A A A A A
Bible in one year
June 5

1 Rìgh 19:1-21
1. Agus dh’innis Ahab do Iesebel na h‑uile nithean a rinn Eliah, agus cionnas a mharbh e na fàidhean uile leis a’ chlaidheamh.
2. Agus chuir Iesebel teachdaire a dh’ionnsaigh Eliah, ag ràdh, Mar sin dèanadh na diathan riumsa, agus tuilleadh mar an ceudna, mura dèan mise mun àm seo a‑màireach d’anam-sa mar anam aoin dhiùbhsan.
3. Agus bha eagal air, agus dh’èirich e, agus dh’fhalbh e air sgàth a anama, agus thàinig e gu Beer-sèba a bhuineas do Iùdah, agus dh’fhàg e a òglach an sin.
4. Ach chaidh e fhèin astar là don fhàsach, agus thàinig e agus shuidh e fo chraoibh aiteil, agus dh’iarr e dha fhèin bàs fhaghail, agus thubhairt e, Is leòr e; a‑nis, a Thighearna, thoir leat m’anam; oir chan fheàrr mise na m’athraichean.
5. Agus nuair a laigh e agus a chaidil e fo chraoibh aiteil, feuch an sin bhean aingeal ris, agus thubhairt e ris, Eirich, ith.
6. Agus dh’amhairc e, agus feuch, bha aig a cheann breacag a bhruitheadh air a’ ghrìosaich, agus soitheach uisge: agus dh’ith agus dh’òl e, agus laigh e sìos a‑rìs.
7. Agus thàinig aingeal an Tighearna air ais an dara uair, agus bhean e ris, agus thubhairt e, Eirich, ith; oir tha an turas mòr air do shon.
8. Agus dh’èirich esan, agus dh’ith agus dh’òl e, agus dh’imich e ann an neart a’ bhìdh sin dà‑fhichead là, agus dà‑fhichead oidhche, gu ruig Hòreb, sliabh Dhè.
9. Agus chaidh e a‑steach an sin do uaimh, agus ghabh e tàmh innte; agus, feuch, thàinig facal an Tighearna da ionnsaigh, agus thubhairt e ris, Ciod e do ghnothach an seo, Eliah?
10. Agus thubhairt esan, Bha mi ro‑eudmhor airson an Tighearna, Dia nan slògh: oir thrèig clann Israeil do choicheangal, thilg iad sìos d’altairean, agus mharbh iad d’fhàidhean leis a’ chlaidheamh; agus dh’fhàgadh mise a‑mhàin, agus tha iad ag iarraidh m’anama, a‑chum a thoirt air falbh.
11. Agus thubhairt e, Falbh a‑mach, agus seas air an t‑sliabh an làthair an Tighearna. Agus, feuch, ghabh an Tighearna seachad, agus reub gaoth mhòr agus làidir na beanntan, agus bhris i na creagan nam bloighdean ron Tighearna, ach cha robh an Tighearna anns a’ ghaoith; agus an dèidh na gaoithe crith-thalmhainn, ach cha robh an Tighearna anns a’ chrith-thalmhainn;
12. Agus an dèidh na crith-thalmhainn teine, ach cha robh an Tighearna anns an teine; agus an dèidh an teine guth ciùin, caol.
13. Agus nuair a chuala Eliah e, chòmhdaich e a aghaidh le a fhallaing, agus chaidh e a‑mach, agus sheas e am beul na h‑uamha; agus, feuch, thàinig guth da ionnsaigh, agus, feuch, thubhairt e, Ciod e do ghnothach an seo, Eliah?
14. Agus thubhairt esan, Bha mi ro‑eudmhor airson an Tighearna, Dia nan slògh: oir thrèig clann Israeil do choicheangal, thilg iad sìos d’altairean, agus mharbh iad d’fhàidhean leis a’ chlaidheamh; agus dh’fhàgadh mise a‑mhàin, agus tha iad ag iarraidh m’anama, a‑chum a thoirt air falbh.
15. Agus thubhairt an Tighearna ris, Falbh, till air do shlighe gu fàsach Dhamascais; agus nuair a thig thu, ung Hasael na rìgh air Siria:
16. Agus Iehu mac Nimsi ungaidh tu na rìgh air Israel: agus Elisa mac Shaphait o Abel-meholah ungaidh tu na fhàidh ad àite fhèin.
17. Agus tachraidh, esan a thèid as o chlaidheamh Hasaeil, gum marbh Iehu e; agus esan a thèid as o chlaidheamh Iehu, gum marbh Elisa e.
18. Gidheadh dh’fhàg mi dhomh fhèin ann an Israel seachd mìle, na glùinean uile nach do lùb iad fhèin do Bhàal, agus gach uile bheul nach tug pòg dha.
19. Agus dh’fhalbh e as a sin, agus fhuair e Elisa mac Shaphait, agus e ag àr le dà‑chuing-dheug dhamh roimhe, agus e fhèin leis an dara-cuing-deug: agus chaidh Eliah thairis da ionnsaigh, agus thilg e a fhallaing air.
20. Agus dh’fhàg esan na daimh, agus ruith e an dèidh Eliah, agus thubhairt e, Leig dhomh, guidheam ort, m’athair agus mo mhàthair a phògadh, agus an sin leanaidh mi thu. Agus thubhairt esan ris, Falbh, till; oir ciod a rinn mise ort?
21. Agus thill e uaithe, agus ghabh e cuing dhamh, agus mharbh e iad, agus le acfhainn nan damh bhruith e am feòil, agus thug e don t‑sluagh i, agus dh’ith iad. An sin dh’èirich e, agus chaidh e an dèidh Eliah, agus fhritheil e dha.

1 Rìgh 20:1-43
1. Agus chruinnich Ben-hadad rìgh Shiria a shluagh uile an ceann a chèile; agus bha dà‑rìgh-dheug ar fhichead maille ris, agus eich, agus carbadan: agus chaidh e suas agus theannaich e Samaria, agus chog e na aghaidh.
2. Agus chuir e teachdairean gu Ahab rìgh Israeil don bhaile, agus thubhairt e ris, Mar seo tha Ben-hadad ag ràdh,
3. D’airgead agus d’òr is leamsa; do mhnathan mar an ceudna agus do chlann, eadhon a’ chuid as fheàrr dhiubh, is leamsa iad.
4. Agus fhreagair rìgh Israeil, agus thubhairt e, A rèir d’fhacail, mo thighearna a rìgh, is leat mise, agus gach nì a tha agam.
5. Agus thill na teachdairean, agus thubhairt iad, Mar seo labhair Ben-hadad, ag ràdh, Ged chuir mi fios ad ionnsaigh, ag ràdh, D’airgead, agus d’òr agus do mhnathan, agus do chlann bheir thu dhòmhsa;
6. Gidheadh mun tràth seo a‑màireach cuiridh mi mo sheirbhisich ad ionnsaigh, agus rannsaichidh iad do thaigh, agus taighean do sheirbhiseach: agus tachraidh e, gach nì a tha taitneach dod shùilean gun cuir iad nan làimh, agus gun toir iad leo e.
7. Agus ghairm rìgh Israeil air uile sheanairean na tìre, agus thubhairt e, Thugaibh fa‑near, guidheam oirbh, agus faicibh cionnas a tha am fear seo ag iarraidh uilc; oir chuir e fios am ionnsaigh, air mo mhnathan, agus air mo chloinn, agus air m’airgead, agus air m’òr, agus cha do dhiùlt mi e.
8. Agus thubhairt na seanairean uile agus an sluagh uile ris, Na èisd ris, agus na aontaich leis.
9. Uime sin thubhairt e ri teachdairean Bhen-hadaid, Innsibh dom thighearna, an rìgh, Gach nì air an do chuir thu fios gud òglach an toiseach, nì mi; ach an nì seo chan urrainn mi a dhèanamh. Agus dh’fhalbh na teachdairean, agus thug iad freagradh air ais da ionnsaigh.
10. Agus chuir Ben-hadad fios da ionnsaigh, agus thubhairt e, Mar sin dèanadh na diathan riumsa, agus tuilleadh mar an ceudna, mas leòr duslach Shamaria gu làn an dòrn don t‑sluagh uile a tha gam leantainn-sa.
11. Agus fhreagair rìgh Israeil, agus thubhairt e, Abraibh ris, Na dèanadh an tì sin uaill, a tha a’ crioslachadh a armachd uime, mar an tì a chuir dheth i.
12. Agus nuair a chuala Ben-hadad an teachdaireachd seo, agus e fhèin agus na rìghrean ag òl anns na pàilleanan, thubhairt e ra sheirbhisich, Cuiribh sibh fhèin an òrdagh. Agus chuir iadsan iad fhèin an òrdagh an aghaidh a’ bhaile.
13. Agus, feuch, thàinig fàidh àraidh gu Ahab rìgh Israeil agus thubhairt e, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Am faca tusa an sluagh mòr seo uile? Feuch, bheir mise ad làimh iad an‑diugh, agus bidh fhios agad gur mise an Tighearna.
14. Agus thubhairt Ahab, Cò leis? Agus thubhairt esan, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Le òganaich uachdarain nan dùthchannan. An sin thubhairt e, Cò a chuireas an cath an òrdagh? Agus thubhairt esan, Thusa.
15. An sin ghabh e àireamh òganaich uachdarain nan dùthchannan, agus bha ann dhiubh dà cheud agus a dhà-dheug ar fhichead: agus nan dèidh-san ghabh e àireamh an t‑sluaigh uile, eadhon uile shluagh chloinn Israeil, seachd mìle.
16. Agus chaidh iad a‑mach mu mheadhon-là: ach bha Ben-hadad ag òl gus an robh e air mhisg anns na pàilleanan, e fhèin agus na rìghrean, eadhon an dà‑rìgh-dheug ar fhichead a bha ga chòmhnadh.
17. Agus chaidh òganaich uachdarain nan dùthchannan a‑mach an toiseach: agus chuir Ben-hadad daoine a‑mach, agus dh’innis iad dha, ag ràdh, Thàinig daoine a‑mach à Samaria.
18. Agus thubhairt esan, Mas ann gu sìth a thàinig iad a‑mach, glacaibh beò iad; no mas ann gu cogadh a thàinig iad a‑mach, glacaibh beò iad.
19. Agus thàinig iad a‑mach as a’ bhaile, òganaich uachdarain nan dùthchannan, agus an armailt a lean iad.
20. Agus mharbh gach fear dhiubh a fhear: agus theich na Sirianaich, agus ruaig Israel iad; agus chaidh Ben-hadad rìgh Shiria as air muin eich, maille ris a’ mharc-shluagh.
21. Agus chaidh rìgh Israeil a‑mach agus bhuail e na h‑eich, agus na carbadan, agus mharbh e na Sirianaich le àr mòr.
22. Agus thàinig am fàidh gu rìgh Israeil, agus thubhairt e ris, Falbh, neartaich thu fhèin, agus thoir fa‑near, agus faic ciod a nì thu; oir aig teachd mun cuairt na bliadhna thig rìgh Shiria a‑nìos ad aghaidh.
23. Agus thubhairt seirbhisich rìgh Shiria ris, Is diathan bheann an diathan-san; uime sin bhuadhaich iad oirnn: ach cogamaid riu anns a’ chòmhnard, agus gun teagamh buadhaichidh sinn orrasan.
24. Agus dèan an nì seo, Thoir na rìghrean air falbh, gach fear as a àite, agus cuir ceannardan nan àite:
25. Agus dèan armailt àireamh dhut fhèin, mar an armailt a thuit agad, each air an each, agus carbad air a’ charbad; agus cogaidh sinn riu anns a’ chòmhnard, agus gu cinnteach buadhaichidh sinn orra. Agus dh’èisd e rin guth, agus rinn e mar sin.
26. Agus aig teachd mun cuairt na bliadhna ghabh Ben-hadad àireamh nan Sirianach, agus chaidh e suas gu Aphec a chogadh ri Israel.
27. Agus chaidh clann Israeil àireamh, agus bha iad uile an làthair, agus chaidh iad nan coinneamh: agus champaich clann Israeil fan comhair, mar dhà threud bheag ghobhar: ach lìon na Sirianaich an tìr.
28. Agus thàinig duine le Dia, agus labhair e ri rìgh Israeil, agus thubhairt e, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, A chionn gun dubhairt na Sirianaich, Is Dia bheann an Tighearna, ach chan e Dia nan gleann e; air an adhbhar sin bheir mise an sluagh lìonmhor seo uile ann ad làimh-sa, agus bidh fhios agaibh gur mise an Tighearna.
29. Agus champaich iad mu choinneamh a chèile seachd làithean: agus air an t‑seachdamh là chuireadh an cath: agus mharbh clann Israeil de na Sirianaich ceud mìle coisiche ann an aon là.
30. Ach theich a’ chuid eile gu Aphec, don bhaile; agus an sin thuit balla air seachd-mìle-fichead fear de na dh’fhàgadh. Agus theich Ben-hadad, agus thàinig e don bhaile, do sheòmar-cùil.
31. Agus thubhairt a sheirbhisich ris, Feuch a‑nis, chuala sinn mu rìghrean taigh Israeil, gur rìghrean iochdmhor iad: cuireamaid, matà, sac-aodach air ar leasraidh, agus cùird air ar cinn, agus rachamaid a‑mach gu rìgh Israeil; theagamh gun saor e d’anam.
32. Agus cheangail iad sac-aodach air an leasraidh, agus chuir iad cùird air an cinn, agus thàinig iad gu rìgh Israeil, agus thubhairt iad, Tha do sheirbhiseach Ben-hadad ag ràdh, Leig dhomh, guidheam ort, a bhith beò. Agus thubhairt esan, A bheil e fhathast beò? Is e mo bhràthair e.
33. Agus thug na daoine an aire gu furachair a dh’fheuchainn an tigeadh nì air bith uaithe, agus ghrad-ghlac iad e; agus thubhairt iad, Do bhràthair Ben-hadad. An sin thubhairt esan, Rachaibh, thugaibh leibh e. Agus thàinig Ben-hadad a‑mach da ionnsaigh; agus thug e air dol suas don charbad.
34. Agus thubhairt Ben-hadad ris, Na bailtean a thug m’athair-sa od athair-sa, bheir mise air an ais, agus nì thusa sràidean dhut fhèin ann an Damascas, mar a rinn m’athair-sa ann an Samaria. An sin thubhairt Ahab, Leigidh mise air falbh thu leis a’ choicheangal seo. Mar seo rinn e coicheangal ris, agus leig e air falbh e.
35. Agus thubhairt duine àraidh de mhic nam fàidh ra choimhearsnach ann am facal an Tighearna, Buail mi, guidheam ort. Agus dhiùlt an duine a bhualadh.
36. An sin thubhairt esan ris, A chionn nach d’èisd thu ri guth an Tighearna, feuch, cho luath is a dh’fhalbhas tu uamsa, marbhaidh leòmhann thu. Agus cho luath is a dh’fhalbh e uaithe, fhuair leòmhann e, agus mharbh e e.
37. Na dhèidh sin fhuair e duine eile, agus thubhairt e, Buail mi, guidheam ort. Agus bhuail gu deimhinn an duine e, agus lot e e.
38. Agus dh’fhalbh am fàidh, agus dh’fheith e air an rìgh làimh ris an t‑slighe, agus chuir e e fhèin ann an coslas eile, le luath air a aghaidh.
39. Agus nuair a bha an rìgh a’ gabhail seachad, dh’èigh e ris an rìgh, agus thubhairt e, Chaidh d’òglach a‑steach gu meadhon a’ chatha, agus, feuch, thionndaidh duine a lethtaobh, agus thug e duine am ionnsaigh-sa, agus thubhairt e, Glèidh am fear seo: mura bi e ra fhaotainn air chor sam bith, bidh d’anam-sa airson a anama-san, no dìolaidh tu tàlann airgid.
40. Agus am feadh a bha d’òglach a’ bith-dhèanamh an seo agus an siud, cha robh esan ra fhaotainn. Agus thubhairt rìgh Israeil ris, Is ann mar seo a bhios do bhreitheanas; dh’òrdaich thu fhèin e.
41. Agus rinn e cabhag, agus chuir e an luath air falbh o a aghaidh; agus dh’aithnich rìgh Israeil e, gum b’ann de na fàidhean e.
42. Agus thubhairt e ris, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, A chionn gun do leig thu as do làimh duine a dh’òrdaich mise gu lèirsgrios, uime sin bidh d’anam-sa airson a anama-san, agus do shluagh-sa airson a shluaigh-san.
43. Agus dh’fhalbh rìgh Israeil a dh’ionnsaigh a thaigh dubhach agus feargach, agus thàinig e gu Samaria.

Salm 70:1-5
1. Don àrd-fhear-ciùil. Salm le Daibhidh, a chur an cuimhne. A Dhè, a‑chum mo theasairginn, a Thighearna, a‑chum mo chuideachaidh dèan deifir.
2. Biodh nàire agus amhluadh orrasan a tha ag iarraidh m’anama; tillear air an ais iad, agus mòr-amhluadh gu robh orrasan a tha a’ miannachadh uilc dhomh.
3. Gun tillear iadsan air an ais mar thuarasdal dan nàire, a their rium, Ahà, Ahà!
4. Dèanadh iadsan uile a tha gad iarraidh aoibhneas agus gàirdeachas annad, agus abradh iadsan a‑ghnàth len ionmhainn do shlàinte, Mòr-mholadh gu robh do Dhia!
5. Ach tha mise bochd agus uireasbhaidheach; a Dhè, greas am ionnsaigh; is tusa mo chobhair agus m’fhear-saoraidh; a Thighearna, na dèan moille.

Gnàth-fhacal 18:1-2
1. A reir a thograidh iarraidh esan a sgaras e fhèin, agus buinidh e ris gach gliocas.
2. Chan eil tlachd aig an amadan ann an tuigse, ach gum foillsicheadh a chridhe e fhèin.

Eòin 14:1-31
1. Na biodh ur cridhe fo thrioblaid: tha sibh a’ creidsinn ann an Dia, creidibh annamsa mar an ceudna.
2. Ann an taigh m’Athar-sa tha iomadh àite-còmhnaidh: mura biodh e mar sin, dh’innsinn-sa dhuibh. Tha mi a’ dol a dh’ullachadh àite dhuibh.
3. Agus ma thèid mi agus gun ullaich mi àite dhuibh, thig mi a‑rìs, agus gabhaidh mi sibh am ionnsaigh fhèin; a‑chum far a bheil mise, gum bi sibhse mar an ceudna.
4. Agus is aithne dhuibh càit a bheil mi a’ dol, agus is aithne dhuibh an t‑slighe.
5. Thubhairt Tòmas ris, A Thighearna, chan eil fhios againn càit a bheil thu a’ dol; agus cionnas a dh’fhaodas eòlas na slighe a bhith againn?
6. Thubhairt Iosa ris, Is mise an t‑slighe, agus an fhìrinn, agus a’ bheatha: cha tig aon neach a‑chum an Athar ach tromhamsa.
7. Nam b’aithne dhuibh mise, b’aithne dhuibh m’Athair mar an ceudna: agus à seo suas is aithne dhuibh e, agus chunnaic sibh e.
8. Thubhairt Philip ris, A Thighearna foillsich an t‑Athair dhuinne, agus is leòr leinn e.
9. Thubhairt Iosa ris, A bheil mise ùine cho fada maille ribh, agus nach aithne dhut fhathast mi, Philip? An tì a chunnaic mise, chunnaic e an t‑Athair: agus cionnas a tha thu ag ràdh, Foillsich an t‑Athair dhuinn?
10. Nach eil thu a’ creidsinn gu bheil mise anns an Athair, agus an t‑Athair annamsa? Na briathran a tha mi a’ labhairt ribh, chan ann uam fhèin a tha mi gan labhairt: ach an t‑Athair, a tha a’ gabhail còmhnaidh annamsa, tha esan a’ dèanamh nan obraichean.
11. Creidibh mise gu bheil mi anns an Athair, agus an t‑Athair annamsa; no, creidibh mi airson nan obraichean fhèin.
12. Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, an tì a chreideas annam-sa, na h‑obraichean a tha mise a’ dèanamh, nì esan mar an ceudna; agus nì e obraichean as mò na iad seo, do bhrìgh gu bheil mise a’ dol a‑chum m’Athar.
13. Agus ge bè nì a dh’iarras sibh am ainm-sa, nì mise sin: a‑chum gum bi an t‑Athair air a ghlòrachadh anns a’ Mhac.
14. Ma dh’iarras sibh nì air bith am ainm-sa, nì mise e.
15. Mas toigh leibh mise, coimheadaibh m’àitheantan:
16. Agus guidhidh mise an t‑Athair, agus bheir e dhuibh Comhfhurtair eile, a‑chum gum fan e maille ribh gu bràth;
17. Spiorad na fìrinn; neach nach urrainn an saoghal a ghabhail, do bhrìgh nach eil e ga fhaicinn, agus nach aithne dha e: ach is aithne dhuibhse e, oir tha e fantainn maille ribh, agus bidh e annaibh.
18. Chan fhàg mi sibh nur dìlleachdain: thig mi dur n‑ionnsaigh.
19. Tamall beag fhathast, agus chan fhaic an saoghal mi tuilleadh; ach chì sibhse mi: do bhrìgh gu bheil mise beò, bidh sibhse beò mar an ceudna.
20. Anns an là sin bidh fhios agaibh gu bheil mise ann am Athair, agus sibhse annamsa, agus mise annaibh-se.
21. An tì aig a bheil m’àitheantan-sa, agus a tha gan coimhead, is esan aig a bheil gràdh dhòmhsa: agus an tì aig a bheil gràdh dhòmhsa, gràdhaichear lem Athair e, agus gràdhaichidh mise e, agus foillsichidh mi mi fhèin dha.
22. Thubhairt Iùdas (chan e Iscariot) ris, A Thighearna, carson a dh’fhoillsicheas tu thu fhèin dhuinne, agus nach dèan thu sin don t‑saoghal?
23. Fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, Ma ghràdhaicheas neach mise, coimheadaidh e m’fhacal: agus gràdhaichidh m’Athair esan, agus thig sinn da ionnsaigh, agus nì sinn còmhnaidh maille ris.
24. An tì nach gràdhaich mise, cha choimhead e mo bhriathran: agus am facal a tha sibh a’ cluinntinn, cha leamsa e, ach leis an Athair a chuir uaithe mi.
25. Na nithean seo labhair mi ribh, air dhomh a bhith am chòmhnaidh maille ribh:
26. Ach an Comhfhurtair, an Spiorad Naomh, a chuireas an t‑Athair uaithe ann am ainm-sa, teagaisgidh esan dhuibh na h‑uile nithean, agus cuiridh e an cuimhne dhuibh na h‑uile nithean a labhair mise ribh.
27. Tha mi a’ fàgail sìthe agaibh, mo shìth-sa tha mi a’ toirt dhuibh: chan ann mar a bheir an saoghal a tha mise a’ toirt dhuibh. Na biodh ur cridhe fo thrioblaid, agus na biodh eagal air.
28. Chuala sibh mar a thubhairt mi ribh, Tha mi a’ falbh, agus thig mi a‑rìs dur n‑ionnsaigh. Nam biodh gràdh agaibh dhòmhsa, bhiodh aoibhneas oirbh, a chionn gun dubhairt mi, Tha mi a’ dol a‑chum an Athar: oir is mò m’Athair na mise.
29. Agus a‑nis dh’innis mi dhuibh seo ro dha teachd gu crìch, a‑chum, nuair a thig e gu crìch, gun creideadh sibh.
30. A seo suas cha labhair mi mòran ribh: oir tha uachdaran an t‑saoghail seo a’ teachd, agus chan eil nì air bith aige annamsa.
31. Ach a‑chum gum bi fhios aig an t‑saoghal gur ionmhainn leam an t‑Athair; agus mar a thug an t‑Athair àithne dhomh, mar sin tha mi a’ dèanamh. Eiribh, rachamaid à seo.