A A A A A
Bible in one year
July 24

Esra 9:1-15
1. Agus nuair a rinneadh na nithean sin, thàinig na h‑uachdarain am ionnsaigh ag ràdh, Cha do dhealaich sluagh Israeil, agus na sagartan, agus na Lèbhithich iad fhèin o shluagh na tìre, a’ dèanamh a rèir an gràinealachd, eadhon nan Canàanach, nan Hiteach, nam Peridseach, nan Iebusach, nan Amonach, nam Mòabach, nan Eiphiteach, agus nan Amorach.
2. Oir ghabh iad den nigheanan dhaibh fhèin agus dom mic, agus mheasg an sliochd naomh iad fhèin le sluagh nan tìrean; agus bha làmh nan uachdaran agus an luchd-riaghlaidh air thoiseach anns a’ chionta seo.
3. Agus nuair a chuala mi an nì seo, reub mi m’aodach, agus m’fhallaing, agus spìon mi cuid de ghruaig mo chinn agus m’fheusag, agus shuidh mi sìos fo uamhann.
4. An sin chruinnicheadh am ionnsaigh iadsan uile a chriothnaich ro bhriathran Dia Israeil, airson euceart na muinntir a thugadh air falbh; agus shuidh mi fo uamhann gu ruig an ìobairt-fheasgair.
5. Agus aig an ìobairt-fheasgair dh’èirich mi om thùirse, lem aodach agus m’fhallaing reubte umam, agus leig mi mi fhèin air mo ghlùinean, agus sgaoil mi a‑mach mo làmhan a dh’ionnsaigh an Tighearna mo Dhia.
6. Agus thubhairt mi, O mo Dhia, tha nàire orm agus rudhadh gruaidh m’aghaidh a thogail riutsa, mo Dhia: oir tha ar n‑euceartan air fàs lìonmhor os ar cionn, agus tha ar cionta air èirigh suas gu nèamh.
7. O làithean ar n‑athraichean bha sinn ann an cionta mòr gu ruig an là‑an‑diugh, agus airson ar n‑euceartan thugadh thairis sinn fhèin, ar rìghrean, ar sagartan, do làimh rìghrean nan tìrean, don chlaidheamh, do dhaorsa, agus do chreachadh, agus do nàire gnùise, mar air an là‑an‑diugh.
8. Agus a‑nis car tamaill bhig nochdadh gràs on Tighearna ar Dia, a dh’fhàgail dhuinn fuidhill, agus a thabhairt tàirnge dhuinn na ionad naomh, a‑chum gun soillsicheadh ar Dia ar sùilean, agus gun tugadh e dhuinn beagan beothachaidh nar daorsa:
9. Oir bha sinne nar tràillean, gidheadh nar daorsa cha do thrèig ar Dia sinn, ach fhuair e tròcair dhuinn ann an sùilean rìghrean Phersia, a thoirt dhuinn ath-bheothachaidh a chur suas taigh ar Dè, agus a leasachadh na mhilleadh ann, agus a thoirt dhuinn balla ann an Iùdah agus ann an Ierusalem.
10. Agus a‑nis, O ar Dia, ciod a their sinn an dèidh seo? Oir thrèig sinn d’àitheantan,
11. A dh’àithn thu led sheirbhisich na fàidhean, ag ràdh, Tha an talamh da bheil sibh a’ dol ga shealbhachadh na thalamh neòghlan le neòghlaine sluagh nan tìrean, len gràinealachdan, a lìon e o cheann gu ceann len salchar.
12. A‑nis, matà, na tugaibh ur nigheanan dam mic, agus an nigheanan-san na gabhaibh dur mic-se, agus na iarraibh an sìth no an saoibhreas gu bràth, a‑chum gum bi sibh làidir, agus gun ith sibh math an fhearainn, agus gum fàg sibh e na oighreachd dur cloinn gu bràth.
13. Ach an dèidh gach nì a thàinig oirnn airson ar droch obair, agus airson ar cionta mhòir, o nach do rinn thusa ar Dia peanas oirnn a rèir ar droch thoillteanais, agus gun tug thu dhuinn a leithid seo de shaorsa;
14. Nam briseamaid a‑rìs d’àitheantan, agus nan dèanamaid cleamhnas ri sluagh nan gràinealachd sin, nach biodh fearg ort rinn gus an cuireadh tu as dhuinn, air chor is nach biodh fuidheall no dol as ann?
15. A Thighearna Dhè Israeil, is ceart thusa, oir tha sinn an làthair a thàinig as, mar air an là‑an‑diugh. Feuch, tha sinn ad fhianais nar peacaidhean: oir chan urrainn sinn seasamh ad fhianais airson seo.

Esra 10:1-44
1. A‑nis nuair a rinn Esra ùrnaigh, agus a dh’aidich e, a’ gul, agus ga thilgeadh fhèin sìos fa chomhair taigh Dhè, chruinnich da ionnsaigh à Israel co‑chruinneachadh ro‑mhòr de fhir, agus de mhnathan, agus de chloinn: oir ghuil an sluagh gu mòr.
2. Agus labhair Sechaniah mac Iehieil, aon de mhic Elaim, agus thubhairt e ri Esra, Pheacaich sinn an aghaidh ar Dè, agus ghabh sinn dar n‑ionnsaigh mnathan coimheach de shluagh na tìre: ach a‑nis tha dòchas ann an Israel a‑thaobh an nì seo.
3. A‑nis uime sin dèanamaid coicheangal ri ar Dia, na mnathan uile a chur uainn, agus iadsan a rugadh leo, a rèir comhairle mo thighearna, agus na muinntir a chriothnaicheas ri àithne ar Dè, agus dèanar a rèir an lagha.
4. Eirich; oir dhutsa buinidh an nì seo, agus bidh sinne maille riut: gabh misneach, agus dèan e.
5. Agus dh’èirich Esra, agus thug e air na h‑àrd-shagartan, na Lèbhithich, agus Israel uile mionnachadh gun dèanadh iad a rèir an fhacail seo; agus mhionnaich iad.
6. An sin dh’èirich Esra o làthair taigh Dhè, agus chaidh e do sheòmar Iohanain, mhic Eliasib: agus nuair a thàinig e an sin, cha d’ith e aran, agus cha d’òl e uisge; oir rinn e bròn airson cionta na muinntir a thugadh air falbh.
7. Agus thug iad gairm air feadh Iùdah agus Ierusaleim do uile chloinn a’ bhraighdeanais, iad a chruinneachadh ri chèile gu Ierusalem:
8. Agus ge bè neach nach tigeadh an ceann trì làithean, a rèir comhairle nan uachdaran agus nan seanair, gun tugte uaithe a mhaoin uile, agus gum biodh e fhèin air a dhealachadh o cho-chruinneachadh na muinntir a thugadh air falbh.
9. Agus chruinnicheadh fir Iùdah agus Bheniàmin uile gu Ierusalem an ceann trì làithean: bha e anns an naoidheamh mìos, air an fhicheadamh là den mhìos: agus shuidh an sluagh uile ann an sràid taigh Dhè, air chrith airson an nì seo, agus airson an uisge mhòir.
10. Agus dh’èirich Esra an sagart, agus thubhairt e riu, Pheacaich sibh, agus ghabh sibh dhuibh fhèin mnathan coimheach a mheudachadh peacadh Israeil.
11. A‑nis, matà, dèanaibh aidmheil don Tighearna, Dia ur n‑athraichean, agus coileanaibh a thoil; agus dealaichibh sibh fhèin o shluagh na tìre, agus o na mnathan coimheach.
12. Agus fhreagair an coitheanal uile, agus thubhairt iad le guth àrd, Mar sin, a rèir d’fhacail, tha e ceangailte oirnne a dhèanamh.
13. Ach tha an sluagh lìonmhor, agus is àm mòr-uisge e, agus chan urrainn sinn seasamh a‑muigh, agus chan obair aon là no dà seo: oir tha sinn lìonmhor a pheacaich anns an nì seo.
14. Seasadh a‑nis ar n‑uachdarain den choitheanal uile, agus, aig àmannan suidhichte, thigeadh iadsan uile nar bailtean a ghabh dhaibh fhèin mnathan coimheach, agus maille riu seanairean gach baile agus a bhritheamhan, gus an tionndaidhear fearg laiste ar Dè uainn a‑thaobh an nì seo.
15. Sheas a‑mhàin Ionatan mac Asaheil, agus Iahasiah mac Thichbah, airson seo: agus chuidich Mesulam agus Sabetai an Lèbhitheach leo.
16. Agus rinn clann a’ bhraighdeanais mar sin: agus dhealaicheadh Esra an sagart, agus cinn àraidh nan athraichean a rèir taigh an athraichean, agus iad uile a rèir an ainmean, agus shuidh iad sìos air a’ chiad là den deicheamh mìos a rannsachadh na cùise.
17. Agus chrìochnaich iad a‑thaobh nan daoine uile a ghabh dhaibh fhèin mnathan coimheach, air a’ chiad là den chiad mhìos.
18. Agus am measg mic nan sagart fhuaireadh a ghabh dhaibh fhèin mnathan coimheach: De mhic Iesua, mhic Iosadaic, agus a bhràithrean: Maaseiah, agus Elièser, agus Iarib, agus Gedaliah.
19. Agus thug iad an làmhan gun cuireadh iad uapa am mnathan: agus air dhaibh a bhith ciontach, thug iad reithe den treud airson an cionta.
20. Agus de mhic Imeir: Hanani, agus Sebadiah.
21. Agus de mhic Harim: Maaseiah, agus Eliah, agus Semaiah, agus Iehiel, agus Udsiah.
22. Agus de mhic Phasuir: Elioenai, Maaseiah, Ismael, Netaneel, Iosabad, agus Elasah.
23. Agus de na Lèbhithich: Iosabad, agus Simei, agus Celaiah (is e sin Celita), Petahiah, Iùdah agus Elièser.
24. Agus den luchd-seinn: Eliasib: agus de na dorsairean; Salum agus Telem, agus Uri.
25. Agus de Israel: De mhic Pharois: Ramaiah, agus Iesiah, agus Malchiah, agus Miamin, agus Eliàser, agus Malchiah, agus Benaiah.
26. Agus de mhic Elaim: Mataniah, Sechariah, agus Iehiel, agus Abdi, agus Ierimot, agus Eliah.
27. Agus de mhic Shatu: Elioenai, Eliasib, Mataniah, agus Ieremot, agus Sabad, agus Asisa.
28. Agus de mhic Bhebai: Iehohanan, Hananiah, Sabai, agus Atlai.
29. Agus de mhic Bhani: Mesulam, Maluch, agus Adaiah, Iasub, agus Seal, agus Ramot.
30. Agus de mhic Phahat-mhòaib: Adna, agus Chelal, Benaiah, Maaseiah, Mataniah, Besalil, agus Binui, agus Manaseh.
31. Agus de mhic Harim: Elièser, Isiah, Malchiah, Semaiah, Simeon,
32. Beniàmin, Maluch, agus Semariah.
33. De mhic Hasuim: Matenai, Matatah, Sabad, Eliphelet, Ieremai, Manaseh, agus Simei.
34. De mhic Bhani: Maadai, Amram, agus Uel,
35. Benaiah, Bedaiah, Cheluh,
36. Bhaniah, Meremot, Eliasib,
37. Mataniah, Matenai, agus Iaasau,
38. Agus Bani, agus Binui, Simei,
39. Agus Selemiah, agus Nàtan, agus Adaiah,
40. Machnadebai, Sasai, Sàrai,
41. Asareel, agus Selemiah, Samariah,
42. Salum, Amariah, agus Iòseph.
43. De mhic Nebo: Ieiel, Matitiah, Sabad, Sebina, Iadau, agus Ioel, Benaiah.
44. Ghabh iad sin uile dhaibh fhèin mnathan coimheach: agus aig cuid dhiubh bha mnathan ris an robh clann aca.

Salm 88:6-10
6. Chuir thu mi anns an t‑sloc as ìsle ann an dorchadas, anns na doimhneachdan.
7. Laigh d’fhearg orm gu teann, agus led thonnan uile chlaoidh thu mi. Selah.
8. Chuir thu mo luchd-eòlais fada uam; rinn thu mi am ghràinealachd dhaibh; druidte suas tha mi, agus chan urrainn mi teachd a‑mach.
9. Tha mo shùil a’ fàilneachadh do bhrìgh m’àmhghair; ghairm mi ort, a Thighearna, gach là; shìn mi mo làmhan riut.
10. Do na mairbh an nochd thu iongantasan? An èirich na mairbh agus am mol iad thu? Selah.

Gnàth-fhacal 21:23-24
23. An tì a ghleidheas a bheul agus a theanga, gleidhidh e a anam o theanntachdan.
24. Fear-magaidh uaibhreach àrdanach is ainm dhàsan a ghiùlaineas e fhèin ann an corraich an uabhair.

Gnìomharan 24:1-27
1. Agus an ceann còig làithean na dhèidh sin chaidh Ananias an t‑àrd-shagart sìos maille ris na seanairean, agus ri Tertullus, fear-tagraidh àraidh, muinntir a nochd iad fhèin an làthair an uachdarain an aghaidh Phòil.
2. Agus nuair a ghairmeadh a‑mach e, thòisich Tertullus air a chasaid, ag ràdh, Do bhrìgh gu bheil sinn tromhadsa a’ mealtainn mòr-shìth, agus gun do rinneadh iomadh deagh ghnìomh don chinneach seo tre do ghliocas-sa,
3. Tha sinn a’ gabhail ri seo, anns gach àm agus anns gach àite, Fhelics ro‑òirdheirc, leis gach uile bhuidheachas.
4. Ach, a‑chum nach cuirinn mòr-mhoille ort, guidheam ort, ded shuairceas gun èisd thu rinn gu h‑ath-ghoirid.
5. Oir fhuair sinn am fear seo na phlàigh, agus a’ dùsgadh nan Iùdhach uile gu ceannairc air feadh an domhain, agus na cheann-feadhna do luchd saobh-chreideamh nan Nàsarènach.
6. Neach mar an ceudna a thogair an teampall a thruailleadh; agus a ghlac sinne, agus b’àill leinn breith a thoirt air a rèir ar lagha fhèin:
7. Ach air teachd do Lisias an t‑àrd-cheannard oirnn, thug e le mòr-ainneart as ar làmhan e,
8. Ag àithneadh da luchd-casaid teachd ad ionnsaigh-sa; neach om faod thu, le a cheasnachadh, fios fhaotainn air na h‑uile nithean a tha sinne a’ cur as a leth.
9. Agus dh’aontaich na h‑Iùdhaich mar an ceudna, ag ràdh gu robh na nithean seo mar sin.
10. An sin air don uachdaran smèideadh air Pòl e a labhairt, fhreagair esan, Is mò mo mhisneach gu freagairt air mo shon fhèin, gu bheil fhios agam gu robh thusa rè mòran bhliadhnachan ad bhritheamh air a’ chinneach seo:
11. Oir faodaidh tu fios fhaotainn, nach mò na dà‑là‑dheug o chaidh mi suas gu Ierusalem a dhèanamh adhraidh.
12. Agus cha d’fhuair iad mi a’ deasbaireachd ri aon neach anns an teampall, no a’ brosnachadh an t‑sluaigh gu ceannairc, aon chuid anns na sionagogan, no anns a’ bhaile:
13. Cha mhò as urrainn iad na nithean sin a dhearbhadh a tha iad a’ cur as mo leth.
14. Ach tha mi ag aideachadh seo dhutsa, gur ann a rèir na slighe sin ris an abair iadsan saobh-chreideamh, a tha mise a’ dèanamh adhraidh do Dhia m’athraichean, a’ creidsinn nan uile nithean a tha sgrìobhte anns an lagh agus anns na fàidhean:
15. Agus tha dòchas agam ann an Dia, ris a bheil sùil mar an ceudna aca fhèin, gun tig aiseirigh nam marbh, nam fìrean araon agus nan neo-fhìrean.
16. Agus an seo tha mi a’ saothrachadh a‑ghnàth cogais neo-lochdach a bhith agam a‑thaobh Dhè, agus a‑thaobh dhaoine.
17. A‑nis an dèidh mòran bhliadhnachan, thàinig mi a thoirt dèirce a‑chum mo chinnich, agus thabhartas.
18. Air a seo fhuair Iùdhaich àraidh on Asia mi air mo ghlanadh anns an teampall, gun sluagh, agus gun bhuaireas;
19. Muinntir dom bu chòir a bhith an seo ad làthair-sa, agus m’agairt, nam biodh nì sam bith aca am aghaidh.
20. No abradh iad seo fhèin, ma fhuair iad eucoir sam bith annam, nuair a sheas mi an làthair na comhairle;
21. Mura ann a‑mhàin airson an aon fhacail seo, a ghlaodh mi am sheasamh nam measg, gur ann airson aiseirigh nam marbh a tha mi air mo thoirt gu breitheanas leibhse an‑diugh.
22. Agus nuair a chuala Felics na nithean seo, air dha eòlas na bu choileanta a bhith aige air an t‑slighe sin, chuir e air dàil iad, ag ràdh, Nuair a thig Lisias an t‑àrd-cheannard a‑nuas, làn-rannsaichidh mi ur cùis.
23. Agus dh’àithn e do cheannard-ceud Pòl a ghleidheadh, agus e a bhith fuasgailte aige, agus gun neach de a mhuinntir fhèin a bhacadh o fhrithealadh dha, no teachd da ionnsaigh.
24. Agus an dèidh làithean àraidh, nuair a thàinig Felics maille ra mhnaoi Drusilla, a bha na ban-Iùdhaich, chuir e fios air Pòl, agus dh’èisd e ris mu thimcheall a’ chreidimh ann an Crìosd.
25. Agus air dhàsan a bhith a’ reusonachadh mu fhìreantachd, stuaim, agus breitheanas ri teachd, ghabh Felics eagal mòr, agus fhreagair e, Imich romhad an tràth seo; nuair a bhios ùine agam, cuiridh mi fios ort.
26. Bha dùil aige mar an ceudna gu rachadh airgead a thoirt dha le Pòl, a‑chum gum fuasgladh e e: uime sin chuir e fios air na bu trice, agus labhair e ris.
27. Ach air do dhà bhliadhna a bhith air an coileanadh, thàinig Porcius Festus an àite Fhelics; agus air do Fhelics a bhith toileach comain a chur air na h‑Iùdhaich, dh’fhàg e Pòl ceangailte.