A A A A A
Bible in one year
June 16

2 Rìgh 19:1-37
1. Agus nuair a chuala Heseciah an rìgh e, reub e a aodach, agus chòmhdaich e e fhèin le sac-aodach, agus chaidh e do thaigh an Tighearna.
2. Agus chuir e Eliacim, a bha os cionn an taighe, agus Sebna an sgrìobhaiche, agus seanairean nan sagart, còmhdaichte le sac-aodach gu Isaiah am fàidh, mac Amois.
3. Agus thubhairt iad ris, Mar seo tha Heseciah ag ràdh, Is là teinn e, agus achmhasain, agus maslaidh an là seo: oir tha clann air teachd gu inbhe breith, agus neart gu am breith chan eil ann.
4. Theagamh gun cluinn an Tighearna do Dhia uile bhriathran Rab-saceh, a chuir a thighearna rìgh Asiria a mhaslachadh an Dè bheò; agus gun cronaich e na briathran a chuala an Tighearna do Dhia: tog suas d’ùrnaigh, matà, airson an fhuidhill a dh’fhàgadh.
5. Uime sin nuair a thàinig seirbhisich rìgh Heseciah gu Isaiah,
6. Thubhairt Isaiah riu, Mar seo their sibh ri ur tighearna, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Na biodh eagal ort ro na briathran a chuala tu, leis an tug seirbhisich rìgh Asiria masladh dhòmhsa.
7. Feuch, cuiridh mise spiorad ann, agus cluinnidh e tuairisgeul, agus tillidh e da thìr fhèin; agus bheir mise air tuiteam leis a’ chlaidheamh na thìr fhèin.
8. Agus thill Rab-saceh, agus fhuair e rìgh Asiria a’ cogadh an aghaidh Libnah: oir chuala e gun d’fhalbh e o Lachis.
9. Agus nuair a chuala e ga ràdh mu Thirhacah rìgh Etiopia, Feuch, thàinig e a‑mach a chogadh riut; chuir e teachdairean a‑rìs gu Heseciah, ag ràdh,
10. Mar seo labhraidh sibh ri Heseciah rìgh Iùdah, ag ràdh, Na mealladh do Dhia thu, as a bheil thu ag earbsa, ag ràdh, Cha toirear Ierusalem thairis do làimh rìgh Asiria.
11. Feuch, chuala tu ciod a rinn rìghrean Asiria ris gach uile thìr, gan sgrios gu tur; agus an saorar thusa?
12. An do shaor diathan nan cinneach iadsan a sgrios m’athraichean-sa, eadhon Gosan, agus Hàran, agus Reseph, agus clann Edein a bha ann an Telasar?
13. Càit a bheil rìgh Hamait, agus rìgh Arpaid, agus rìgh mòr-bhaile Shepharbhaim, Hena, agus Ibhah?
14. Agus ghabh Heseciah an litir à làimh nan teachdairean, agus leugh e i: agus chaidh Heseciah suas do thaigh an Tighearna, agus sgaoil e i ann am fianais an Tighearna.
15. Agus rinn Heseciah ùrnaigh an làthair an Tighearna, agus thubhairt e, O Thighearna Dhè Israeil, a tha ad chòmhnaidh eadar na ceruban, is tu fhèin Dia, thusa ad aonar, Dia uile rìoghachdan na talmhainn: is tu a rinn na nèamhan agus an talamh.
16. Crom, a Thighearna, a‑nuas do chluas, agus èisd; fosgail, a Thighearna, do shùilean, agus faic: seadh, cluinn briathran Shenacherib, a chuir e a mhaslachadh an Dè bheò.
17. Gu deimhinn, a Thighearna, sgrios rìghrean Asiria na cinnich agus an tìrean;
18. Agus thilg iad an diathan anns an teine; oir cha bu diathan iad, ach obraichean làmhan dhaoine, fiodh agus clach: uime sin sgrios iad iad.
19. A‑nis, matà, O Thighearna ar Dia, saor sinn, guidheam ort, as a làimh, a‑chum gum bi fhios aig uile rìoghachdan na talmhainn gur tusa an Tighearna Dia, thu fhèin ad aonar.
20. An sin chuir Isaiah mac Amois teachdaire gu Heseciah, ag ràdh, Mar seo tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, An ùrnaigh a rinn thu riumsa mu thimcheall Shenacherib rìgh Asiria, chuala mi.
21. Seo am facal a labhair an Tighearna ma thimcheall: Rinn òigh-nighean Shioin tàir ort; rinn i gàire fanaid riut; chrath nighean Ierusaleim a ceann air do chùlaibh.
22. Cò don tug thu masladh agus toibheum? Agus cò an aghaidh an d’àrdaich thu do ghuth, agus an do thog thu do shùilean gu h‑àrd? An aghaidh Tì naomh Israeil.
23. Le làimh do theachdairean mhaslaich thu an Tighearna, agus thubhairt thu, Le lìonmhorachd mo charbad dhìrich mi àirde nam beann, sliosan Lebanoin; agus gearraidh mi sìos a chraobhan seudair as àirde, agus rogha a chraobhan giuthais, agus thèid mi a‑steach do àitean-tàimh a chrìche, frìth a Charmeil.
24. Chladhaich mi agus dh’òl mi uisgeachan coimheach, agus le bonn mo chas thiormaich mi suas uile aibhnichean nan daingneach.
25. Nach cuala tu o chionn fada cionnas a rinn mi e, agus on aimsir chèin gun do dhealbh mi e? A‑nis thug mi gu crìch e, gum biodh tusa a‑chum bailtean daingnichte fhàsachadh nan cùirn sgrios.
26. Uime sin bha an luchd-àiteachaidh air bheag neirt: bha crith-eagail orra agus amhluadh; bha iad mar fheur na machrach, agus mar an luibh ghlais, mar fheur-mullaich nan taighean, agus mar arbhar seargte mum fàs e suas.
27. Ach is aithne dhomh d’àite-còmhnaidh, agus do dhol a‑mach, agus do theachd a‑steach, agus fraoch d’fheirge am aghaidh.
28. A chionn gu bheil fraoch d’fheirge am aghaidh, agus d’onfhadh air teachd a‑nìos gum chluasan, uime sin cuiridh mi mo dhubhan ad shròin, agus mo shrian ad bheul, agus tillidh mi air d’ais thu anns an t‑slighe air an tàinig thu.
29. Agus bidh seo na chomharradh dhut: Ithidh tu air a’ bhliadhna seo na nithean a dh’fhàsas leo fhèin, agus anns an dara bliadhna na nithean a chinneas asda sin; agus anns an treas bliadhna cuiridh agus buainidh sibh, agus suidhichidh sibh fìonliosan, agus ithidh sibh den toradh.
30. Agus gabhaidh am fuidheall a thèid as de thaigh Iùdah fhathast freumh sìos, agus cuiridh e toradh suas.
31. Oir à Ierusalem thèid fuidheall a‑mach, agus iadsan a thèid as o shliabh Shioin: nì eud Tighearna nan sluagh seo.
32. Uime sin mar seo tha an Tighearna ag ràdh mu thimcheall rìgh Asiria, Cha tig e don bhaile seo, agus cha tilg e saighead ann, agus cha tig e fa chomhair le sgèith agus cha chuir e suas tòrr na aghaidh.
33. Air an t‑slighe air an tàinig e, air an t‑slighe cheudna tillidh e, agus cha tig e a‑steach don bhaile seo, arsa an Tighearna:
34. Oir dìonaidh mise am baile seo a‑chum a shaoradh, air mo shon fhèin, agus airson Dhaibhidh m’òglach.
35. Agus air an oidhche sin fhèin chaidh aingeal an Tighearna a‑mach, agus bhuail e ann an camp nan Asirianach, ceud agus ceithir-fichead agus còig mìle: agus nuair a dh’èirich iad gu moch anns a’ mhadainn, feuch, bha iad uile nan cuirp mharbha.
36. Agus dh’imich Senacherib rìgh Asiria, agus chaidh e agus thill e, agus ghabh e còmhnaidh ann an Ninebheh.
37. Agus nuair a bha e ri adhradh ann an taigh Nisroich a dhia, bhuail Adramalech agus Sareser a mhic e leis a’ chlaidheamh; agus theich iad do thìr Armenia: agus rìghich Esarhadon a mhac na àite.

2 Rìgh 20:1-21
1. Anns na làithean sin bha Heseciah tinn gu bàs: agus thàinig am fàidh Isaiah mac Amois da ionnsaigh, agus thubhairt e ris, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Cuir do thaigh an òrdagh, oir gheibh thu bàs, agus cha bhi thu beò.
2. An sin thionndaidh e a aghaidh ris a’ bhalla, agus rinn e ùrnaigh ris an Tighearna, ag ràdh,
3. Guidheam ort, O Thighearna, cuimhnich a‑nis cionnas a ghluais mi ad làthair ann am fìrinn, agus le cridhe iomlan, agus a rinn mi an nì a tha math ad shùilean. Agus ghuil Heseciah gu goirt.
4. Agus mun deachaidh Isaiah a‑mach don chùirt mheadhonaich, thàinig facal an Tighearna da ionnsaigh, ag ràdh,
5. Till, agus abair ri Heseciah, ceannard mo shluaigh, Mar seo tha an Tighearna, Dia Dhaibhidh d’athair, ag ràdh, Chuala mise d’ùrnaigh, chunnaic mi do dheòir: feuch, slànaichidh mi thu; air an treas là thèid thu suas do thaigh an Tighearna.
6. Agus cuiridh mi rid làithean còig-bliadhna-deug; agus saoraidh mi thusa, agus am baile seo, à làimh rìgh Asiria; agus dìonaidh mi am baile seo air mo shon fhèin, agus airson Dhaibhidh m’òglach.
7. Agus thubhairt Isaiah, Gabhaibh meall fhìge. Agus ghabh agus chuir iad e air an neasgaid, agus shlànaicheadh e.
8. Agus thubhairt Heseciah ri Isaiah, Ciod an comharradh gun leighis an Tighearna mi, agus gun tèid mi suas air an treas là do thaigh an Tighearna?
9. Agus thubhairt Isaiah, Bidh seo na chomharradh dhut on Tighearna gun dèan an Tighearna an nì a labhair e: An tèid an dubhar air aghaidh deich ceumannan, no an tèid e air ais deich ceumannan?
10. Agus fhreagair Heseciah, Is suarach an nì don dubhar dol sìos deich ceumannan; chan eadh, ach tilleadh an dubhar air ais deich ceumannan.
11. Agus ghlaodh Isaiah am fàidh ris an Tighearna; agus thug e air ais an dubhar deich ceumannan a chaidh e sìos air uaireadair-grèine Ahais.
12. Anns an àm sin chuir Merodach-baladan mac Bhaladain, rìgh Bhàbiloin, teachdairean le litrichean agus tìodhlac gu Heseciah: oir chuala e gu robh Heseciah tinn.
13. Agus rinn Heseciah gàirdeachas os an cionn, agus dh’fheuch e dhaibh uile thaigh-tasgaidh a nithean luachmhor, an t‑airgead, agus an t‑òr, agus na spìosraidh, agus an ola luachmhor, agus a thaigh-armachd, agus na nithean uile a fhuaireadh na ionmhasan: cha robh nì na thaigh, no na rìoghachd uile, nach d’fheuch Heseciah dhaibh.
14. An sin thàinig Isaiah am fàidh gu rìgh Heseciah, agus thubhairt e ris, Ciod a thubhairt na daoine seo? Agus cia as a thàinig iad ad ionnsaigh? Agus thubhairt Heseciah, Thàinig iad o thìr chèin, o Bhàbilon.
15. Agus thubhairt e, Ciod a chunnaic iad ann ad thaigh? Agus fhreagair Heseciah, Na h‑uile nithean a tha am thaigh chunnaic iad: chan eil nì ann am ionmhasan nach d’fheuch mi dhaibh.
16. Agus thubhairt Isaiah ri Heseciah, Eisd ri facal an Tighearna:
17. Feuch, tha na làithean a’ teachd, anns am bi na h‑uile nithean a tha ann ad thaigh, agus na h‑ionmhasan a thaisg d’athraichean suas gus an là‑an‑diugh, air an giùlan gu Bàbilon: chan fhàgar nì air bith, arsa an Tighearna.
18. Agus cuid ded mhic a thig uat, a ghineas tu, bheir iad leo, agus bidh iad nan caillteanaich ann an lùchairt rìgh Bhàbiloin.
19. An sin thubhairt Heseciah ri Isaiah, Is math facal an Tighearna a labhair thu: thubhairt e mar an ceudna, Nach math ma bhios sìth agus fìrinn ann am làithean-sa?
20. Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Heseciah, agus a thrèine uile, agus mar a rinn e lochan, agus sruth-chlais, agus a thug e uisge a‑steach don bhaile, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Iùdah?
21. Agus chaidil Heseciah maille ra athraichean: agus rìghich Manaseh a mhac na àite.

2 Rìgh 21:1-26
1. Dà‑bhliadhna-dheug a dh’aois bha Manaseh nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e còig-bliadhna-deug agus dà‑fhichead ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Hephsibah.
2. Agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna, a rèir gràinealachd nan cinneach, a thilg an Tighearna a‑mach ro chloinn Israeil.
3. Oir thog e suas a‑rìs na h‑àitean àrda a sgrios Heseciah a athair; agus chuir e suas altairean do Bhàal, agus rinn e doire, mar a rinn Ahab rìgh Israeil; agus shleuchd e do uile armailt nèimh, agus rinn e seirbhis dhaibh.
4. Agus thog e altairean ann an taigh an Tighearna, mun dubhairt an Tighearna, Ann an Ierusalem cuiridh mi m’ainm.
5. Agus thog e altairean do uile armailt nèimh, ann an dà chùirt taigh an Tighearna.
6. Agus thug e air a mhac dol tron teine, agus rinn e fiosachd, agus ghnàthaich e draoidheachd, agus chuir e air chois leannain-shìth, agus luchd-fiosachd: dh’obraich e mòr aingidheachd ann an sùilean an Tighearna, ga bhrosnachadh gu feirg.
7. Agus chuir e dealbh snaidhte an doire a rinn e anns an taigh mun dubhairt an Tighearna ri Daibhidh, agus ri Solamh a mhac, Anns an taigh seo, agus ann an Ierusalem, a thagh mi à uile threubhan Israeil, cuiridh mi m’ainm gu bràth.
8. Cha mhò a bheir mi air casan Israeil carachadh tuilleadh a‑mach as an fhearann a thug mi dan athraichean; a‑mhàin ma bheir iad an aire gun dèan iad a rèir nan uile nithean a dh’àithn mise dhaibh, agus a rèir an lagha uile a dh’àithn m’òglach Maois dhaibh.
9. Ach cha d’èisd iad: agus tharraing Manaseh iad gu tuilleadh uilc a dhèanamh na rinn na cinnich, a sgrios an Tighearna ro chloinn Israeil.
10. Agus labhair an Tighearna le a sheirbhisich na fàidhean, ag ràdh,
11. A chionn gun do rinn Manaseh rìgh Iùdah na gràinealachdan seo, agus gun do rinn e nas miosa na na h‑uile nithean a rinn na h‑Amoraich a bha roimhe, agus gun tug e air Iùdah mar an ceudna peacachadh le iodhalan:
12. Uime sin, mar seo tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Feuch, tha mi a’ tabhairt uilc air Ierusalem agus Iùdah, a bheir air gach neach a chluinneas e gum bi gaoir na dhà chluais.
13. Agus sìnidh mi a‑mach os cionn Ierusaleim sreang-thomhais Shamaria, agus sreang-riaghailt taigh Ahaib: agus glanaidh mi as Ierusalem mar a ghlanas neach soitheach, ga ghlanadh, agus a’ tionndadh a bheòil foidhe.
14. Agus trèigidh mi fuidheall m’oighreachd, agus bheir mi iad do làimh an naimhdean; agus bidh iad nan creich agus nan cobhartach dan naimhdean uile:
15. A chionn gun do rinn iad olc am shùilean, agus gun do bhrosnaich iad mi gu feirg on là anns an tàinig an athraichean a‑mach as an Eiphit, eadhon gus an là‑an‑diugh.
16. Os bàrr, dhòirt Manaseh fuil neochiontach gu ro‑mhòr, gus an do lìon e Ierusalem o cheann gu ceann, a thuilleadh air a pheacadh fhèin leis an tug e air Iùdah peacachadh, le olc a dhèanamh ann an sùilean an Tighearna.
17. Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Mhanaseh, agus na h‑uile nithean a rinn e, agus a pheacadh a rinn e, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Iùdah?
18. Agus chaidil Manaseh maille ra athraichean, agus dh’adhlaiceadh e ann an lios a thaighe fhèin, ann an lios Udsa: agus rìghich Amon a mhac na àite.
19. Dà bhliadhna ar fhichead a dh’aois bha Amon nuair a thòisich e air rìoghachadh; agus rìghich e dà bhliadhna ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Mesulemet, nighean Harais o Iotbah.
20. Agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna, mar a rinn Manaseh a athair,
21. Agus dh’imich e anns an uile shlighe anns an d’imich a athair, agus rinn e seirbhis do na h‑iodhalan don do rinn a athair seirbhis, agus rinn e adhradh dhaibh:
22. Agus thrèig e an Tighearna Dia a athraichean, agus cha do ghluais e ann an slighe an Tighearna.
23. Agus rinn seirbhisich Amoin ceannairc na aghaidh, agus mharbh iad an rìgh na thaigh fhèin.
24. Agus mharbh sluagh na tìre iadsan uile a rinn ceannairc an aghaidh rìgh Amoin; agus rinn sluagh na tìre Iosiah a mhac na rìgh na àite.
25. Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Amoin a rinn e, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Iùdah?
26. Agus dh’adhlaic iad e na uaigh fhèin ann an lios Udsa; agus rìghich Iosiah a mhac na àite.

Salm 74:9-17
9. Ar comharraidhean chan fhaic sinn; chan eil fàidh ann nas mò, agus chan eil neach nar measg aig a bheil fhios cia fhad.
10. Cia fhad, a Dhè, a bheir an t‑eascaraid beum? An dèan an nàmhaid tarcais air d’ainm gu bràth?
11. Carson a thilleas tu do làmh, do dheaslàmh fhèin, air a h‑ais? Buin a‑mach od bhroilleach i.
12. Oir is e Dia mo rìgh o chian, ag obrachadh slàinte am meadhon na talmhainn.
13. Sgaoil thusa an fhairge led neart, bhris thu cinn nan dràgon air na h‑uisgeachan.
14. Phronn thu cinn Lebhiatain; thug thu e mar bhiadh don t‑sluagh anns an fhàsach.
15. Sgoilt thu an tobar agus an sruth; thiormaich thu aibhnichean mòra.
16. Is leatsa an là, mar an ceudna is leatsa an oidhche; is tu a dheasaich solas agus grian.
17. Shuidhich thu uile chrìochan na talmhainn; rinn thu an samhradh agus an geamhradh.

Gnàth-fhacal 19:1-2
1. Is fheàrr am bochd a ghluaiseas na ionracas, na esan a tha fiar na bhilean agus e na amadan.
2. Mar an ceudna cha mhath don anam a bhith as eugmhais eòlais; agus an tì a nì cabhag le a chasan, tuislichidh e.

Gnìomharan 2:1-21
1. Agus nuair a thàinig là na Caingis, bha iad gu lèir a dh’aon inntinn ann an aon àite.
2. Agus thàinig gu h‑obann toirm o nèamh, mar shèideadh gaoithe ro‑thrèin, agus lìon i an taigh uile far an robh iad nan suidhe.
3. Agus dh’fhoillsicheadh dhaibh teangaidhean sgoilte, mar de theine, agus shuidh e air gach aon dhiubh fa leth:
4. Agus lìonadh iad uile leis an Spiorad Naomh, agus thòisich iad air labhairt le teangaidhean eile, a rèir mar a thug an Spiorad comas labhairt dhaibh.
5. Agus bha a’ gabhail còmhnaidh ann an Ierusalem, Iùdhaich, daoine cràbhach, de gach uile chinneach fo nèamh.
6. A‑nis, nuair a sgaoileadh an t‑iomradh seo, thàinig an sluagh an ceann a chèile, agus bha iad fo amhluadh, do bhrìgh gun cuala gach aon iad a’ labhairt nan cànain fhèin.
7. Agus bha iad uile fo uamhas agus ghabh iad iongantas, ag ràdh ri chèile, Feuch, nach Galilèaich iad sin uile a tha a’ labhairt?
8. Agus cionnas a tha sinne gan cluinntinn gach aon nar cànain fhèin, anns an do rugadh sinn?
9. Partaich, agus Medich, agus Elamaich, agus luchd-àiteachaidh Mhesopotamia, Iudèa, agus Chapadòcia, Phontuis, agus Asia,
10. Phrigia, agus Phamphilia, na h‑Eiphit, agus crìochan na Libia timcheall Chirène, agus coigrich on Ròimh, Iùdhaich agus proselitich.
11. Muinntir Chrete, agus Aràbia, tha sinn gan cluinntinn a’ labhairt nar teangaidhean fhèin gnìomharan mòralach Dhè.
12. Agus bha iad uile fo uamhas, agus ann an ioma-chomhairle, ag ràdh gach aon ri chèile, Ciod as ciall dha seo?
13. Ach thubhairt dream eile a’ fanaid, Tha na daoine seo làn de fhìon ùr.
14. Ach air seasamh do Pheadar maille ris an aon-fhear-deug, thog e a ghuth, agus thubhairt e riu, Fheara Iudèa, agus sibhse uile a luchd-àiteachaidh Ierusaleim, biodh fhios seo agaibh, agus èisdibh rim bhriathran-sa:
15. Oir chan eil iad seo air mhisg, mar a tha sibhse a’ meas, oir is i an treas uair den là a tha ann.
16. Ach is e seo an nì a chaidh a labhairt leis an fhàidh Ioel:
17. Agus tàrlaidh anns na làithean deireannach (arsa Dia), dòirtidh mise dem Spiorad air gach uile fheòil; agus nì ur mic agus ur nigheanan fàidheadaireachd, agus chì ur n‑òganaich seallaidhean, agus bruadaraidh ur seann daoine bruadair:
18. Agus dòirtidh mise air m’òglaich, agus air mo bhanoglaich, dem Spiorad anns na làithean sin; agus nì iad fàidheadaireachd:
19. Agus nochdaidh mise iongantasan anns na nèamhan shuas, agus comharraidhean air an talamh shìos; fuil, agus teine, agus dubh-neul deataich:
20. Iompaichear a’ ghrian gu dorchadas, agus a’ ghealach gu fuil, mun tig là mòr agus comharraichte sin an Tighearna:
21. Agus tàrlaidh, ge bè neach a ghairmeas air ainm an Tighearna, gun tèarnar e.