A A A A A
Bible in one year
June 26

1 Eachdraidh 15:1-29
1. Agus rinn Daibhidh dha fhèin taighean ann am baile Dhaibhidh, agus dh’ullaich e àite do àirc Dhè, agus shuidhich e bùth dhi.
2. An sin thubhairt Daibhidh, Cha chòir do neach air bith àirc Dhè iomchar, ach do na Lèbhithich: oir iadsan roghnaich an Tighearna gu àirc Dhè iomchar, agus gu frithealadh dha gu bràth.
3. Agus chruinnich Daibhidh Israel uile an ceann a chèile gu Ierusalem, gu àirc an Tighearna a thoirt suas a dh’ionnsaigh a h‑àite, a dh’ullaich e air a son.
4. Agus chruinnich Daibhidh mic Aaroin agus na Lèbhithich:
5. De mhic Chohait: Uriel an ceann, agus a bhràithrean ceud agus fichead.
6. De mhic Mherari: Asaiah an ceann, agus a bhràithrean dà cheud agus fichead.
7. De mhic Ghersoim: Ioel an ceann, agus a bhràithrean ceud agus deich-ar‑fhichead.
8. De mhic Elisaphain: Semaiah an ceann, agus a bhràithrean dà cheud.
9. De mhic Hebroin: Eliel an ceann, agus a bhràithrean ceithir fichead.
10. De mhic Udsieil: Aminadab an ceann, agus a bhràithrean ceud agus dà‑fhear-dheug.
11. Agus ghairm Daibhidh air Sadoc agus Abiatar na sagartan, agus air na Lèbhithich, air Uriel, Asaiah agus Ioel, Sedmaiah, agus Eliel, agus Aminadab,
12. Agus thubhairt e riu, Is sibhse cinn athraichean nan Lèbhitheach: naomhaichibh sibh fhèin, sibhse agus ur bràithrean, a‑chum gun toir sibh suas àirc an Tighearna Dia Israeil, a dh’ionnsaigh an àit a dh’ullaich mise dhi:
13. Oir a chionn nach robh sibh a làthair roimhe, rinn an Tighearna ar Dia briseadh oirnn, do bhrìgh nach d’iarr sinn e air mhodh dligheach.
14. Uime sin naomhaich na sagartan agus na Lèbhithich iad fhèin, a thabhairt suas àirc an Tighearna Dia Israeil.
15. Agus ghiùlain mic nan Lèbhitheach àirc Dhè air an guaillean, leis na lunnan orra, mar a dh’àithn Maois a rèir facal an Tighearna.
16. Agus labhair Daibhidh ri uachdarain nan Lèbhitheach, am bràithrean òrdachadh a bhith nan luchd-ciùil le innealan-ciùil, saltairean, agus clàrsaichean, agus ciombalan, a’ dèanamh fuaim, a’ togail suas a’ ghutha le aoibhneas.
17. Uime sin dh’òrdaich na Lèbhithich Heman mac Ioeil; agus de a bhràithrean, Asaph mac Bherechiah; agus de mhic Merari am bràithrean, Etan mac Chusaiah:
18. Agus maille riu am bràithrean den dara ceum, Sechariah, Ben, agus Iaasiel, agus Semiramot, agus Iehiel, agus Uni, Eliab, agus Benaiah agus Maaseiah, agus Matitiah, agus Elipheleh, agus Micneiah, agus Obed-edom, agus Ieiel, na dorsairean.
19. Agus bha an luchd-ciùil, Hemen, Asaph, agus Etan, gu fuaim a dhèanamh le ciombalan umha;
20. Agus Sechariah, agus Asiel, agus Semiramot, agus Iehiel, agus Uni, agus Eliab, agus Maaseiah, agus Benaiah, le saltairean air Alamot;
21. Agus Matitiah, agus Elipheleh, agus Micneiah, agus Obed-edom, agus Ieiel, agus Asasiah, le clàrsaichean air Seminit a thoirt barrachd.
22. Agus bha Cenaniah, uachdaran de na Lèbhithich, fa chomhair na laoidh: sheòl e mu thimcheall na laoidh, a chionn gu robh e eòlach.
23. Ach bha Berechiah agus Elcanah nan dorsairean don àirc.
24. Agus bha Sebaniah, agus Iehosaphat, agus Netaneel, agus Amasai, agus Sechariah, agus Benaiah, agus Elièser na sagartan, a’ sèideadh leis na trompaidean ro àirc Dhè: agus bha Obed-edom agus Iehiah nan luchd-gleidhidh doras na h‑àirce.
25. Mar sin chaidh Daibhidh agus seanairean Israeil, agus na ceannardan mhìltean, a thoirt suas àirc coicheangal an Tighearna à taigh Obed-edoim le aoibhneas.
26. Agus nuair a chuidich Dia leis na Lèbhithich a ghiùlain àirc coicheangal an Tighearna, dh’ìobair iad seachd tairbh òga agus seachd reitheachan.
27. Agus bha Daibhidh sgeadaichte le fallaing de anart grinn, agus na Lèbhithich uile a bha a’ giùlan na h‑àirce, agus an luchd-ciùil, agus Chenaniah, an t‑àrd fhear-seinn, am measg an luchd-ciùil: air Daibhidh mar an ceudna bha èphod anairt.
28. Mar seo thug Israel uile suas àirc coicheangal an Tighearna le iolaich, agus le fuaim a’ bhuabhaill, agus le trompaidean, agus le ciombalan, a’ dèanamh co‑sheirm le saltairean agus clàrsaichean.
29. Agus nuair a thàinig àirc coicheangal an Tighearna a‑steach do bhaile Dhaibhidh, bha Michal nighean Shauil ag amharc a‑mach air uinneig, agus chunnaic i rìgh Daibhidh a’ dannsa agus a’ cluich; agus rinn i tàir air na cridhe.

1 Eachdraidh 16:1-43
1. Agus thug iad a‑steach àirc Dhè, agus chuir iad i ann am meadhon a’ bhùtha a shuidhich Daibhidh air a son: agus thug iad seachad ìobairtean-loisgte agus ìobairtean-sìth am fianais Dhè.
2. Agus nuair a chuir Daibhidh crìoch air na h‑ìobairtean-loisgte a thoirt suas, agus na h‑ìobairtean-sìth, bheannaich e an sluagh ann an ainm an Tighearna.
3. Agus roinn e air gach aon de Israel, eadar fhir agus mhnathan, do gach aon, buileann arain, agus mìr math feòla, agus cupan fìona.
4. Agus dh’òrdaich e cuid de na Lèbhithich a fhrithealadh ro àirc an Tighearna, agus a chur air chuimhne agus a thoirt buidheachais agus cliù don Tighearna Dia Israeil:
5. Aspah an ceann, agus na dhèidh-san Sechariah, an sin Ieiel, agus Semiramot, agus Ieheil, agus Matitiah, agus Eliab, agus Benaiah, agus Obed-edom; agus Ieiel le saltairean agus clàrsaichean; agus Asaph le ciombalan a’ dèanamh fuaim:
6. Benaiah mar an ceudna agus Iahasiel na sagartan, le trompaidean a‑ghnàth ro àirc coicheangal Dhè.
7. An sin air an là sin, thug Daibhidh seachad a’ chiad uair an laoidh mholaidh seo don Tighearna, ann an làimh Asaiph agus a bhràithrean:
8. Molaibh an Tighearna, gairmibh air a ainm, dèanaibh a ghnìomharan aithnichte am measg nan sluagh.
9. Seinnibh dhàsan, seinnibh salm dha, labhraibh air a uile obraichean iongantach-san.
10. Dèanaibh-se uaill na ainm naomh: dèanadh cridhe na muinntir a tha ag iarraidh an Tighearna gàirdeachas.
11. Iarraibh an Tighearna agus a neart, iarraibh a ghnùis a‑ghnàth.
12. Cuimhnichibh a obraichean iongantach a rinn e, a chomharraidhean agus breitheanais a bheòil;
13. O sibhse a shliochd Israeil, a òglaich-san, sibhse a chlann Iàcoib, a dhaoine taghte-san.
14. Is esan an Tighearna ar Dia-ne; air feadh na talmhainn uile tha a bhreitheanais-san.
15. Cuimhnichibh an còmhnaidh a choicheangal, am facal a dh’àithn e do mhìle ginealach;
16. A rinn e ri Abrahàm, agus a mhionnan do Isaac:
17. Agus dhaingnich e sin do Iàcob mar lagh, do Israel mar choicheangal bithbhuan,
18. Ag ràdh, Dhutsa bheir mi fearann Chanàain, crannchur ur n‑oighreachd;
19. Nuair nach robh iad ach ro‑thearc ann an àireamh, agus nan coigrich ann,
20. Agus a chaidh iad o chinneach gu cinneach, agus o rìoghachd gu sluagh eile;
21. Cha do leig e le duine sam bith eucoir a dhèanamh orra; agus smachdaich e rìghrean air an son,
22. Ag ràdh, Na beanaibh rim dhaoine ungte, agus air m’fhàidhean na dèanaibh cron sam bith.
23. Seinnibh don Tighearna, gach uile thìr; foillsichibh o là gu là a shlàinte.
24. Cuiribh a ghlòir an cèill am measg nan cinneach; a obraichean iongantach am measg nan uile shluagh:
25. Oir is mòr an Tighearna, agus ro‑airidh air cliù: agus is adhbhar eagail esan os cionn nan uile dhiathan:
26. Oir is iodhalan uile dhiathan nan cinneach; ach is e an Tighearna a rinn na nèamhan.
27. Tha glòir agus mòralachd na làthair; neart agus subhachas na ionad-san.
28. Thugaibh don Tighearna, sibhse fhineachan nan sluagh, thugaibh don Tighearna urram agus neart.
29. Thugaibh don Tighearna an t‑urram as cubhaidh da ainm: thugaibh tabhartas leibh, agus thigibh na làthair; sleuchdaibh don Tighearna ann am maise na naomhachd.
30. Biodh eagal oirbh na fhianais-san, gach uile thìr: daingnichear an domhan leis, air chor is nach gluaisear e.
31. Biodh na nèamhan ait, agus dèanadh an talamh gàirdeachas; agus abradh iad am measg nan cinneach, Tha an Tighearna a’ rìoghachadh.
32. Beucadh an fhairge, agus a làn; dèanadh a’ mhachair gàirdeachas, agus gach nì a tha innte.
33. An sin seinnidh craobhan na coille gu h‑àrd-ghuthach an làthair an Tighearna, a chionn gu bheil e a’ teachd a thoirt breith air an talamh.
34. Molaibh an Tighearna, oir tha e math; oir gu bràth mairidh a thròcair.
35. Agus abraibh-se, Tèarainn sinn, O Dhè ar slàinte, agus cruinnich ri chèile sinn, agus saor sinn o na cinnich, a‑chum gun toir sinn moladh dod ainm naomh-sa, agus gun dèan sinn uaill ann ad chliù.
36. Beannaichte gu robh an Tighearna Dia Israeil gu saoghal nan saoghal. Agus thubhairt an sluagh uile, Amen, agus chliùthaich iad an Tighearna.
37. Agus dh’fhàg e an sin fa chomhair àirc choicheangal an Tighearna, Asaph agus a bhràithrean, a fhrithealadh air beulaibh na h‑àirce an còmhnaidh, mar a dh’iarradh obair gach là:
38. Agus Obed-edom, agus am bràithrean, ochd agus trì-fichead: Obed-edom mar an ceudna, mac Iedutuin, agus Hosah, nan dorsairean:
39. Agus Sadoc an sagart, agus a bhràithrean na sagartan, fa chomhair pàillean an Tighearna, anns an àit àrd a bha ann an Gibeon,
40. A dh’ìobradh ìobairtean-loisgte don Tighearna air altair na h‑ìobairt-loisgte a‑ghnàth, anns a’ mhadainn agus anns an fheasgar, agus a dhèanamh a rèir gach nì a tha sgrìobhte ann an lagh an Tighearna, a dh’àithn e do Israel:
41. Agus maille riùsan Heman agus Iedutun, agus a’ chuid eile a thaghadh, a ghairmeadh air an ainmean, a thoirt cliù don Tighearna, a chionn gu bheil a thròcair bithbhuan:
42. Eadhon maille riùsan Heman agus Iedutun le trompaidean, agus le ciombalan, a’ dèanamh fuaim, agus le innealan-ciùil Dhè: agus bha mic Iedutuin nan dorsairean.
43. Agus dh’fhalbh an sluagh uile, gach duine da thaigh fhèin: agus thill Daibhidh a bheannachadh a thaighe fhèin.

Salm 78:12-16
12. An làthair an athraichean rinn e nithean iongantach, ann an tìr na h‑Eiphit, ann am machair Shòain.
13. Sgoilt e an fhairge, agus thug e iadsan thairis, agus thug e air na h‑uisgeachan seasamh mar thòrr.
14. Agus stiùir e iad le neul anns an là, agus air feadh na h‑oidhche le solas teine.
15. Sgoilt e na creagan anns an fhàsach, agus thug e deoch dhaibh, mar a doimhneachdan mòra.
16. Agus thug e sruthan a‑mach as a’ charraig, agus thug e air uisgeachan ruith sìos mar aibhnichean.

Gnàth-fhacal 19:22-24
22. Is e tlachd duine a choibhneas; agus is fheàrr duine bochd na breugaire.
23. Treòraichidh eagal an Tighearna gu beatha, agus gheibh esan a bhios air a lìonadh leis fois; chan fhiosraichear le olc e.
24. Falaichidh an leisgean a làmh na bhroilleach; uiread is a‑chum a bheòil cha tabhair e i a‑rìs.

Gnìomharan 7:44-60
44. Bha pàillean na fianais aig ar n‑athraichean anns an fhàsach, a rèir mar a dh’àithn an tì a labhair ri Maois gun dèanadh e e a rèir an t‑samhlaidh a chunnaic e.
45. An nì a thug mar an ceudna ar n‑athraichean, a bha nan dèidh, a‑steach maille ri Iosa do sheilbh nan Cinneach, a thilg Dia a‑mach ro ghnùis ar n‑athraichean, gu làithean Dhaibhidh;
46. Neach a fhuair deagh-ghean am fianais Dhè, agus a dh’iarr pàillean fhaotainn do Dhia Iàcoib.
47. Ach thog Solamh taigh dha.
48. Gidheadh chan eil an Tì as àirde a’ gabhail còmhnaidh ann an teampaill làmh-dhèante; mar tha am fàidh ag ràdh,
49. Is e nèamh mo rìgh-chathair, agus an talamh stòl mo chas: ciod an taigh a thogas sibh dhomh, tha an Tighearna ag ràdh, no ciod e ionad mo thàimh?
50. Nach do rinn mo làmh na nithean seo uile?
51. A dhaoine rag-mhuinealach, agus neo-thimcheall-gheàrrte ann an cridhe agus ann an cluasan, tha sibh a‑ghnàth a’ cur an aghaidh an Spioraid Naoimh: mar a rinn ur n‑athraichean, mar sin tha sibhse a’ dèanamh.
52. Cò de na fàidhean air nach do rinn ur n‑athraichean geur-leanmhainn? Agus mharbh iad iadsan a ro‑fhoillsich teachd an Fhìrein ud; air an robh sibhse a‑nis nur luchd-brathaidh, agus nur mortairean:
53. Sibhse a fhuair an lagh le frithealadh nan aingeal, agus nach do choimhead e.
54. Nuair a chuala iad na nithean sin, bha iad air an gonadh nan cridhe, agus chas iad am fiaclan ris.
55. Ach air dhàsan a bhith làn den Spiorad Naomh, dh’amhairc e gu geur suas gu nèamh, agus chunnaic e glòir Dhè, agus Iosa na sheasamh air deaslàimh Dhè;
56. Agus thubhairt e, Feuch, tha mi a’ faicinn nan nèamh fosgailte, agus Mac an Duine na sheasamh air deaslàimh Dhè.
57. An sin ghlaodh iadsan le guth mòr, agus dhruid iad an cluasan, agus leum iad air a dh’aon inntinn,
58. Agus air dhaibh a thilgeadh a‑mach as a’ bhaile, chlach iad e: agus thilg na fianaisean an aodach sìos aig casan òganaich, dom b’ainm Saul.
59. Agus chlach iad Stèphen, agus e a’ gairm air Crìosd, agus ag ràdh, A Thighearna Iosa, glac mo spiorad.
60. Agus air dha e fhèin a leigeadh air a ghlùinean, ghlaodh e le guth mòr, A Thighearna, na cuir am peacadh seo as an leth. Agus air dha seo a ràdh, chaidil e.