A A A A A
Bible in one year
June 24

1 Eachdraidh 11:1-46
1. An sin chruinnich Israel uile iad fhèin a dh’ionnsaigh Dhaibhidh gu Hebron, ag ràdh, Feuch is sinne do chnàimh agus d’fheòil.
2. Agus a bhàrr air seo, anns an ùine a chaidh seachad, eadhon nuair a bha Saul na rìgh, bu tusa a threòraich a‑mach agus a thug a‑steach Israel; agus thubhairt an Tighearna do Dhia riut, Beathaichidh tusa mo shluagh Israel, agus bidh tu ad cheannard air mo shluagh Israel.
3. Agus thàinig uile sheanairean Israeil a dh’ionnsaigh an rìgh gu Hebron; agus rinn Daibhidh coicheangal riu ann an Hebron am fianais an Tighearna: agus dh’ung iad Daibhidh na rìgh air Israel, a rèir facal an Tighearna, le làimh Shamueil.
4. Agus chaidh Daibhidh agus Israel uile gu Ierusalem (is e sin Iebus), far an robh na h‑Iebusaich, luchd-àiteachaidh an fhearainn.
5. Agus thubhairt luchd-àiteachaidh Iebuis ri Daibhidh, Cha tig thu an seo. Gidheadh, ghlac Daibhidh tùr Shioin; is e sin baile Dhaibhidh.
6. Agus thubhairt Daibhidh, Ge bè a bhuaileas na h‑Iebusaich an toiseach, bidh esan na cheannard agus na uachdaran. Agus chaidh Ioab, mac Sheruiah, suas an toiseach, agus bha e na cheannard.
7. Agus ghabh Daibhidh còmhnaidh anns an tùr; uime sin thug iad baile Dhaibhidh mar ainm air.
8. Agus thog e am baile mun cuairt, eadhon o Mhilo mun cuairt: agus chuir Ioab suas a‑rìs a’ chuid eile den bhaile.
9. Agus dh’fhàs Daibhidh na bu mhò, agus na bu mhò; oir bha Tighearna nan sluagh leis.
10. Agus is iad seo rogha nan daoine treuna a bha aig Daibhidh, a neartaich iad fhèin leis na rìoghachd, agus le Israel uile, gu rìgh a dhèanamh dheth, a rèir facal an Tighearna mu thimcheall Israeil.
11. Agus is e seo àireamh nan daoine treuna a bha aig Daibhidh; Iasobeam, mac Hachmoni, na cheann air triùir: thog esan a shleagh an aghaidh trì cheud, a mharbhadh leis anns an aon àm.
12. Agus na dhèidh-san bha Eleàsar, mac Dhodo, an t‑Ahohach: b’aon esan de na trì gaisgich.
13. Bha esan maille ri Daibhidh ann am Pas-damim, agus an sin bha na Philistich air cruinneachadh an ceann a chèile gu cath; far an robh dail fhearainn làn eòrna; agus theich an sluagh ro na Philistich.
14. Agus shuidhich iadsan iad fhèin am meadhon na dalach sin, agus dhìon iad i, agus mharbh iad na Philistich: agus shaor an Tighearna iad le saorsa mhòir.
15. A‑nis chaidh triùir de na deich-ceannardan-fichead sìos don charraig a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, gu uaimh Adullaim: agus champaich feachd nam Philisteach ann an gleann Rephaim.
16. Agus bha Daibhidh an sin anns an daingneach; agus bha freiceadan nam Philisteach an sin ann am Betlehem.
17. Agus mhiannaich Daibhidh, agus thubhairt e, O nach tugadh neach dhomh deoch uisge o thobar Bhetlehem, a tha aig a’ gheata!
18. Agus bhris an triùir tro fheachd nam Philisteach, agus tharraing iad uisge à tobar Bhetlehem a bha aig a’ gheata agus ghabh iad e, agus thug iad e gu Daibhidh: ach chan òladh Daibhidh e, ach thaom e a‑mach e don Tighearna.
19. Agus thubhairt e, Nar leigeadh mo Dhia dhomh gun dèanainn an nì seo: an òlainn-sa fuil nan daoine seo a chuir an anaman ann an cunnart? Oir le cunnart an anaman thug iad leo e: uime sin chan òladh e dheth. Na nithean sin rinn an triùir dhaoine treuna.
20. Agus bha Abisai, bràthair Ioaib, na cheann air triùir: agus thog e a shleagh an aghaidh trì cheud, a mharbh e; agus bha ainm aige am measg thriùir.
21. Den triùir b’e a b’urramaiche na an dithis, agus bha e na cheannard orra: gidheadh, cha do ràinig e gu ruig a’ chiad triùir.
22. Mharbh Benaiah, mac Iehoiada, mac duine gaisgeil o Chabseel, a rinn mòran ghnìomharan, mharbh esan dithis fhear leòmhannta de Mhòab: chaidh e sìos mar an ceudna, agus mharbh e leòmhann ann am meadhon sluic air là sneachda.
23. Agus mharbh e Eiphiteach, duine de mheudachd mhòir, còig làmhan-coille air àirde; agus ann an làimh an Eiphitich bha sleagh cosmhail ri garman figheadair: ach chaidh esan sìos da ionnsaigh le luirg, agus spìon e an t‑sleagh à làimh an Eiphitich, agus mharbh e le a shleagh fhèin e.
24. Na nithean sin rinn Benaiah mac Iehoiada, agus bha ainm aige am measg triùir dhaoine treuna.
25. Feuch, den triùir b’e a b’urramaiche, ach cha do ràinig e gu ruig a’ chiad triùir: agus chuir Daibhidh e os cionn a fhreiceadain.
26. Mar an ceudna b’iad daoine treuna nan armailt, Asahel bràthair Ioaib, Elhanan mac Dhodo o Bhetlehem,
27. Samot an Harorach, Heles am Pelonach,
28. Ira mac Iceis an Tecoach, Abieser an t‑Anatotach,
29. Sibecai an Husatach, Ilai an t‑Ahohach,
30. Maharari an Netophatach, Heled mac Bhaanah an Netophatach,
31. Itai mac Ribai o Ghibeah chloinn Bheniàmin, Benaiah am Piratonach,
32. Hurai o shruthan Ghaais, Abiel an t‑Arbatach,
33. Asmabhet am Baharumach, Eliabha an Saalbonach.
34. Mic Haseim an Gisonach: Ionatan mac Shage an Hararach,
35. Ahiam mac Shacair an Hararach, Eliphal mac Uir,
36. Hepher am Mecheratach, Ahiah am Pelonach,
37. Hesro an Carmeleach, Naarai mac Esbai,
38. Ioel bràthair Nàtain, Mibchar mac Hageri,
39. Selec an t‑Amonach, Naharai am Berotach, fear-iomchair arm Ioaib mhic Sheruiah,
40. Ira an t‑Itreach, Gareb, an t‑Itreach,
41. Uriah an Hiteach, Sabad mac Ahlai,
42. Adina mac Shisa an Reubeneach, ceannard de na Reubenich, agus deich-ar‑fhichead maille ris,
43. Hanan mac Mhaacah, agus Iosaphat am Mitneach,
44. Udsia an t‑Asteratach, Sama agus Iehiel mic Hotaim an t‑Aroerach,
45. Iediael mac Shimri, agus Ioha a bhràthair an Tidseach,
46. Eliel am Mahabhach, agus Ieribai agus Iosabhiah mic Elnaaim, agus Itmah am Mòabach,

1 Eachdraidh 12:1-40
1. A‑nis is iad seo iadsan a thàinig a dh’ionnsaigh Dhaibhidh gu Siclag, nuair a bha e fhathast ga chumail fhèin a‑staigh air eagal Shauil mhic Chis: agus bha iad am measg nam fear treuna, nan luchd-cuideachaidh anns a’ chogadh.
2. Bha iad armaichte le boghachan, agus teòma leis an làimh dheis agus chlì air clachan a thilgeadh, agus saighdean a bogha, eadhon de bhràithrean Shauil de Bheniàmin.
3. B’e Ahieser a bu bharraichte dhiubh, an sin Iòas, mic Shemaah an Gibeatach; agus Iesiel agus Pelet, mic Asmabheit; agus Beracha, agus Iehu an t‑Anatotach,
4. Agus Ismaiah an Gibeonach, duine treun am measg an deich-ar‑fhichead, agus os cionn an deich-ar‑fhichead; agus Ieremiah, agus Iehasiel, agus Iohanan; agus Iosabad an Gederatach,
5. Elusai, agus Ierimot, agus Bealiah, agus Semariah, agus Sephatiah an Haruphach,
6. Elcanah, agus Iesia, agus Asareel, agus Ioeser, agus Iasobeam, na Corhaich,
7. Agus Ioelah, agus Sebadiah, mic Ierobaim o Ghedor.
8. Agus de na Gadaich chaidh thairis a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, don daingneach anns an fhàsach, daoine treuna, fir-chogaidh iomchaidh a‑chum catha, dom b’aithne sgiath agus targaid a làimhseachadh, aig an robh an gnùisean mar ghnùisean leòmhann, agus iad cho luath ris na h‑èildean air na beanntan;
9. Eser an ciad fhear, Obadiah an dara, Eliab an treasa,
10. Mismanah an ceathramh, Ieremiah an còigeamh,
11. Atal siathamh, Eliel an seachdamh,
12. Iohanan an t‑ochdamh, Elsabad an naoidheamh,
13. Ieremiah an deicheamh, Machbanai an t‑aon-fhear-deug.
14. Bha iad sin de mhic Ghad nan ceannardan an t‑slòigh: an t‑aon a bu lugha dhiubh os cionn ceud, agus an t‑aon a bu mhò os cionn mìle.
15. Sin iadsan a chaidh thairis air Iòrdan anns a’ chiad mhìos, nuair a bha sruth a’ cur thairis air a bruachan uile; agus chuir iad an ruaig air muinntir nan gleann uile, a làimh na h‑àird an ear agus na h‑àird an iar.
16. Thàinig mar an ceudna cuid de chloinn Bheniàmin agus Iùdah don daingneach a dh’ionnsaigh Dhaibhidh.
17. Agus chaidh Daibhidh a‑mach nan coinneamh, agus fhreagair e, agus thubhairt e riu, Ma thàinig sibh gu sìochail am ionnsaigh-sa a chuideachadh leam, bidh mo chridhe leibh le aon rùn: ach ma thàinig sibh a‑chum mo bhrath dom naimhdean, nuair nach eil eucoir air bith am làmhan, gun amhairceadh Dia ar n‑athraichean air a sin, agus gun cronaicheadh e e.
18. An sin thàinig an spiorad air Amasai, am fear a b’inbhiche de na ceannardan, agus thubhairt e, Leatsa tha sinne, a Dhaibhidh, agus air do thaobh, a mhic Iese: sìth, sìth dhut, agus sìth dod luchd-cuideachaidh: oir tha do Dhia a’ còmhnadh leat. Agus ghabh Daibhidh iad, agus rinn e iad nan ceannardan na buidhne.
19. Agus chaidh cuid de Mhanaseh thairis a dh’ionnsaigh Dhaibhidh nuair a thàinig e leis na Philistich an aghaidh Shauil gu cath, ach cha do chuidich iad leo; oir, le comhairle, chuir tighearnan nam Philisteach air falbh e, ag ràdh, Le cunnart ar ceann-ne thèid e thairis a dh’ionnsaigh Shauil a thighearna.
20. Nuair a bha e a’ dol gu Siclag, chaidh thairis da ionnsaigh de Mhanaseh, Adnah, agus Iosabad, agus Iediael, agus Michael, agus Iosabed, agus Elihu, agus Siltai, cinn-fheadhna nam mìltean a bha de Mhanaseh.
21. Agus chuidich iad le Daibhidh an aghaidh buidheann nan creachadairean: oir bu daoine treuna iad uile, agus bha iad nan ceannardan anns an fheachd.
22. Oir mun àm sin là an dèidh là, thàinig iad a dh’ionnsaigh Dhaibhidh a chòmhnadh leis, gus an robh feachd mòr ann, mar fheachd Dhè.
23. Agus is e seo àireamh nan daoine armaichte a‑chum cogaidh, a thàinig a dh’ionnsaigh Dhaibhidh gu Hebron, a thionndadh rìoghachd Shauil da ionnsaigh-san a rèir facal an Tighearna:
24. Mic Iùdah, a ghiùlain sgiath agus sleagh, sia mìle agus ochd ceud, armaichte a‑chum cogaidh.
25. De mhic Shimeoin, fir threuna gu cogadh, seachd mìle agus ceud.
26. De mhic Lèbhi, ceithir mìle agus sia ceud.
27. Agus Iehoiada, ceannard nan Aaronach, agus maille ris trì mìle agus seachd ceud.
28. Agus Sadoc, òganach ro‑threun, agus de thaigh a athar dà cheannard ar fhichead.
29. Agus de mhic Bheniàmin, luchd-dàimh Shauil, trì mìle; oir fhathast bha a’ chuid a bu mhò dhiubh nam freiceadan air taigh Shauil.
30. Agus de mhic Ephraim, fichead mìle agus ochd ceud, fir threuna, ainmeil ann an taigh an athraichean.
31. Agus de leth-threubh Mhanaseh, ochd-mìle-deug, a dh’ainmicheadh air an ainmean, gu teachd a dhèanamh Dhaibhidh na rìgh.
32. Agus de mhic Isachair, aig an robh aithne air na h‑aimsirean, a thuigsinn ciod a bu chòir do Israel a dhèanamh, bu dà cheud an ceannardan; agus am bràithrean uile aig an òrdagh-san.
33. De Shebulun a mheud is a chaidh a‑mach gu cath, daoine teòma ann an cogadh, le uile innealan cogaidh, deich agus dà‑fhichead mìle, a chuideachadh Dhaibhidh gun cheilg nan cridhe.
34. Agus de Naphtali mìle ceannard, agus maille riùsan, le sgèith agus sleagh, seachd-mìle-deug ar fhichead.
35. Agus de na Danaich, teòma ann an cogadh, ochd-mìle-fichead agus sia ceud.
36. Agus de Aser, a mheud is a rachadh a‑mach gu cath, teòma ann an cogadh, dà‑fhichead mìle.
37. Agus air an taobh eile de Iòrdan, de na Reubenaich, agus de na Gadaich, agus de leth-threubh Mhanaseh, le uile innealan cogaidh a‑chum catha, ceud agus fichead mìle.
38. Na fir-chogaidh sin uile dom b’aithne dol an òrdagh blàir, le cridhe iomlan thàinig iad gu Hebron a dhèanamh Dhaibhidh na rìgh os cionn Israeil uile: agus mar an ceudna bha a’ chuid eile de Israel gu lèir de aon chridhe a‑chum Daibhidh a dhèanamh na rìgh.
39. Agus bha iad an sin maille ri Daibhidh trì làithean, ag ithe agus ag òl: oir dh’ullaich am bràithrean air an son.
40. A bhàrr air sin, thug iadsan a bha fagas dhaibh, gu ruig Isachar, agus Sebulun, agus Naphtali, aran leo air asail, agus air càmhail, agus air muileidean, agus air daimh, biadh, min, mill fhìgean, agus bagaidean de fhìondhearcan tiormaichte, agus fìon, agus ola, agus daimh, agus caoraich ann am pailteas; oir bha aoibhneas ann an Israel.

Salm 77:16-20
16. Chunnaic na h‑uisgeachan thu, a Dhè, chunnaic na h‑uisgeachan thu. Bha eagal orra, seadh, ghluaiseadh na doimhneachdan.
17. Dhòirt na neòil a‑nuas uisge; thug na speuran fuaim; mar an ceudna chaidh do shaighdean a‑mach.
18. Bha guth do thàirneanaich anns an speur; shoillsich do dhealanaich an saoghal; ghluaiseadh agus chriothnaich an talamh.
19. Anns an fhairge bha do shlighe, agus do cheuman anns na h‑uisgeachan mòra; agus cha d’aithnicheadh luirg do chas.
20. Threòraich thu mar threud do shluagh, le làimh Mhaois agus Aaroin.

Gnàth-fhacal 19:17-19
17. An tì a ghabhas truas den bhochd, bheir e air iasad don Tighearna; agus an nì a bheir e uaithe, ìocaidh e dha a‑rìs.
18. Smachdaich do mhac am feadh a tha dòchas da thaobh, agus na caomhnadh d’anam airson a ghearain.
19. Fuilingidh fear na feirge mòire peanas; oir ma shaoras tu e, feumaidh tu a dhèanamh a‑rìs.

Gnìomharan 7:1-21
1. An sin thubhairt an t‑àrd-shagart, A bheil, matà, na nithean seo mar seo?
2. Agus thubhairt esan, Fheara, a bhràithrean, agus athraichean, èisdibh. Dh’fhoillsicheadh Dia na glòire dar n‑athair Abrahàm, nuair a bha e ann am Mesopotàmia, mun do ghabh e còmhnaidh ann an Haran.
3. Agus thubhairt e ris, Rach a‑mach à do thìr fhèin, agus od chinneach, agus thig a‑chum na tìre a nochdas mise dhut.
4. An sin chaidh esan a‑mach à talamh nan Caldèanach, agus ghabh e còmhnaidh ann an Haran: agus as a sin, an dèidh bàs a athar, dh’atharraich e e don fhearann seo anns a bheil sibhse a‑nis nur còmhnaidh.
5. Agus cha tug e dha oighreachd sam bith ann, cha tug fiù leud troighe: gidheadh gheall e gun tugadh e mar sheilbh e dha fhèin agus da shliochd na dhèidh, ged nach robh fhathast duine cloinne aige.
6. Agus labhair Dia air an dòigh seo, gum biodh a shliochd air chuairt ann an dùthaich choigrich, agus gun dèanadh iad tràillean dhiubh, agus gum buineadh iad gu h‑olc riu rè ceithir cheud bliadhna.
7. Agus air a’ chinneach sin dom bi iadsan fo dhaorsa, bheir mise breith, arsa Dia: agus an dèidh nan nithean sin thig iad a‑mach, agus nì iad seirbhis dhòmhsa anns an àite seo.
8. Agus thug e dha coicheangal an timcheall-ghearraidh: agus mar sin ghin Abrahàm Isaac, agus thimcheall-gheàrr e e air an ochdamh là: agus ghin Isaac Iàcob, agus Iàcob an dà phrìomh-athair dheug.
9. Agus a’ gabhail farmaid, reic na prìomh-athraichean Iòseph don Eiphit: ach bha Dia maille ris.
10. Agus shaor e e as a thriobhlaidean uile, agus thug e deagh-ghean agus gliocas dha an làthair Phàraoh rìgh na h‑Eiphit; agus chuir e e na uachdaran air an Eiphit, agus air a theaghlach fhèin uile.
11. A‑nis thàinig gorta agus àmhghar mòr air an Eiphit uile, agus air talamh Chanàain; agus cha d’fhuair ar n‑athraichean teachd-an‑tìr.
12. Ach nuair a chuala Iàcob gu robh arbhar anns an Eiphit, chuir e a‑mach ar n‑athraichean air tùs.
13. Agus air an dara uair rinneadh Iòseph aithnichte da bhràithrean; agus rinneadh cinneach Iòseiph follaiseach do Phàraoh.
14. An sin chuir Iòseph fios uaithe, agus ghairm e da ionnsaigh Iàcob athair, agus a luchd-dàimhe uile, còig-anaman-deug agus trì-fichead.
15. Agus chaidh Iàcob sìos don Eiphit, agus fhuair e bàs, e fhèin agus ar n‑athraichean.
16. Agus ghiùlaineadh thairis iad gu Sichem, agus chuireadh iad anns an àit-adhlaic a cheannaich Abrahàm air suim airgid o mhic Emoir, athair Shicheim.
17. Ach nuair a dhruid àm a’ gheallaidh, a mhionnaich Dia do Abrahàm, dh’fhàs an sluagh agus rinneadh iad lìonmhor anns an Eiphit.
18. Gus an d’èirich rìgh eile, do nach b’aithne Iòseph.
19. Bhuin esan gu cuilbheirteach ri ar cinneach, agus rinn e olc air ar n‑athraichean, air chor is gun tug e orra an naoidheanan a thilgeadh a‑mach a‑chum nach sìolaicheadh iad.
20. Anns an àm sin rugadh Maois, agus bha e ro‑sgiamhach, agus dh’altramadh e trì mìosan ann an taigh a athar:
21. Agus nuair a thilgeadh a‑mach e, thog nighean Phàraoh leatha e, agus dh’altraim i e mar mhac dhi fhèin.