2 Rìgh 15:1-38 |
1. Anns an t‑seachdamh-bliadhna-fichead de Ierobòam rìgh Israeil thòisich Asariah mac Amasiah rìgh Iùdah air rìoghachadh. |
2. Sia-bliadhna-deug a dh’aois bha e nuair a thòisich e air rìoghachadh; agus rìghich e dà‑bhliadhna-dheug agus dà‑fhichead ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Iecholiah o Ierusalem. |
3. Agus rinn e an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna, a rèir gach nì a rinn Amasiah a athair. |
4. Gidheadh cha tugadh air falbh na h‑àitean àrda: fhathast bha an sluagh ag ìobradh agus a’ losgadh tùis anns na h‑àitean àrda. |
5. Agus bhuail an Tighearna an rìgh, agus bha e na lobhar gu là a bhàis, agus ghabh e còmhnaidh ann an taigh air leth: agus bha Iotam mac an rìgh os cionn an taighe, a’ toirt breith air sluagh na tìre. |
6. Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Asariah, agus gach nì a rinn e, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Iùdah? |
7. Agus chaidil Asariah maille ra athraichean, agus dh’adhlaic iad e maille ra athraichean ann am baile Dhaibhidh: agus rìghich Iotam a mhac na àite. |
8. Anns an ochdamh-bliadhna-deug ar fhichead de Asariah rìgh Iùdah, rìghich Sachariah mac Ierobòaim os cionn Israeil ann an Samaria sia mìosan. |
9. Agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna, mar a rinn a athraichean: cha do dhealaich e ri peacaidhean Ierobòaim mhic Nebait, a thug air Israel peacachadh. |
10. Agus rinn Salum mac Iabeis ceannairc na aghaidh, agus bhuail e e am fianais an t‑sluaigh, agus mharbh e e, agus rìghich e na àite. |
11. Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Shachariah, feuch, tha iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Israeil. |
12. B’e seo facal an Tighearna, a labhair e ri Iehu, ag ràdh, Suidhidh do mhic air rìgh-chathair Israeil, gu ruig an ceathramh ginealach. Agus bha e mar sin. |
13. Thòisich Salum mac Iabeis air rìoghachadh anns an naoidheamh-bliadhna-deug ar fhichead de Udsiah rìgh Iùdah, agus rìghich e mìos iomlan ann an Samaria: |
14. Oir chaidh Menahem mac Ghadi suas o Thirsah, agus thàinig e gu Samaria, agus bhuail e Salum mac Iabeis ann an Samaria, agus mharbh e e, agus rìghich e na àite. |
15. Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Shaluim, agus a cheannairc a rinn e, feuch, tha iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Israeil. |
16. An sin bhuail Menahem Tiphsah, agus iadsan uile a bha ann, agus a chrìochan o Thirsah; a chionn nach d’fhosgail iad dha, uime sin bhuail e e: a mhnathan torrach uile reub e suas. |
17. Anns an naoidheamh-bliadhna-deug ar fhichead de Asariah rìgh Iùdah thòisich Menahem mac Ghadi air rìoghachadh os cionn Israeil; agus rìghich e deich bliadhna ann an Samaria. |
18. Agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna: cha do dhealaich e rè a uile làithean ri peacaidhean Ierobòaim mhic Nebait, a thug air Israel peacadhadh. |
19. Agus thàinig Pul rìgh Asiria an aghaidh na tìre: agus thug Menahem do Phul mìle tàlann airgid, a‑chum is gum biodh a làmh leis, a dhaingneachadh na rìoghachd na làimh. |
20. Agus thog Menahem an t‑airgead o Israel, eadhon uapasan uile a bha comasach ann an saoibhreas, lethcheud secel airgid o gach duine, a‑chum a thabhairt do rìgh Asiria: agus thill rìgh Asiria air ais, agus cha d’fhan e an sin anns an tìr. |
21. Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Mhenaheim, agus gach nì a rinn e, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Israeil? |
22. Agus chaidil Menahem maille ra athraichean; agus rìghich Pecahiah a mhac na àite. |
23. Anns an deicheamh bliadhna agus dà‑fhichead de Asariah rìgh Iùdah thòisich Pecahiah mac Mhenaheim air rìoghachadh os cionn Israeil ann an Samaria; agus rìghich e dà bhliadhna. |
24. Agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna: cha do dhealaich e ri peacaidhean Ierobòaim mhic Nebait, a thug air Israel peacachadh. |
25. Ach rinn Pecah mac Remaliah, ceannard leis fhèin, ceannairc na aghaidh, agus bhuail e e ann an Samaria, ann an lùchairt taigh an rìgh, maille ri Argob, agus ri Arieh, agus maille ris lethcheud fear de na Gileadaich: agus mharbh e e, agus rìghich e na àite. |
26. Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Phecahiah, agus gach nì a rinn e, feuch, tha iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Israeil. |
27. Anns an dara-bliadhna-deug agus dà‑fhichead de Asariah rìgh Iùdah, thòisich Pecah mac Remaliah air rìoghachadh os cionn Israeil ann an Samaria; agus rìghich e fichead bliadhna. |
28. Agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna; cha do dhealaich e ri peacaidhean Ierobòaim mhic Nebait, a thug air Israeil peacachadh. |
29. Ann an làithean Phecah rìgh Israeil thàinig Tiglat-pileser rìgh Asiria, agus ghlac e Iion, agus Abel-bet-maachah, agus Ianòah, agus Cedes, agus Hasor, agus Gilead, agus Galile, uile thìr Naphtali, agus thug e nam braighdean iad gu Asiria. |
30. Agus rinn Hosèah mac Elah ceannairc an aghaidh Phecah mhic Remaliah, agus bhuail e e, agus mharbh e e, agus rìghich e na àite, anns an fhicheadamh bliadhna de Iotam mac Udsiah. |
31. Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Phecah, agus gach nì a rinn e, feuch, tha iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Israeil. |
32. Ann an dara bliadhna Phecah mac Remaliah rìgh Israeil, thòisich Iotam mac Udsiah rìgh Iùdah air rìoghachadh. |
33. Còig-bliadhna-fichead a dh’aois bha e nuair a thòisich e air rìoghachadh; agus rìghich e sia-bliadhna-deug ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Ierusa, nighean Shadoic. |
34. Agus rinn e an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna: a rèir nan uile nithean a rinn Udsiah a athair, rinn esan. |
35. Gidheadh cha tugadh air falbh na h‑àitean àrda: fhathast bha an sluagh ag ìobradh agus a’ losgadh tùis anns na h‑àitean àrda. Chuir e suas an geata a b’àirde an taigh an Tighearna. |
36. Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Iotaim, agus gach nì a rinn e, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Iùdah? |
37. (Anns na làithean sin thòisich an Tighearna air Resin, rìgh Shiria, agus Pecah mac Remaliah a chur an aghaidh Iùdah.) |
38. Agus chaidil Iotam maille ra athraichean, agus dh’adhlaiceadh e maille ra athraichean ann am baile Dhaibhidh a athair: agus rìghich Ahas a mhac na àite. |
2 Rìgh 16:1-20 |
1. Anns an t‑seachdamh-bliadhna-deug de Phecah mac Remaliah, thòisich Ahas mac Iotaim rìgh Iùdah air rìoghachadh. |
2. Fichead bliadhna a dh’aois bha Ahas nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e sia-bliadhna-deug ann an Ierusalem; agus cha do rinn e an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna a Dhia, mar a rinn Daibhidh a athair. |
3. Ach dh’imich e ann an slighe rìghrean Israel, agus mar an ceudna thug e air a mhac dol tron teine, a rèir gràinealachd nan cinneach, a thilg an Tighearna a‑mach ro chloinn Israeil. |
4. Agus dh’ìobair e agus loisg e tùis anns na h‑àitean àrda, agus air na cnuic, agus fo gach craoibh uaine. |
5. An sin thàinig Resin rìgh Shiria, agus Pecah mac Remaliah rìgh Israeil, a‑nìos gu Ierusalem, a chogadh: agus theannaich iad Ahas, ach cha b’urrainn iad buaidh a thoirt air. |
6. Anns an àm sin choisinn Resin rìgh Shiria Elat air ais do Shiria, agus dh’fhògair e na h‑Iùdhaich à Elat; agus thàinig na Sirianaich do Elat, agus ghabh iad còmhnaidh ann gus an là‑an‑diugh. |
7. Agus chuir Ahas teachdairean gu Tiglat-pileser rìgh Asiria, ag ràdh, Is mise d’òglach agus do mhac: thig a‑nìos agus saor mi à làimh rìgh Shiria, agus à làimh rìgh Israeil, a dh’èirich am aghaidh. |
8. Agus ghabh Ahas an t‑airgead agus an t‑òr a fhuaireadh ann an taigh an Tighearna, agus ann an ionmhasan taigh an rìgh, agus chuir e e mar thìodhlac gu rìgh Asiria. |
9. Agus dh’èisd rìgh Asiria ris; oir chaidh rìgh Asiria suas an aghaidh Dhamascais, agus ghlac e e, agus thug e a shluagh leis ann am braighdeanas gu Cir, agus mharbh e Resin. |
10. Agus chaidh rìgh Ahas an coinneamh Thiglat-pileseir rìgh Asiria gu Damascas, agus chunnaic e altair a bha ann an Damascas; agus chuir rìgh Ahas gu Uriah, an sagart, samhladh na h‑altarach, agus a cumadh a rèir a h‑uile obrach. |
11. Agus thog Uriah an sagart altair a rèir gach nì a chuir Ahas an rìgh o Dhamascas: mar sin rinn Uriah an sagart i air cheann do rìgh Ahas teachd o Dhamascas. |
12. Agus nuair a thàinig an rìgh o Dhamascas, chunnaic an rìgh an altair: agus thàinig an rìgh am fagas agus dh’ìobair e oirre. |
13. Agus loisg e a thabhartas-loisgte, agus a thabhartas-bìdh, agus thaom e a thabhartas-dibhe, agus chrath e fuil a thabhartasan-sìthe air an altair. |
14. Agus thug e mar an ceudna an altair umha, a bha ann am fianais an Tighearna, o bheulaibh an taighe, o eadar an altair agus taigh an Tighearna, agus chuir e i air taobh tuath na h‑altarach. |
15. Agus dh’àithn rìgh Ahas do Uriah an sagart, ag ràdh, Air an altair mhòir loisg tabhartas-loisgte na maidne, agus tabhartas-bìdh an fheasgair, agus tabhartas-loisgte an rìgh, agus a thabhartas-bìdh, agus tabhartas-loisgte uile shluagh na tìre, agus an tabhartas-bìdh, agus an tabhartas-dibhe; agus crath oirre uile fhuil na h‑ìobairte: agus bidh an altair umha agamsa gu fiosrachadh leatha. |
16. Mar seo rinn Uriah an sagart a rèir gach nì a dh’àithn rìgh Ahas. |
17. Agus gheàrr rìgh Ahas iomaill nam bonn dhiubh, agus dh’atharraich e dhiubh an soitheach-ionnlaid, agus thug e a‑nuas an fhairge bhàrr nan damh umha a bha foidhpe, agus chuir e i air ùrlar chlach. |
18. Agus an còmhdachadh sàbaid a thog iad anns an taigh, agus slighe an rìgh a‑steach on leth a‑muigh, thionndaidh e o thaigh an Tighearna airson rìgh Asiria. |
19. A‑nis a’ chuid eile de ghnìomharan Ahais a rinn e, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Iùdah? |
20. Agus chaidil Ahas maille ra athraichean, agus dh’adhlaiceadh e maille ra athraichean ann am baile Dhaibhidh; agus rìghich Heseciah a mhac na àite. |
Salm 73:21-28 |
21. Ach bha mo chridhe goirt, agus bha goimh am àirnean; |
22. Agus bha mi baoth agus aineolach; mar ainmhidh bha mi ad làthair. |
23. Gidheadh, tha mi a‑ghnàth maille riut; chùm thu suas mi air do dheas-làimh. |
24. Led chomhairle stiùraidh tu mi, agus fa dheòidh gabhaidh tu mi a‑chum glòire. |
25. Cò a tha agam anns na nèamhan ach thusa? Agus an coimeas riut chan eil neach air thalamh air a bheil mo dhèidh. |
26. Tha m’fheòil agus mo chridhe air fàilneachadh; is e Dia neart mo chridhe agus mo chuibhreann gu sìorraidh. |
27. Oir feuch, sgriosar iadsan a thèid fada uat; gheàrr thu as gach neach a chaidh uat le strìopachas. |
28. Ach is math dhòmhsa teachd dlùth do Dhia. Anns an Tighearna chuir mi mo dhòigh, a‑chum gum foillsichinn d’obraichean uile. |
Gnàth-fhacal 18:20-21 |
20. Le toradh beul duine lìonar a bhrù; agus le toradh a bhilean sàsaichear e. |
21. Tha bàs agus beatha ann an cumhachd na teangaidh; agus ithidh esan leis an ionmhainn i de a toradh. |
Eòin 21:1-25 |
1. An dèidh nan nithean sin dh’fhoillsich Iosa e fhèin a‑rìs da dheisciobail aig muir Thiberiais; agus air an dòigh seo nochd e e fhèin: |
2. Bha maille ri chèile Sìmon Peadar, agus Tòmas den goirear Didimus, agus Natànael o Chàna Ghalile, agus mic Shebede, agus dithis eile de a dheisciobail. |
3. Thubhairt Sìmon Peadar riu, Tha mise a’ dol a dh’iasgach. Thubhairt iadsan ris, Tha sinne a’ dol maille riut. Dh’imich iad a‑mach, agus chaidh iad a‑steach do luing air ball; agus cha do ghlac iad nì air bith an oidhche sin. |
4. Ach nuair a bha a’ mhadainn a‑nis air teachd, sheas Iosa air an tràigh: gidheadh cha robh fhios aig na deisciobail gum b’e Iosa a bha ann. |
5. An sin thubhairt Iosa riu, A chlann, a bheil biadh air bith agaibh? Fhreagair iadsan e, Chan eil. |
6. Agus thubhairt esan riu, Tilgibh an lìon air an taobh a deas den luing, agus gheibh sibh. Thilg iad uime sin, agus a‑nis cha b’urrainn iad a tharraing airson lìonmhorachd an èisg. |
7. Uime sin thubhairt an deisciobal sin, a b’ionmhainn le Iosa, ri Peadar, Is e an Tighearna a tha ann. A‑nis nuair a chuala Sìmon Peadar gur e an Tighearna a bha ann, cheangail e a chòt-uachdair uime (oir bha e lomnochd), agus thilg e e fhèin anns a’ mhuir. |
8. Thàinig na deisciobail eile ann an luing bhig; (oir cha robh iad fada o thìr, ach mu thimcheall dà cheud làmh-choille), a’ tarraing an lìon èisg. |
9. Uime sin nuair a thàinig iad air tìr, chunnaic iad grìosach an sin, agus iasg air a chur oirre, agus aran. |
10. Thubhairt Iosa riu, Thugaibh an seo den iasg a ghlac sibh a‑nis. |
11. Chaidh Sìmon Peadar suas, agus tharraing e an lìon gu tìr, làn de èisg mhòra, ceud agus lethcheud agus trì: agus ged bha an uiread sin ann, cha do bhriseadh an lìon. |
12. Thubhairt Iosa riu, Thigibh, gabhaibh ur dìnnear. Agus cha robh a chridhe aig aon de na deisciobail fheòraich dheth, Cò thusa? Oir dh’aithnich iad gur e an Tighearna a bha ann. |
13. An sin thàinig Iosa, agus ghlac e aran, agus thug e dhaibh e, agus iasg mar an ceudna. |
14. Is i seo a‑nis an treas uair a nochd Iosa e fhèin da dheisciobail, an dèidh dha èirigh o na mairbh. |
15. An sin an dèidh dhaibh an dìnnear a ghabhail, thubhairt Iosa ri Sìmon Peadar, A Shìmoin mhic Iònais, a bheil barrachd gràidh agad dhòmhsa orra sin? Thubhairt e ris, Tha, a Thighearna; tha fhios agad gur toigh leam thu. Thubhairt e ris, Beathaich m’uain. |
16. Thubhairt e ris a‑rìs an dara uair, A Shìmoin mhic Iònais, an toigh leat mise? Thubhairt e ris, Seadh, a Thighearna; tha fhios agad gur toigh leam thu. Thubhairt e ris, Beathaich mo chaoraich. |
17. Thubhairt e ris an treas uair, A Shìmoin mhic Iònais, an toigh leat mise? Bha Peadar duilich a chionn gun dubhairt e ris an treas uair, An toigh leat mise? Agus thubhairt e ris, A Thighearna, is aithne dhut na h‑uile nithean: tha fhios agad gur toigh leam thu. Thubhairt Iosa ris, Beathaich mo chaoraich. |
18. Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh riut, nuair a bha thu òg, chrioslaich thu thu fhèin, agus dh’imich thu an taobh a bu mhiann leat: ach nuair a bhios tu aosmhor, sìnidh tu a‑mach do làmhan, agus crioslaichidh neach eile thu, agus bheir e thu an taobh nach àill leat. |
19. Seo thubhairt e, a’ ciallachadh ciod a’ ghnè bhàis leis an tugadh e glòir do Dhia. Agus air dha seo a ràdh, Thubhairt e ris, Lean mise. |
20. An sin air do Pheadar tionndadh, chunnaic e an deisciobal a b’ionmhainn le Iosa, a’ leantainn; an tì mar an ceudna a laigh air uchd Iosa aig an t‑suipeir, agus a thubhairt ris, A Thighearna, cò e a bhrathas thu? |
21. Air do Pheadar esan fhaicinn, thubhairt e ri Iosa, A Thighearna, ciod a nì am fear seo? |
22. Thubhairt Iosa ris, Mas àill leam-sa e a dh’fhantainn gus an tig mi, ciod e sin dhutsa? Lean thusa mise. |
23. Uime sin chaidh an ràdh seo a‑mach am measg nam bràithrean, nach faigheadh an deisciobal sin bàs: gidheadh cha dubhairt Iosa ris nach faigheadh e bàs: ach, Mas i mo thoil-sa e a dh’fhantainn gus an tig mi, ciod e sin dhutsa? |
24. Is e seo an deisciobal a tha a’ dèanamh fianais air na nithean seo, agus a sgrìobh na nithean seo: agus tha fhios againne gu bheil a fhianais fìor. |
25. Agus tha mar an ceudna mòran de nithean eile a rinn Iosa, agus nam biodh iad uile sgrìobhte, is i mo bharail nach cumadh an saoghal fhèin na rachadh a sgrìobhadh de leabhraichean. Amen. |