A A A A A
Bible in one year
June 3

1 Rìgh 15:1-34
1. A‑nis anns an ochdamh-bliadhna-deug de rìgh Ierobòam mac Nebait, rìghich Abiam os cionn Iùdah.
2. Trì bliadhna rìghich e ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Maachah nighean Abisaloim.
3. Agus ghluais e ann an uile pheacaidhean a athar, a rinn e roimhe: agus cha robh a chridhe iomlan leis an Tighearna a Dhia, mar a bha cridhe Dhaibhidh, a athair.
4. Gidheadh, air sgàth Dhaibhidh thug an Tighearna a Dhia lòchran dha ann an Ierusalem, a chur a mhic suas na dhèidh, agus a dhaingneachadh Ierusaleim:
5. A chionn gun do rinn Daibhidh an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna, agus nach do chlaon e o na h‑uile nithean a dh’àithn e dha rè uile làithean a bheatha, ach a‑mhàin an cùis Uriah an t‑Hiteach.
6. Agus bha cogadh eadar Rehobòam agus Ierobòam rè uile làithean a bheatha.
7. A‑nis a’ chuid eile de ghnìomharan Abiaim, agus na h‑uile nithean a rinn e, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Iùdah? Agus bha cogadh eadar Abiam agus Ierobòam.
8. Agus chaidil Abiam maille ra athraichean; agus dh’adhlaic iad e ann am baile Dhaibhidh: agus rìghich Asa a mhac na àite.
9. Agus anns an fhicheadamh bliadhna de Ierobòam rìgh Israeil, rìghich Asa os cionn Iùdah.
10. Agus bliadhna agus dà‑fhichead rìghich e ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Maachah, nighean Abisaloim.
11. Agus rinn Asa an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna, mar a rinn Daibhidh a athair.
12. Agus dh’fhuadaich e na Sòdomaich as an tìr, agus chuir e air falbh na dealbhan uile a rinn a athraichean.
13. Agus mar an ceudna Maachah a mhàthair, chuir e eadhon ise o bhith na bànrighinn, a chionn gun do rinn i dealbh uamhasach ann an doire: agus sgrios Asa a dealbh uamhasach, agus loisg e e aig sruth Chidroin.
14. Ach cha do chuireadh as do na h‑àitean àrda: gidheadh, bha cridhe Asa iomlan leis an Tighearna rè a làithean uile.
15. Agus thug e a‑steach na nithean a naomhaich a athair, agus na nithean a naomhaich e fhèin, do thaigh an Tighearna, airgead, agus òr, agus soithichean.
16. Agus bha cogadh eadar Asa agus Baasa rìgh Israeil, rè an làithean uile.
17. Agus chaidh Baasa rìgh Israeil suas an aghaidh Iùdah, agus thog e Ramah, a‑chum nach leigeadh e le neach air bith dol a‑mach no teachd a‑steach gu Asa rìgh Iùdah.
18. Agus ghabh Asa an t‑airgead agus an t‑òr uile a dh’fhàgadh ann an ionmhasan taigh an Tighearna, agus ann an ionmhasan taigh an rìgh, agus thug e iad an làimh a sheirbhiseach: agus chuir rìgh Asa iad gu Ben-hadad mac Thabrimoin mhic Hesioin rìgh Shiria, a bha a chòmhnaidh ann an Damascas, ag ràdh,
19. Tha coicheangal eadar mise agus thusa, agus eadar m’athair-sa agus d’athair-sa: feuch, chuir mi ad ionnsaigh tìodhlac airgid agus òir; thig agus bris do choicheangal ri Baasa rìgh Israeil, a‑chum gum falbh e uam.
20. Agus dh’èisd Ben-hadad ri rìgh Asa, agus chuir e ceannardan nan armailtean a bha aige, an aghaidh bailtean Israeil, agus bhuail e Iion, agus Dan, agus Abel-bet-maacah, agus Chinerot uile, maille ri tìr Naphtali uile.
21. Agus nuair a chuala Baasa sin, sguir e de thogail Ramah, agus ghabh e còmhnaidh ann an Tirsah.
22. An sin thug rìgh Asa gairm air feadh Iùdah uile (cha robh neach air bith saor), agus thug iad leo clachan Ramah, agus a fhiodh, leis an do thog Baasa e; agus thog rìgh Asa leo Gebha Bheniàmin, agus Mispah.
23. Agus a’ chuid eile de uile ghnìomharan Asa, agus a neart uile, agus gach nì a rinn e, agus na bailtean a thog e, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Iùdah? Gidheadh, an àm a sheann aoise bha eucail na chasan.
24. Agus chaidil Asa maille ra athraichean, agus dh’adhlaiceadh e maille ra athraichean ann am baile Dhaibhidh a athair: agus rìghich a mhac Iehosaphat na àite.
25. Agus thòisich Nàdab mac Ierobòaim air rìoghachadh os cionn Israeil anns an dara bliadhna de Asa rìgh Iùdah; agus rìghich e os cionn Israeil dà bhliadhna.
26. Agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna, agus ghluais e ann an slighe a athar, agus na pheacadh leis an tug e air Israel peacachadh.
27. Agus rinn Baasa mac Ahiah, de thaigh Asachair, ceannairc na aghaidh: agus bhuail Baasa e làimh ri Gibeton, a bhuineas do na Philistich, nuair a bha Nàdab agus Israel uile a’ teannachadh Ghibetoin.
28. Mar seo mharbh Baasa e anns an treas bliadhna de Asa rìgh Iùdah, agus rìghich e na àite.
29. Agus nuair a rìghich e, bhuail e taigh Ierobòaim uile; cha d’fhàg e neach air bith anns an robh anail aig Ierobòam, gus an do sgrios e e, a rèir facal an Tighearna, a labhair e le làimh a sheirbhisich Ahiah an Silonach:
30. Airson peacaidhean Ierobòaim a pheacaich e agus leis an tug e air Israel peacachadh; airson a’ bhrosnachaidh leis an do bhrosnaich e an Tighearna Dia Israeil gu feirg.
31. Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Nàdaib, agus na h‑uile nithean a rinn e, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Israeil?
32. Agus bha cogadh eadar Asa agus Baasa rìgh Israeil rè an làithean uile.
33. Anns an treas bliadhna de Asa rìgh Iùdah, thòisich Baasa mac Ahiah air rìoghachadh os cionn Israeil uile ann an Tirsah; agus rìghich e ceithir-bliadhna-fichead.
34. Agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna, agus ghluais e ann an slighe Ierobòaim, agus na pheacadh leis an tug e air Israel peacachadh.

1 Rìgh 16:1-34
1. Uime sin thàinig facal an Tighearna gu Iehu mac Hanani an aghaidh Bhaasa, ag ràdh,
2. A chionn gun d’àrdaich mise thu on duslach, agus gun do rinn mi thu ad cheannard air mo shluagh Israel, ach gun do ghluais thusa ann an slighe Ierobòaim, agus gun tug thu air mo shluagh Israel peacachadh, gam bhrosnachadh gu feirg lem peacaidhean;
3. Feuch, gearraidh mi as sliochd Bhaasa, agus sliochd a thaighe; agus nì mi do thaigh-sa mar thaigh Ierobòaim mhic Nebait.
4. Esan a dh’eugas de Bhaasa anns a’ bhaile ithidh na madraidh e; agus esan a dh’eugas leis anns an fhearann, ithidh eunlaith an adhair e.
5. Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Bhaasa, agus na nithean a rinn e, agus a neart, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Israeil?
6. Agus chaidil Baasa maille ra athraichean agus dh’adhlaiceadh e ann an Tirsah: agus rìghich Elah a mhac na àite.
7. Agus mar an ceudna le làimh an fhàidh Iehu mhic Hanani, thàinig facal an Tighearna an aghaidh Bhaasa, agus an aghaidh a thaighe, airson an uilc uile a rinn e ann an sùilean an Tighearna, ga bhrosnachadh gu feirg le obair a làmh, gu bhith mar thaigh Ierobòaim, agus a chionn gun do mharbh e e.
8. Anns an t‑siathamh-bliadhna-fichead de Asa rìgh Iùdah, thòisich Elah mac Bhaasa air rìoghachadh os cionn Israeil ann an Tirsah; agus rìghich e dà bhliadhna.
9. Agus rinn a sheirbhiseach Simri, ceannard leth a charbadan, ceannairc na aghaidh nuair a bha e ann an Tirsah, ag òl gus an robh e air mhisg ann an taigh Arsah, a bha os cionn a thaighe ann an Tirsah.
10. Agus chaidh Simri a‑steach, agus bhuail e e, agus mharbh e e, anns an t‑seachdamh-bliadhna-fichead de Asa rìgh Iùdah agus rìghich e na àite.
11. Agus nuair a thòisich e air rìoghachadh, cho luath is a shuidh e air a rìgh-chathair, bhuail e taigh Bhaasa uile: cha d’fhàg e neach air bith aige a dhèanadh uisge ri balla, de a luchd-dàimh no de a chàirdean.
12. Mar seo sgrios Simri taigh Bhaasa uile, a rèir facal an Tighearna, a labhair e an aghaidh Bhaasa le làimh Iehu am fàidh;
13. Airson uile pheacaidhean Bhaasa, agus peacaidhean Elah a mhac, leis an do pheacaich iad, agus leis an tug iad air Israel peacachadh, a’ brosnachadh an Tighearna Dia Israeil gu feirg len dìomhanais.
14. Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Elah, agus na h‑uile nithean a rinn e, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Israeil?
15. Anns an t‑seachdamh-bliadhna-fichead de Asa rìgh Iùdah, rìghich Simri seachd làithean ann an Tirsah: agus bha an sluagh air campachadh an aghaidh Ghibetoin, a bhuineadh do na Philistich.
16. Agus chuala an sluagh a bha air campachadh ga ràdh, Rinn Simri ceannairc, agus mar an ceudna bhuail e an rìgh: uime sin rinn Israel uile Omri, ceannard an t‑slòigh, na rìgh air Israel an là sin fhèin anns a’ champ.
17. Agus chaidh Omri, agus Israel uile maille ris, suas o Ghibeton, agus theannaich iad Tirsah.
18. Agus nuair a chunnaic Simri gun do ghlacadh am baile, chaidh e a‑steach do lùchairt taigh an rìgh, agus loisg e taigh an rìgh os a chionn fhèin le teine, agus dh’eug e,
19. Airson a pheacaidhean leis an do pheacaich e, a’ dèanamh uilc ann an sùilean an Tighearna, a’ gluasad ann an slighe Ierobòaim, agus na pheacadh a rinn e, ann an tabhairt air Israel peacachadh.
20. Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Shimri, agus a cheannairc a rinn e, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Israeil?
21. An sin roinneadh sluagh Israeil nan dà leth: lean leth an t‑sluaigh Tibni mac Ghinait, gu a dhèanamh na rìgh; agus lean an leth eile Omri.
22. Ach bhuadhaich an sluagh a lean Omri air an t‑sluagh a lean Tibni mac Ghinait: agus fhuair Tibni bàs, agus rìghich Omri.
23. Anns an aon-bhliadhna-deug ar fhichead de Asa rìgh Iùdah, thòisich Omri air rìoghachadh os cionn Israeil; agus rìghich e dà‑bhliadhna-dheug: ann an Tirsah rìghich e sia bliadhna.
24. Agus cheannaich e sliabh Shamaria o Shemer air dà thàlann airgid, agus thog e aitreabh air an t‑sliabh, agus ghoir e ainm a’ bhaile a thog e, a rèir ainm Shemeir, sealbhadair sliabh Shamaria.
25. Ach rinn Omri olc ann an sùilean an Tighearna, agus rinn e na bu mhiosa na iadsan uile a bha roimhe:
26. Oir ghluais e ann an uile shlighean Ierobòaim mhic Nebait, agus na pheacadh leis an tug e air Israel peacachadh, a’ brosnachadh an Tighearna Dia Israeil gu feirg len dìomhanais.
27. Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Omri, a rinn e, agus a neart a dh’fheuch e, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Israeil?
28. Agus chaidil Omri maille ra athraichean, agus dh’adhlaiceadh e ann an Samaria: agus rìghich Ahab a mhac na àite.
29. Agus thòisich Ahab mac Omri air rìoghachadh os cionn Israeil anns an ochdamh-bliadhna-deug ar fhichead de Asa rìgh Iùdah: agus rìghich Ahab mac Omri os cionn Israeil ann an Samaria, dà bhliadhna ar fhichead.
30. Agus rinn Ahab mac Omri olc ann an sùilean an Tighearna, os cionn nan uile a bha roimhe.
31. Agus mar gum bu nì faoin dhàsan gluasad ann am peacaidhean Ierobòaim mhic Nebait, ghabh e na mnaoi Iesebel, nighean Etbaail, rìgh nan Sìdonach, agus chaidh e agus rinn e seirbhis do Bhàal, agus shleuchd e dha.
32. Agus chuir e suas altair do Bhàal ann an taigh Bhàail, a thog e ann an Samaria.
33. Agus rinn Ahab doire; agus rinn Ahab na bu mhò a bhrosnachadh an Tighearna, Dia Israeil, gu feirg na uile rìghrean Israeil a bha roimhe.
34. Na làithean-san thog Hiel am Beteleach Iericho: ann an Abiram a chiad-ghin shuidhich e a bhunait, agus ann an Segub a mhac a b’òige chuir e suas a gheatachan, a rèir facal an Tighearna, a labhair e le làimh Iosua mhic Nuin.

Salm 69:22-28
22. Biodh am bòrd fan comhair mar ribe, agus an soirbheachadh mar cheap-tuislidh dhaibh.
23. Dorchaichear an sùilean a‑chum nach faic iad; agus thoir air an leasraidh a‑ghnàth a bhith air chrith.
24. Dòirt d’fhearg orra, agus glacadh do chorraich gheur iad.
25. Biodh an àite-tàimh fàs; nam pàilleanan na gabhadh neach còmhnaidh!
26. Oir gheur-lean iad an tì a bhuail thusa, agus labhair iad a‑chum doilgheis dhaibhsan a lot thu.
27. Cuir euceart rin euceart, agus na tigeadh iad a‑steach ad fhìreantachd-sa.
28. Dubh a‑mach iad à leabhar nam beò, agus maille ris na fìreanan na sgrìobhar iad.

Gnàth-fhacal 17:25-26
25. Tha am mac amaideach na dhoilgheas da athair, agus na shearbhas dhise a rug e.
26. Mar an ceudna chan eil e math peanas a dhèanamh air an fhìrean, no àrd-uaislean a bhualadh airson ceartais.

Eòin 13:1-20
1. A‑nis ro fhèill na càisge, air do Iosa fios a bhith aige gu robh a uair air teachd, anns an rachadh e as an t‑saoghal seo a‑chum an Athar, air dha a mhuinntir fhèin a bha anns an t‑saoghal a ghràdhachadh, ghràdhaich e gu crìch iad.
2. Agus nuair a bha an t‑suipear thairis (air don diabhal a‑nis a chur ann an cridhe Iùdais Iscarioit, mac Shìmoin, esan a bhrath),
3. Air do fhios a bhith aig Iosa gun tug an t‑Athair na h‑uile nithean na làmhan, agus gur ann o Dhia a thàinig e, agus gur ann a dh’ionnsaigh Dhè a bha e a’ dol;
4. Dh’èirich e on t‑suipeir, agus chuir e dheth a fhallaing, agus ghlac e làmh-anart, agus cheangail e uime e.
5. Na dhèidh sin, thaom e uisge ann an soitheach-ionnlaid, agus thòisich e air casan nan deisciobal ionnlad, agus an tiormachadh leis an làmh-anart a bha ceangailte uime.
6. An sin thàinig e gu Sìmon Peadar: agus thubhairt esan ris, A Thighearna, a bheil thusa ag ionnlad mo chasan-sa?
7. Fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, An nì seo a tha mi a’ dèanamh chan aithne dhutsa a‑nis; ach bidh fhios agad air an dèidh seo.
8. Thubhairt Peadar ris, Cha nigh thu mo chasan-sa gu bràth. Fhreagair Iosa e, Mura nigh mi thu, chan eil cuid agad maille rium.
9. Thubhairt Sìmon Peadar ris, A Thighearna, chan iad mo chasan a‑mhàin, ach mar an ceudna mo làmhan agus mo cheann.
10. Thubhairt Iosa ris, An tì a tha air ionnlad, chan eil feum aige ach a chasan ionnlad, ach tha e gu h‑iomlan glan: agus tha sibhse glan, ach chan eil sibh uile glan.
11. Oir bha fhios aige cò a bhrathadh e; uime sin thubhairt e, Chan eil sibh uile glan.
12. An sin, an dèidh dha an casan ionnlad, agus a fhallaing a ghabhail da ionnsaigh, shuidh e a‑rìs, agus thubhairt e riu, A bheil fhios agaibh ciod a rinn mi dhuibh?
13. Tha sibh a’ gairm Maighistir agus Tighearna dhìomsa: agus tha sibh ag ràdh gu math; oir is mi sin.
14. Uime sin ma dh’ionnlaid mise, ur Tighearna agus ur Maighistir, ur casan-se, is còir dhuibhse mar an ceudna casan a chèile ionnlad.
15. Oir thug mi eisempleir dhuibh, a‑chum mar a rinn mise dhuibh, gun dèanadh sibhse mar an ceudna.
16. Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, cha mhò an t‑òglach na a mhaighistir, agus cha mhò an teachdaire na an tì a chuir uaithe e.
17. Mas aithne dhuibh na nithean seo, is beannaichte sibh ma nì sibh iad.
18. Chan eil mi a’ labhairt oirbh uile: is aithne dhomh cò a thagh mi: ach is èiginn an sgriobtar a choileanadh, An tì a tha ag ithe arain maille rium, thog e a shàil am aghaidh.
19. A‑nis tha mi ag ràdh seo ribh mun tig e gu crìch, a‑chum nuair a thàrlas e, gun creid sibh gur mise e.
20. Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, an tì a ghabhas ri neach sam bith a chuireas mise uam, gabhaidh e riumsa; agus an tì a ghabhas riumsa, gabhaidh e ris an tì a chuir uaithe mi.