A A A A A
Bible in one year
July 2

1 Eachdraidh 28:1-21
1. Agus chruinnich Daibhidh gu Ierusalem uile cheannardan Israeil, ceannardan nan treubh, agus ceannardan nan roinnean a bha a’ frithealadh don rìgh, agus na ceannardan mhìltean, agus na ceannardan cheud, agus an luchd-riaghlaidh os cionn uile mhaoin agus sprèidh an rìgh agus a mhac, leis an luchd-dreuchd, agus na daoine cumhachdach, agus na daoine gaisgeil uile.
2. An sin sheas Daibhidh an rìgh suas air a chasan, agus thubhairt e, Eisdibh riumsa, mo bhràithrean, agus mo shluagh: Bha e agamsa ann am chridhe taigh-còmhnaidh a thogail do àirc coicheangal an Tighearna, agus do stòl-chas ar Dè‑ne, agus dh’ullaich mi fa chomhair na h‑obrach:
3. Ach thubhairt Dia rium, Cha tog thu taigh dom ainm-sa, a chionn gu robh thu ad fhear-cogaidh, agus gun do dhòirt thu fuil.
4. Gidheadh roghnaich an Tighearna Dia Israeil mi ro uile thaigh m’athar, gu bhith ann am rìgh air Israel gu bràth: oir roghnaich e Iùdah mar fhear-riaghlaidh, agus à taigh Iùdah, taigh m’athar-sa, agus am measg mic m’athar bu toigh leis mise a dhèanamh ann am rìgh os cionn Israeil uile.
5. Agus dem mhic uile (oir thug an Tighearna mòran mhac dhomh), roghnaich e Solamh mo mhac gu suidhe air rìgh-chathair rìoghachd an Tighearna os cionn Israeil.
6. Agus thubhairt e riu, Togaidh Solamh do mhac mo thaigh-sa agus mo lùchairtean; oir thagh mi e gu bhith na mhac agam, agus bidh mise ann am athair aigesan.
7. Os bàrr, daingnichidh mi a rìoghachd gu bràth, ma bhios esan seasmhach a choileanadh m’àitheantan agus mo bhreitheanais, mar air an là‑an‑diugh.
8. A‑nis uime sin guidheam oirbh ann an sealladh Israeil uile, co‑chruinneachadh an Tighearna, agus ann an èisdeachd ar Dè‑ne, gleidhibh agus iarraibh uile àitheantan an Tighearna ur Dia: a‑chum gun sealbhaich sibh am fearann math seo, agus gum fàg sibh e mar oighreachd dur cloinn nur dèidh gu bràth.
9. Agus thusa, a Sholaimh, a mhic, biodh aithne agad air Dia d’athar, agus dèan seirbhis dha le cridhe iomlan, agus le inntinn thoilich: oir tha an Tighearna a’ rannsachadh nan uile chridheachan, agus a’ tuigsinn uile dhealbhadh nan smuain: ma dh’iarras tusa esan, gheibhear e leat; ach ma thrèigeas tu e, tilgidh e uaithe thu gu bràth.
10. Thoir an aire a‑nis, oir thagh an Tighearna thu gu taigh a thogail don ionad naomh; bi làidir agus dèan e.
11. An sin thug Daibhidh do Sholamh a mhac samhladh an sgàth-thaighe, agus a thaighean, agus a ionadan-ionmhais, agus a sheòmraichean uachdarach, agus a sheòmraichean an leth a‑staigh, agus àite na cathair-thròcair.
12. Agus samhladh nan uile nithean a bha aige na inntinn, a‑thaobh lùchairtean taigh an Tighearna, agus a‑thaobh nan uile sheòmraichean mun cuairt, a‑thaobh ionadan-ionmhais taigh Dhè, agus a‑thaobh ionadan-taisgidh nan nithean coisrigte:
13. Mar an ceudna a‑thaobh roinnean nan sagart agus nan Lèbhitheach, agus a‑thaobh uile obair seirbhis taigh an Tighearna, agus a‑thaobh nan uile shoithichean-seirbhis ann an taigh an Tighearna.
14. A‑thaobh òir air chudthrom a‑chum nithean òir, a‑chum uile innealan gach uile ghnè sheirbhis; a‑thaobh airgid a‑chum uile innealan airgid air chudthrom, a‑chum uile innealan gach uile ghnè sheirbhis:
15. Eadhon an cudthrom a‑chum nan coinnleir òir, agus a‑chum an lòchranan òir, air chudthrom a‑chum gach coinnleir agus a lòchranan: a rèir feum gach coinnleir.
16. Agus òr air chudthrom a‑chum bòrd an arain thaisbeanta, a‑chum gach bùird, agus airgead a‑chum nam bòrd airgid:
17. Mar an ceudna òr glan a‑chum nan greimichean feòla, agus nan cuach, agus nan cupan: agus a‑chum nan soitheach-ionnlaid òir, òr air chudthrom fa chomhair gach soithich-ionnlaid; agus airgead air chudthrom fa chomhair gach soithich-ionnlaid airgid:
18. Agus a‑chum altair na tùise òr fìorghlan air chudthrom; agus òr fa chomhair samhladh carbad nan cerub, a sgaoil a‑mach an sgiathan, agus a chòmhdaich àirc coicheangal an Tighearna.
19. Seo uile, arsa Daibhidh, thug an Tighearna orm a thuigsinn ann an sgrìobhadh le a làimh orm, eadhon uile obraichean an t‑samhlaidh seo.
20. Agus thubhairt Daibhidh ri Solamh a mhac, Bi làidir agus gabh misneach, agus dèan e: na biodh eagal ort, agus na bi fo uamhas, oir bidh an Tighearna Dia, mo Dhia-sa, leat; chan fhàilnich e ort, cha mhò a thrèigeas e thu, gus an crìochnaich thu an obair uile fa chomhair seirbhis taigh an Tighearna.
21. Agus, feuch, roinnean nan sagart agus nan Lèbhitheach maille riut a‑chum uile sheirbhis taigh Dhè, agus maille riut a‑chum gach uile ghnè obrach, gach duine toileach tùrail fa chomhair gach uile ghnè sheirbhis; agus na ceannardan agus an sluagh gu h‑iomlan freagarrach dod àitheantan uile.

1 Eachdraidh 29:1-30
1. Agus thubhairt Daibhidh an rìgh ris a’ cho-chruinneachadh uile, Tha Solamh mo mhac den do rinn Dia a‑mhàin roghainn, òg agus maoth, agus tha an obair mòr: oir chan ann airson duine ach airson an Tighearna Dia a tha an lùchairt.
2. A‑nis lem uile neart dh’ullaich mise fa chomhair taigh mo Dhè, an t‑òr a‑chum nithean de òr, agus an t‑airgead a‑chum nithean de airgead, agus an t‑umha a‑chum nithean de umha, agus an t‑iarann a‑chum nithean de iarann, agus am fiodh a‑chum nithean de fhiodh; clachan onics, agus clachan rin cur, clachan loinnreach, agus de iomadh dath, agus gach uile ghnè chlach luachmhor, agus clachan marmoir ann am pailteas.
3. Os bàrr, a chionn gun do shocraich mi m’aigne air taigh mo Dhè, tha agam dem sheilbh àraidh fhèin, de òr agus de airgead a thug mi seachad do thaigh mo Dhè, a bhàrr air na dh’ullaich mi uile fa chomhair an taighe naoimh,
4. Trì mìle tàlann òir, de òr na h‑Ophir, agus seachd mìle tàlann de airgead fìorghlan, a chòmhdachadh ballachan an taighe:
5. An t‑òr fa chomhair nithean de òr, agus an t‑airgead fa chomhair nithean de airgead, agus fa chomhair gach uile ghnè obrach a nìthear le làmhan luchd-ceàirde. Agus cò a tha toileach air a sheirbhis a choisrigeadh an‑diugh don Tighearna?
6. An sin thug cinn nan athraichean agus uachdarain treubhan Israeil, agus na ceannardan mhìltean agus cheud, maille ris an luchd-riaghlaidh os cionn obair an rìgh, tabhartasan uapa gu toileach,
7. Agus thug iad seachad fa chomhair seirbhis taigh Dhè, de òr còig mìle tàlann agus deich mìle darcon, agus de airgead deich mìle tàlann, agus de umha ochd-mìle-deug tàlann, agus ceud mìle tàlann iarainn.
8. Agus ge bè aig an d’fhuaireadh clachan luachmhor, thug iad seachad iad do ionmhas taigh an Tighearna, le làimh Iehieil an Gersonach.
9. Agus rinn an sluagh gàirdeachas a chionn gun tug iad uapa gu toileach, a chionn le cridhe iomlan gun tug iad tabhartas uapa gu toileach don Tighearna: agus rinn Daibhidh an rìgh mar an ceudna gàirdeachas le aoibhneas mòr.
10. Air an adhbhar sin bheannaich Daibhidh an Tighearna ann am fianais a’ cho-chruinneachaidh uile: agus thubhairt Daibhidh, Guma beannaichte thu, a Thighearna Dhia Israeil ar n‑athair, gu saoghal nan saoghal.
11. Is leatsa, O Thighearna, a’ mhòrachd, agus an cumhachd, agus a’ ghlòir, agus a’ bhuaidh, agus a’ mhòralachd; oir is leat na h‑uile a tha air nèamh agus air talamh: is leat an rìoghachd, O Thighearna, agus tha thu air d’àrdachadh mar cheann thar nan uile.
12. Uatsa tha a’ teachd araon saoibhreas agus urram, agus tha thu a’ rìoghachadh os cionn nan uile, agus ann ad làimh tha cumhachd agus neart; agus ann ad làimh tha e neach a dhèanamh mòr, agus neart a thoirt do gach uile.
13. A‑nis uime sin, ar Dia-ne, tha sinn a’ toirt buidheachais dhut, agus a’ cliùthachadh d’ainm urramaich.
14. Ach cò mise, agus ciod iad mo shluagh, gum biodh e nar comas tabhartasan a thoirt seachad cho toileach air an dòigh seo? Oir is ann uatsa a tha na h‑uile nithean, agus is ann ded chuid fhèin a thug sinn dhut:
15. Oir is coigrich sinne ad fhianais agus luchd-cuairt, mar ar n‑athraichean uile: mar fhaileas tha ar làithean air thalamh, agus chan eil buanas ann.
16. O Thighearna ar Dia, tha am pailteas seo uile a dh’ullaich sinne a thogail taighe dhut fa chomhair d’ainm naoimh a’ teachd od làimh fhèin, agus is leat fhèin e gu lèir.
17. Tha fhios agam mar an ceudna, mo Dhia, gun dearbh thusa an cridhe, agus gu bheil tlachd agad ann an treibhdhireas. Dom thaobh-sa, ann an treibhdhireas mo chridhe thug mi gu toileach uam mar thabhartas na nithean seo uile: agus a‑nis chunnaic mi le aoibhneas do shuagh, a tha an seo an làthair, a’ toirt seachad gu toileach an tabhartais dhutsa.
18. O Thighearna Dhia Abrahàim, Isaaic, agus Israeil, ar n‑athraichean, glèidh seo gu bràth ann am breithneachadh smuaintean cridhe do shluaigh, agus ullaich an cridhe dhut fhèin;
19. Agus thoir do Sholamh mo mhac cridhe iomlan, a ghleidheadh d’àitheantan, do theisteis, agus do reachdan, agus a dhèanamh nan nithean seo uile, agus a thogail na lùchairt fa chomhair an d’ullaich mise.
20. Agus thubhairt Daibhidh ris a’ cho-chruinneachadh uile, A‑nis beannaichibh an Tighearna ur Dia. Agus bheannaich an co‑chruinneachadh gu lèir an Tighearna, Dia an athraichean, agus chrom iad sìos an cinn, agus thug iad urram don Tighearna agus don rìgh.
21. Agus dh’ìobair iad ìobairtean don Tighearna, agus thug iad seachad ìobairtean-loisgte don Tighearna air an là màireach an dèidh an là sin, eadhon mìle tarbh, mìle reithe, agus mìle uan, len tabhartasan-dibhe, agus ìobairtean ann am pailteas airson Israeil uile;
22. Agus dh’ith agus dh’òl iad an làthair an Tighearna air an là sin le mòr shubhachas; agus rinn iad Solamh mac Dhaibhidh na rìgh an dara uair, agus dh’ung iad e don Tighearna na àrd-uachdaran, agus Sadoc na shagart.
23. Agus shuidh Solamh ann an cathair rìoghail an Tighearna mar rìgh an àite Dhaibhidh a athair, agus shoirbhich leis, agus bha Israel uile umhail dha.
24. Agus strìochd na h‑uachdarain uile, agus na daoine cumhachdach, agus mar an ceudna uile mhic rìgh Daibhidh, iad fhèin do Sholamh an rìgh.
25. Agus dh’àrdaich an Tighearna Solamh gu ro‑mhòr ann an sealladh Israeil uile, agus thug e mòralachd rìoghail dha nach robh aig rìgh sam bith roimhe ann an Israel.
26. Mar seo rìghich Daibhidh mac Iese os cionn Israeil uile.
27. Agus b’i an ùine a rìghich e os cionn Israeil dà‑fhichead bliadhna: ann an Hebron rìghich e seachd bliadhna, agus ann an Ierusalem rìghich e trì-bliadhna-deug ar fhichead.
28. Agus fhuair e bàs ann an deagh sheann aois, làn de làithean, de shaoibhreas, agus de urram; agus rìghich Solamh a mhac na àite.
29. A‑nis gnìomharan Dhaibhidh an rìgh, eadar thoiseach agus dheireadh, feuch, tha iad sgrìobhte ann an leabhar Shamueil am fear-seallaidh, agus ann an leabhar Nàtain am fàidh agus ann an leabhar Ghad am fear-seallaidh,
30. Maille ra rìoghachadh gu lèir, agus a chumhachd, agus na h‑aimsirean a chaidh thairis air, agus thar Israel, agus thar uile rìoghachdan nan dùthchannan.

Salm 78:67-72
67. Agus dhiùilt e pàillean Iòseiph, agus cha do thagh e treubh Ephraim;
68. Ach thagh e treubh Iùdah, sliabh Shioin a ghràdhaich e;
69. Agus thog e a ionad naomh fhèin mar lùchairt àrd, mar an talamh a shuidhich e gu bràth;
70. Agus thagh e Daibhidh a òglach, agus thug e e o chrò nan caorach;
71. O bhith an dèidh nan caorach a bha trom le àl, thug e e a bheathachadh Iàcoib a shluagh, agus Israel a oighreachd.
72. Agus bheathaich e iad a rèir ionracas a chridhe, agus le seòltachd a làmh stiùir e iad.

Gnàth-fhacal 20:6-7
6. Aithrisidh mòran dhaoine gach aon dhiubh a mhaitheas fhèin; ach cò a gheibh duine fìrinneach?
7. Gluaisidh am fìrean na ionracas: sona bidh a mhic na dhèidh.

Gnìomharan 10:24-28
24. Agus air an là màireach chaidh iad a‑steach do Chesarèa: agus bha Cornelius a’ feitheamh riu, agus air gairm a luchd-dàimh agus a chàirdean dìleas an ceann a chèile.
25. Agus nuair a bha Peadar a’ dol a‑steach, choinnich Cornelius e, agus thuit e sìos aig a chasan, agus rinn e adhradh dha.
26. Ach thog Peadar suas e, ag ràdh, Seas suas; is duine mise mar an ceudna.
27. Agus a’ còmhradh ris, chaidh e a‑steach, agus fhuair e mòran cruinn.
28. Agus thubhairt e riu, Tha fhios agaibh gu bheil e mì‑dhligheach do dhuine a tha na Iùdhach coluadar a chumail ri neach a tha de chinneach eile, no teachd am fagas dha; ach nochd Dia dhòmhsa gun duine air bith a ghairm coitcheann no neòghlan.