Agus naomhaich Solamh meadhon na cùirte a bha fa chomhair taigh an Tighearna: oir thug e suas an sin ìobairtean-loisgte, agus saill nan tabhartas-sìthe, a chionn nach b’urrainn an altair umha a rinn Solamh na h‑ìobairtean-loisgte, agus na tabhartasan-bìdh, agus an t‑saill, a ghabhail.
8. Agus chùm Solamh anns an àm sin an fhèill seachd làithean, agus Israel uile maille ris, co‑chruinneachadh ro‑mhòr, o dhol a‑steach Hamait gu ruig abhainn na h‑Eiphit.
9. Agus air an ochdamh là chùm iad àrd-choitheanal; oir chùm iad coisrigeadh na h‑altarach seachd làithean, agus an fhèill seachd làithean.
10. Agus air an treas-là‑fichead den t‑seachdamh mìos leig e an sluagh air falbh dam bùthan, aoibhinn agus subhach nan cridhe airson a’ mhaitheis a nochd an Tighearna do Dhaibhidh, agus do Sholamh, agus do Israel a shluagh.
11. Agus chrìochnaich Solamh taigh an Tighearna, agus taigh an rìgh; agus gach nì a thàinig ann an cridhe Sholaimh a dhèanamh ann an taigh an Tighearna, agus na thaigh fhèin, shoirbhich leis na dhèanamh.
12. Agus dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin do Sholamh anns an oidhche, agus thubhairt e ris, Chuala mi d’ùrnaigh, agus thagh mi an t‑àite seo dhomh fhèin airson taigh ìobairte.
13. Ma dhruideas mi na nèamhan, agus nach bi uisge ann, no ma dh’àithneas mi do na lòcaist am fearann ithe suas, no ma chuireas mi plàigh am measg mo shluaigh;
14. Ma dh’irioslaicheas mo shluagh, air an goirear m’ainm, iad fhèin, agus gun dèan iad ùrnaigh, agus gun iarr iad mo ghnùis, agus gun till iad on droch shlighean, an sin cluinnidh mise o na nèamhan, agus maithidh mi am peacadh, agus lèighsidh mi am fearann.
15. A‑nis bidh mo shùilean fosgailte, agus bheir mo chluasan an aire do ùrnaigh an àite seo:
16. Oir a‑nis thagh mi agus naomhaich mi an taigh seo, a‑chum gum bi m’ainm an sin gu bràth; agus bidh mo shùilean agus mo chridhe an sin gach là.
17. Agus ma ghluaiseas tusa ann am fhianais mar a ghluais Daibhidh d’athair, agus ma nì thu a rèir gach nì a dh’àithn mi dhut, agus gun glèidh thu mo reachdan agus mo bhreitheanais:
18. An sin daingnichidh mise rìgh-chathair do rìoghachd, mar a rinn mi coicheangal ri Daibhidh d’athair, ag ràdh, Cha bhi duine a dhìth ort gu bhith na uachdaran ann an Israel.
19. Ach ma thionndaidheas sibh uam, agus gun trèig sibh mo reachdan agus m’àitheantan a chuir mi romhaibh, agus gun tèid sibh agus gun dèan sibh seirbhis do dhiathan eile, agus gun sleuchd sibh dhaibh:
20. An sin spìonaidh mise sibh as m’fhearann a thug mi dhuibh; agus an taigh seo a naomhaich mi dom ainm, tilgidh mi as mo shealladh, agus nì mi e na shamhladh agus na leth-fhacal am measg nan uile chinneach.
21. Agus an taigh seo a bha cho àrd, bidh iongantas air gach neach a thèid seachad air, agus their e, Carson a rinn an Tighearna mar seo ris an tìr seo, agus ris an taigh seo?
22. Agus freagrar, A chionn gun do thrèig iad an Tighearna, Dia an athraichean, a thug a‑mach iad à tìr na h‑Eiphit, agus gun do ghabh iad dan ionnsaigh diathan eile, agus gun do shleuchd iad dhaibh, agus gun do rinn iad seirbhis dhaibh; uime sin thug e an t‑olc seo uile orra.

2 Eachdraidh 8:1-18
1. Agus thàrladh an ceann fichead bliadhna, anns an do thog Solamh taigh an Tighearna agus a thaigh fhèin,
2. Na bailtean a thug Huram do Sholamh, gun do thog Solamh iad, agus thug e air cloinn Israeil còmhnaidh a ghabhail an sin.
3. Agus chaidh Solamh gu Hamat-sobah, agus thug e buaidh air.
4. Agus thog e Tadmor anns an fhàsach, agus na bailtean-ionmhais uile a thog e ann an Hamat.
5. Mar an ceudna thog e Bet-horon uachdarach, agus Bet-horon ìochdarach, bailtean daingnichte, le ballachan, geatachan, agus croinn:
6. Agus Bàalat, agus na h‑uile bhailtean-ionmhais a bha aig Solamh, agus uile bhailtean nan carbad, agus bailtean a’ mharc-shluaigh, agus uile mhiann Sholaimh a mhiannaich e a thogail ann an Ierusalem, agus ann an Lebanon, agus ann an uile thìr a thighearnais.
7. A‑thaobh an t‑sluaigh uile a dh’fhàgadh de na Hitich, agus de na h‑Amoraich, agus de na Peridsich, agus de na Hibhich, agus de na h‑Iebusaich, nach robh de Israel,
8. Den cloinn a dh’fhàgadh nan dèidh anns an tìr, nach do sgrios clann Israeil, dhiubhsan thog Solamh cìs gus an là‑an‑diugh.
9. Ach de chloinn Israeil cha do rinn Solamh tràill sam bith airson a obrach; oir bha iad nam fir-chogaidh, agus nan uachdarain, agus nan ceannardan aige, agus nam fir-riaghlaidh a charbad agus a mharc-shluaigh.
10. Agus b’iad seo uachdarain an luchd-dreuchd a bha aig rìgh Solamh, dà cheud agus lethcheud a riaghail os cionn an t‑sluaigh.
11. Agus thug Solamh suas nighean Phàraoh à baile Dhaibhidh a dh’ionnsaigh an taighe a thog e dhi: oir thubhairt e, Cha ghabh mo bhean-sa còmhnaidh ann an taigh Dhaibhidh rìgh Israeil; oir is naomh na h‑àitean don tàinig àirc an Tighearna a‑steach.
12. An sin dh’ìobair Solamh ìobairtean-loisgte don Tighearna, air altair an Tighearna, a thog e fa chomhair an sgàth-thaighe;
13. A dhlighe fhèin air gach là, agus ìobradh a rèir àithne Mhaois, air na sàbaidean, agus air na gealaichean nodha, agus air na fèillean sònraichte, trì uairean anns a’ bhliadhna, air fèill an arain neo-ghortaichte, agus air fèill nan seachdain, agus air fèill nam pàillean.
14. Agus shuidhich e, a rèir riaghailt Dhaibhidh a athair, roinnean nan sagart a‑chum an seirbhis, agus na Lèbhithich a‑chum an cùraim, a mholadh agus a fhrithealadh am fianais nan sagart, a rèir dlighe gach là; agus na dorsairean a rèir an roinnean aig gach geata: oir mar sin dh’àithn Daibhidh, òglach Dhè.
15. Agus cha do chlaon iad o àithne an rìgh mu na sagartan agus na Lèbhithich, a‑thaobh nì air bith, no a‑thaobh nan ionmhas.
16. Agus dheasaicheadh obair Sholaimh uile gu ruig an là anns an do leagadh bunait taigh an Tighearna, agus gus an do chrìochnaicheadh e. Mar sin rinneadh taigh an Tighearna gu h‑iomlan.
17. An sin chaidh Solamh gu Esion-geber, agus gu Elot, air taobh na mara ann an tìr Edoim.
18. Agus chuir Huram da ionnsaigh le làimh a sheirbhiseach longan, agus seirbhisich aig an robh eòlas na fairge; agus chaidh iad maille ri seirbhisich Sholaimh gu Ophir, agus thug iad as a sin ceithir cheud agus lethcheud tàlann òir, agus thug iad gu rìgh Solamh iad.

Salm 80:1-6
1. Don àrd-fhear-ciùil air Sosanim Edut. Salm le Asaph. O aodhair Israeil, èisd thusa a stiùras Iòseph mar threud; thusa a tha ad chòmhnaidh eadar na ceruban, dealraich a‑mach.
2. An làthair Ephraim agus Bheniàmin agus Mhanaseh, dùisg do chumhachd agus thig gar saoradh.
3. Till sinn, a Dhè, agus thoir air do ghnùis dealrachadh, agus saorar sinn.
4. A Thighearna Dhè nan slògh, cia fhad a bhios fearg ort ri ùrnaigh do shluaigh?
5. Thug thu dhaibh aran nan deur ri ithe, agus thug thu dhaibh deòir rin òl ann am pailteas.
6. Rinn thu sinn nar n‑adhbhar strì dar coimhearsnaich, agus nì ar n‑eascairdean gàire fanaid umainn.

Gnàth-fhacal 20:15-15
15. Tha òr ann, agus mòran de chlachan luachmhor; ach is iad bilean an eòlais an seud as luachmhoire.

Gnìomharan 13:26-52
26. Fheara agus a bhràithrean, a chlann fine Abrahàim, agus a mheud agaibh is air a bheil eagal Dhè, is ann dur n‑ionnsaigh-se a chuireadh facal na slàinte seo.
27. Oir iadsan a tha a chòmhnaidh ann an Ierusalem, agus an uachdarain, air dhaibh a bhith aineolach airsan, agus air briathran nam Fàidhean a tha air an leughadh gach sàbaid, le esan a dhìteadh choilean iad iad.
28. Agus ged nach d’fhuair iad coire bàis air bith ann, dh’iarr iad air Pilat gun cuirte esan gu bàs.
29. Agus nuair a choilean iad na h‑uile nithean a bha sgrìobhte ma thimcheall, thug iad a‑nuas on chrann e, agus chuir iad ann an uaigh e.
30. Ach thog Dia suas o na mairbh e:
31. Agus chunnacas e rè mòran làithean leòsan a chaidh suas maille ris o Ghalile gu Ierusalem, dream a tha nam fianaisean dhàsan don t‑sluagh.
32. Agus tha sinne a’ soisgeulachadh dhuibhse a’ gheallaidh, a rinneadh do na h‑athraichean.
33. Gun do choilean Dia seo dhuinne an clann, air dha Iosa a thogail suas; mar a tha e sgrìobhte mar an ceudna anns an dara Salm, Is tu mo Mhac-sa, an‑diugh ghin mi thu.
34. Agus mar dhearbhadh gun do thog e suas e o na mairbh, gun e a thilleadh air ais tuilleadh a‑chum truaillidheachd, thubhairt e mar seo, Bheir mise dhuibh tròcairean cinnteach Dhaibhidh.
35. Uime sin thubhairt e mar an ceudna ann an Salm eile, Chan fhuiling thu dod Aon naomh gum faic e truaillidheachd:
36. Oir an dèidh do Dhaibhidh a ghinealach fhèin a riarachadh a rèir toil Dhè, chaidil e, agus chuireadh e a‑chum a athraichean, agus chunnaic e truaillidheachd:
37. Ach an tì a thog Dia suas, chan fhaca e truaillidheachd.
38. Uime sin biodh fhios agaibhse, fheara agus a bhràithrean, gur ann tre an duine seo a tha maitheanas pheacaidhean air a shearmonachadh dhuibh:
39. Agus trìdsan tha gach neach a chreideas air a shaoradh o na h‑uile nithean, o nach robh e an comas dhuibh a bhith air ur saoradh le lagh Mhaois.
40. Thugaibh aire uime sin nach tig oirbh an nì a tha air a ràdh anns na Fàidhean;
41. Feuchaibh, a luchd-tarcais, agus gabhaibh iongantas, agus rachadh as dhuibh: oir obraichidh mise obair nur làithean-se, obair nach creid sibh idir, ged a chuireadh duine an cèill dhuibh e.
42. Agus nuair a chaidh na h‑Iùdhaich a‑mach as an t‑sionagog, ghuidh na Cinnich gun rachadh na briathran seo a labhairt riu fhèin air an t‑sàbaid na dhèidh sin.
43. A‑nis nuair a sgaoil an coitheanal, lean mòran de na h‑Iùdhaich agus de na proselitich chràbhach Pòl agus Barnabas: agus labhair iadsan riu, agus chuir iad impidh orra buanachadh ann an gràs Dhè.
44. Agus air an là sàbaid a b’fhaisge, is beag nach do chruinnich am baile gu h‑iomlan a dh’èisdeachd ri facal Dhè.
45. Ach nuair a chunnaic na h‑Iùdhaich na slòigh, lìonadh iad le eud, agus labhair iad an aghaidh nan nithean sin a labhradh le Pòl, a’ labhairt nan aghaidh agus a’ tabhairt toibheim.
46. An sin dh’fhàs Pòl agus Barnabas dàn, agus thubhairt iad, B’èiginn facal Dhè a bhith air a labhairt ribhse air tùs: ach do bhrìgh gun do chuir sibh cùl ris, agus gur i ur breith oirbh fhèin nach airidh sibh air a’ bheatha mhaireannaich, feuch, tha sinne a’ tionndadh a‑chum nan Cinneach.
47. Oir is ann mar sin a dh’àithn an Tighearna dhuinn, ag ràdh, Chuir mi thu mar sholas do na Cinnich, a‑chum gum biodh tu mar shlàinte gu iomall na talmhainn.
48. Agus nuair a chuala na Cinnich seo, rinn iad gàirdeachas, agus ghlòraich iad facal an Tighearna: agus chreid a mheud is a bha òrdaichte a‑chum na beatha maireannaich.
49. Agus sgaoileadh facal an Tighearna feadh na tìre uile.
50. Ach bhrosnaich na h‑Iùdhaich na mnathan cràbhach agus urramach, agus daoine uaisle na cathrach, agus thog iad geur-leanmhainn an aghaidh Phòil agus Bharnabais, agus thilg iad a‑mach as an crìochan iad.
51. Ach chrath iadsan duslach an cas dhiubh nan aghaidh, agus thàinig iad gu Iconium.
52. Agus bha na deisciobail air an lìonadh le aoibhneas, agus leis an Spiorad Naomh.