A A A A A
Bible in one year
June 15

2 Rìgh 17:1-41
1. Anns an dara-bliadhna-deug de Ahas rìgh Iùdah thòisich Hosèah mac Elah air rìoghachadh ann an Samaria air Israel; agus rìghich e naoi bliadhna.
2. Agus rinn e olc ann an sealladh an Tighearna, ach cha b’ann mar rìghrean Israeil a bha roimhe.
3. Na aghaidh-san thàinig a‑nìos Salmaneser rìgh Asiria; agus bha Hosèah na sheirbhiseach aige, agus thug e tìodhlac dha.
4. Agus fhuair rìgh Asiria ceannairc ann an Hosèah; oir chuir e teachdairean gu Seo, rìgh na h‑Eiphit, agus cha tug e tìodhlac air bith gu rìgh Asiria, mar a chleachd e o bhliadhna gu bliadhna: uime sin dhruid rìgh Asiria suas e, agus cheangail e ann am prìosan e.
5. An sin thàinig rìgh Asiria a‑nìos tron fhearann uile, agus chaidh e suas gu Samaria, agus theannaich e e trì bliadhna.
6. Ann an naoidheamh bliadhna Hosèah ghlac rìgh Asiria Samaria, agus thug e leis Israel do Asiria, agus shuidhich e iad ann an Halah, agus ann an Habor làimh ri abhainn Ghosain, agus ann am bailtean nam Mèdeach.
7. Oir thàrladh gun do pheacaich clann Israeil an aghaidh an Tighearna an Dia, a thug a‑nìos iad à tìr na h‑Eiphit, o bhith fo làimh Phàraoh rìgh na h‑Eiphit, agus bha eagal dhiathan eile orra,
8. Agus dh’imich iad ann an reachdan nan cinneach (a thilg an Tighearna a‑mach ro chloinn Israeil), agus ann an reachdan rìghrean Israeil a rinn iad.
9. Agus rinn clann Israeil gu diamhair nithean nach robh ceart an aghaidh an Tighearna an Dia, agus thog iad dhaibh fhèin àitean àrda nam mòr-bhailtean uile, o thurait an luchd-faire gus am baile daingnichte.
10. Agus chuir iad suas dhaibh fhèin dealbhan agus doireachan air gach uile chnoc àrd, agus fo gach uile chraoibh uaine.
11. Agus an sin loisg iad tùis anns na h‑àitean àrda uile, mar na cinnich a thug Dia air falbh romhpa; agus rinn iad nithean olc a bhrosnachadh an Tighearna gu corraich:
12. Oir rinn iad seirbhis do iodhalan, mun dubhairt an Tighearna riu, Cha dèan sibh an nì seo.
13. Gidheadh thug an Tighearna fianais an aghaidh Israeil, agus an aghaidh Iùdah, leis na fàidhean uile, agus leis an luchd-seallaidh uile, ag ràdh, Tillibh o ur droch shlighean, agus gleidhibh m’àitheantan agus mo reachdan, a rèir an lagha uile a dh’àithn mi dur n‑athraichean, agus a chuir mi dur n‑ionnsaigh lem sheirbhisich na fàidhean.
14. Gidheadh cha b’àill leo èisdeachd, ach chruadhaich iad am muineal, cosmhail ri muineal an athraichean, nach do chreid anns an Tighearna an Dia.
15. Agus rinn iad tàir air a reachdan, agus air a choicheangal a rinn e rin athraichean, agus air a theisteis leis an tug e fianais nan aghaidh; agus lean iad dìomhanas, agus dh’fhàs iad dìomhain, agus chaidh iad an dèidh nan cinneach a bha mun cuairt orra, mun tug an Tighearna sparradh dhaibh, nach dèanadh iad cosmhail riu.
16. Agus thrèig iad uile àitheantan an Tighearna an Dia, agus rinn iad dhaibh fhèin dealbhan leaghte, eadhon dà laogh, agus rinn iad doire, agus rinn iad adhradh do uile armailt nèimh, agus rinn iad seirbhis do Bhàal.
17. Agus thug iad air am mic agus air an nigheanan dol tron teine, agus ghnàthaich iad fiosachd agus draoidheachd, agus reic iad iad fhèin a dhèanamh uilc ann an sealladh an Tighearna, a‑chum a bhrosnachadh gu feirg.
18. Uime sin bha fearg ro‑mhòr air an Tighearna ri Israel, agus dh’atharraich e iad as a shealladh: cha d’fhàgadh aon ach treubh Iùdah a‑mhàin.
19. (Mar an ceudna cha do ghlèidh Iùdah àitheantan an Tighearna an Dia, ach dh’imich iad ann an reachdan Israeil a rinn iad.)
20. Agus chuir an Tighearna cùl ri uile shliochd Israeil, agus chuir e fo àmhghar iad, agus thug e thairis iad do làimh chreachadairean, gus an do thilg e as a shealladh iad.
21. Oir sgar Israel e fhèin o thaigh Dhaibhidh, agus rinn iad Ierobòam mac Nebait na rìgh; agus dh’fhuadaich Ierobòam Israel on Tighearna a leantainn, agus thug e orra peacadh mòr a pheacachadh.
22. Agus dh’imich clann Israeil ann an uile pheacaidhean Ierobòaim a rinn e: cha do dhealaich iad riu;
23. Gus an d’atharraich an Tighearna Israel as a shealladh, mar a thubhairt e le a sheirbhisich uile, na fàidhean. Agus thugadh Israel air falbh as an tìr fhèin do Asiria, gus an là‑an‑diugh.
24. Agus thug rìgh Asiria daoine o Bhàbilon, agus o Chutah, agus o Abha, agus o Hamat, agus o Shepharbhaim, agus shuidhich e iad ann am bailtean Shamaria, an àite chloinn Israeil; agus shealbhaich iad Samaria, agus ghabh iad còmhnaidh na bhailtean.
25. Agus thàrladh, nuair a ghabh iad an toiseach còmhnaidh an sin, nach robh eagal an Tighearna orra; uime sin chuir an Tighearna leòmhainn nam measg, a mharbh cuid dhiubh.
26. Air an adhbhar sin labhair iad ri rìgh Asiria, ag ràdh, Na cinnich a dh’atharraich thu, agus a shuidhich thu ann am bailtean Shamaria, chan aithne dhaibh gnàth dia na tìre: uime sin chuir e leòmhainn nam measg, agus, feuch, tha iad gam marbhadh, a chionn nach aithne dhaibh gnàth dia na tìre.
27. An sin dh’àithn rìgh Asiria, ag ràdh, Thugaibh leibh an sin aon de na sagartan a thug sibh as a sin; agus rachadh e agus gabhadh e còmhnaidh an sin, agus teagaisgeadh e dhaibh gnàth dia na tìre.
28. An sin thàinig aon de na sagartan a thug iad leo à Samaria, agus ghabh e còmhnaidh ann am Betel, agus theagaisg e dhaibh cionnas a bu chòir dhaibh eagal an Tighearna a bhith orra.
29. Gidheadh, rinn gach cinneach diathan dhaibh fhèin, agus chuir iad iad ann an taighean nan àitean àrda a rinn na Samaritanaich, gach cinneach nam bailtean fhèin anns an do ghabh iad còmhnaidh.
30. Agus rinn daoine Bhàbiloin Sucot-benot, agus rinn daoine Chuit Nergal, agus rinn daoine Hamait Asima.
31. Agus rinn na h‑Abhaich Nibhas agus Tartac, agus loisg na Sepharbhaich an clann anns an teine do Adramelech agus Anamelech, diathan Shepharbhaim.
32. Agus bha eagal an Tighearna orra, agus rinn iad dhaibh fhèin den chuid a b’ìsle dhiubh sagartan nan àitean àrda, agus thug iad suas ìobairtean air an son ann an taighean nan àitean àrda.
33. Bha eagal an Tighearna orra, agus rinn iad seirbhis dan diathan fhèin, a rèir gnàth nan cinneach a thug iad leo as a sin.
34. Gus an là‑an‑diugh tha iad a’ dèanamh a rèir nan ciad ghnàth: chan eil eagal an Tighearna orra, cha mhò a tha iad a’ dèanamh a rèir an reachdan, no a rèir an òrdaighean, no a rèir an lagha, no a rèir na h‑àithne a dh’àithn an Tighearna do chloinn Iàcoib, air an tug e Israel mar ainm;
35. Ris an do rinn an Tighearna coicheangal, agus don tug e sparradh ag ràdh, Cha bhi eagal dhiathan eile oirbh, agus cha chrom sibh sibh fhèin dhaibh, agus cha dèan sibh seirbhis dhaibh, agus chan ìobair sibh dhaibh:
36. Ach an Tighearna, a thug a‑nìos sibh à tìr na h‑Eiphit le mòr chumhachd, agus le gàirdean sìnte a‑mach, a eagal-san bidh oirbh, agus dhàsan lùbaidh sibh an glùn, agus dhàsan ìobraidh sibh.
37. Agus na reachdan, agus na h‑òrdaighean, agus an lagh, agus an àithne a sgrìobh e dhuibh, bheir sibh an aire gun dèan sibh iad gu bràth; agus cha bhi eagal dhiathan eile oirbh.
38. Agus an coicheangal a rinn mise ribh cha dìochuimhnich sibh; agus cha bhi eagal dhiathan eile oirbh.
39. Ach bidh eagal an Tighearna ur Dia oirbh, agus saoraidh esan sibh à làimh ur naimhdean uile.
40. Gidheadh cha d’èisd iad, ach rinn iad a rèir an ciad ghnàtha.
41. Agus bha eagal an Tighearna air na cinnich sin; gidheadh rinn iad seirbhis dan dealbhan snaidhte fhèin, araon an clann, agus clann an cloinne: mar a rinn an athraichean, is amhail a tha iadsan a’ dèanamh gus an là‑an‑diugh.

2 Rìgh 18:1-37
1. Agus anns an treas bliadhna de Hosèah mac Elah, rìgh Israeil, thòisich Heseciah mac Ahais, rìgh Iùdah, air rìoghachadh.
2. Còig-bliadhna-fichead a dh’aois bha e nuair a thòisich e air rìoghachadh; agus rìghich e naoi-bliadhna-fichead ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Abi, nighean Shechariah.
3. Agus rinn e an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna, a rèir nan uile nithean a rinn Daibhidh a athair.
4. Chuir e air falbh na h‑àitean àrda, agus bhris e na dealbhan, agus gheàrr e sìos na doireachan, agus mhìn-phronn e an nathair umha a rinn Maois; oir gus na làithean sin bha clann Israeil a’ losgadh tùis dhi: agus thugadh Nehustan mar ainm oirre.
5. As an Tighearna, Dia Israeil, bha a earbsa: agus na dhèidh cha robh neach sam bith cosmhail ris am measg uile rìghrean Iùdah, no aon a bha roimhe.
6. Oir dhlùth-lean e ris an Tighearna, cha do chlaon e o a leantainn; ach ghlèidh e a àitheantan, a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.
7. Agus bha an Tighearna maille ris: anns gach àite don deachaidh e, shoirbhich e. Agus dh’èirich e an aghaidh rìgh Asiria, agus cha do rinn e seirbhis dha.
8. Bhuail e na Philistich gu ruig Gàsa agus a chrìochan, o thùr an fhreiceadain gu ruig am baile daingnichte.
9. Agus anns a’ cheathramh bliadhna de rìgh Heseciah, agus anns an t‑seachdamh bliadhna de Hosèah mac Elah rìgh Israeil, thàinig Salmaneser, rìgh Asiria, a‑nìos an aghaidh Shamaria, agus theannaich e e.
10. Agus ghlac iad e an ceann trì bliadhna: anns an t‑siathamh bliadhna de Heseciah, agus an naoidheamh bliadhna de Hosèah, rìgh Israeil, ghlacadh Samaria.
11. Agus thug rìgh Asiria leis Israel do Asiria, agus chuir e iad ann an Halah agus ann an Habor làimh ri abhainn Ghosain, agus ann am bailtean nam Mèdeach:
12. A chionn nach d’èisd iad ri guth an Tighearna an Dia, ach gun do bhris iad a choicheangal, agus na h‑uile nithean a dh’àithn Maois, òglach an Tighearna, nach d’èisd iad riu, cha mhò a rinn iad iad.
13. Agus anns a’ cheathramh-bliadhna-deug de rìgh Heseciah thàinig Senacherib rìgh Asiria a‑nìos an aghaidh uile bhailtean daingnichte Iùdah, agus ghlac e iad.
14. Agus chuir Heseciah rìgh Iùdah teachdairean gu rìgh Asiria do Lachis, ag ràdh, Chiontaich mi; till uam: an nì a chuireas tu orm, giùlainidh mi. Agus chuir rìgh Asiria air Heseciah rìgh Iùdah trì cheud tàlann airgid, agus deich-tàlannan-fichead òir.
15. Agus thug Heseciah dha an t‑airgead uile a fhuaireadh ann an taigh an Tighearna, agus ann an ionmhasan taigh an rìgh.
16. Anns an àm sin gheàrr Heseciah air falbh còmhlachan teampall an Tighearna, agus na h‑ursainnean chòmhdaich Heseciah rìgh Iùdah, agus thug e iad do rìgh Asiria.
17. Agus chuir rìgh Asiria Tartan, agus Rabsaris, agus Rab-saceh, o Lachis gu rìgh Heseciah le sluagh mòr an aghaidh Ierusaleim: agus air teachd a‑nìos dhaibh, thàinig iad agus sheas iad aig sruth-chlais na linne as àirde, a tha air slighe achadh an luadhadair.
18. Agus nuair a dh’èigh iad ris an rìgh, thàinig a‑mach dan ionnsaigh Eliacim mac Hilciah, a bha os cionn an teaghlaich, agus Sebna an sgrìobhaiche, agus Iòas mac Asaiph an seanchaidh.
19. Agus thubhairt Rab-saceh riu, Abraibh a‑nis ri Heseciah, Mar seo tha an rìgh mòr, rìgh Asiria, ag ràdh, Ciod an earbsa mhòr seo a tha agad?
20. Tha thu ag ràdh (ach is briathran faoin iad), Tha comhairle agus neart agam a‑chum a’ chogaidh: a‑nis, matà, cò as a bheil thu ag earbsa, gun dèanadh tu cogadh am aghaidh-sa?
21. A‑nis, feuch, tha thu ag earbsa as an luirg bhriste chuilce sin, as an Eiphit, a thèid, ma leigeas duine a chudthrom oirre, a‑steach na làimh, agus a thollas troimhe e. Is ann mar seo a tha Phàraoh rìgh na h‑Eiphit dhaibhsan uile a dh’earbas as.
22. Ach ma their sibh rium, As an Tighearna ar Dia tha ar n‑earbsa: nach e seo esan, a chuir Heseciah air falbh a àitean àrda, agus a altairean, agus a thubhairt ri Iùdah agus ri Ierusalem, fa chomhair na h‑altarach seo sleuchdaidh sibh ann an Ierusalem?
23. A‑nis uime sin, guidheam ort, thoir gill dom thighearna rìgh Asiria, agus bheir mise dhut dà mhìle each, mas urrainn thusa air do thaobh fhèin marcaichean a chur orra.
24. Cionnas, matà, a bheir thu air aon cheannard de na seirbhisich as lugha a tha aig mo thighearna-sa a aghaidh a thionndadh uat, agus a dh’earbas tu as an Eiphit airson charbad agus marc-shluaigh?
25. Ach a‑nis, an ann as eugmhais an Tighearna a thàinig mise a‑nìos an aghaidh an àite seo ga sgrios? Is e an Tighearna a thubhairt riumsa, Falbh suas an aghaidh na tìre seo, agus sgrios i.
26. An sin thubhairt Eliacim mac Hilciah, agus Sebna, agus Ioah, ri Rab-saceh, Labhair, guidheam ort, rid sheirbhisich anns a’ chainnt Shirianaich, oir tuigidh sinn i; agus na labhair rinn anns a’ chainnt Iùdhaich an cluasan an t‑sluaigh a tha air a’ bhalla.
27. Ach thubhairt Rab-saceh riu, An ann a dh’ionnsaigh do thighearna-sa agus ad ionnsaigh-sa a chuir mo thighearna mise a labhairt nam briathran seo? Nach ann a dh’ionnsaigh nan daoine a tha nan suidhe air a’ bhalla, a‑chum gun ith iad an salchar fhèin, agus gun òl iad an uisge fhèin maille ribhse?
28. An sin sheas Rab-saceh, agus dh’èigh e le guth àrd anns a’ chainnt Iùdhaich, agus labhair e, ag ràdh, Eisdibh ri facal an rìgh mhòir, rìgh Asiria:
29. Mar seo tha an rìgh ag ràdh, Na mealladh Heseciah sibh, oir chan urrainn e ur saoradh as mo làimh-sa:
30. Agus na tugadh Heseciah oirbh ur dòchas a chur anns an Tighearna, ag ràdh, Gu deimhinn saoraidh an Tighearna sinne, agus cha toirear thairis am baile seo do làimh rìgh Asiria.
31. Na èisdibh ri Heseciah: oir mar seo tha righ Asiria ag ràdh, Dèanaibh suas càirdeas riumsa, agus thigibh a‑mach am ionnsaigh, agus ithibh, gach fear, de a chrann-fìona, agus gach fear de a chrann-fìge fhèin, agus òlaibh, gach fear, uisge a thobair fhèin;
32. Gus an tig mise, agus gun toir mi air falbh sibh do thìr cosmhail ri ur tìr fhèin, tìr arbhair agus fìona, tìr arain agus fhìonlios, tìr ola a’ chroinn-ola, agus meala, a‑chum gum bi sibh beò, agus nach faigh sibh bàs: agus na èisdibh ri Heseciah, nuair a chuireas e impidh oirbh, ag ràdh, Saoraidh an Tighearna sinn.
33. An do shaor riamh diathan nan cinneach, gach aon a thìr fhèin, à làimh rìgh Asiria?
34. Càit a bheil diathan Hamait, agus Arphaid? Càit a bheil diathan Shepharbhaim, Hena, agus Ibhah? An do shaor iad Samaria as mo làimh-sa?
35. Cò am measg uile dhiathan nan dùthchannan a shaor an tìr fhèin as mo làimh-sa, gun saoradh an Tighearna Ierusalem as mo làimh?
36. Ach bha an sluagh nan tosd, agus cha do fhreagair iad aon fhacal dha: oir b’i àithne an rìgh dhaibh, Na tugaibh freagradh air.
37. An sin thàinig Eliacim mac Hilciah, a bha os cionn an teaghlaich, agus Sebna an sgrìobhaiche, agus Ioah mac Asaiph an seanchaidh, gu Heseciah len aodach reubte, agus dh’innis iad dha briathran Rab-saceh.

Salm 74:1-8
1. Maschil le Asaph. Carson, a Dhè, a thilg thu uat sinn gu bràth, agus a lasas d’fhearg ri caoraich d’ionaltraidh?
2. Cuimhnich do choitheanal, a cheannaich thu o chian, a shaor thu; slat d’oighreachd, beinn Shioin seo anns an do ghabh thu còmhnaidh.
3. Tog do chasan a‑chum nam fàsach sìorraidh, a‑chum nan olc a rinn an nàmhaid ann ad ionad naomh.
4. Bheuc do naimhdean am measg do choitheanail; chuir iad suas am brataichean mar chomharraidhean.
5. Bha neach ainmeil mar a thogadh e a thuagh gu h‑àrd air coille thiugh.
6. A‑nis mar an ceudna bhris iad sìos a obair gheàrrte le chèile le tuaghan agus le ùird.
7. Chuir iad ri theine d’ionad naomh gu ruig an làr; thruaill iad pàillean d’ainme-sa.
8. Thubhairt iad nan cridhe, Sgriosamaid iad le chèile; loisg iad ionadan-cruinneachaidh Dhè anns an tìr.

Gnàth-fhacal 18:22-24
22. An tì a dh’amaiseas air mnaoi, amaisidh e air nì math, agus gheibh e deagh-ghean on Tighearna.
23. Le impidhean labhraidh an duine bochd; ach freagraidh an duine saoibhir gu garbh.
24. Feumaidh fear aig am bi càirdean càirdeas a nochdadh; agus tha caraid ann a leanas nas dlùithe na bràthair.

Gnìomharan 1:1-26
1. Rinn mi an ciad leabhar, a Theophiluis, mu thimcheall nan uile nithean a thòisich Iosa air a dhèanamh agus a theagasg,
2. Gus an là anns an do thogadh suas e, an dèidh dha, tron Spiorad Naomh, àitheantan a thoirt do na h‑abstoil a thagh e:
3. Don do rinn e mar an ceudna e fhèin a nochdadh beò an dèidh a fhulangais, le mòran de chomharraidhean fìrinneach, air dha a bhith air fhaicinn leo feadh dà‑fhichead là, agus e a’ labhairt mu na nithean sin a bhuineadh do rìoghachd Dhè:
4. Agus air dha a bhith maille riu, dh’àithn e dhaibh gun iad a dhol o Ierusalem, ach feitheamh ri gealladh an Athar, arsa esan, a chuala sibh uamsa.
5. Oir bhaist Eòin gu deimhinn le uisge: ach baistear sibhse leis an Spiorad Naomh, air bheag làithean an dèidh seo.
6. Uime sin nuair a chruinnich iad an ceann a chèile, dh’fheòraich iad dheth, ag ràdh, A Thighearna, an aisig thu aig an àm seo an rìoghachd do Israel?
7. Ach thubhairt esan riu, Cha bhuin e dhuibhse fios nan aimsir no nan àm fhaotainn, a chuir an t‑Athair na chumhachd fhèin.
8. Ach gheibh sibh cumhachd nuair a thig an Spiorad Naomh oirbh: agus bidh sibh nur fianaisean dhòmhsa, araon ann an Ierusalem, agus ann an Iudèa uile, agus ann an Samaria, agus gu iomall na talmhainn.
9. Agus nuair a thubhairt e na nithean seo, thogadh suas e, agus iadsan ga fhaicinn; agus thug neul as an sealladh e.
10. Agus am feadh a bha iadsan a’ geur-amharc gu nèamh, agus esan a’ dol suas, feuch, sheas dithis fhear làimh riu ann an aodach geal;
11. Agus thubhairt iad, Fheara Ghalile, carson a tha sibh nur seasamh ag amharc gu nèamh? An t‑Iosa seo a thogadh suas uaibh gu nèamh, is amhail sin a thig e, mar a chunnaic sibh e a’ dol do nèamh.
12. An sin thill iad gu Ierusalem, on t‑sliabh ris an abrar Sliabh nan Crann-ola, a tha am fagas do Ierusalem, astar là sàbaid as.
13. Agus nuair a thàinig iad a‑steach, chaidh iad suas do sheòmar uachdarach, far an robh a’ fantainn Peadar, agus Seumas, agus Eòin, agus Anndras, Philip, agus Tòmas, Bartolomèus, agus Mata, Seumas mac Alphèuis, agus Sìmon Selotes, agus Iùdas bràthair Sheumais.
14. Bhuanaich iad seo uile a dh’aon inntinn ann an ùrnaigh (agus ann an guidhe), maille ris na mnathan, agus Muire màthair Iosa, agus maille ra bhràithrean.
15. Agus anns na làithean sin dh’èirich Peadar ann am meadhon nan deisciobal, agus thubhairt e (b’e àireamh nan ainm a bha an làthair, mu thimcheall ceud agus fichead).
16. Fheara agus a bhràithrean, b’èiginn an sgriobtar seo a bhith air a choileanadh, a ro‑labhair an Spiorad Naomh le beul Dhaibhidh timcheall Iùdais, a bha na cheann-iùil acasan a ghlac Iosa.
17. Oir bha e air àireamh maille rinne, agus fhuair e cuibhreann den fhrithealadh seo.
18. A‑nis cheannaich am fear seo fearann le duais na h‑eucoir; agus air dha tuiteam sìos air a aghaidh, sgàin e anns a’ mheadhon, agus bhrùchd a mhionach uile a‑mach.
19. Agus rinneadh seo aithnichte do luchd-àiteachaidh Ierusaleim uile: air chor is gun abrar ris an fhearann sin nan cainnt fhèin, Aceldama, sin ri ràdh, Fearann fala.
20. Oir tha e sgrìobhte ann an leabhar nan Salm, Biodh a àite-còmhnaidh na fhàsach, agus na gabhadh neach sam bith tàmh ann: agus, Glacadh neach eile a dhreuchd.
21. Air an adhbhar sin is còir aon de na daoine sin a bha maille rinne, rè na h‑aimsir sin uile anns an deachaidh an Tighearna Iosa a‑steach agus a‑mach nar measg,
22. A’ tòiseachadh o bhaisteadh Eòin, gus an là anns an do thogadh suas uainn e, a bhith air a dhèanamh na fhianais air a aiseirigh-san maille rinne.
23. Agus shònraich iad dithis, Iòseph ris an abrar Barsabas, dom bu cho-ainm Iustus, agus Matias.
24. Agus rinn iad ùrnaigh, agus thubhairt iad, Thusa a Thighearna, don aithne cridheachan nan uile dhaoine, foillsich cò den dithis seo a thagh thu,
25. A ghabhail cuibhrinn den fhrithealadh agus den abstolachd seo, on do thuit Iùdas le seachran, gu dol da àite fhèin.
26. Agus thilg iad an crannchur; agus thuit an crannchur air Matias; agus bha e air àireamh maille ris an aon-abstol-deug.