Esra 5:1-17 |
1. Ach rinn Hagai am fàidh, agus Sechariah mac Ido am fàidh, fàidheadaireachd do na h‑Iùdhaich a bha ann an Iùdah agus ann an Ierusalem, fàidheadaireachd dhaibh ann an ainm an Tighearna, Dia Israeil. |
2. An sin dh’èirich Serubabel mac Shealtieil, agus Iesua mac Iosadaic, agus thòisich iad air taigh Dhè a thogail, a tha ann an Ierusalem: agus maille riùsan bha fàidhean Dhè a’ cuideachadh leo. |
3. Anns an àm sin fhèin thàinig dan ionnsaigh Tatnai, an t‑uachdaran air an taobh seo den abhainn, agus Setarbosnai, agus an cuideachd, agus mar seo thubhairt iad riu, Cò a thug òrdagh dhuibhse an taigh seo a thogail, agus na ballachan seo a dhèanamh suas? |
4. An sin thubhairt iad riu air an dòigh seo, Cia ainm a tha air na daoine a tha a’ togail na h‑aitreibh seo? |
5. Ach bha sùil an Dè air seanairean nan Iùdhach, agus cha tug iad orra sgur, gus an tàinig a’ chùis a dh’ionnsaigh Dhariuis; agus an sin thugadh freagradh le litir mu thimcheall seo. |
6. Dùblachadh na litreach a chuir Tatnai, an t‑uchadaran air an taobh seo den abhainn, agus Setar-bosnai agus a chuideachd, na h‑Arphasachaich, a bha air an taobh seo den abhainn, a dh’ionnsaigh Dhariuis an rìgh: |
7. Chuir iad litir da ionnsaigh anns an robh sgrìobhte mar seo: Gu Darius an rìgh, gach uile shìochaint. |
8. Biodh fios aig an rìgh gun deachaidh sinn gu mòr-roinn Iudèa, a dh’ionnsaigh taigh an Dè mhòir, a tha ga thogail le clachan mòra, agus tha fiodh air a chur anns na ballachan, agus tha an obair seo a’ dol gu luath air a h‑aghaidh, agus a’ soirbheachadh nan làmhan. |
9. An sin dh’fheòraich sinn de na seanairean sin, agus mar seo thubhairt sinn riu, Cò thug dhuibh òrdagh an taigh seo a thogail, agus na ballachan seo a chur suas? |
10. Agus mar an ceudna dh’fheòraich sinn an ainmean dhiubh, a thoirt fios dhut, a‑chum gun sgrìobhamaid ainmean nan daoine a bha air an ceann. |
11. Agus mar seo thug iad freagradh dhuinn, ag ràdh, Is sinne seirbhisich Dia nan nèamh agus na talmhainn, agus tha sinn a’ togail taighe a chaidh a thogail iomadh bliadhna roimhe seo, a thog agus a chrìochnaich rìgh mòr a bha air Israel. |
12. Ach nuair a bhrosnaich ar n‑athraichean Dia nèimh gu feirg, thug e thairis iad do làimh Nebuchadnesair rìgh Bhàbiloin, an Caldèanach, a sgrios an taigh seo, agus a thug an sluagh leis do Bhàbilon. |
13. Ach ann an ciad bhliadhna Chìruis rìgh Bhàbiloin, thug rìgh Cìrus òrdagh taigh seo Dhè a thogail. |
14. Agus mar an ceudna soithichean òir agus airgid taigh Dhè, a thug Nebuchadnesar as an teampall a bha ann an Ierusalem, agus a thug e leis do theampall Bhàbiloin, iad sin thug rìgh Cìrus a‑mach à teampall Bhàbiloin, agus thugadh iad do fhear dom b’ainm Sesbadsar, a rinn e na uachdaran; |
15. Agus thubhairt e ris, Gabh na soithichean seo, imich, thoir leat iad don teampall a tha ann an Ierusalem, agus biodh taigh Dhè air a thogail na àite. |
16. An sin thàinig Sesbadsar sin, agus leag e bunait taigh Dhè a tha ann an Ierusalem: agus on àm sin gus a‑nis tha e ga thogail, agus chan eil e fhathast crìochnaichte. |
17. A‑nis uime sin, mas math leis an rìgh, dèanar rannsachadh ann an taigh-ionmhais an rìgh a tha ann am Bàbilon, a dh’fheuchainn an tugadh an t‑òrdagh seo le rìgh Cìrus, taigh seo Dhè a thogail ann an Ierusalem, agus cuireadh an rìgh fios dar n‑ionnsaigh ciod i a thoil a‑thaobh an nì seo. |
Esra 6:1-22 |
1. An sin thug Darius an rìgh òrdagh seachad, agus rannsaich iad ann an taigh nan leabhraichean, far an robh na h‑ionmhasan air an tasgadh ann am Bàbilon. |
2. Agus fhuaireadh ann an Achmeta, anns an lùchairt a tha ann am mòr-roinn nam Mèdach, clàr, agus mar seo bha sgrìobhte ann gu bhith air a chumail air chuimhne: |
3. Ann an ciad bhliadhna Chìruis an rìgh, thug Cìrus an rìgh òrdagh seachad a‑thaobh taigh Dhè ann an Ierusalem, Biodh an taigh air a thogail, an t‑àit anns an d’ìobair iad ìobairtean, agus a bhunaitean air an suidheachadh gu làidir: a àirde, trì-fichead làmh-choille; a leud, trì-fichead làmh-choille: |
4. Trì sreathan de chlachan mòra, agus sreath de fhiodh nodha: agus ceadaichear an cosdas à taigh an rìgh. |
5. Agus mar an ceudna aisigear soithichean òir agus airgid taigh Dhè, a thug Nebuchadnesar as an teampall a tha ann an Ierusalem, agus a thug e leis do Bhàbilon, agus thugar a‑rìs iad don teampall a tha ann an Ierusalem, gach aon da àite fhèin; agus suidhich iad ann an taigh Dhè. |
6. A‑nis, a Thatnai, uachdarain air an taobh thall den abhainn, a Shetar-bosnai, maille ri ur cuideachd na h‑Arphasachaich a tha air an taobh thall den abhainn, bithibh-se fada o sin: |
7. Leigibh le obair taigh seo Dhè: togadh uachdaran nan Iùdhach, agus seanairean nan Iùdhach, taigh seo Dhè na àite. |
8. Agus tha mise a’ toirt òrdaigh a‑thaobh na nì sibh ri seanairean nan Iùdhach sin a‑chum taigh seo Dhè a thogail; eadhon gun tugar de mhaoin an rìgh, den chìs air an taobh thall den abhainn, cosdas air ball do na daoine sin, a‑chum nach cuirear bacadh orra. |
9. Agus na tha a dh’easbhaidh orra, araon tairbh òga, agus reitheachan, agus uain, airson ìobairtean-loisgte Dia nèimh, cruithneachd, salann, fìon, agus ola, a rèir òrdagh nan sagart a tha ann an Ierusalem, thugar gu cinnteach dhaibh o là gu là, gun fhàilling; |
10. A‑chum gun toir iad seachad tabhartasan deagh-bholaidh do Dhia nèimh, agus gun dèan iad ùrnaigh airson beatha an rìgh agus a mhac. |
11. Mar an ceudna thug mi seachad òrdagh, ge bè neach a dh’atharraicheas am facal seo, gun spìonar sìos fiodh as a thaigh, agus nuair a chuirear suas e, gun crochar air e, agus gun dèanar a thaigh na dhùnan airson seo. |
12. Agus an Dia a thug air a ainm còmhnaidh a ghabhail an sin, gun sgriosadh esan na rìghrean sin uile, agus an sluagh a shìneas a‑mach an làmh a dh’atharrachadh agus a sgrios taigh Dhè a tha ann an Ierusalem. Thug mise Darius òrdagh seachad; dèanar an nì gu luath. |
13. An sin rinn Tatnai, an t‑uachdaran air an taobh seo den abhainn, Setar-bosnai, agus an cuideachd, gun dàil a rèir an fhios a chuir Darius an rìgh uaithe. |
14. Agus thog seanairean nan Iùdhach, agus shoirbhich leo a rèir fàidheadaireachd Hagai am fàidh, agus Shechariah mhic Ido; agus thog iad agus chrìochnaich iad, a rèir àithne Dia Israeil, agus a rèir àithne Chìruis agus Dhariuis, agus Artacsercseis rìgh Phersia. |
15. Agus chrìochnaicheadh an taigh seo air an treas là den mhìos Adar, a bha anns an t‑siathamh bliadhna de rìoghachadh Dhariuis an rìgh. |
16. Agus chùm clann Israeil, na sagartan agus na Lèbhithich, agus a’ chuid eile de chloinn a’ bhraighdeanais, coisrigeadh taigh seo Dhè le gàirdeachas; |
17. Agus dh’ìobair iad aig coisrigeadh taigh seo Dhè, ceud tarbh òg, dà cheud reithe, ceithir cheud uan; agus mar ìobairt-pheacaidh airson Israeil uile, dà‑bhoc-dheug goibhre, a rèir àireamh treubhan Israeil. |
18. Agus shuidhich iad na sagartan nan roinnean, agus na Lèbhithich nan sealan, airson seirbhis Dhè, a tha ann an Ierusalem; mar a tha e sgrìobhte ann an leabhar Mhaois. |
19. Agus chùm clann a’ bhraighdeanais a’ chàisg air a’ cheathramh-là‑deug den chiad mhìos. |
20. Oir ghlanadh na sagartan agus na Lèbhithich le chèile: bha iad uile glan, agus mharbh iad a’ chàisg do chloinn a’ bhraighdeanais uile, agus dam bràithrean, na sagartan, agus dhaibh fhèin. |
21. Agus dh’ith clann Israeil a thàinig air an ais on bhraighdeanas, agus iadsan uile a dhealaich iad fhèin dan ionnsaigh o shalchar cinnich na tìre, a dh’iarraidh an Tighearna, Dia Israeil. |
22. Agus chùm iad fèill an arain neo-ghortaichte seachd làithean le aoibhneas: oir rinn an Tighearna aoibhinn iad agus thionndaidh e cridhe rìgh Asiria dan ionnsaigh, a neartachadh an làmhan ann an obair taigh Dhè, Dia Israeil. |
Salm 87:1-7 |
1. Salm no laoidh airson mic Chòrah. Tha a bhunait anns na beanntan naomha. |
2. Is ionmhainn leis an Tighearna geatachan Shioin thar uile ionadan-còmhnaidh Iàcoib. |
3. Innsear nithean glòrmhor ortsa, a chathair Dhè. Selah. |
4. Cuimhnichidh mi Rahab agus Bàbel dhaibhsan don aithne mi; feuch, Pailistin agus Tìrus, maille ri Etiopia; rugadh am fear seo an sin. |
5. Ach mu Shion theirear, Rugadh am fear seo agus am fear ud innte, agus daingnichidh an Tì as àirde i. |
6. Comharraichidh an Tighearna, nuair a sgrìobhas e sìos na fineachan, gun do rugadh am fear seo an siud. |
7. Bidh araon luchd-seinn agus luchd-ciùil an sin; tha mo thobraichean uile annadsa. |
Gnàth-fhacal 21:19-20 |
19. Is fheàrr còmhnaidh a ghabhail ann am fàsach na maille ri mnaoi aimhreitich agus fheargaich. |
20. Tha ionmhas taitneach agus ola ann an àite-còmhnaidh an duine ghlic; ach caithidh an t‑amadan e. |
Gnìomharan 23:1-15 |
1. Agus air dearcadh do Phòl air a’ chomhairle, thubhairt e, Fheara agus a bhràithrean, anns an uile dheagh chogais chaith mise mo bheatha a‑thaobh Dhè gus an là‑an‑diugh. |
2. Agus dh’àithn an t‑àrd-shagart Ananias dhaibhsan, a bha nan seasamh làimh ris, a bhualadh air a’ bheul. |
3. An sin thubhairt Pòl ris, Buailidh Dia thusa, a bhalla ghealaichte: oir a bheil thusa ad shuidhe a thoirt breith ormsa a rèir an lagha, agus an aghaidh an lagha ag òrdachadh mo bhualadh? |
4. Agus thubhairt iadsan a sheas làimh ris, A bheil thusa a’ toirt ana-cainnt do àrd-shagart Dhè? |
5. An sin thubhairt Pòl, Cha robh fhios agam, a bhràithrean, gum b’e an t‑àrd-shagart e: oir tha e sgrìobhte, Na labhair olc mu uachdaran do phobaill. |
6. Ach nuair a thuig Pòl gu robh cuid dhiubh nan Sadusaich, agus a’ chuid eile nam Pharasaich, ghlaodh e anns a’ chomhairle, Fheara agus a bhràithrean, is Pharasach mise, mac Pharasaich: is ann as leth dòchas agus aiseirigh nam marbh a tha mi air mo thoirt am breitheanas. |
7. Agus air dhàsan seo a labhairt, dh’èirich còmhstri eadar na Pharasaich agus na Sadusaich: agus roinneadh an coitheanal an aghaidh a chèile. |
8. Oir tha na Sadusaich ag ràdh nach eil aiseirigh, no aingeal, no spiorad ann; ach tha na Pharasaich ag aideachadh gach aoin dhiubh. |
9. Agus dh’èirich gàir mhòr: agus air seasamh suas do na sgrìobhaichean a bha air taobh nam Pharasach, chathaich iad nan aghaidh, ag ràdh, Chan eil sinne a’ faotainn cron air bith anns an duine seo: ach ma labhair spiorad no aingeal ris, na cogamaid an aghaidh Dhè. |
10. Agus nuair a dh’èirich connsachadh mòr eatorra, air don àrd-cheannard a bhith fo eagal gu rachadh Pòl a tharraing as a chèile leo, dh’àithn e do na saighdearan dol sìos, agus esan a thogail leis an làimh làidir as am meadhon, agus a thoirt don chaisteal. |
11. Agus air an oidhche na dhèidh sin, sheas an Tighearna làimh ris, agus thubhairt e, Biodh misneach mhath agad, a Phòil; oir mar a rinn thu fianais mum thimcheall-sa ann an Ierusalem, is amhail sin as èiginn dhut fianais a dhèanamh anns an Ròimh. |
12. Agus air teachd don là, chruinnich dream àraidh de na h‑Iùdhaich an ceann a chèile, agus chuir iad iad fhèin fo mhallachadh, ag ràdh nach itheadh agus nach òladh iad gus am marbhadh iad Pòl. |
13. Agus bha iad os cionn dà‑fhichead fear a rinn an co‑mhionnachadh seo. |
14. Agus thàinig iad a‑chum nan àrd-shagart, agus nan seanairean, agus thubhairt iad, Chuir sinne sinn fhèin fo àrd-mhallachadh, nach blaiseamaid nì sam bith gus am marbhamaid Pòl. |
15. A‑nis uime sin iarraibh-se maille ris a’ chomhairle air an àrd-cheannard, gun tugadh e dur n‑ionnsaigh-se e a‑màireach, mar gum biodh a rùn oirbh fios fhaotainn na bu choileanta air nì‑eigin ma thimcheall; agus tha sinne deas a‑chum esan a mharbhadh, mun tig e am fagas dhuibh. |