A A A A A
Bible in one year
June 30

1 Eachdraidh 23:1-32
1. A‑nis nuair a bha Daibhidh sean agus làn de làithean, rinn e Solamh a mhac na rìgh air Israel.
2. Agus chruinnich e an ceann a chèile ceannardan Israeil uile, agus na sagartan agus na Lèbhithich.
3. Agus dh’àirmheadh na Lèbhithich o aois deich-bliadhna-fichead agus os a chionn: agus b’e an àireamh air an cinn, duine air dhuine, ochd-mìle-deug ar fhichead.
4. Dhiubh sin bha ceithir-mìle-fichead gu obair taigh an Tighearna a chur air a h‑aghaidh, agus sia mìle nan luchd-riaghlaidh agus nam britheamhan:
5. Agus ceithir mìle nan dorsairean; agus ceithir mìle a’ cliùthachadh an Tighearna leis na h‑innealan a rinn Daibhidh gu cliùthachadh.
6. Agus roinn Daibhidh iad nan roinnean eadar mic Lèbhi, eadhon Gerson, Cohat, agus Merari.
7. De na Gersonaich: Laadan agus Simei.
8. Mic Laadain: Iehiel an ceann, agus Setam, agus Ioel, triùir.
9. Mic Shimei: Selomit, agus Hasiel, agus Hàran, triùir. B’iad sin cinn athraichean Laadain.
10. Agus mic Shimei: Iahat, Sidsa, agus Ieus, agus Beriah. B’iad sin mic Shimei, ceathrar.
11. Agus b’e Iahat an ceann, agus Sidsa an dara fear: ach cha robh mòran mhac aig Ieus agus Beriah; uime sin bha iad ann an aon àireamh, a rèir taigh an athraichean.
12. Mic Chohait: Amram, Itsar, Hebron, agus Udsiel, ceathrar.
13. Mic Amraim: Aaron agus Maois; agus dhealaicheadh Aaron a‑chum gun naomhaicheadh e na nithean ro‑naomh, e fhèin agus a mhic gu bràth, gun loisgeadh e tùis an làthair an Tighearna, gum frithealadh e dha, agus gum beannaicheadh e a ainm gu bràth.
14. A‑nis mu thimcheall Mhaois, òglach Dhè, bha a mhic air an ainmeachadh de threubh Lèbhi.
15. Mic Mhaois: Gersom agus Elièser.
16. Mic Ghersoim: Sebuel an ceann.
17. Agus b’iad mic Elièseir: Rehabiah an ceann. Agus cha robh aig Elièser mic sam bith eile; ach bha mic Rehabiah ro‑lìonmhor.
18. Mic Itsair: Selomit an ceann.
19. Mic Hebroin: Ieriah an ciad fhear, Amariah an dara, Iahasiel an treasa, agus Iecameam an ceathramh.
20. Mic Udsieil: Micah an ciad fhear, agus Iesiah an dara.
21. Mic Mherari: Machli agus Musi: mic Mhachli; Eleàsar agus Cis.
22. Agus fhuair Eleàsar bàs, agus cha robh mic aige, ach a‑mhàin nigheanan: agus ghabh am bràithrean, mic Chis, iad.
23. Mic Mhusi: Machli, agus Eder, agus Ieremot, triùir.
24. B’iad sin mic Lèbhi, a rèir taigh an athraichean, cinn nan athraichean, mar a dh’àirmheadh iad le àireamh an ainmean air an cinn, a rinn obair seirbhis taigh an Tighearna, o aois fichead bliadhna agus os a chionn.
25. Oir thubhairt Daibhidh, Tha an Tighearna Dia Israeil air toirt fois da shluagh, agus gabhaidh iad còmhnaidh ann an Ierusalem gu bràth.
26. Agus mar an ceudna a‑thaobh nan Lèbhitheach, cha bhi am pàillean aca nas mò ra iomchar, agus uile shoithichean a sheirbhis.
27. Oir le briathran deireannach Dhaibhidh dh’àirmheadh na Lèbhithich o aois fichead bliadhna agus os a chionn:
28. A chionn gum b’e an dreuchd-san a bhith fo làimh mic Aaroin, fa chomhair seirbhis taigh an Tighearna, anns na cùirtean, agus anns na seòmraichean, agus ann an glanadh nan uile nithean naomha, agus ann an obair seirbhis taigh Dhè;
29. Araon fa chomhair an arain thaisbeanta, agus fa chomhair na mine mìne a‑chum tabhartais-bìdh, agus fa chomhair nam breacagan neo-ghortaichte, agus fa chomhair nan nithean a dheasaichear anns an aghann agus a ròistear, agus fa chomhair gach uile ghnè tomhais agus meud;
30. Agus a‑chum seasamh gach madainn a thoirt buidheachais agus cliù don Tighearna, agus mar an ceudna mu fheasgar;
31. Agus a‑chum gach ìobairt-loisgte a thoirt suas don Tighearna, air na sàbaidean, agus air na gealaichean nuadha, agus air na fèillean suidhichte, ann an àireamh, a rèir na riaghailt a dh’àithneadh dhaibh a‑ghnàth an làthair an Tighearna.
32. Agus a‑chum gun gleidheadh iad cùram pàillean a’ choitheanail, agus cùram an ionaid naoimh, agus cùram mic Aaroin, am bràithrean, ann an seirbhis taigh an Tighearna.

1 Eachdraidh 24:1-31
1. Agus is iad seo roinnean mic Aaroin. Mic Aaroin: Nàdab, agus Abihu, Eleàsar, agus Itamar.
2. Ach fhuair Nàdab agus Abihu bàs ron athair, agus cha robh clann aca: uime sin fhritheil Eleàsar agus Itamar ann an dreuchd an t‑sagairt.
3. Agus roinn Daibhidh iad, araon Sadoc de mhic Eleàsair, agus Ahimelech de mhic Itamair, a rèir an àireamh nan seirbhis.
4. Agus fhuaireadh mic Eleàsair na bu lìonmhoire nam prìomh-dhaoine na mic Itamair; agus mar seo roinneadh iad: De mhic Eleàsair bha sia prìomh-dhaoine-deug, a rèir taigh an athraichean; agus de mhic Itamair ochdnar, a rèir taigh an athraichean.
5. Agus roinneadh iad le crannchur, iad seo leo sin; oir bha uachdarain an ionaid naoimh, agus uachdarain nam britheamh, de mhic Eleàsair agus de mhic Itamair.
6. Agus sgrìobh Semaiah mac Netaneeil an sgrìobhaiche, duine de na Lèbhithich, iad, am fianais an rìgh, agus nan uachdaran, agus Shadoic an sagart, agus Ahimeleich mhic Abiatair, agus cinn athraichean nan sagart agus nan Lèbhitheach; aon phrìomh-thaigh air a ghabhail airson Eleàsair, agus aon air a ghabhail airson Itamair.
7. Agus thàinig a’ chiad chrann a‑mach do Iehoiarib, an dara do Iedaiah,
8. An treasa do Harim, an ceathramh do Sheorim,
9. An còigeamh do Mhalchiah, an siathamh do Mhiamin,
10. An seachdamh do Hacots, an t‑ochdamh do Abiah,
11. An naoidheamh do Iesua, an deicheamh do Shecaniah,
12. An t‑aona-crann-deug do Eliasib, an dara-crann-deug do Iacim,
13. An treasa-crann-deug do Chupah, an ceathramh-deug do Iesebeab,
14. An còigeamh-deug do Bhilgah, an siathamh-deug do Imer,
15. An seachdamh-deug do Hedsir, an t‑ochdamh-deug do Apheses,
16. An naoidheamh-deug do Phetahiah, am ficheadamh do Iehesecel,
17. An t‑aon-ar‑fhichead do Iachin, an dara-ar‑fhichead do Ghamul,
18. An treas-ar‑fhichead do Dhelaiah, an ceathramh-ar‑fhichead do Mhaasiah.
19. B’e sin an àireamh a rèir an seirbhis a‑chum teachd a‑steach do thaigh an Tighearna, a rèir an gnàtha, fo làimh Aaroin an athair, mar a dh’àithn an Tighearna Dia Israeil dha.
20. Agus a‑thaobh a’ chuid eile de mhic Lèbhi: de mhic Amraim: Subael: de mhic Shubaeil: Iehdeiah.
21. A‑thaobh Rehabiah: de mhic Rehabiah, an ciad fhear Isiah.
22. De na h‑Itsaraich: Selomot: de mhic Shelomoit: Iahat.
23. Agus mic Hebroin: Ieriah an ciad fhear, Amariah an dara, Iahasiel an treasa, Iecameam an ceathramh.
24. De mhic Udsieil: Michah: de mhic Mhichah; Samir.
25. B’e bràthair Mhichah Isiah: de mhic Isiah: Sechariah.
26. B’iad mic Mherari, Machli agus Musi: mic Iaasiah: Beno.
27. Mic Mherari le Iaasiah: Beno, agus Soham, agus Sachur, agus Ibri.
28. O Mhachli thàinig Eleàsar, aig nach robh mic sam bith.
29. A‑thaobh Chis: mic Chis: Ierahmeel.
30. Agus mic Mhusi: Machli, agus Eder, agus Ierimot. B’iad sin mic nan Lèbhitheach, a rèir taigh an athraichean.
31. Agus chuir iad sin mar an ceudna crannchur fa chomhair am bràithrean mic Aaroin, am fianais Dhaibhidh an rìgh, agus Shadoic, agus Ahimeleich, agus cinn athraichean nan sagart agus nan Lèbhitheach, eadhon cinn nan athraichean fa chomhair am bràithrean a b’òige.

1 Eachdraidh 25:1-30
1. Os bàrr, chuir Daibhidh agus ceannardan an t‑sluaigh air leth fa chomhair na seirbhis de mhic Asaiph, agus Hemain, agus Iedutuin, daoine a dhèanadh fàidheadaireachd, le clàrsaichean, le saltairean, agus le ciombalan. Agus b’e àireamh an luchd-frithealaidh, a rèir an seirbhis:
2. De mhic Asaiph: Sachur, agus Iòseph, agus Netaniah, agus Asarelah, mic Asaiph, fo làimh Asaiph, a bha ri fàidheadaireachd a rèir àithne an rìgh.
3. O Iedutun: mic Iedutuin: Gedaliah, agus Seri, agus Iesaiah, agus Simei, agus Hasabiah, agus Matitiah, sianar fo làimh an athar Iedutun, a bha ri fàidheadaireachd le clàrsaich a thoirt buidheachais agus cliù don Tighearna.
4. O Heman: mic Hemain: Buciah, Mataniah, Udsiel, Sebuel, agus Ierimot, Hananiah, Hanani, Eliatah, Gidalti, agus Romamti-esder, Iosbecasah, Maloti, Hotir, Mahasiot:
5. B’iad sin uile mic Hemain, fear-seallaidh an rìgh, ann am briathran Dhè, a‑chum an adharc a thogail suas. Agus thug Dia do Heman ceithir-mic-dheug agus trì nigheanan.
6. Bha iad seo uile fo làimh an athar, fa chomhair laoidhean taigh Dhè, le ciombalan, saltairean, agus clàrsaichean, a‑chum seirbhis taigh Dhè, fo làimh an rìgh, Asaiph, Hemain, agus Iedutuin.
7. Agus b’e an àireamh maille rim bràithrean, a fhuair ionnsachadh air laoidhean an Tighearna, eadhon iadsan uile a bha tùrail, dà cheud, ceithir-fichead agus ochdnar.
8. Agus chuir iad crannchur, buidheann an aghaidh buidhne, am beag cho math ris a’ mhòr, an t‑oid-ionnsachaidh cho math ris an fhòghlamach.
9. Agus thàinig an ciad chrannchur a‑mach air Asaph, do Iòseph; an dara do Ghedaliah, dha fhèin agus da bhràithrean, agus da mhic, dà‑fhear-dheug:
10. An treasa do Shachur, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear-dheug:
11. An ceathramh do Isri, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear-dheug:
12. An còigeamh do Netaniah, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear-dheug:
13. An siathamh do Bhuciah, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear-dheug:
14. An seachdamh do Iesarelah, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear-dheug:
15. An t‑ochdamh do Iesaiah, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear-dheug:
16. An naoidheamh do Mhataniah, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear-dheug:
17. An deicheamh do Shimei, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear-dheug:
18. An t‑aon-deug do Asareel, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear-dheug:
19. An dara-crannchur-deug do Hasabiah, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear-dheug:
20. An treasa-deug do Shubael, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear-dheug:
21. An ceathramh deug do Mhatitiah, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear-dheug:
22. An còigeamh-deug do Ierimot, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear-dheug:
23. An siathamh deug do Hananiah, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear-dheug:
24. An seachdamh deug do Iosbecasah, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear-dheug:
25. An t‑ochdamh deug do Hanani, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear-dheug:
26. An naoidheamh-deug do Mhaloti, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear-dheug:
27. Am ficheadamh do Eliatah, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear-dheug:
28. An t‑aon-ar‑fichead do Hotir, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear-dheug:
29. An dara-ar‑fhichead do Ghidalti, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear-dheug:
30. An treas-ar‑fichead do Mhahasiot, da mhic agus da bhràithrean, dà‑fhear-dheug:

Salm 78:40-55
40. Cia tric a bhrosnaich iad e anns an fhàsach, a chuir iad campar air anns an ionad uaigneach?
41. Seadh, thill iad air an ais, agus bhuair iad Dia, agus chuir iad tomhas air Aon naomh Israeil.
42. Cha do chuimhnich iad a làmh, no an là air an do shaor e iad on nàmhaid;
43. Mar a nochd e a chomharraidhean anns an Eiphit, agus a obraichean iongantach ann am machair Shòain;
44. Agus a thionndaidh e an uisgeachan gu fuil, agus an sruthan, air chor is nach faodte òl dhiubh;
45. A chuir e nam measg iomadh gnè chuileag a dh’ith suas iad, agus losgainn a sgrios iad;
46. A thug e an toradh don bhurras, agus an saothair don lòcast;
47. A mhill e an croinn-fhìona le cloich-mheallain, agus an croinn-fhìge le reothadh;
48. Agus a thug e thairis am feudail don chloich-mheallain, agus an treudan don tein-adhair;
49. A thilg e orra teas a fheirge, boile agus corraich, agus teinn, le ainglean olca a chuir e nam measg;
50. A rinn e slighe da fheirg, nach do chaomhain e an anam on bhàs, ach a thug e thairis an anam don phlàigh;
51. Agus a bhuail e gach ciad-ghin anns an Eiphit, toiseach an neirt ann am pàilleanan Ham;
52. Ach a thug e a‑mach mar chaoraich a shluagh fhèin, agus a threòraich e iad mar threud anns an fhàsach;
53. Agus a stiùir e iad gu tèarainte, air chor is nach robh eagal orra, ach a chòmhdaich an fhairge an naimhdean;
54. Agus a thug e iad gu crìch a ionaid naoimh-san, don t‑sliabh seo a choisinn a dheaslàmh;
55. Agus a thilg e a‑mach na cinnich romhpa, agus a roinn e oighreachd dhaibh le crannchur, agus a thug e air treubhan Israeil còmhnaidh a ghabhail nam pàilleanan-san.

Gnàth-fhacal 20:3-3
3. Is urramach an nì do fhear fantainn o aimhreit; ach measgaidh gach amadan innte.

Gnìomharan 9:22-43
22. Ach bu mhò a neartaicheadh Saul, agus chuir e gu amhluadh na h‑Iùdhaich a bha a chòmhnaidh ann an Damascas, a’ dearbhadh gur e seo an Crìosd.
23. Agus air dol do mhòran làithean seachad, rinn na h‑Iùdhaich comhairle ri chèile esan a mharbhadh:
24. Ach thugadh fios do Shaul air am foill: agus bha faire aca air na geatachan a là agus a dh’oidhche a‑chum a mharbhadh.
25. An sin ghabh na deisciobail e anns an oidhche, agus chuir iad a‑mach thar a’ bhalla e, agus leig iad sìos ann an cliabh e.
26. Agus nuair a thàinig Saul gu Ierusalem dh’fheuch e ri e fhèin a cheangal ris na deisciobail: ach bha eagal orra uile roimhe, agus cha do chreid iad gum bu deisciobal e.
27. Ach ghabh Barnabas da ionnsaigh e, agus thug e a‑chum nan abstol e, agus chuir e an cèill dhaibh cionnas a chunnaic e an Tighearna anns an t‑slighe, agus gun do labhair e ris, agus cionnas a shearmonaich e gu dàn ann an Damascas an ainm Iosa.
28. Agus bha e maille riu a’ teachd a‑steach, agus a’ dol a‑mach ann an Ierusalem.
29. Agus labhair e gu dàn ann an ainm an Tighearna Iosa, agus rinn e deasbaireachd an aghaidh nan Greugach: ach chuir iadsan romhpa esan a mharbhadh.
30. Ach nuair a thuig na bràithrean seo, thug iad sìos e gu Cesarèa, agus chuir iad air falbh gu Tarsas e.
31. An sin bha fois aig na h‑eaglaisean tro Iudèa uile, agus Ghalile, agus Shamaria, agus air dhaibh a bhith air an togail suas, agus a’ siubhal ann an eagal an Tighearna, agus ann an comhfhurtachd an Spioraid Naoimh, mheudaicheadh gu mòr iad.
32. Agus thàrladh, air do Pheadar imeachd tro gach àite, gun deachaidh e sìos mar an ceudna a‑chum nan naomh a bha a’ gabhail còmhnaidh ann an Lida.
33. Agus fhuair e an sin duine àraidh dom b’ainm Eneas, a bha rè ochd bliadhna air a leabaidh agus e gu tinn leis a’ phairilis.
34. Agus thubhairt Peadar ris, Eneais, tha Iosa Crìosd gad leigheas: èirich agus dèan do leabaidh. Agus air ball dh’èirich e.
35. Agus chunnaic iadsan uile e, a bha a chòmhnaidh ann an Lida, agus ann an Sàron, agus thill iad a‑chum an Tighearna.
36. A‑nis bha ban-deisciobal àraidh ann an Iopa dom b’ainm Tabita, is e sin, air eadar-theangachadh, Dorcas: bha a’ bhean seo làn de dheagh obraichean, agus de dhèircean a rinn i.
37. Agus thàrladh anns na làithean sin, air dhi a bhith gu tinn gun d’fhuair i bàs: agus air dhaibh a h‑ionnlad, chuir iad ann an seòmar uachdarach i.
38. Agus air do Lida a bhith fagas do Iopa, agus air cluinntinn do na deisciobail gu robh Peadar an sin, chuir iad dithis dhaoine da ionnsaigh, a’ guidhe air a theachd dan ionnsaigh gun dàil.
39. An sin dh’èirich Peadar, agus chaidh e maille riu. Agus nuair a bha e air teachd, threòraich iad suas e don t‑seòmar uachdarach: agus sheas na bantraichean uile làimh ris a’ caoineadh, agus a’ nochdadh nan còta agus nan trusgan a rinn Dorcas am feadh a bha i maille riu.
40. Ach air do Pheadar an cur a‑mach uile, leig e e fhèin air a ghlùinean agus rinn e ùrnaigh; agus air dha tionndadh ris a’ chorp, thubhairt e, A Thabita, èirich. Agus dh’fhosgail ise a sùilean: agus air dhi Peadar fhaicinn, dh’èirich i na suidhe.
41. Agus thug e a làmh dhi, agus thog e na seasamh i; agus nuair a ghairm e na naoimh agus na bantraichean, chuir e nan làthair beò i.
42. Agus fhuaireadh fios air seo tre Iopa uile; agus chreid mòran anns an Tighearna.
43. Agus thàrladh gun d’fhan e mòran làithean ann an Iopa maille ri Sìmon àraidh, fear-deasachaidh leathair.