Bible in one year July 29
Nehemiah 10:1-39 |
1. Agus seo iadsan a chuir an seula ris: Nehemiah an Tirsata, mac Hachaliah, agus Sedeciah, |
2. Seraiah, Asariah, Ieremiah, |
3. Pasur, Amariah, Malchiah, |
4. Hatas, Sebaniah, Maluch, |
5. Harim, Meremot, Obadiah, |
6. Daniel, Gineton, Baruch, |
7. Mesulam, Abiah, Miamin, |
8. Maasiah, Bilgai, Semaiah, b’iad sin na sagartan. |
9. Agus na Lèbhithich: Iesuah mac Asaniah, Binui de mhic Henadaid, Cadmiel; |
10. Agus am bràithrean, Sèbaniah, Hodiah, Celita, Pelaiah, Hanan, |
11. Micha, Rehob, Hasabiah, |
12. Sacur, Serebiah, Sèbaniah, |
13. Hodiah, Bani, Beninu. |
14. Cinn an t‑sluaigh: Paros, Pahat-mòab, Elam, Satu, Bani, |
15. Buni, Asgad, Bebai, |
16. Adoniah, Bigbhai, Adin, |
17. Ater, Hisciah, Adsur, |
18. Hodiah, Hasum, Besai, |
19. Hariph, Anatot, Nebai, |
20. Magpias, Mesulam, Hesir, |
21. Mesesabeel, Sadoc, Iadua, |
22. Pelatiah, Hanan, Anaiah, |
23. Hosèa, Hananiah, Hasub, |
24. Halohes, Pileha, Sobec, |
25. Rehum, Hasabnah, Maaseiah, |
26. Agus Ahiah, Hanan, Anan, |
27. Maluch, Harim, Baanah. |
28. Agus a’ chuid eile den t‑sluagh, na sagartan na Lèbhithich, na dorsairean, an luchd-seinn, na Netinich, agus iadsan uile a dhealaich iad fhèin o shluagh nan tìrean a‑chum lagh Dhè, am mnathan, am mic, agus an nigheanan, gach aon aig an robh eòlas agus tuigse; |
29. Dhlùth-lean iad rim bràithrean, an àrd-uaislean, agus chaidh iad fo mhallachadh, agus fo mhionnan, gluasad ann an lagh Dhè, a thugadh seachad le làimh Mhaois, òglach Dhè, agus a choimhead agus a dhèanamh uile àitheantan Iehòbhah ar Tighearna, agus a bhreitheanas, agus a reachdan: |
30. Agus nach toir sinn ar nigheanan do shluagh na tìre, agus nach gabh sinn an nigheanan-san dar mic: |
31. Agus ma bheir sluagh na tìre leo bathar no biadh air bith air là na sàbaid, ga reic, nach ceannaich sinn e uapa air an t‑sàbaid no air là naomh: agus gun leig sinn leis an t‑seachdamh bliadhna, agus le togail nam fiach uile. |
32. Mar an ceudna rinn sinn reachdan dhuinn fhèin, an treas cuid de shecel a chur de fhiachan oirnn fhèin gach bliadhna, airson seirbhis taigh ar Dè: |
33. Airson an arain thaisbeanta, agus airson an tabhartas-bhìdh ghnàthaichte, agus airson ìobairt-loisgte ghnàthaichte nan sàbaid agus nan gealach nodha, airson nam fèill suidhichte, agus airson nan nithean naomha, agus airson nan ìobairt-pheacaidh, a dhèanamh rèite airson Israeil, agus airson uile obair taigh ar Dè. |
34. Agus thilg sinn croinn, na sagartan na Lèbhithich, agus an sluagh, mun tabhartas-fhiodha, a‑chum a thabhairt gu taigh ar Dè, a rèir taigh ar n‑athraichean, air àmannan suidhichte, o bhliadhna gu bliadhna, a losgadh air altair an Tighearna ar Dia, mar a tha e sgrìobhte anns an lagh: |
35. Agus a thabhairt ciad-thoradh ar fearainn, agus ciad-thoradh uile mheas gach uile chraoibh, o bhliadhna gu bliadhna, gu taigh an Tighearna: |
36. Agus a thabhairt ciad-ghin ar mac agus ar n‑ainmhidhean, mar a tha e sgrìobhte anns an lagh, agus ciad-ghin ar cruidh agus ar caorach, gu taigh ar Dè, a dh’ionnsaigh nan sagart a fhrithealas ann an taigh ar Dè: |
37. Agus gun tugamaid ciad-thoradh ar taoise, agus ar tabhartas, agus meas gach gnè craoibhe, fìona, agus ola, a dh’ionnsaigh nan sagart, gu seòmraichean taigh ar Dè; agus deicheamh ar fearainn do na Lèbhithich, air chor is gum faigheadh na Lèbhithich sin an deicheamh ann an uile bhailtean ar treabhachais. |
38. Agus bidh an sagart, mac Aaroin, maille ris na Lèbhithich, nuair a thogas na Lèbhithich suas leo deicheamh an deichimh gu taigh ar Dè, a‑steach do na seòmraichean, do thaigh an ionmhais: |
39. Oir bheir clann Israeil agus clann Lèbhi leo tabhartas an arbhair, an fhìona nuaidh, agus na h‑ola, a‑steach do na seòmraichean, far a bheil soithichean an ionaid naoimh, agus na sagartan, agus an luchd-frithealaidh, agus na dorsairean, agus an luchd-seinn. Agus cha trèig sinne taigh ar Dè. |
Nehemiah 11:1-36 |
1. Agus chòmhnaich uachdarain an t‑sluaigh ann an Ierusalem; agus thilg a’ chuid eile den t‑sluagh croinn, a thoirt aoin as an deichnear a ghabhail còmhnaidh ann an Ierusalem, am baile naomh, agus gum biodh naoi earrannan anns na bailtean eile. |
2. Agus bheannaich an sluagh na daoine uile a thairg iad fhèin gu toileach gu còmhnaidh a ghabhail ann an Ierusalem. |
3. Agus is iad seo cinn na mòr-roinne, a chòmhnaich ann an Ierusalem, agus ann am bailtean Iùdah: ghabh gach aon còmhnaidh na sheilbh fhèin, nam bailtean, na h‑Israelich, na sagartan, agus na Lèbhithich, agus na Netinich, agus mic seirbhisich Sholaimh. |
4. Agus chòmhnaich ann an Ierusalem de chloinn Iùdah, agus de chloinn Bheniàmin: de chloinn Iùdah: Ataiah mac Udsiah, mhic Shechariah, mhic Amariah, mhic Shephatiah, mhic Mahaleleeil, de chloinn Phereis: |
5. Agus Maaseiah mac Bharuich, mhic Cholhoseh, mhic Hasaiah, mhic Adaiah, mhic Ioarib, mhic Shechariah, mhic Shiloni. |
6. Mic Phereis uile a chòmhnaich ann an Ierusalem, ceithir cheud, trì-fichead agus ochd fir threuna. |
7. Agus is iad seo mic Bheniàmin; Salu mac Mhesulaim, mhic Ioeid, mhic Phedaidh, mhic Cholaiah, mhic Mhaaseiah, mhic Itieil, mhic Iesaiah. |
8. Agus na dhèidh-san Gabai, Salai, naoi ceud, fichead agus a h‑ochd. |
9. Agus Ioel mac Shichri na fhear-amhairc thairis orra; agus Iùdah mac Shenuah an dara fear os cionn a’ bhaile. |
10. De na sagartan: Iedaiah, Ioiarib, Iachin, |
11. Seraiah mac Hilciah, mhic Mhesulaim, mhic Shadoic, mhic Mheraioit, mhic Ahituib, fear-riaghlaidh taigh Dhè. |
12. Agus am bràithrean a rinn obair an taighe, ochd ceud, fichead agus a dhà: agus Adaiah mac Ierohaim, mhic Phelaliah, mhic Amsi, mhic Shechariah, mhic Phasuir, mhic Mhalchiah, |
13. Agus a bhràithrean, cinn nan athraichean, dà cheud, dà‑fhichead agus a dhà: agus Amasai mac Asareeil, mhic Ahasai, mhic Mhesilemoit, mhic Imeir, |
14. Agus am bràithrean, fir chomasach ghaisgeil, ceud, fichead agus a h‑ochd: agus na fhear-coimhead thairis orra Sabdiel, mac aoin de na daoine mòra. |
15. Agus de na Lèbhithich: Semaiah mac Hasuib, mhic Asricaim, mhic Hasabiah, mhic Bhuni; |
16. Agus Sabetai, agus Iosabad, de chinn nan Lèbhitheach, os cionn obair taigh Dhè on leth a‑muigh. |
17. Agus Mataniah mac Mhicha, mhic Shabdi, mhic Asaiph, an ciad fhear a thòisicheadh air buidheachas a thoirt ann an ùrnaigh; agus Bacbuciah, an dara fear am measg a bhràithrean, agus Abda mac Shamua, mhic Ghalail, mhic Iedutuin. |
18. Na Lèbhithich uile anns a’ bhaile naomh, dà cheud, ceithir-fichead agus a ceithir. |
19. Agus na dorsairean, Acub, Talmon, agus am bràithrean a bha ri faire aig na geatachan, ceud, trì-fichead agus a dhà-dheug. |
20. Agus bha a’ chuid eile de Israel, na sagartan, agus na Lèbhithich, ann an uile bhailtean Iùdah, gach fear na sheilbh fhèin. |
21. Ach ghabh na Netinich còmhnaidh ann an Ophel; agus bha Siha agus Gispa os cionn nan Netineach. |
22. Agus b’e fear-coimhead-thairis nan Lèbhitheach ann an Ierusalem Udsi mac Bhani, mhic Hasabiah, mhic Mhataniah, mhic Mhicah. De mhic Asaiph, bha an luchd-seinn, fa chomhair obair taigh Dhè: |
23. Oir b’i àithne an rìgh man timcheall gum biodh cuibhreann àraidh airson an luchd-seinn, a dhlighe fhèin air gach là. |
24. Agus bha Petaiah mac Mheses-abeeil, de chloinn Sherah mhic Iùdah, aig làimh an rìgh anns gach cùis a‑thaobh an t‑sluaigh. |
25. Agus a‑thaobh nam bailtean beaga nam fearann, chòmhnaich cuid de mhic Iùdah ann an Ciriat-arba agus na bhailtean beaga, agus ann an Dibon agus na bhailtean beaga, agus ann an Iecabseel agus na bhailtean beaga, |
26. Agus ann an Iesua, agus ann am Moladah, agus ann am Bet-pelet, |
27. Agus ann an Hasar-sual, agus ann am Beer-sèba agus na bhailtean beaga, |
28. Agus ann an Siclag, agus ann am Meconah agus na bhailtean beaga, |
29. Agus ann an En‑rimon, agus ann an Sareah, agus ann an Iarmut, |
30. Sanòah, Adulam, agus nam bailtean beaga, ann an Lachis agus na fhearann, ann an Asecah agus na bhailtean beaga. Agus chòmhnaich iad o Bheer-sèba gu ruig gleann Hinoim; |
31. Agus mic Bheniàmin o Gheba, ann am Michmas, agus Aia, agus Betel agus na bhailtean beaga; |
32. Ann an Anatot, Nob, Ananiah, |
33. Hasor, Ramah, Gitaim, |
34. Hadid, Seboim, Nebalat, |
35. Lod, agus Ono, gleann an luchd-ceàirde. |
36. Agus de na Lèbhithich bha roinnean ann an Iùdah, agus ann am Beniàmin. |
Salm 89:19-29 |
19. An sin labhair thu ann an taisbeanadh rid Aon naomh, agus thubhairt thu. Chuir mise cuideachadh air aon a tha cumhachdach; dh’àrdaich mi aon taghte as an t‑sluagh. |
20. Fhuair mi Daibhidh m’òglach; lem ola naoimh dh’ung mi e, |
21. Lem bi mo làmh gu daingeann; mar an ceudna neartaichidh mo ghàirdean e. |
22. Cha tog an nàmhaid cìs dheth, agus cha chlaoidh mac an uilc e. |
23. Agus pronnaidh mi a naimhdean roimhe, agus buailidh mi iadsan lem fuathach e. |
24. Agus bidh m’fhìrinn agus mo thròcair maille ris, agus ann am ainm-sa àrdaichear a adharc-san. |
25. Agus cuiridh mi a làmh anns an fhairge, agus a dheaslàmh anns na h‑aibhnichean. |
26. Glaodhaidh e rium, Is tu m’athair, mo Dhia agus carraig mo shlàinte. |
27. Mar an ceudna nì mi mo chiad-ghin dheth, àrd os cionn rìghrean na talmhainn. |
28. Gu bràth gleidhidh mi mo thròcair dha, agus bidh mo choicheangal seasmhach leis. |
29. Agus suidhichidh mi gu bràth a shliochd, agus a rìgh-chathair mar làithean nan nèamh. |
Gnàth-fhacal 22:1-2 |
1. Is roghnaiche ainm math na mòr-shaoibhreas, agus deagh-ghean na airgead agus òr. |
2. Coinnichidh am beartach agus am bochd a chèile: is e an Tighearna a rinn iad gu lèir. |
Gnìomharan 28:1-31 |
1. Agus nuair a thèarnadh iad, thuig iad an sin gum b’e Melita ainm an eilein. |
2. Agus nochd an sluagh borb coibhneas nach bu bheag dhuinn: oir air fadadh teine dhaibh, ghabh iad rinn uile, airson an uisge a bha ann, agus airson an fhuachd. |
3. Agus air do Phòl dòrlach bhioran a thional, agus an cur air an teine, thàinig nathair nimhe a‑mach as an teas, agus shàs i na làimh. |
4. Agus nuair a chunnaic an sluagh borb a’ bhèist an crochadh ra làimh, thubhairt iad ri chèile, Gu cinnteach is mortair an duine seo, do nach fuiling dìoghaltas a bhith beò, ged a theasairgeadh on fhairge e. |
5. Agus air dhàsan a’ bhèist a chrathadh dheth anns an teine, cha d’fhuiling e dochann sam bith. |
6. Ach bha iadsan a’ feitheamh cuin a dh’atadh e, no a thuiteadh e sìos marbh gu h‑obann: ach nuair a dh’fheith iad ùine fhada, agus nach faca iad dochann sam bith a’ teachd air, chaochail iad an inntinn, agus thubhairt iad gur dia e. |
7. Agus bha mu thimcheall an àite sin fearann aig prìomh-dhuine an eilein, dom b’ainm Publius, a ghabh rinn agus a thug rè trì làithean aoidheachd dhuinn gu càirdeil. |
8. Agus thàrladh gu robh athair Phubliuis na laighe gu tinn le fiabhras, agus geàrrthach fala: air do Phòl dol a‑steach da ionnsaigh, rinn e ùrnaigh, agus air dha a làmhan a chur air, leighis e e. |
9. Agus nuair a rinneadh seo, thàinig mar an ceudna muinntir eile a bha easlan anns an eilean da ionnsaigh, agus lèighseadh iad: |
10. Muinntir mar an ceudna a thug mòr-urram dhuinn; agus nuair a dh’fhalbh sinn, chuir iad na nithean sin leinn a bha feumail dhuinn. |
11. Agus an dèidh trì mìosan sheòl sinn ann an luing o Alecsandria, a chaith an geamhradh anns an eilean, dom bu shuaicheantas Castor agus Pollucs. |
12. Agus nuair a chaidh sinn air tìr aig Siracuse, dh’fhan sinn an sin trì làithean. |
13. Agus air seòladh dhuinn timcheall as a sin, thàinig sinn gu Regium: agus an ceann là na dhèidh sin shèid a’ ghaoth a deas, agus thàinig sinn an ath là gu Puteoli: |
14. Air dhuinn bràithrean fhaotainn an sin, chuireadh impidh oirnn leo fantainn seachd làithean maille riu: agus mar sin thriall sin a‑chum na Ròimhe. |
15. Agus as a sin, air faotainn ar sgeòil do na bràithrean, thàinig iad nar coinneamh gu Apii-forum, agus Na Trì Taighean-òsda; agus nuair a chunnaic Pòl iad, thug e buidheachas do Dhia, agus ghabh e misneach. |
16. Agus nuair a thàinig sinn don Ròimh thug an ceannard-ceud thairis na prìosanaich do cheannard an fhreiceadain: ach thugadh comas do Phòl a bhith leis fhèin, maille ri aon saighdear a bha ga ghleidheadh. |
17. Agus thàrladh, an dèidh trì làithean, gun do ghairm Pòl maithean nan Iùdhach an ceann a chèile. Agus nuair a chruinnicheadh iad, thubhairt e riu, Fheara agus a bhràithrean, ged nach do rinn mise nì sam bith an aghaidh a’ phobaill, no gnàthannan nan athraichean, thugadh thairis mi am phrìosanach o Ierusalem do làmhan nan Ròmanach. |
18. Muinntir an dèidh dhaibh mo cheasnachadh, leis am bu mhiann mo leigeadh as, a chionn nach robh coire bàis sam bith annam. |
19. Ach nuair a bha na h‑Iùdhaich a’ labhairt an aghaidh seo, b’èiginn dhomh mo chùis a thogail gu Cèasar; chan e gu bheil coire sam bith agam ri chur as leth mo chinnich. |
20. Air an adhbhar seo, uime sin, chuir mi fios oirbhse, a‑chum gum faicinn sibh agus gun labhrainn ribh: oir is ann airson dòchas Israeil a tha mi ceangailte leis an t‑slabhraidh seo. |
21. Agus thubhairt iadsan ris, Cha d’fhuair sinne litrichean sam bith à Iudèa mud thimcheall, cha mhò a dh’fhoillsich no dh’innis aon de na bràithrean a thàinig olc sam bith umad. |
22. Ach bu mhath leinn a chluinntinn uatsa ciod i do bharail: oir mu thimcheall a’ ghnè chreidimh seo tha fhios againn gun labhrar anns gach àite na h‑aghaidh. |
23. Agus air suidheachadh là ris, thàinig mòran da ionnsaigh gu a àite-còmhnaidh; don do mhìnich e rìoghachd Dhè, a’ dèanamh fianais uimpe, agus a’ cur impidh orra a‑thaobh nan nithean a bhuineas do Iosa, araon à lagh Mhaois, agus as na fàidhean, o mhoch-thràth gu feasgar. |
24. Agus chreid cuid na nithean a labhradh, agus cha do chreid cuid eile dhiubh. |
25. Agus air dhaibh a bhith an aghaidh a chèile, sgaoil iad, air do Phòl aon fhacal a ràdh, Is math a labhair an Spiorad Naomh tre an fhàidh Esaias, ri ar n‑athraichean. |
26. Ag ràdh, Imich a‑chum a’ phobaill seo, agus abair, Le cluinntinn cluinnidh sibh, agus cha tuig sibh; agus le faicinn chì sibh, agus chan aithnich sibh. |
27. Oir tha cridhe a’ phobaill seo air fàs reamhar, agus tha iad a’ cluinntinn gu trom len cluasan, agus chaog iad an sùilean; air eagal gum faiceadh iad len sùilean, agus gun cluinneadh iad len cluasan, agus gun tuigeadh iad len cridhe, agus gun tilleadh iad agus gun slànaichinn-sa iad. |
28. Uime sin biodh fhios agaibhse gun do chuireadh slàinte Dhè a‑chum nan Cinneach agus èisdidh iadsan. |
29. Agus nuair a thubhairt e na briathran seo, dh’imich na h‑Iùdhaich romhpa, agus bha mòr-reusonachadh aca eatorra fhèin. |
30. Agus dh’fhan Pòl dà bhliadhna iomlan na thaigh-màil fhèin, agus ghabh e ris na h‑uile dhaoine a thàinig da ionnsaigh, |
31. A’ searmonachadh rìoghachd Dhè, agus a’ teagasg nan nithean a bhuineas don Tighearna Iosa Crìosd, leis an uile dhànachd, gun toirmeasg. |
|