A A A A A
Bible in one year
June 28

1 Eachdraidh 19:1-19
1. Agus an dèidh seo fhuair Nahas rìgh chloinn Amoin bàs, agus rìghich a mhac na àite.
2. Agus thubhairt Daibhidh, Nochdaidh mi coibhneas do Hanun mac Nahais, a chionn gun do nochd a athair-san coibhneas dhòmhsa. Uime sin chuir Daibhidh teachdairean gu comhfhurtachd a thoirt dha mu thimcheall a athar: agus thàinig seirbhisich Dhaibhidh do fhearann chloinn Amoin gu Hanun, a‑chum comhfhurtachd a thabhairt dha.
3. Ach thubhairt ceannardan chloinn Amoin ri Hanun, An saoil thusa gur ann a‑chum urram a thabhairt dod athair a chuir Daibhidh ad ionnsaigh luchd-comhfhurtachd? Nach ann a rannsachadh, agus a ghabhail beachd air an fhearann, agus ga sgrios, a thàinig a sheirbhisich ad ionnsaigh?
4. Uime sin ghlac Hanun seirbhisich Dhaibhidh, agus bheàrr e iad, agus gheàrr e an aodach anns a’ mheadhon, gu ruig am màsan; agus chuir e air falbh iad.
5. Agus chaidh daoine, agus dh’innis iad do Dhaibhidh mar a bhuineadh ris na fir; agus chuir esan teachdairean nan coinneamh, a chionn gu robh nàire mhòr air na daoine: agus thubhairt an rìgh, Fanaibh ann an Iericho gus am fàs ur feusag, agus an sin tillibh.
6. Agus nuair a chunnaic clann Amoin gun do rinn iad iad fhèin gràineil do Dhaibhidh, chuir Hanun agus clann Amoin mìle tàlann airgid a thuarasdalachadh charbad agus marc-shluaigh dhaibh à Mesopotamia, agus à Siria-maachah, agus à Sobah.
7. Agus thuarasdalaich iad dà‑mhìle-dheug ar fhichead fear, agus carbadan, agus rìgh Mhaachah agus a shluagh; agus thàinig iadsan agus champaich iad fa chomhair Mhedeba. Agus chruinnich clann Amoin iad fhèin an ceann a chèile as am bailtean, agus thàinig iad a‑chum catha.
8. Agus nuair a chuala Daibhidh sin, chuir e a‑mach Ioab, agus uile fheachd nan daoine treuna.
9. Agus thàinig clann Amoin a‑mach, agus chuir iad an cath ann an òrdagh fa chomhair geata a’ bhaile: agus bha na rìghrean a thàinig leo fhèin anns a’ mhachair.
10. Agus nuair a chunnaic Ioab gu robh aghaidh a’ chatha ris air a bheulaibh agus air a chùlaibh, thagh e a‑mach cuid de uile dhaoine taghte Israeil, agus chuir e ann an òrdagh catha iad an aghaidh nan Sirianach.
11. Agus a’ chuid eile den t‑sluagh thug e thairis do làimh Abisai a bhràthair, agus chuir iadsan iad fhèin an òrdagh an aghaidh chloinn Amoin.
12. Agus thubhairt e, Ma bhios na Sirianaich nas treasa na mise, an sin cuidichidh tusa leamsa: ach ma bhios clann Amoin nas treasa na thusa, an sin cuidichidh mise leatsa.
13. Bi misneachail, agus bitheamaid gaisgeil airson ar sluaigh, agus airson bailtean ar Dè: agus dèanadh an Tighearna an nì a tha math na shùilean.
14. Agus thàinig Ioab am fagas, agus an sluagh a bha maille ris, an aghaidh nan Sirianach gu cath; agus theich iad roimhe.
15. Agus nuair a chunnaic clann Amoin gun do theich na Sirianaich, theich iadsan mar an ceudna ro Abisai a bhràthair, agus chaidh iad a‑steach don bhaile. An sin thàinig Ioab gu Ierusalem.
16. Agus nuair a chunnaic na Sirianaich gun do bhuaileadh iad ro Israel, chuir iad teachdairean uapa, agus thug iad a‑mach na Sirianaich a bha air an taobh thall den abhainn; agus chaidh Sophach ceannard armailt Hadareseir romhpa.
17. Agus nuair a dh’innseadh sin do Dhaibhidh, chruinnich e Israel uile, agus chaidh e thar Iòrdan, agus thàinig e orra, agus chuir e an cath ann an òrdagh nan aghaidh. Agus nuair a chuir Daibhidh an cath ann an òrdagh an aghaidh nan Sirianach, chog iad ris.
18. Agus theich na Sirianaich ro Israel; agus mharbh Daibhidh de na Sirianaich fir seachd mìle carbad, agus dà‑fhichead mìle coisiche, agus mharbh e Sophach ceannard na h‑armailte.
19. Agus nuair a chunnaic seirbhisich Hadareseir gun do bhuaileadh iad ro Israel, rinn iad sìth ri Daibhidh, agus rinn iad seirbhis dha: agus cha chuidicheadh na Sirianaich le cloinn Amoin tuilleadh.

1 Eachdraidh 20:1-8
1. Agus aig teachd mun cuairt na bliadhna, mun àm anns an tèid rìghrean a‑mach gu cogadh, tharraing Ioab a‑mach neart an airm, agus chuir e fàs dùthaich chloinn Amoin, agus thàinig e agus theannaich e Rabah (ach dh’fhan Daibhidh ann an Ierusalem); agus bhuail Ioab Rabah, agus sgrios e e.
2. Agus thug Daibhidh crùn an rìgh bhàrr a chinn, agus fhuair e cudthrom tàlainn òir ann, agus bha clachan luachmhor ann; agus chuireadh e air ceann Dhaibhidh; agus thug e a‑mach ro‑mhòran creiche as a’ bhaile.
3. Agus thug e a‑mach an sluagh a bha ann, agus gheàrr e iad le sàibh, agus le innealan-bualaidh iarainn, agus le tuaghan: agus mar seo bhuin Daibhidh ri uile bhailtean chloinn Amoin. Agus thill Daibhidh agus an sluagh uile gu Ierusalem.
4. Agus na dhèidh seo dh’èirich cogadh ann an Gèser ris na Philistich: an sin bhuail Sibechai an Husatach Sipai a bha de shliochd an fhamhair; agus cheannsaicheadh iad.
5. Agus bha a‑rìs cogadh ris na Philistich, agus bhuail Elhanan mac Iair Lahmi, bràthair Gholiath an Giteach, aig an robh crann a shleagha mar gharman figheadair.
6. Agus bha fhathast cogadh ann an Gat, far an robh fear de mheudachd mhòir, agus sia meòir aige air gach làimh, agus sia air gach cois, ceithir-ar‑fhichead an àireamh: agus rugadh esan mar an ceudna don fhamhair.
7. Ach nuair a thug e dùbhlan do Israel, mharbh Ionatan mac Shimea, bràthair Dhaibhidh, e.
8. Rugadh iad sin don fhamhair ann an Gat; agus thuit iad le làimh Dhaibhidh, agus le làimh a sheirbhiseach.

Salm 78:26-33
26. Thug e air gaoith an ear imeachd anns na nèamhan, agus le a neart thug e a‑steach a’ ghaoth a deas.
27. Agus fhras e a‑nuas feòil orra mar dhuslach, agus eunlaith iteagach mar ghaineamh na fairge.
28. Agus thug e orra tuiteam am meadhon an campa, mu thimcheall an àitean-còmhnaidh.
29. Agus dh’ith iad, agus làn-shàsaicheadh iad, oir thug e dhaibh am miann fhèin.
30. Cha robh iad air an sgarachdainn om miann; fhathast bha am biadh nam beul.
31. An sin thàinig fearg Dhè orra, agus mharbh e iadsan a bu shultmhoire dhiubh, agus leag e sìos daoine taghte Israeil.
32. An dèidh seo gu lèir, pheacaich iad fhathast, agus cha do chreid iad airson a obraichean iongantach-san.
33. Uime sin chaith e an làithean ann an dìomhanas, agus am bliadhnachan ann an uamhas.

Gnàth-fhacal 19:27-29
27. Sguir, a mhic, a dh’èisdeachd ris an teagasg a chuireas air seachran o bhriathran an eòlais.
28. Nì fianais aingidh tarcais air breitheanas; agus sluigidh beul dhroch dhaoine euceart.
29. Dh’ullaicheadh breitheanais do luchd-fochaid, agus buillean do dhruim nan amadan.

Gnìomharan 8:26-40
26. Agus labhair aingeal an Tighearna ri Philip, ag ràdh, Eirich agus imich a‑chum na h‑àird a deas, a‑chum na slighe a tha a’ dol sìos o Ierusalem gu Gàsa, a tha na fhàsach.
27. Agus dh’èirich e, agus dh’imich e: agus, feuch, duine àraidh, caillteanach o Etiopia, aig an robh mòr-ùghdarras fo Chandace, bànrighinn na h‑Etiopia, agus a bha os cionn a h‑ionmhais uile, agus a bha air teachd gu Ierusalem a‑chum adhradh a dhèanamh,
28. Bha e a’ tilleadh air ais, agus na shuidhe na charbad, agus bha e a’ leughadh an fhàidh Esaias.
29. An sin thubhairt an Spiorad ri Philip, Imich am fagas, agus druid ris a’ charbad seo.
30. Agus ruith Philip da ionnsaigh, agus chuala e e a’ leughadh an fhàidh Esaias, agus thubhairt e, A bheil thu a’ tuigsinn nan nithean a tha thu a’ leughadh?
31. Agus thubhairt esan, Cionnas as urrainn mi, mura seòl neach-eigin mi? Agus dh’iarr e air Philip teachd a‑nìos, agus suidhe maille ris.
32. A’ chuibhreann den sgriobtar a bha e a’ leughadh, b’i seo i: Thugadh e mar chaora a‑chum marbhaidh; agus mar uan a tha na thosd am fianais an fhir-lomairt, mar sin cha d’fhosgail e a bheul:
33. Na ìsleachadh thugadh a bhreitheanas air falbh: agus cò a nochdas a ghinealach? Oir thogadh a bheatha on talamh.
34. Agus fhreagair an caillteanach, agus thubhairt e ri Philip, Guidheam ort, cò uime a tha am fàidh ag ràdh seo, uime fhèin, no mu neach-eigin eile?
35. An sin dh’fhosgail Philip a bheul, agus a’ tòiseachadh on sgriobtar sin, shearmonaich e Iosa dha.
36. Agus nuair a dh’imich iad air an t‑slighe, thàinig iad gu uisge àraidh: agus thubhairt an caillteanach, Feuch, uisge; ciod a tha a’ bacadh mise a bhith air mo bhaisteadh?
37. Agus thubhairt Philip, Ma tha thu a’ creidsinn led uile chridhe, faodaidh tu. Agus fhreagair e agus thubhairt e, Tha mi a’ creidsinn gur e Iosa Crìosd Mac Dhè.
38. Agus dh’àithn e an carbad a sheasamh: agus chaidh iad sìos le chèile don uisge, araon Philip agus an caillteanach; agus bhaist e e.
39. Agus nuair a thàinig iad a‑nìos as an uisge, thug Spiorad an Tighearna Philip leis, agus chan fhaca an caillteanach tuilleadh e: agus dh’imich e air aghaidh le gàirdeachas.
40. Ach fhuaireadh Philip ann an Asotos: agus shearmonaich e anns na bailtean uile, a’ dol tron dùthaich, gus an tàinig e gu Cesarèa.