1 Eachdraidh 3:1-24 |
1. A‑nis b’iad seo mic Dhaibhidh, a rugadh dha ann an Hebron: an ciad-ghin Amnon o Ahinoam a’ Bhan-Iesreelach: an dara mac, Daniel o Abigail a’ Bhan-Charmeleach: |
2. An treas mac, Absalom mac Mhaachah, nighean Thalmai rìgh Ghesuir: an ceathramh, Adoniah mac Hagit: |
3. An còigeamh, Sephatiah o Abital: an siathamh, Itream le Eglah a bhean. |
4. Rugadh an t‑sianar sin dha ann an Hebron; agus ann an sin rìghich e seachd bliadhna agus sia mìosan: agus ann an Ierusalem rìghich e trì-bliadhna-deug ar fhichead. |
5. Agus rugadh iad seo dha ann an Ierusalem; Simea, agus Sobab, agus Nàtan, agus Solamh, ceathrar o Bhatsèba nighean Amieil; |
6. Ibhar mar an ceudna, agus Elisama, agus Eliphelet, |
7. Agus Nogah, agus Nepheg, agus Iaphia, |
8. Agus Elisama, agus Eliada, agus Eliphelet, naoinear. |
9. B’iad sin mic Dhaibhidh uile a bhàrr air mic nan coileabach, agus Tàmar am piuthar. |
10. Agus b’e mac Sholaimh Rehobòam, Abia a mhac-san, Asa a mhac-san, Iehosaphat a mhac-san, |
11. Ioram a mhac-san, Ahasiah a mhac-san, Iòas a mhac-san, |
12. Amasiah a mhac-san, Asariah a mhac-san, Iotam a mhac-san, |
13. Ahas a mhac-san, Heseciah a mhac-san, Manaseh a mhac-san, |
14. Amon a mhac-san, Iosiah a mhac-san. |
15. Agus b’iad mic Iosiah: an ciad-ghin Iohanan, an dara mac Iehoiacim, an treas mac Sedeciah, an ceathramh Salum. |
16. Agus mic Iehoiacim: Ieconiah a mhac, Sedeciah a mhac. |
17. Agus mic Ieconiah: Asir, Salatiel a mhac, |
18. Agus Malchiram, agus Pedaiah, agus Senasar, Iecamiah, Hosama, agus Nedabiah. |
19. Agus b’iad mic Phedaiah Serubabel, agus Simei: agus mic Sherubabeil; Mesulam, agus Hananiah, agus Selomit am piuthar: |
20. Agus Hasubah, agus Ohel, agus Berechiah, agus Hasadiah, Iusab-hesed, còignear. |
21. Agus mic Hananiah: Pelatiah agus Iesaiah a mhac-san, Rephaiah a mhac-san, Arnan a mhac-san, Obadiah a mhac-san, Sechaniah a mhac-san. |
22. Agus mic Shecaniah: Semaiah: agus mic Shemaiah; Hatus, agus Igeal, agus Bariah, agus Neariah, agus Saphat, sianar. |
23. Agus mic Neariah: Elioenai, agus Heseciah, agus Asricam, triùir. |
24. Agus b’iad mic Elioenai: Hodaiah, agus Eliasib, agus Pelaiah, agus Acub, agus Iohanan, agus Dalaiah, agus Anani, seachdnar. |
1 Eachdraidh 4:1-43 |
1. Mic Iùdah; Phares, Hesron, agus Carmi, agus Hur, agus Sobal. |
2. Agus ghin Reaiah, mac Shobail, Iahat, agus ghin Iahat Ahumai, agus Lahad. Is iad sin teaghlaichean nan Soratach. |
3. Agus thàinig iad seo o athair Etaim: Iesreel, agus Isma, agus Idbas: agus b’e ainm am peathar Haselelponi. |
4. Agus Penuel athair Ghedoir, agus Eser athair Husah; is iad sin mic Huir, ciad-ghin Ephratah, athair Bhetlehem. |
5. Agus bha aig Asur athair Thecòah dà mhnaoi, Helah agus Naarah. |
6. Agus rug Naarah dha Ahusam, agus Hepher, agus Temeni, agus Haahastari. B’iad sin mic Naarah. |
7. Agus b’iad mic Helah, Seret, agus Iesòar, agus Etnan. |
8. Agus ghin Cos Anub, agus Sobebah, agus teaghlaichean Aharheil, mhic Haruim. |
9. Agus bha Iabes na b’urramaiche na a bhràithrean: agus thug a mhàthair Iabes mar ainm air, ag ràdh, A chionn gun do rug mi e le doilgheas. |
10. Agus ghairm Iabes air Dia Israeil, ag ràdh, O gum beannaicheadh tu mi da‑rìribh, agus gun cuireadh tu mo chrìochan am farsaingeachd, agus gum biodh do làmh leam, agus gun gleidheadh tu mi o olc, a‑chum nach cràidh e mi! Agus dheònaich Dia dha an nì sin a ghuidh e. |
11. Agus ghin Chelub, bràthair Shuah, Mehir: b’esan athair Estoin. |
12. Agus ghin Eston Betrapha, agus Paseah, agus Tehinah athair Irnahais. Is iad sin fir Rechah. |
13. Agus mic Chenais: Otniel, agus Seraiah: agus mic Otnieil: Hatat. |
14. Agus ghin Meonotai Ophrah: agus ghin Seraiah Ioab, athair muinntir gleann Charasaim; oir bu luchd-ceàirde iad. |
15. Agus mic Chàleib mhic Iephuneh: Iru, Elah, agus Naam: agus mic Elah: Cenas. |
16. Agus mic Iehaleleeil: Siph, agus Siphah, Tiria, agus Asareel. |
17. Agus b’iad mic Esra, Ieter, agus Mered, agus Epher, agus Ialon: agus rug i Miriam, agus Samai, agus Isbah athair Estemoa. |
18. Agus rug a bhean, Iehudiah, Iered athair Ghedoir, agus Heber athair Shocho, agus Iecutiel athair Shanòah. Agus is iad sin mic Bhitiah nighean Phàraoh, a ghabh Mered na mnaoi. |
19. Agus mic a mhnà Hodiah, piuthar Nahaim, athair Cheilah an Garmach, agus Estemoa am Maachatach. |
20. Agus b’iad mic Shimoin, Amnon, agus Rinah, Ben-hanan, agus Tilon. Agus b’iad mic Isi, Sohet, agus Bensohet. |
21. B’iad mic Shelah mhic Iùdah, Er athair Lecah, agus Laadah athair Mharesah, agus teaghlaichean taigh na muinntir a dh’obraich anart grinn do thaigh Asbea, |
22. Agus Iocim, agus daoine Chosèba, agus Iòas, agus Saraph, aig an robh an uachdaranachd ann am Mòab, agus Iasubilehem. Agus is seann nithean iad seo. |
23. B’iad sin na creadhadairean, agus iadsan a chòmhnaich am measg lusan agus ghàrraidhean: maille ris an rìgh na obair dh’fhan iad an sin. |
24. B’iad mic Shimeoin, Nemuel, agus Iamin, Iarib, Serah, agus Saul: |
25. Salum a mhac-san, Mibsam a mhac-san, Misma a mhac-san. |
26. Agus mic Mhisma: Hamuel a mhac, Sachur a mhac-san, Simei a mhac-san. |
27. Agus bha aig Simei sia-mic-dheug agus sianar nighean; ach aig a bhràithrean cha robh mòran cloinne, agus cha deachaidh an teaghlaichean uile an lìonmhorachd, cosmhail ri cloinn Iùdah. |
28. Agus chòmhnaich iad ann am Beersèba, agus Moladah, agus Hasarsual, |
29. Agus ann am Bilhah, agus ann an Esem, agus ann an Tolad, |
30. Agus ann am Betuel, agus ann an Hormah, agus ann an Siclag, |
31. Agus ann am Bet-marcabot, agus ann an Hasar-susim, agus ann am Bet-birei, agus ann an Saaraim. B’iad sin am bailtean mòra, gus an do rìghich Daibhidh, maille rim bailtean beaga. |
32. Etam mar an ceudna, agus Ain, Rimon, agus Tochen, agus Asan, còig bailtean mòra; |
33. Agus am frith-bhailtean uile a bha mun cuairt air na mòr-bhailtean sin gu ruig Bàal. B’iad sin an ionad-tàimh, agus an sloinnteireachd. |
34. Agus Mesobab, agus Iamlech, agus Iosah mac Amasiah, |
35. Agus Ioel, agus Iehu mac Iosibiah mhic Sheraiah mhic Asieil, |
36. Agus Elioenai, agus Iaacobah, agus Iesohaiah, agus Asaiah, agus Adiel, agus Iesimiel, agus Benaiah, |
37. Agus Sisa mac Shiphi, mhic Aloin, mhic Iedaiah, mhic Shimri, mhic Shemaiah. |
38. Bha iad sin a tha air an aithris air an ainmean nan ceannardan nan teaghlaichean fhèin: agus ann an taigh an athraichean mheudaich iad gu mòr. |
39. Agus chaidh iad gu ruig dol a‑steach Ghedoir, eadhon gu ruig taobh an ear a’ ghlinne, a dh’iarraidh ionaltraidh dan treudan. |
40. Agus fhuair iad ionaltradh reamhar agus math, agus bha an tìr farsaing, agus sàmhach, agus sìochail; oir bha sliochd Ham a chòmhnaidh an sin roimhe. |
41. Agus thàinig iadsan a tha sgrìobhte air an ainm, ann an làithean Heseciah rìgh Iùdah, agus bhuail iad am bùthan, agus na h‑ionadan-còmhnaidh a fhuaireadh an sin, agus chuir iad as dhaibh gu tur gus an là‑an‑diugh, agus ghabh iad còmhnaidh nan àite; a chionn gu robh ionaltradh an sin dan treudan. |
42. Agus chaidh cuid dhiubh, eadhon de mhic Shimeoin, còig ceud fear, gu sliabh Sheir; agus Pelatiah, agus Neariah, agus Rephaiah, agus Udsiel, mic Isi air an ceann. |
43. Agus bhuail iad am fuidheall a chaidh as de Amalec, agus chòmhnaich iad an sin gus an là‑an‑diugh. |
Salm 76:7-12 |
7. Is cùis eagail thusa, eadhon thusa; agus cò a sheasas ad làthair nuair a bhios fearg ort? |
8. Thug thusa air breitheanas gun cualas o nèamh e; bha eagal air an talamh, agus bha e na thàmh, |
9. Nuair a dh’èirich Dia a‑chum breitheanais, a shaoradh uile dhaoine ciùine na talmhainn. Selah. |
10. Gu cinnteach bheir fearg duine moladh dhut; fuidheall na feirge caisgidh tu. |
11. Bòidichibh, agus ìocaibh don Tighearna ur Dia: thugadh iadsan uile a tha ma thimcheall tìodhlacan dhàsan as adhbhar eagail ann. |
12. Sgathaidh e sìos spiorad uachdaranan; is cùis eagail e do rìghrean na talmhainn. |
Gnàth-fhacal 19:8-9 |
8. An tì a gheibh gliocas, gràdhaichidh e a anam fhèin; an tì a ghleidheas tuigse, gheibh e math. |
9. Cha bhi fianais bhreugach gun pheanas; agus sgriosar an tì a labhras breugan. |
Gnìomharan 4:23-37 |
23. Agus nuair a leigeadh as iad, thàinig iad a dh’ionnsaigh am muinntir fhèin, agus dh’innis iad na h‑uile nithean a thubhairt na h‑àrd-shagartan, agus na seanairean, riu. |
24. Agus nuair a chuala iadsan seo, thog iad suas a dh’aon inntinn an guth ri Dia, agus thubhairt iad, A Thighearna, is tusa an Dia a rinn nèamh agus talamh, agus an fhairge, agus na h‑uile nithean a tha annta: |
25. A thubhairt le beul Dhaibhidh do sheirbhiseach, Carson a ghabh na Cinnich boil, agus a smaoinich an sluagh nithean dìomhain? |
26. Sheas rìghrean na talmhainn suas, agus chruinnicheadh na h‑uachdarain an ceann a chèile, an aghaidh an Tighearna, agus an aghaidh a Chrìosd. |
27. Oir gu fìrinneach chruinnicheadh an ceann a chèile, an aghaidh do leinibh naoimh Iosa, a dh’ung thu, araon Herod agus Pontius Pilat, maille ris na Cinnich, agus sluagh Israeil, |
28. A dhèanamh gach nì a ro‑òrdaich do làmh agus do chomhairle a bhith air a dhèanamh. |
29. Agus a‑nis, a Thighearna, amhairc air am bagraidhean: agus deònaich dod sheirbhisich fhèin d’fhacal a labhairt leis gach uile dhànachd, |
30. Led làmh a shìneadh a‑mach a‑chum leighis: agus gum bi comharraidhean agus mìorbhailean air an dèanamh tre ainm do leinibh naoimh Iosa. |
31. Agus air dhaibh ùrnaigh a dhèanamh, chrathadh an t‑àite anns an robh iad cruinn; agus lìonadh iad uile leis an Spiorad Naomh, agus labhair iad facal Dhè le dànachd. |
32. Agus bha aig a’ chuideachd a chreid aon chridhe, agus aon anam: agus cha mhò a thubhairt neach air bith dhiubh gum bu leis fhèin aon nì a shealbhaich e; ach bha na h‑uile nithean coitcheann aca. |
33. Agus le mòr-chumhachd thug na h‑abstoil fianais air aiseirigh an Tighearna Iosa: agus bha mòr-ghràs orra uile. |
34. Agus cha mhò a bha aon neach uireasbhaidheach nam measg: oir a mheud is a bha nan sealbhadairean fearainn, no thaighean, air dhaibh an reic, thug iad luach nan nithean a chaidh a reic leo; |
35. Agus chuir iad aig casan nan abstol e; agus roinneadh e air gach neach a rèir a fheuma. |
36. Agus air do fhearann a bhith aig Ioses den do ghoireadh leis na h‑abstoil Barnabas (is e sin, air eadar-theangachadh, Mac na Comhfhurtachd), Lèbhitheach, dom bu dùthaich Cìprus; |
37. Reic e e, agus thug e an t‑airgead leis, agus chuir e aig casan nan abstol e. |