A A A A A
Bible in one year
June 4

1 Rìgh 17:1-24
1. Agus thubhairt Eliah an Tisbitheach, a bha de luchd-àiteachaidh Ghilead, ri Ahab, Mar as beò an Tighearna Dia Israeil, an làthair a bheil mise am sheasamh, cha bhi anns na bliadhnachan seo drùchd no uisge ann ach a rèir m’fhacail-sa.
2. Agus thàinig facal an Tighearna da ionnsaigh, ag ràdh,
3. Imich as a seo, agus tionndaidh thu fhèin a làimh na h‑àird an ear, agus falaich thu fhèin aig sruth Cherit, a tha fa chomhair Iòrdain.
4. Agus òlaidh tu den t‑sruth, agus dh’àithn mise do na fithich do bheathachadh an sin.
5. Agus dh’imich e, agus rinn e a rèir facal an Tighearna; oir chaidh e, agus ghabh e còmhnaidh aig sruth Cherit, a tha fa chomhair Iòrdain.
6. Agus thug na fithich da ionnsaigh aran agus feòil anns a’ mhadainn, agus aran agus feòil anns an fheasgar; agus dh’òl e as an t‑sruth.
7. Ach an ceann tamaill thiormaich an sruth, a chionn nach robh uisge anns an tìr.
8. Agus thàinig facal an Tighearna da ionnsaigh, ag ràdh,
9. Eirich, imich gu Sarephat, as le Sìdon, agus gabh còmhnaidh an sin: feuch, dh’àithn mise do mhnaoi a tha na bantraich an sin do bheathachadh.
10. Agus dh’èirich e, agus chaidh e do Sharephat: agus nuair a thàinig e gu geata a’ bhaile, feuch, bha a’ bhantrach an sin a’ tional bhioran; agus ghairm e oirre, agus thubhairt e, Thoir am ionnsaigh, guidheam ort, beagan uisge ann an soitheach, a‑chum gun òl mi.
11. Agus nuair a bha i a’ dol ga thoirt leatha, ghlaodh e rithe, agus thubhairt e, Thoir am ionnsaigh, guidheam ort, greim arain ad làimh.
12. Agus thubhairt ise, Mar as beò an Tighearna do Dhia, chan eil breacag agam, ach làn an dùirn de mhin ann an soitheach, agus beagan ola ann an còrn: agus, feuch, tha mi a’ tional biorain no dhà, a‑chum gun tèid mi a‑steach, agus gun deasaich mi e dhomh fhèin agus dom mhac, agus gun ith sinn e, agus gum faigh sinn bàs.
13. Agus thubhairt Eliah rithe, Na biodh eagal ort; falbh, dèan a rèir d’fhacail; ach dèan dhòmhsa dhiubh sin breacag bheag an toiseach, agus thoir am ionnsaigh i, agus dhut fhèin agus dod mhac deasaich na dhèidh sin:
14. Oir mar seo tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Cha chaithear an soitheach mine, agus cha teirig an còrn ola, gus an là anns an cuir an Tighearna uisge air aghaidh na talmhainn.
15. Agus dh’fhalbh i, agus rinn i a rèir facal Eliah: agus dh’ith ise, agus esan, agus a taigh rè mòrain de làithean.
16. Cha do chaitheadh an soitheach mine, agus cha do theirig an còrn ola, a rèir facal an Tighearna, a labhair e le làimh Eliah.
17. Agus thachair an dèidh nan nithean sin gun d’fhàs mac na mnà, eadhon bean an taighe, gu tinn; agus bha a thinneas cho trom is nach d’fhàgadh anail ann.
18. Agus thubhairt i ri Eliah, Ciod e mo ghnothach-sa riut, a dhuine le Dia? An tàinig thu am ionnsaigh a chur mo pheacaidh an cuimhne, agus a mharbhadh mo mhic?
19. Agus thubhairt esan rithe, Thoir dhòmhsa do mhac. Agus ghlac e as a h‑uchd e, agus thug e suas e do sheòmar uachdarach, anns an robh e fhèin a’ fantainn, agus chuir e na laighe air a leabaidh fhèin e.
20. Agus dh’èigh e ris an Tighearna, agus thubhairt e, A Thighearna mo Dhia, an tug thu mar an ceudna olc air a’ bhantraich aig a bheil mi air aoigheachd, le a mac a mharbhadh?
21. Agus shìn e e fhèin air an leanabh trì uairean, agus dh’èigh e ris an Tighearna, agus thubhairt e, A Thighearna mo Dhia, thigeadh, guidheam ort, anam an leinibh seo a‑steach ann a‑rìs.
22. Agus dh’èisd an Tighearna ri guth Eliah; agus thàinig anam an leinibh a‑steach ann a‑rìs, agus dh’ath-bheothaicheadh e.
23. Agus ghlac Eliah an leanabh, agus thug e sìos e as an t‑seòmar uachdarach don taigh, agus thug e da mhàthair e: agus thubhairt Eliah, Feuch, tha do mhac beò.
24. Agus thubhairt a’ bhean ri Eliah, A‑nis le seo tha fhios agam gur duine le Dia thu, agus gur fìrinn facal an Tighearna ann ad bheul.

1 Rìgh 18:1-46
1. Agus an dèidh mòrain de làithean, thàinig facal an Tighearna gu Eliah anns an treas bliadhna, ag ràdh, Falbh, nochd thu fhèin do Ahab, agus bheir mise uisge air aghaidh na talmhainn.
2. Agus dh’fhalbh Eliah ga nochdadh fhèin do Ahab: agus bha gorta mhòr ann an Samaria.
3. Agus ghairm Ahab air Obadiah, a bha os cionn a thaighe: (a‑nis bha eagal an Tighearna gu mòr air Obadiah:
4. Oir nuair a thug Iesebel fa‑near fàidhean an Tighearna a ghearradh as, ghabh Obadiah ceud fàidh, agus dh’fhalaich e iad nan lethcheudan ann an uaimh, agus bheathaich e iad le aran agus uisge:)
5. Agus thubhairt Ahab ri Obadiah, Imich don tìr, a dh’ionnsaigh nan tobar uisge uile, agus a dh’ionnsaigh nan sruth uile, a dh’fheuchainn am faigh sinn feur a‑chum is gun glèidh sinn ar n‑eich agus ar muileidean beò, agus nach caill sinn an sprèidh uile.
6. Agus roinn iad an tìr eatorra gu dol troimhpe: chaidh Ahab air aon slighe leis fhèin, agus chaidh Obadiah air slighe eile leis fhèin.
7. Agus nuair a bha Obadiah anns an t‑slighe, feuch, thachair Eliah air: agus dh’aithnich e e, agus thuit e air a aghaidh, agus thubhairt e, An tusa a tha an seo, mo thighearna, Eliah?
8. Agus thubhairt esan ris, Is mi: imich, innis dod thighearna, Feuch, tha Eliah an seo.
9. Agus thubhairt esan, Ciod am peacadh a rinn mi, gun tugadh tu do sheirbhiseach an làimh Ahaib gu mo mharbhadh?
10. Mar as beò an Tighearna do Dhia, chan eil cinneach no rìoghachd do nach do chuir mo thighearna gad iarraidh: agus nuair a thubhairt iad, Chan eil e an seo, ghabh e mionnan den rìoghachd agus den chinneach nach d’fhuair e thu.
11. Agus a‑nis tha thu ag ràdh, Imich, innis dod thighearna, Feuch, tha Eliah an seo.
12. Agus tachraidh, nuair a dh’imicheas mise uat, gun tog spiorad an Tighearna leis thusa far nach eil fhios agamsa; agus nuair a thig mise a dh’innse do Ahab, agus nach faigh e thu, gum marbh e mise: gidheadh tha eagal an Tighearna ormsa do sheirbhiseach om òige.
13. Nach d’innseadh dom thighearna ciod a rinn mi nuair a mharbh Iesebel fàidhean an Tighearna, mar a dh’fhalaich mi ceud fear de fhàidhean an Tighearna nan lethcheudan ann an uaimh, agus a bheathaich mi iad le aran agus le uisge?
14. Agus a‑nis tha thu ag ràdh, Imich, innis dod thighearna, Feuch, tha Eliah an seo: agus marbhaidh e mi.
15. Agus thubhairt Eliah, Mar as beò Tighearna nan slògh, an làthair a bheil mi am sheasamh, gu deimhinn nochdaidh mi mi fhèin dha an‑diugh.
16. Uime sin chaidh Obadiah an coinneamh Ahaib, agus dh’innis e dha: agus chaidh Ahab an coinneamh Eliah.
17. Agus nuair a chunnaic Ahab Eliah, thubhairt Ahab ris, An tusa esan a tha a’ cur Israeil fo bhuaireas?
18. Agus thubhairt esan, Cha mhise a chuir Israel fo bhuaireas, ach thusa agus taigh d’athar, a‑thaobh gun do thrèig sibh àitheantan an Tighearna, agus gun do lean sibh Bàalim.
19. A‑nis uime sin cuir fios, cruinnich am ionnsaigh-sa Israel uile gu sliabh Charmeil, agus fàidhean Bhàail ceithir cheud agus lethcheud, agus fàidhean nan doire, ceithir cheud, a tha ag ithe aig bòrd Iesebeil.
20. Agus chuir Ahab fios a dh’ionnsaigh chloinn Israeil uile, agus chruinnich e na fàidhean an ceann a chèile gu sliabh Charmeil.
21. Agus thàinig Eliah a dh’ionnsaigh an t‑sluaigh uile, agus thubhairt e, Cia fhada a bhios sibh anns an ioma-chomhairle eadar dhà bharail? Mas e an Tighearna as Dia ann, leanaibh e; ach mas e Bàal, leanaibh esan. Ach cha do fhreagair an sluagh e aon fhacal.
22. An sin thubhairt Eliah ris an t‑sluagh, Dh’fhàgadh mise, eadhon mise a‑mhàin am fhàidh leis an Tighearna; ach tha fàidhean Bhàail ceithir cheud agus lethcheud fear an àireamh.
23. Thugadh iad dhuinne matà dà tharbh òg, agus taghadh iadsan dhaibh fhèin aon tarbh òg, agus gearradh iad na mhìrean e, agus cuireadh iad air connadh e; ach na cuireadh iad teine foidhe: agus deasaichidh mise an tarbh òg eile, agus cuiridh mi air connadh e, ach cha chuir mi teine foidhe.
24. An sin gairmibh-se air ainm ur diathan fhèin, agus gairmidh mise air ainm an Tighearna: agus an Dia a fhreagras le teine, bidh esan na Dhia. Agus fhreagair an sluagh uile agus thubhairt iad, Is math a labhair thu.
25. Agus thubhairt Eliah ri fàidhean Bhàail, Taghaibh-se dhuibh fhèin aon tarbh òg, agus deasaichibh an toiseach e, oir tha sibh lìonmhor; agus gairmibh air ainm ur diathan, ach na cuiribh teine foidhe.
26. Agus ghabh iad an tarbh òg a thugadh dhaibh, agus dheasaich iad e, agus ghairm iad air ainm Bhàail o mhadainn eadhon gu meadhon-là, ag ràdh, A Bhàail, èisd rinne! Ach cha robh guth, no neach air bith a fhreagradh ann: agus leum iad air an altair a rinn iad.
27. Agus nuair a bha e mu mheadhon-là, rinn Eliah fanaid orra, agus thubhairt e, Eighibh le guth àrd; oir is dia e: an dara cuid tha e a’ beachd-smaoineachadh, no tha e air tòir, no tha e air thuras, no theagamh gu bheil e na chadal, agus gum feumar a dhùsgadh.
28. Agus dh’èigh iadsan le guth àrd, agus gheàrr iad iad fhèin a rèir an gnàtha le claidheamhan agus le lannan, gus an do thaom an fhuil a‑mach orra.
29. Agus nuair a chaidh meadhon-là thairis, agus a rinn iad fàidheadaireachd gu àm toirt suas na h‑ìobairt fheasgair, cha robh guth ann, no aon air bith a fhreagradh, no a bheireadh fa‑near iad.
30. Agus thubhairt Eliah ris an t‑sluagh uile, Thigibh am fagas dhòmhsa. Agus thàinig an sluagh uile am fagas dha; agus chàraich e altair an Tighearna, a bha air a briseadh sìos.
31. Agus ghabh Eliah dà‑chloich-dheug, a rèir àireamh treubh mic Iàcoib, a‑chum an tàinig facal an Tighearna, ag ràdh, Bidh Israel mar ainm ort;
32. Agus thog e leis na clachan altair ann an ainm an Tighearna; agus rinn e clais cho mòr is gun cumadh i dà thomhas sìl, mun cuairt air an altair.
33. Agus shuidhich e an connadh, agus gheàrr e an tarbh òg na mhìrean agus chuir e air a’ chonnadh e.
34. An sin thubhairt e, Lìonaibh ceithir soithichean le uisge, agus dòirtibh e air an ìobairt-loisgte, agus air a’ chonnadh. Agus thubhairt e, Dèanaibh an dara uair e, agus rinn iad an dara uair e: agus thubhairt e, Dèanaibh an treas uair e, agus rinn iad an treas uair e.
35. Agus chaidh an t‑uisge mun cuairt air an altair; agus lìon e mar an ceudna a’ chlais le uisge.
36. Agus ann an àm toirt suas na h‑ìobairt-fheasgair, thàinig Eliah am fàidh am fagas, agus thubhairt e, A Thighearna Dhè Abrahàim, Isaaic, agus Israeil, biodh fios an‑diugh gur tusa as Dia ann an Israel, agus gur mise d’òglach, agus gur ann air d’fhacal-sa a rinn mi na nithean seo uile.
37. Eisd rium, A Thighearna, èisd rium; agus biodh fios aig an t‑sluagh seo gur tusa an Tighearna Dia, agus gun do thill thu an cridhe air ais a‑rìs.
38. An sin thuit teine an Tighearna, agus chaith e an ìobairt-loisgte, agus an connadh, agus na clachan, agus an luaithre; agus an t‑uisge a bha anns a’ chlais dh’imlich e suas.
39. Agus nuair a chunnaic an sluagh uile e, thuit iad air an aghaidh, agus thubhairt iad, Is e an Tighearna fhèin as Dia ann, is e an Tighearna fhèin as Dia ann.
40. Agus thubhairt Eliah riu, Glacaibh fàidhean Bhàail; na rachadh duine dhiubh as. Agus ghlac iad iad; agus thug Eliah sìos iad gu sruth Chisoin, agus mharbh e iad an sin.
41. Agus thubhairt Eliah ri Ahab, Eirich suas, ith agus òl; oir tha fuaim pailteas uisge ann.
42. Agus chaidh Ahab suas a dh’ithe agus a dh’òl: agus chaidh Eliah suas gu mullach Charmeil, agus thilg e e fhèin sìos air an talamh, agus chuir e a aghaidh eadar a ghlùinean;
43. Agus thubhairt e ra òglach, Falbh suas a‑nis, amhairc a dh’ionnsaigh na fairge. Agus chaidh esan suas, agus dh’amhairc e, agus thubhairt e, Chan eil nì air bith ann. Agus thubhairt e, Falbh a‑rìs seachd uairean.
44. Agus air an t‑seachdamh uair thubhairt e, Feuch, tha neul beag cosmhail ri bois duine ag èirigh as an fhairge. Agus thubhairt e, Falbh suas, abair ri Ahab, Ullaich do charbad, agus gabh sìos, a‑chum nach bac an t‑uisge thu.
45. Agus anns a’ cheart àm sin, dhorchaicheadh na speuran le neòil agus le gaoith; agus bha uisge mòr ann. Agus mharcaich Ahab, agus chaidh e do Iesreel.
46. Agus bha làmh an Tighearna air Eliah; agus chrioslaich e a leasraidh, agus ruith e ro Ahab, gus an tàinig e do Iesreel.

Salm 69:29-36
29. Ach mise, a tha bochd agus brònach, togadh do shlàinte, a Dhè, an àird mi.
30. Molaidh mise ainm Dhè le òran, agus àrdaichidh mi e le breith-buidheachais.
31. Agus is fheàrr leis an Tighearna seo na damh, na tarbh òg a tha adharcach, crodhanach.
32. Chì na daoine sèimhe seo, agus bidh aoibhneas orra; sibhse a dh’iarras an Tighearna, bidh ur cridhe beò.
33. Oir èisdidh an Tighearna ri bochdan, agus cha dèan e tàir air a phrìosanaich.
34. Moladh na nèamhan agus an talamh e, na cuantan agus gach nì a ghluaiseas annta!
35. Oir saoraidh Dia Sion, agus togaidh e bailtean Iùdah, agus gabhaidh iad còmhnaidh an sin, agus mealaidh iad i.
36. Sealbhaichidh sliochd a sheirbhiseach i, agus gabhaidh iadsan a ghràdhaicheas a ainm-san còmhnaidh innte.

Gnàth-fhacal 17:27-28
27. Caomhnaidh an tì aig a bheil eòlas a bhriathran; agus bidh fear na tuigse ciùin na spiorad.
28. Measar an t‑amadan fhèin, nuair a bhios e na thosd, na dhuine glic; agus an tì a dhruideas a bhilean na dhuine tuigseach.

Eòin 13:21-38
21. Air do Iosa na nithean seo a ràdh, bha e fo thrioblaid na spiorad, agus rinn e fianais, agus thubhairt e, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh gum brath aon agaibh mise.
22. An sin dh’amhairc na deisciobail air a chèile, fo amharas cò uime a labhair e.
23. A‑nis bha aon de a dheisciobail na laighe ann an uchd Iosa, neach a b’ionmhainn le Iosa.
24. Air an adhbhar sin smèid Sìmon Peadar airsan, gum feòraicheadh e cò uime a labhair e.
25. An sin air dhàsan aomadh ri uchd Iosa, thubhairt e ris, A Thighearna cò e?
26. Fhreagair Iosa, Is e an tì sin e don toir mise an greim, an dèidh dhomh a thumadh. Agus nuair a thum e an greim, thug e e do Iùdas Iscariot, mac Shìmoin.
27. Agus an sin an dèidh a’ ghreama, chaidh Sàtan a‑steach annsan. An sin thubhairt Iosa ris, An nì a tha thu a’ dèanamh, dèan gu grad e.
28. A‑nis cha do thuig aon dhiubh-san a bha nan suidhe aig a’ bhòrd carson a thubhairt e seo ris.
29. Oir shaoil cuid dhiubh, do bhrìgh gu robh an sporan aig Iùdas, gun dubhairt Iosa ris, Ceannaich na nithean a tha a dh’uireasbhaidh oirnn a‑chum na fèille; no gun tugadh e nì‑eigin do na bochdan.
30. An sin an dèidh dhàsan an greim a ghabhail, chaidh e a‑mach air ball; agus bha an oidhche ann.
31. Uime sin, nuair a chaidh esan a‑mach, thubhairt Iosa, A‑nis tha Mac an Duine air a ghlòrachadh, agus tha Dia air a ghlòrachadh ann.
32. Ma tha Dia air a ghlòrachadh ann, glòraichidh Dia esan mar an ceudna ann fhèin, agus air ball glòraichidh e e.
33. A chlann bheag, fhathast ùine bheag tha mise maille ribh. Iarraidh sibh mi: agus mar a thubhairt mi ris na h‑Iùdhaich, Don àite don tèid mise, chan eil e an comas dhuibhse teachd; mar sin tha mi ag ràdh ribhse a‑nis.
34. Aithne nuadh tha mi a’ toirt dhuibh, gun gràdhaich sibh a chèile; mar a ghràdhaich mise sibhse, gun gràdhaich sibh fhèin a chèile mar an ceudna.
35. Le seo aithnichidh na h‑uile dhaoine gur sibh mo dheisciobail-sa, ma bhios gràdh agaibh fhèin da chèile.
36. Thubhairt Sìmon Peadar ris, A Thighearna, càit an tèid thu? Fhreagair Iosa e, Don àite don tèid mi, chan urrainn thusa a‑nis mo leantainn; gidheadh leanaidh tu mi na dhèidh seo.
37. Thubhairt Peadar ris, a Thighearna, carson nach urrainn mi do leantainn a‑nis? Leigidh mi sìos m’anam air do shon.
38. Fhreagair Iosa e, An leig thu d’anam sìos air mo shon-sa? Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh riut nach goir an coileach gus an àich thu mi trì uairean.