2 Eachdraidh 21:1-20 |
1. Agus chaidil Iehosaphat maille ra athraichean, agus dh’adhlaiceadh e maille ra athraichean ann am baile Dhaibhidh: agus rìghich Iehoram a mhac na àite. |
2. Agus bha bràithrean aigesan, mic Iehosaphait, Asariah, agus Iehiel, agus Sechariah, agus Asariah, agus Micheal, agus Sephatiah: b’iad sin uile mic Iehosaphait, rìgh Iùdah. |
3. Agus thug an athair dhaibh iomadh tìodhlac airgid agus òir, agus nithean luachmhor, maille ri bailtean daingnichte ann an Iùdah: ach thug e an rìoghachd do Iehoram, a chionn gum b’e an ciad-ghin e. |
4. Agus nuair a dh’èirich Iehoram suas gu rìoghachd a athar, agus a dhaingnich e e fhèin, mharbh e a bhràithrean uile leis a’ chlaidheamh, agus mar an ceudna cuid de uachdarain Israeil. |
5. Dà‑bhliadhna-dheug ar fhichead a dh’aois bha Iehoram nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e ochd bliadhna ann an Ierusalem. |
6. Agus ghluais e ann an slighe rìghrean Israeil, mar a rinn taigh Ahaib; oir bha nighean Ahaib na mnaoi aige: agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna. |
7. Gidheadh, cha b’àill leis an Tighearna taigh Dhaibhidh a sgrios, air sgàth a’ choicheangail a rinn e ri Daibhidh, agus gun do gheall e solas a thabhairt dha fhèin agus da mhic gu bràth. |
8. Na làithean-san dh’èirich na h‑Edomaich o bhith fo làimh Iùdah, agus rinn iad rìgh os an cionn fhèin. |
9. Agus chaidh Iehoram a‑mach le a cheannardan, agus a charbadan uile maille ris: agus dh’èirich e anns an oidhche, agus bhuail e na h‑Edomaich a thàinig mun cuairt air, agus ceannardan nan carbad. |
10. Gidheadh, dh’èirich na h‑Edomaich o bhith fo làimh Iùdah gus an là‑an‑diugh. Agus dh’èirich Libnah anns an àm cheudna o bhith fo a làimh, a chionn gun do thrèig e an Tighearna, Dia a athraichean. |
11. Mar an ceudna rinn e àitean àrda ann an slèibhtean Iùdah, agus thug e air luchd-àiteachaidh Ierusaleim strìopachas a dhèanamh, agus tharraing e Iùdah a dh’ionnsaigh sin. |
12. Agus thàinig sgrìobhadh da ionnsaigh o Eliah am fàidh, ag ràdh, Mar seo tha an Tighearna, Dia Dhaibhidh d’athair, ag ràdh, A chionn nach do ghluais thu ann an slighean Iehosaphait, d’athair, no ann an slighean Asa rìgh Iùdah, |
13. Ach gun do ghluais thu ann an slighe rìghrean Israeil, agus gun tug thu air Iùdah agus luchd-àiteachaidh Ierusaleim strìopachas a dhèanamh, cosmhail ri strìopachas taigh Ahaib, agus mar an ceudna gun do mharbh thu do bhràithrean de thaigh d’athar, a b’fheàrr na thu fhèin: |
14. Feuch, buailidh an Tighearna le plàigh mhòir do shluagh, agus do chlann, agus do mhnathan, agus do mhaoin uile: |
15. Agus bidh tu ann an tinneas mòr le eucail do mhionaich, gus an tuit do mhionach a‑mach leis an eucail, o là gu là. |
16. Uime sin bhrosnaich an Tighearna an aghaidh Iehoraim spiorad nam Philisteach, agus nan Arabach, a bha làimh ris na h‑Etiopaich: |
17. Agus thàinig iad a‑nìos gu Iùdah, agus bhris iad a‑steach innte, agus thug iad leo a’ mhaoin uile a fhuaireadh ann an taigh an rìgh, agus mar an ceudna a mhic agus a mhnathan; air chor is nach d’fhàgadh mac aige ach Ahasiah a mhac a b’òige. |
18. Agus na dhèidh seo uile, bhuail an Tighearna e na mhionach le eucail nach gabhadh leigheas. |
19. Agus an dèidh làithean àraidh, an ceann dà bhliadhna, thuit a mhionach a‑mach le a eucail, agus fhuair e bàs le droch ghalaran; agus cha do rinn a shluagh losgadh air a shon cosmhail ri losgadh a athraichean. |
20. Dà‑bhliadhna-dheug ar fhichead a dh’aois bha e nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e ochd bliadhna ann an Ierusalem, agus shiubhail e gun dèidh sam bith air, agus dh’adhlaic iad e ann am baile Dhaibhidh, ach cha b’ann an àitean-adhlaic nan rìgh. |
2 Eachdraidh 22:1-12 |
1. Agus rinn luchd-àiteachaidh Ierusaleim Ahasiah, a mhac a b’òige, na rìgh na àite: oir mharbh a’ bhuidheann a thàinig maille ris na h‑Arabaich don champ na mic a bu shine uile. Agus rìghich Ahasiah mac Iehoraim, rìgh Iùdah. |
2. Dà bhliadhna ar fhichead a dh’aois bha Ahasiah nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e aon bhliadhna ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Ataliah, nighean Omri. |
3. Ghluais esan mar an ceudna ann an slighean taigh Ahaib; oir b’i a mhàthair a chomhairliche a dhèanamh uilc. |
4. Air an adhbhar sin rinn e olc ann an sùilean an Tighearna, cosmhail ri taigh Ahaib, oir b’iad sin a chomhairlichean an dèidh bàs a athar, a‑chum a sgrios. |
5. Ghluais e mar an ceudna a rèir an comhairle, agus chaidh e maille ri Iehoram, mac Ahaib rìgh Israeil, a chogadh an aghaidh Hasaeil rìgh Shiria ann an Ramot-gilead: agus lot na Sirianaich Ioram. |
6. Agus thill e gu bhith air a leigheas ann an Iesreel o na lotan a thug iad dha ann an Ramah, nuair a chòmhraig e an aghaidh Hasaeil rìgh Shiria. Agus chaidh Ahasiah mac Iehoraim, rìgh Iùdah, sìos a dh’fhaicinn Ioraim mhic Ahaib ann an Iesreel, a chionn gu robh e tinn. |
7. Agus b’ann o Dhia a bha sgrios Ahasiah, le a theachd gu Ioram: oir nuair a thàinig e, chaidh e a‑mach maille ri Iehoram an aghaidh Iehu mhic Nimsi, a dh’ung an Tighearna a ghearradh as taigh Ahaib. |
8. Agus nuair a bha Iehu a’ dèanamh breitheanais air taigh Ahaib, agus a fhuair e uachdarain Iùdah, agus mic bràithrean Ahasiah, a fhritheil do Ahasiah, mharbh e iad. |
9. Agus dh’iarr e Ahasiah; agus ghlac iad e, agus e am falach ann an Samaria: agus thug iad e a dh’ionnsaigh Iehu, agus mharbh iad e, agus dh’adhlaic iad e, a chionn, thubhairt iad, gur e mac Iehosaphait e, a dh’iarr an Tighearna le a uile chridhe. Agus cha robh e an comas do thaigh Ahasiah an rìoghachd a ghleidheadh na b’fhaide. |
10. Agus nuair a chunnaic Ataliah, màthar Ahasiah, gu robh a mac marbh, dh’èirich i, agus sgrios i uile shliochd rìoghail taigh Iùdah. |
11. Agus ghabh Iehosabet, nighean an rìgh, Iòas mac Ahasiah, agus ghoid i e à measg mic an rìgh a mharbhadh, agus chuir i e fhèin agus a bhanaltram ann an seòmar nan leapaichean. Mar sin dh’fhalaich Iehosabet, nighean rìgh Iehoraim, bean Iehoiada an sagart, e (oir b’i piuthar Ahasiah i) o Ataliah, air chor is nach do mharbh i e. |
12. Agus bha e maille riu am falach ann an taigh Dhè rè sia bliadhna; agus Ataliah a’ rìoghachadh os cionn na tìre. |
Salm 83:1-8 |
1. Laoidh no salm le Asaph. A Dhè, na bi ad thosd; na bi sàmhach, agus na bi ad thàmh, a Dhè; |
2. Oir feuch, tha do naimhdean ri buaireas, agus thog iadsan lem fuathach thu suas an guth. |
3. An aghaidh do shluaigh gu cuilbheartach dhealbh iad olc, agus ghabh iad comhairle le chèile an aghaidh do mhuinntir dhiamhair. |
4. Thubhairt iad, Thigibh agus gearramaid as iad o bhith nan cinneach, a‑chum nach cuimhnichear ainm Israeil nas mò. |
5. Oir le aon inntinn ghabh iad comhairle le chèile, ad aghaidh-sa rinn iad coicheangal. |
6. Pàilleanan Edoim agus na h‑Ismaelich, Mòab agus na Hàgaraich, |
7. Gebal agus Amon agus Amalec, na Philistich maille ri luchd-àiteachaidh Thìruis; |
8. Mar an ceudna dhlùth-lean Asur riu; bu chòmhnadh iad do chloinn Lot. Selah. |
Gnàth-fhacal 21:1-1 |
1. Mar shruthan uisgeachan tha cridhe rìgh ann an làimh an Tighearna: ge bè taobh as àill leis, tionndaidhidh e e. |
Gnìomharan 17:16-34 |
16. A‑nis am feadh a bha Pòl a’ feitheamh riu anns an Aithne, bha a spiorad air a bhrosnachadh ann, do bhrìgh gum faca e am baile làn iodhal-adhraidh. |
17. Air an adhbhar sin rinn e deasbaireachd ris na h‑Iùdhaich, agus ris na daoine cràbhach anns an t‑sionagog, agus air a’ mhargadh gach là riùsan a thachair air. |
18. An sin thug feallsanaich àraidh de na h‑Epicuraich, agus de na Stoicich, aghaidh air; agus thubhairt cuid, Ciod a b’àill leis an fhear bhith-bhriathrach seo a ràdh? Thubhairt cuid eile, Is cosmhail gu bheil e a’ searmonachadh dhiathan coimheach; do bhrìgh gun do shearmonaich e dhaibh Iosa, agus an aiseirigh. |
19. Agus rug iad air, agus thug iad leo e gu Areopagas, ag ràdh, Am faod sinn fios fhaotainn ciod e an teagasg nuadh seo a labhrar leat? |
20. Oir tha thu a’ toirt nithean àraidh neo-ghnàthach a‑chum ar cluasan: b’àill leinn uime sin fios fhaotainn ciod as ciall dhaibh sin. |
21. (Oir cha do chaith muinntir na h‑Aithne uile, agus na coigrich a bha air chuairt nam measg, an ùine ri nì air bith eile ach ri innse no ri cluinntinn nì‑eigin nuadh.) |
22. An sin air seasamh do Phòl ann am meadhon Areopagais, thubhairt e, A mhuinntir na h‑Aithne, tha mi a’ faicinn gu bheil sibh anns na h‑uile nithean cràbhach thar tomhas: |
23. Oir air dhomh a bhith dol seachad, agus ag amharc air ur nithean naomha, fhuair mi altair air an robh an sgrìobhadh seo, DON DIA NEO-AITHNICHTE. Uime sin esan dom bheil sibh a’ dèanamh adhraidh gun eòlas agaibh air, is e a tha mise a’ searmonachadh dhuibh. |
24. An Dia a rinn an saoghal, agus na h‑uile nithean a tha ann, do bhrìgh gur e fhèin Tighearna nèimh agus na talmhainn, chan eil e a’ gabhail còmhnaidh ann an teampaill làmh-dhèante: |
25. Cha mhò a bheirear adhradh dha le làmhan dhaoine, mar gum biodh uireasbhaidh nì sam bith air; oir is e fhèin a tha a’ toirt do na h‑uile beatha, agus anail, agus nan uile nithean: |
26. Agus rinn e a dh’aon fhuil uile chinnich dhaoine, a‑chum iad a ghabhail còmhnaidh air aghaidh na talmhainn uile, agus shònraich e na h‑àmannan ro‑òrdaichte, agus crìochan an àite-còmhnaidh; |
27. A‑chum gun iarradh iad an Tighearna, a dh’fheuchainn an tàrladh dhaibh, le mion-rannsachadh, gum faigheadh iad e, ged nach eil e fada o gach aon againn: |
28. Oir annsan tha sinn beò, agus a’ gluasad, agus tha ar bith againn; mar a thubhairt mar an ceudna dream àraidh de ur bàird fhèin, Oir is sinne fòs a ghineal-san. |
29. Uime sin do bhrìgh gur sinne gineal Dhè, cha chòir dhuinn a shaoilsinn gu bheil an Diadhachd cosmhail ri òr, no ri airgead, no ri cloich, nithean a ghearradh le ealadhain agus innleachd dhaoine. |
30. A‑nis air do Dhia amharc thairis air aimsirean an aineolais seo, tha e a‑nis ag àithneadh do na h‑uile anns gach àite aithreachas a dhèanamh: |
31. Do bhrìgh gun do shuidhich e là anns an toir e breith air an t‑saoghal ann am fìreantachd, tre an duine sin a dh’òrdaich e; agus air seo thug e dearbhadh do na h‑uile dhaoine, le esan a thogail suas o na mairbh. |
32. Agus nuair a chuala iad mu aiseirigh nam marbh, rinn cuid dhiubh fanaid; ach thubhairt cuid eile, Eisdidh sinn riut a‑rìs mun nì seo. |
33. Agus mar sin chaidh Pòl a‑mach as am meadhon. |
34. Gidheadh lean cuid de dhaoine ris, agus chreid iad. Nam measg seo bha Dionisius an t‑Areopagach, agus bean dom b’ainm Damaris, agus dream eile maille riu. |