A A A A A
Bible in one year
June 23

1 Eachdraidh 9:1-44
1. Agus dh’àirmheadh Israel uile a rèir an ginealaichean, agus, feuch, bha iad sgrìobhte ann an leabhar rìghrean Israeil. Ach thugadh Iùdah air falbh do Bhàbilon airson an easaontais.
2. Agus b’iad an ciad luchd-àiteachaidh a ghabh còmhnaidh nan sealbh nam bailtean, na h‑Israelich, na sagartan, na Lèbhithich, agus na Netinich.
3. Agus ann an Ierusalem ghabh còmhnaidh de chloinn Iùdah, agus de chloinn Bheniàmin, agus de chloinn Ephraim, agus Mhanaseh:
4. Utai mac Amihuid, mhic Omri, mhic Imri, mhic Bhani, de chloinn Phareis mhic Iùdah.
5. Agus de na Silonaich: Asaiah an ciad-ghin, agus a mhic.
6. Agus de mhic Sherah; Ieuel, agus am bràithrean, sia ceud agus ceithir-fichead agus a deich.
7. Agus de mhic Bheniàmin: Salu mac Mhesulaim, mhic Hodabhiah, mhic Hasenuah;
8. Agus Ibneiah mac Ierohaim, agus Elah mac Udsi, mhic Mhichri, agus Mesulam mac Shephatiah, mhic Reueil, mhic Ibniah;
9. Agus am bràithrean, a rèir an ginealaichean, naoi ceud agus sia-deug agus dà‑fhichead. Bu chinn athraichean na daoine sin uile ann an taigh an athraichean.
10. Agus de na sagartan: Iedaiah, agus Iehoiarib, agus Iachin;
11. Agus Asariah mac Hilciah, mhic Mhesulaim, mhic Shadoic, mhic Mheraiot, mhic Ahituib, fear-riaghlaidh taigh Dhè;
12. Agus Adaiah mac Ierohaim, mhic Phasuir, mhic Mhalchiah; agus Maasai mac Adieil, mhic Iahserah, mhic Mhesulaim, mhic Mhesulemit, mhic Imeir;
13. Agus am bràithrean, cinn-taighe an athraichean, mìle agus seachd ceud agus trì-fichead, daoine ro‑fhoghainteach fa chomhair obair seirbhis taigh Dhè.
14. Agus de na Lèbhithich: Semaiah mac Hasuib, mhic Asricaim, mhic Hasabiah, de mhic Mherari;
15. Agus Bacbacar, Heres, agus Galal, agus Mataniah mac Mhicah, mhic Shichri, mhic Asaiph;
16. Agus Obadiah mac Shemaiah, mhic Ghalail, mhic Iedutuin, agus Berechiah mac Asa, mhic Elcanah, a bha a chòmhnaidh ann am frith-bhailtean nan Netophatach.
17. Agus b’iad na dorsairean Salum, agus Acub, agus Talmon, agus Ahiman, agus am bràithrean: b’e Salum an ceannard;
18. A bha gus an àm seo aig geata an rìgh air an taobh an ear, nan dorsairean ann an cuideachdan chloinn Lèbhi.
19. Agus bha Salum mac Chore, mhic Ebiasaiph, mhic Chorah, agus a bhràithrean (de thaigh a athar) na Corahaich os cionn obair na seirbhis, nan luchd-gleidhidh geatachan a’ phàillein; agus an athraichean os cionn sluagh an Tighearna, nan luchd-gleidhidh air dol a‑steach a’ phàillein.
20. Agus b’e Phinehas mac Eleàsair a bu cheann-riaghlaidh orra o shean am fianais an Tighearna.
21. Maille ris bha Sechariah, mac Mheselemiah, na dhorsair doras pàillean a’ choitheanail.
22. Iad sin uile a thaghadh gu bhith nan dorsairean anns na geatachan, bu dà cheud agus dà‑fhear-dheug iad. Dh’àirmheadh iad sin a rèir an ginealaichean nam frith-bhailtean, a shuidhich Daibhidh agus Samuel, am fear-seallaidh, nan dreuchd suidhichte.
23. Mar sin bha iadsan agus am mic os cionn geatachan taigh an Tighearna, agus taigh a’ phàillein a‑chum an gleidheadh.
24. Ann an ceithir cheàrnan bha na dorsairean, a làimh na h‑àird an ear, na h‑àird an iar, na h‑àird a tuath, agus na h‑àird a deas;
25. Agus am bràithrean nam frith-bhailtean, gu teachd an dèidh seachd làithean o àm gu àm maille riu.
26. Oir bha na Lèbhithich sin, na ceithir àrd-dhorsairean, nan dreuchd suidhichte, agus bha iad os cionn seòmraichean agus os cionn ionmhasan taigh Dhè.
27. Agus bha iad a’ gabhail tàimh mun cuairt air taigh Dhè, a chionn gum b’ann orrasan a bha a chùram, agus gum buineadh dhaibh a fhosgladh gach madainn.
28. Agus bha cuid dhiubh os cionn nan soithichean-frithealaidh, a‑chum an toirt a‑steach agus a‑mach air àireamh.
29. Chuireadh cuid dhiubh mar an ceudna os cionn nan soithichean, agus os cionn uile innealan an ionaid naoimh, agus os cionn na mine mìne, agus an fhìona, agus na h‑ola, agus na tùise, agus nan spìosraidh.
30. Agus bha cuid de mhic nan sagart a’ dèanamh na h‑ola-ungaidh de na spìosraidh.
31. Agus b’ann aig Matitiah, aon de na Lèbhithich, eadhon ciad-ghin Shaluim an Corahach, a bha dreuchd suidhichte os cionn nan nithean a rinneadh ann an aighnean.
32. Agus bha cuid eile dem bràithrean, de mhic nan Cohatach, os cionn aran na fianais, gu a dheasachadh gach sàbaid.
33. Agus is iad sin luchd-ciùil, cinn athraichean nan Lèbhitheach, a bha anns na seòmraichean, saor o gach cùram eile; oir a là agus a dh’oidhche bha orra a bhith rin obair-san.
34. Bha cinn athraichean sin nan Lèbhitheach nan cinn a rèir an ginealaichean: bha iad a chòmhnaidh ann an Ierusalem.
35. Agus ann an Gibeon chòmhnaich athair Ghibeoin, Iehiel; agus b’e ainm a mhnà Maachah:
36. Agus a chiad-ghin mic Abdon, an sin Sur, agus Cis, agus Bàal, agus Ner, agus Nàdab,
37. Agus Gedor, agus Ahio, agus Sechariah, agus Miclot.
38. Agus ghin Miclot Simeam: agus ghabh iadsan mar an ceudna còmhnaidh fa chomhair am bràithrean ann an Ierusalem, maille rim bràithrean.
39. Agus ghin Ner Cis, agus ghin Cis Saul, agus ghin Saul Ionatan, agus Malchi-sua, agus Abinadab, agus Esbàal.
40. Agus b’e mac Ionatain Merib-bàal; agus ghin Merib-bàal Micah.
41. Agus b’iad mic Mhicah, Piton, agus Melech, agus Tahrea, agus Ahas.
42. Agus ghin Ahas Iehoadah, agus ghin Iehoadah Alemet, agus Asmabhet, agus Simri; agus ghin Simri Mosa;
43. Agus ghin Mosa Binea: agus b’e Rephaiah a mhac-san, Eleasah a mhac-san, Asel a mhac-san.
44. Agus bha aig Asel sianar mhac, agus is iad seo an ainmean: Asricam, Bocheru, agus Ismael, agus Seariah, agus Obadiah, agus Hanan. B’iad sin mic Aseil.

1 Eachdraidh 10:1-14
1. A‑nis chog na Philistich an aghaidh Israeil; agus theich fir Israeil o fhianais nam Philisteach, agus thuit iad sìos marbh ann an sliabh Ghilbòa.
2. Agus lean na Philistich gu teann an dèidh Shauil, agus an dèidh a chuid mhac; agus bhuail na Philistich Ionatan, agus Abinadab, agus Malchisua, mic Shauil.
3. Agus dh’fhàs an cath cruaidh an aghaidh Shauil, agus chuimsich na fir-bhogha e, agus lotadh e leis na fir-bhogha.
4. An sin thubhairt Saul ri fear-iomchair a arm, Rùisg do chlaidheamh agus sàth tromham e, air eagal gun tig na daoine neo-thimcheall-gheàrrte sin, agus gun gnàthaich iad gu maslach mi. Ach cha dèanadh fear-iomchair a arm sin, oir bha eagal mòr air. Uime sin ghlac Saul claidheamh, agus thuit e air.
5. Agus nuair a chunnaic fear-iomchair a arm gu robh Saul marbh, thuit esan mar an ceudna air a’ chlaidheamh, agus fhuair e bàs.
6. Mar sin fhuair Saul bàs, agus a thriùir mhac, agus dh’eug a thaigh uile anns an aon àm.
7. Agus nuair a chunnaic uile fhir Israeil a bha anns a’ ghleann gun do theich iad, agus gu robh Saul agus a mhic marbh, an sin thrèig iad am bailtean, agus theich iad; agus thàinig na Philistich, agus chòmhnaich iad annta.
8. Agus air an là màireach, nuair a thàinig na Philistich a dh’fhaobhachadh nam marbh, fhuair iad Saul agus a mhic air tuiteam ann an sliabh Ghilbòa.
9. Agus nuair a dh’fhaobhaich iad e, ghlac iad a cheann, agus a airm, agus chuir iad fios do thìr nam Philisteach mun cuairt, gu sgeul a thoirt do thaigh an diathan brèige, agus don t‑sluagh.
10. Agus chuir iad a airm ann an taigh an diathan, agus dhaingnich iad a cheann ann an teampall Dhàgoin.
11. Agus nuair a chuala uile luchd-àiteachaidh Iabeis-ghilead na h‑uile nithean a rinn na Philistich ri Saul,
12. Dh’èirich na fir threuna uile, agus thug iad leo corp Shauil, agus cuirp a chuid mhac, agus thug iad gu Iabes iad, agus dh’adhlaic iad an cnàmhan fon daraig ann an Iabes, agus thraisg iad seachd làithean.
13. Mar seo dh’eug Saul airson a chionta a rinn e an aghaidh an Tighearna, an aghaidh facal an Tighearna nach do ghlèidh e, agus mar an ceudna a chionn gun d’iarr e bean aig an robh leannan-sìth, a dh’fhiosrachadh dhith;
14. Agus nach d’fhiosraich e den Tighearna: uime sin mharbh e e, agus thionndaidh e an rìoghachd a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, mac Iese.

Salm 77:10-15
10. An sin thubhairt mise, Is e seo m’anfhannachd; is e caochladh deaslàmh an Tì as àirde a tha ann.
11. Cuimhnichidh mi obraichean an Tighearna; gu deimhinn, cuimhnichidh mi d’iongantasan on aimsir chèin;
12. Agus beachd-smaoinichidh mi air d’obraichean gu lèir, agus air do ghnìomharan labhraidh mi.
13. Tha do shlighe, a Dhè, anns an ionad naomh; cò a tha na Dhia mòr mar ar Dia-ne?
14. Is tusa an Dia a tha a’ dèanamh nithean iongantach; thaisbein thu am measg nan sluagh do neart.
15. Shaor thu led ghàirdean do shluagh, mic Iàcoib agus Iòseiph. Selah.

Gnàth-fhacal 19:15-16
15. Bheir leisg air duine tuiteam ann an trom chadal; agus fuilingidh an t‑anam dìomhanach acras.
16. An tì a ghleidheas an àithne, gleidhidh e a anam fhèin; ach an tì a nì tàir air a shlighean gheibh e bàs.

Gnìomharan 6:1-15
1. Agus anns na làithean sin, nuair a bha àireamh nan deisciobal a’ meudachadh, dh’èirich gearan am measg nan Greugach an aghaidh nan Eabhraidheach, a chionn gun do dhearmadadh am bantraichean anns an fhrithealadh làitheil.
2. An sin ghairm an dà‑fhear-dheug mòr-chuideachd nan deisciobal dan ionnsaigh, agus thubhairt iad, Chan eil e iomchaidh sinne a dh’fhàgail facal Dhè, agus a fhrithealadh do bhùird.
3. Uime sin, a bhràithrean, iarraibh a‑mach nur measg seachdnar dhaoine fo dheagh iomradh, làn den Spiorad Naomh agus de ghliocas, a chuireas sinne os cionn an dreuchd seo.
4. Ach buanaichidh sinne a‑ghnàth ann an ùrnaigh, agus ann am ministrealachd an fhacail.
5. Agus bha a’ chainnt seo taitneach an làthair na mòr-chuideachd uile: agus thagh iad Stèphen, duine làn de chreideamh, agus den Spiorad Naomh, agus Philip, agus Prochoras, agus Nicanor, agus Timon, agus Parmenas, agus Nicolas, proseliteach de mhuinntir Antioch;
6. Chuir iad iadsan an làthair nan abstol: agus air dèanamh ùrnaigh dhaibh, chuir iad an làmhan orra.
7. Agus dh’fhàs facal Dhè; agus mheudaicheadh àireamh nan deisciobal gu ro‑mhòr ann an Ierusalem; agus bha cuideachd mhòr de na sagartan umhail don chreideamh.
8. Agus rinn Stèphen, làn de chreideamh agus de chumhachd, mìorbhailean agus comharraidhean mòra am measg an t‑sluaigh.
9. An sin dh’èirich dream àraidh den t‑sionagog, ris an abrar sionagog nan Libertineach agus nan Cirènianach, agus de mhuinntir Alecsandria, agus na dream o Chilicia, agus on Asia, a’ deasbaireachd ri Stèphen.
10. Agus cha b’urrainn iad cur an aghaidh a’ ghliocais agus an spioraid leis an do labhair e.
11. An sin thug iad a‑steach le foill daoine a thubhairt, Chuala sinne e a’ labhairt bhriathran toibheumach an aghaidh Mhaois, agus Dhè.
12. Agus dhùisg iad suas an sluagh, agus na seanairean, agus na sgrìobhaichean, agus thàinig iad air, agus ghlac iad e, agus thug iad an làthair na comhairle e.
13. Agus chuir iad suas fianaisean brèige, a thubhairt, Chan eil an duine seo a’ sgur de labhairt bhriathran toibheumach an aghaidh an ionaid naoimh seo, agus an lagha.
14. Oir chuala sinn e ag ràdh gun sgrios an t‑Iosa seo o Nàsaret an t‑àite seo, agus gun atharraich e na gnàthan a thug Maois dhuinne.
15. Agus air dhaibhsan uile a bha nan suidhe anns a’ chomhairle amharc gu geur air, chunnaic iad a aghaidh mar aghaidh aingil.