A A A A A
Bible in one year
July 21

Esra 3:1-13
1. Agus nuair a thàinig an seachdamh mìos, agus clann Israeil nam bailtean, chruinnich an sluagh an ceann a chèile mar aon duine gu Ierusalem.
2. Agus sheas Iesua mac Iosadaic suas, agus a bhràithrean, na sagartan, agus Serubabel mac Shealtieil, agus a bhràithrean, agus thog iad altair Dia Israeil, a dh’ìobradh ìobairtean-loisgte oirre, mar a tha e sgrìobhte ann an lagh Mhaois, òglach Dhè.
3. Agus shuidhich iad an altair air a buinn, oir bha eagal orra ro shluagh nan tìrean sin; agus dh’ìobair iad ìobairtean-loisgte don Tighearna, ìobairtean-loisgte air madainn agus air feasgar.
4. Agus chùm iad fèill nam pàillean, mar a tha e sgrìobhte, agus dh’ìobair iad an ìobairt-loisgte làitheil ann an àireamh, a rèir na riaghailt, a dhlighe fhèin air gach là;
5. Agus na dhèidh sin an ìobairt-loisgte ghnàthaichte, araon air na gealaichean nodha, agus air uile fhèillean naomhaichte an Tighearna, agus o gach neach a thug seachad gu toileach tabhartas saor-thoile don Tighearna.
6. On chiad là den t‑seachdamh mìos thòisich iad air ìobairt-loisgte ìobradh don Tighearna, nuair nach do leagadh fhathast bunait teampall an Tighearna.
7. Ach thug iad airgead do na snaidheadairean agus don luchd-ceàirde; agus biadh, agus deoch, agus ola do na Sìdonaich agus do na Tìoraich, a‑chum gun tugadh iad fiodh seudair o Lebanon gu muir Iopa, a rèir a’ chomais a fhuair iad o Chìrus rìgh Phersia.
8. Agus anns an dara bliadhna an dèidh dhaibh teachd gu taigh Dhè aig Ierusalem, anns an dara mìos, thòisich Serubabel mac Shealtieil, agus Iesua mac Iosadaic, agus fuidheall am bràithrean, na sagartan, agus na Lèbhithich, agus iadsan uile a thàinig on bhraighdeanas gu Ierusalem; agus dh’òrdaich iad na Lèbhithich, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, a chur obair taigh an Tighearna air a h‑aghaidh.
9. Agus sheas Iesua, agus a mhic agus a bhràithrean, Cadmiel agus a mhic, agus mic Iùdah mar aon duine, a ghreasadh an luchd-obrach an taigh Dhè: mic Henadaid agus am mic agus am bràithrean, na Lèbhithich.
10. Agus nuair a leag an luchd-togail bunait teampall an Tighearna, sheas na sagartan nan culaidhean le trompaidean, agus na Lèbhithich, mic Asaiph, le ciombalan, a mholadh an Tighearna le làimh Dhaibhidh rìgh Israeil.
11. Agus fhreagair iad a chèile ann am moladh, agus ann an tabhairt buidheachais don Tighearna, a chionn gu bheil e math, gum mair a thròcair do Israel gu bràth. Agus rinn an sluagh uile gàir mhòr, nuair a mhol iad an Tighearna, a chionn gun do leagadh bunait taigh an Tighearna.
12. Ach bha mòran de na sagartan agus de na Lèbhithich, agus de chinn nan athraichean, seann daoine a chunnaic an ciad thaigh, nuair a leagadh bunait an taighe seo fa chomhair an sùl, a’ gul le guth àrd, agus bha mòran a’ dèanamh gàir gu h‑àrd le aoibhneas:
13. Air chor is nach b’urrainn an sluagh fuaim gàir an aoibhneis aithneachadh seach fuaim gul an t‑sluaigh: oir rinn an sluagh gàir mhòr, agus chualas an fhuaim an cèin.

Esra 4:1-24
1. Agus chuala naimhdean Iùdah agus Bheniàmin gu robh clann a’ bhraighdeanais a’ togail an teampaill don Tighearna, Dia Israeil:
2. Agus thàinig iad gu Serubabel, agus gu cinn nan athraichean, agus thubhairt iad riu, Togaidh sinne maille ribh; oir tha sinne ag iarraidh ur Dè‑se mar sibh fhèin, agus dhàsan tha sinn ag ìobradh o làithean Esar-hadoin rìgh Asiria, a thug a‑nìos an seo sinn.
3. Ach thubhairt Serubabel agus Iesua agus a’ chuid eile de chinn athraichean Israeil riu, Cha bhuin e dhuibhse taigh a thogail maille rinne dar Dia-ne; oir togaidh sinn fhèin nar n‑aonar don Tighearna, Dia Israeil, mar a dh’àithn Cìrus rìgh Phersia dhuinn.
4. Uime sin lagaich sluagh na tìre làmhan sluagh Iùdah, agus chuir iad dragh orra anns an togail;
5. Agus thuarasdalaich iad comhairlichean nan aghaidh, a bhacadh an rùin rè uile làithean Chìruis rìgh Phersia, eadhon gus an do rìghich Darius rìgh Phersia.
6. Agus nuair a rìghich Ahasuerus, ann an toiseach a rìoghachaidh, sgrìobh iad litir-chasaid an aghaidh luchd-àiteachaidh Iùdah agus Ierusaleim.
7. Agus ann an làithean Artacsercseis, sgrìobh Bislam, Mitridat, Tabeel, agus a’ chuid eile den cuideachd, gu Artacsercses rìgh Phersia; agus bha sgrìobhadh na litreach ann an sgrìobhadh nan Sirianach, agus air a mhìneachadh anns a’ chànain Shirianaich.
8. Sgrìobh Rehum an t‑àrd-chomhairliche, agus Simsai an sgrìobhaiche, litir an aghaidh Ierusaleim gu Artacsercses an rìgh anns na briathran seo;
9. An sin sgrìobh Rehum an t‑àrd-chomhairliche, agus Simsai an sgrìobhaiche, agus a’ chuid eile den cuideachd, na Dinathaich, na h‑Apharsachaich, na Tarpelaich, na h‑Apharsaich, na h‑Archebhich, na Bàbilonaich, na Susanchaich, na Dehabhaich, na h‑Elamaich,
10. Agus a’ chuid eile de na cinnich a thug Asnapar mòr agus urramach a‑nall, agus a shuidhich e ann am bailtean Shamaria, agus a’ chuid eile air an taobh seo den abhainn, agus ann a leithid seo de àm.
11. Is e seo dùblachadh na litreach a chuir iad da ionnsaigh: Gu Artacsercses an rìgh, do sheirbhisich, na daoine air an taobh seo den abhainn, agus aig a leithid seo de àm.
12. Biodh fios aig an rìgh gu bheil na h‑Iùdhaich a thàinig a‑nìos uat dar n‑ionnsaigh air teachd gu Ierusalem, a’ togail a’ bhaile cheannaircich agus uilc sin, agus a’ cur suas a bhallachan, agus a’ ceangal ri chèile nam bunait.
13. Biodh a‑nis fios aig an rìgh, ma thogar am baile seo, agus ma chuirear suas a bhallachan, nach ìoc iad cìs, càin, no cuspann, agus gun toir thu call air teachd-a‑steach nan rìghrean.
14. A‑nis a chionn gu bheil sinne air ar beathachadh on lùchairt, agus nach eil e iomchaidh dhuinn eas-urram an rìgh fhaicinn, uime sin chuir sinn litir uainn, agus thug sinn fios don rìgh;
15. A‑chum gun rannsaichear ann an leabhar eachdraidh d’athraichean, agus gum faigh thu anns an leabhar eachdraidh, agus gum bi fhios agad gu bheil am baile seo na bhaile ceannairceach, agus diùbhalach do rìghrean agus do mhòr-roinnean, agus gu robh iad a’ dèanamh aimhreit na mheadhon anns an t‑seann aimsir: airson seo sgriosadh am baile seo.
16. Tha sinn a’ toirt fios don rìgh, ma thogar am baile seo, agus ma chuirear suas a bhallachan, an sin nach bi cuibhreann air bith agad air an taobh seo den abhainn.
17. Chuir an rìgh freagradh gu Rehum an t‑àrd-chomhairliche, agus Simsai an sgrìobhaiche, agus a’ chuid eile den cuideachd a bha a chòmhnaidh ann an Samaria, agus a’ chuid eile an taobh thall den abhainn, Sìth, agus aig a leithid seo de àm.
18. An litir a chuir sibh am ionnsaigh, leughadh gu soilleir am làthair i:
19. Agus thugadh àithne leam, agus rannsaicheadh, agus fhuaireadh a‑mach gu robh am baile seo o shean ag èirigh an aghaidh rìghrean, agus gun do rinneadh ceannairc agus aimhreit ann.
20. Agus bha rìghrean cumhachdach ann an Ierusalem, a rìghich os an cionn-san uile air an taobh thall den abhainn; agus dh’ìocadh cìs, càin, agus cuspann dhaibh.
21. Thugaibh-se a‑nis àithne, a thoirt air na daoine sin sgur, agus nach togar am baile sin gus an tig òrdagh uamsa.
22. Thugaibh an aire, matà, nach dèan sibh mearachd an seo. Carson a dh’fhàsadh calldachd ann gu cron nan rìghrean?
23. An sin nuair a leughadh dùblachadh litir Artacsercseis an rìgh an làthair Rehuim, agus Shimsai an sgrìobhaiche, agus an cuideachd, chaidh iad le cabhaig suas gu Ierusalem a dh’ionnsaigh nan Iùdhach, agus thug iad orra sgur leis an làimh làidir.
24. An sin sguir obair taigh Dhè, a tha ann an Ierusalem. Sguir i gus an dara bliadhna de rìoghachadh Dhariuis rìgh Phersia.

Salm 86:11-17
11. Teagaisg dhomh, a Thighearna, do shlighe; gluaisidh mi ad fhìrinn; coicheangail mo chridhe a‑chum eagal d’ainme a bhith orm.
12. Molaidh mi thu, a Thighearna mo Dhia, lem uile chridhe, agus bheir mi glòir dod ainm gu bràth;
13. Oir is mòr do thròcair ormsa, agus shaor thu m’anam on t‑sloc as ìochdaraiche.
14. A Dhè, dh’èirich na h‑uaibhrich am aghaidh, agus dh’iarr coitheanal luchd-fòirneirt m’anam; agus cha do chuir iad thusa fan comhair.
15. Ach tha thusa, a Thighearna, ad Dhia iochdmhor agus gràsmhor, mall a‑chum feirge agus pailt ann an tròcair agus ann am fìrinn.
16. Amhairc orm, agus dèan tròcair orm; thoir neart dod òglach, agus saor mac do bhanoglaich.
17. Thoir dhomh comharradh air math, a‑chum gum faic iadsan e aig a bheil fuath dhomh, agus gun gabh iad nàire, a chionn, a Thighearna, gun do chuidich thusa leam agus gun tug thu comhfhurtachd dhomh.

Gnàth-fhacal 21:17-18
17. Bidh esan na dhuine bochd a ghràdhaicheas sògh; an tì a ghràdhaicheas fìon agus ola chan fhàs e saoibhir.
18. Na èirig airson an fhìrein bidh an t‑aingidh, agus airson nan ionraic an duine fealltach.

Gnìomharan 22:1-30
1. Fheara, a bhràithrean, agus athraichean, èisdibh rim dhìon-chainnt ribh a‑nis:
2. (Agus nuair a chuala iadsan gun do labhair e riu anns a’ chànain Eabhraidhich, bu mhò a thosd iad: agus thubhairt esan,)
3. Is Iùdhach mise da‑rìribh, a rugadh ann an Tarsas na Cilicia, ach a thogadh anns a’ bhaile seo, aig casan Ghamalieil, agus a theagaisgeadh gu coileanta a rèir gnàth lagh nan athraichean; agus bha mi eudmhor a‑thaobh Dhè, mar a tha sibhse uile an‑diugh.
4. Agus rinn mi geur-leanmhainn gu bàs air an t‑slighe seo, a’ ceangal fhear agus bhan, agus gan tarraing gu prìosan.
5. Mar a nì an t‑àrd-shagart mar an ceudna fianais dhomh, agus comhairle nan seanairean uile; on d’fhuair mi mar an ceudna litrichean a‑chum nam bràithrean, agus chaidh mi gu Damascas, a‑chum an dream a bha an sin a thoirt ceangailte gu Ierusalem, a‑chum gun dèante peanas orra.
6. Agus thàrladh, air dhomh a bhith ag imeachd, agus a’ druideadh ri Damascas mu mheadhon-là, gun do dhealraich gu h‑obann o nèamh solas mòr mun cuairt orm.
7. Agus thuit mi air an talamh, agus chuala mi guth ag ràdh, A Shauil, a Shauil, carson a tha thu gam gheur-leanmhainn-sa?
8. Agus fhreagair mise, Cò thu, a Thighearna? Agus thubhairt e rium, is mise Iosa o Nàsaret, air a bheil thusa a’ dèanamh geur-leanmhainn.
9. Agus chunnaic na daoine a bha maille rium an solas gu deimhinn, agus ghabh iad eagal; ach cha chuala iad guth an tì a labhair riumsa.
10. Agus thubhairt mise, Ciod a nì mi, a Thighearna? Agus thubhairt an Tighearna rium, Eirich agus imich gu Damascas, agus an sin labhrar riut mu thimcheall nan nithean sin uile a dh’òrdaicheadh dhut a dhèanamh.
11. Agus nuair nach bu lèir dhomh tre ghlòir an t‑solais sin, air dhomh a bhith air mo threòrachadh air làimh leòsan a bha maille rium, thàinig mi gu Damascas.
12. Agus air do dhuine àraidh dom b’ainm Ananias, a bha cràbhach a rèir an lagha, agus air an robh deagh theisteas aig na h‑Iùdhaich uile a bha a chòmhnaidh an sin,
13. Teachd am ionnsaigh, agus seasamh làimh rium, thubhairt e rium, A Shauil, a bhràthair, faigh do fhradharc. Agus air an uair sin fhèin dh’amhairc mi suas air.
14. Agus thubhairt esan, Thagh Dia ar n‑athraichean ro‑làimh thusa, a‑chum gun gabhadh tu eòlas air a thoil, agus gum faiceadh tu an t‑Aon cothromach sin, agus gun cluinneadh tu guth as a bheul.
15. Oir bidh tu ad fhianais aige a‑chum nan uile dhaoine, air na nithean a chunnaic agus a chuala tu.
16. Agus a‑nis carson a tha thu a’ dèanamh moille? Eirich, agus bi air do bhaisteadh, agus ionnlaid uat do pheacaidhean, a’ gairm air ainm an Tighearna.
17. Agus thàrladh, nuair a thill mise gu Ierusalem, agus a bha mi a’ dèanamh ùrnaigh anns an teampall, gun deachaidh mi ann an neul,
18. Agus gum faca mi Esan ag ràdh rium, Dèan deifir, agus imich gu grad à Ierusalem; oir cha ghabh iad rid theisteas mum thimcheall-sa.
19. Agus thubhairt mise, A Thighearna, tha fhios aca gu robh mise a’ tilgeadh ann am prìosan, agus a’ sgiùrsadh anns gach sionagog, an dream a chreid annadsa:
20. Agus nuair a dhòirteadh fuil do mhartaraich, Stèphen, bha mise mar an ceudna am sheasamh an làthair, agus ag aontachadh le a mharbhadh, agus a’ coimhead aodach na muinntir a mharbh e.
21. Agus thubhairt e rium, Imich: oir cuiridh mise thu am fad a‑chum nan Cinneach.
22. Agus dh’èisd iad ris gus am facal seo, agus thog iad an sin an guth gu h‑àrd, ag ràdh, Beir on talamh a leithid seo de dhuine; oir cha chòir e a bhith beò.
23. Agus nuair a bha iadsan ag èigheach agus a’ tilgeadh dhiubh an aodaich, agus a’ tilgeadh luaithre anns an adhar,
24. Dh’àithn an t‑àrd-cheannard esan a thoirt don chaisteal ag òrdachadh a cheasnachadh le a sgiùrsadh; a‑chum gum faigheadh e fios ciod i a’ choire mun robh iad a’ glaodhaich mar sin na aghaidh.
25. Agus nuair a bha iad ga cheangal le iallan, thubhairt Pòl ris a’ cheannard-cheud a sheas an làthair, A bheil e ceadaichte dhuibhse duine a tha na Ròmanach a sgiùrsadh, agus gun e air a dhìteadh?
26. Agus nuair a chuala an ceannard-ceud seo, dh’imich e agus dh’innis e don àrd-cheannard, ag ràdh, Thoir fa‑near ciod a nì thu: oir is Ròmanach an duine seo.
27. An sin thàinig an t‑àrd-cheannard da ionnsaigh, agus thubhairt e ris, Innis dhòmhsa, an Ròmanach thu? Agus thubhairt esan, Is eadh.
28. Agus fhreagair an t‑àrd-cheannard, Is mòr an t‑suim air an do cheannaich mise an t‑saorsa seo. Agus thubhairt Pòl, Ach rugadh mise saor.
29. An sin dh’imich iadsan uaithe air ball a bha gus a cheasnachadh: agus ghabh an t‑àrd-cheannard mar an ceudna eagal nuair a thuig e gum bu Ròmanach e, agus a chionn gun do cheangail e e.
30. Agus air an là màireach, air dha a bhith togarrach air fios cinnteach fhaotainn ciod i a’ choire a bha na h‑Iùdhaich a’ cur as a leth, dh’fhuasgail e e o a chuibhrichean, agus dh’àithn e do na h‑àrd-shagartan agus dan comhairle uile teachd an làthair, agus air dha Pòl a thoirt sìos, chuir e nam fianais e.